Search

Prògram Choinnich

Date 04 February 1997
Track ID 4672
Part 1

Track Information

Original Tape ID

Program Choinnich 04.02.1997

Summary

The use the ancient Gaels made of trees.

Nan MacLeod describes the use made of rowan, hazel, birch, pine, elder and oak, not merely for their wood, but the use of bark and leaves for healing.

Recording Location

County - Ross and Cromarty

Parish - Stornoway

Island - Lewis

Village/Place - Stornoway

Language

Gaelic

Collection

BBC

Transcription

Coinneach MacÌomhair (CM): Tha Nan NicLeòid còmhla rium a-nis agus i a' dol a dh'innse dhuinn an tuilleadh mun fheum a bha ar sinnsirean a' dèanamh de chuid de thoradh na talmhainn sna làithean a dh'fhalbh. An-diugh, 's ann a' dol a thoirt sùil air cuid de chraobhan na dùthcha a tha sinn. Ciamar a tha thu, Nan?

Nan NicLeòid (NN): Tha mi gu math, a Choinnich. Ach 's e a' cheist a bha daoine a' faighneachd dhomh bho thuirt sinn sin an t-seachdain a chaidh, 's e: "Dè na craobhan?" Agus ma bheir thu sùil air na monaidhean ann a sheo, chan fhaic thu craobh. Ach dè man a thu fhèin air an smeachan?

CM: Air an smeachan?

NN: Sheadh.

CM: Tha glè mhath. Tha thu a' smaoineachadh nach eil fhios agam dè th' ann an smeachan.

NN: Tha fios agad...

CM: Pìos de thairsgeir.

NN: Fios 's faireachdainn agad dè th' ann an smeachan.

CM: Carson a tha thu a' faighneachd dhomh ciamar a tha mi air an smeachan? Tha e rudeigin tràth dhen a' bhliadhna.

NN: Tha, gur ann air an smeachan a tha thu a' dearbhadh gun robh craobhan ann a sheo uaireigin, gum bi thu a' faighinn ataichean chraobh anns na pollan-mònach. 'S e beithe man as trice a tha sinne a' faighinn, agus tha... tha a-nise, ged is i as trice a tha sinne a' faighinn, tha mi a' smaoineachadh gur e an giuthas prìomh chraobh na h-Alba, Caledonian pine. Bha earrann mhòr de dh'Alba fo choille giuthais. Ach bha fiodh, bha e cho feumail ann an iomadach dòigh, agus man a bha daoine a' gearradh sìos nan craobhan airson àite... airson talamh-àitich fhaighinn, chaidh a' choille mean air mhean a leagail, agus chan eil ach pìosan beaga dhith an-diugh air am faighinn, ged a tha iad a' feuchainn ri craobhan dhen an t-seòrsa sin a chur a-rithist. Ach an darach fhèin, 's e an giuthas a b' fheàrr airson togalaichean agus bàtaichean. 'S cha chreid mi nach toir sinn sùil bheag air aon no dhà dhe na rudan a bha mi ag ionnsachadh às an leabhar, bhon tha an leabhar sa dìreach, tha e mìorbhaileach. Tha e làn fiosrachadh.

CM: Agus anns an dol seachad tha sinn a' bruidhinn mu dheidhinn an leabhar 'The Scots Herbal: The Plant Lore of Scotland' air a sgrìobhadh le Tess Darwin.

NN: Uh-huh. Uill, 's fhiach an leabhar a leughadh, bhon tha tòrr, tòrr, tòrr [?ga innse]. Tha e cho furasta a leughadh. Agus aon dhe na rudan a bha e ag innse, 's e gun robh giuthas cho math agus nuair a chaidh Caisteal Chille Chùirn a leagail, gun robh na sailthean cho ùr 's cho làn sùgh 's a bha iad nuair a chaidh an caisteal a thogail trì cheud bliadhna ron a shin.

Bha iad cuideachd, bhiodh iad ga chleachdadh airson bàtaichean 's eathraichean. A bheil fhios a'd, gheibheadh tu pìosan fada a bha furasta an toirt gun chumadh a bha thu fhèin ag iarraidh.

Ach seo rud a bha inntinneach mu dheidhinn. Cha ghearradh iad a' chraobh nuair a bha a' ghealach a' crìonadh, bhon bha iad...

CM: Carson?

NN: Bha, airson gun robh an sùgh aice a' dol air ais sìos.

CM: 'S an robh?

NN: Seo an rud a tha cho inntinneach. Tha biologist, botanist, an-diugh air faighinn a-mach gu bheil sùgh feadhainn dhe na craobhan dìreach man an tìde-mhara - a' lìonadh 's a' tràghadh.

CM: Agus bha fhios aca air a sin aig an àm sin? Cha robh anns an t-seagh sin?

NN: Cha robh. Ach bha iad air foghlam gun robh craobhan ann agus nan geàrradh tu iad aig crìonadh na gealaich, gun robh iad a' pronnadh, gun robh am fiodh a' pronnadh - bha e a' falbh na phronnagan air a bha iad ag obrachadh air. Bha trì craobhan gu sònraichte mar sin. Bha, man a tha mi ag ràdh, an giuthas, agus seileach, agus alltainn. Agus còmhla ris na rudan sin, bha beagan de shaobh-chreideamh cuideachd. Bha seileach, 's e fiodh seunta dha na draoidhean a bh' ann, agus an t-alltainn bha e seunta aig na seann Cheiltich. Agus cha tuirt mi gun robh a' ghiuthas fhèin, gur i an suaicheantas a bh' aig na gaisgich glè thric.

Seall a-nis an t-alltainn, 's e bioranan dhith fhathast a bhios aig an fheadhainn a bhios a' lorg uisge fon an talamh. Na dowsers. Nach e, a-nise? Agus creid seo no nach creid e, ach 's e pìos seileach air am bi bana-bhuidse a' siubhal tarsainn air a' Chuan Sgìth.

CM: Ò uill, ma tha thusa ag ràdh sin, tha mise dìreach a' gabhail ris an eòlas a th' agad.

NN: Uill 's ann a bha mise ga leughadh. Chan e eòlas pearsanta a th' agam air idir, a Choinnich.

CM: Gabh mo leisgeil.

NN: Mus fhàg sinn saobh-chreideimh a-nise, 's e seòrsa de sheileach a tha an aspen, no a' chraobh-chrithinn, a th' air a dìteadh mar a' chraobh air an deach Crìosd a cheusadh, agus tha Carmìcheal ag aithris nach fhuilingeadh croitear ann an Uibhist a' chraobh sa timcheall air, ann an cumadh sam bith. Agus cha toireadh iasgair timcheall air a' bhàta am fiodh sin idir, idir, idir. Agus pìos beag eile inntinneach, bhon a tha thu ag ràdh nach eil eachdraidh idir gu bhith agad an-diugh, 's e a' chraobh...

CM: Och uill, 's e eachdraidh a tha seo, ach eachdraidh diofraichte.

NN: Uill, 's e a' chraobh as sine ann an Albainn, iubhar a tha a' fàs ann an Fortingall, agus tha beul-aithris ag innse gun robh a' mhàthair le Pontius Pilate fon a' chraobh sin, nuair a bha na Ròmanaich ann an Alba.

CM: Chan urrainn gu bheil sin ceart, ge-tà?

NN: Uill, cò thuirt riut gun robh e ceàrr?

CM: Ò uill, chan eil fhios agam. Chan eil fhios agam. Ach...

NN: Uill bhiodh iad a' cantainn gun robh athair 's a mhàthair ann an Albainn. Ach 's e an darach rìgh nan craobh ann an dùthaichean eile. Chan e ann a sheo - an caorann agus an t-alltainn as cumhachdaiche. Agus tha iad... gheibh thu tighinn troimhe gun robh iad a' coimhead gun robh cumhachd anns na craobhan, a thuilleadh air a' mhath a bh' annta. Agus tha... nise na rudan a bhiodh iad a' faighinn, abair bhon an darach, bha dath... bha ink. Bha cungaidhean-leighis airson leòn air eich, bha sin air tighinn bhon... à cracann nan craobh. Agus bha cuideachd... nis, fuirich gus an cluinn thu seo - bha iad a' dèanamh leigheas airson malaria.

CM: An Alba?

NN: An Alba. Tha sin ag innse dhut man a bha na daoine a' siubhal, bhon 's ann thall thairis, bìdeadh an anopheles mosquito, cha chreid mi, a bhios a' toirt malaria dha daoine. Tha sin ag innse dhut man a bhiodh daoine a' tighinn 's a' falbh.

CM: Uill uill.

NN: Agus tinneas nas àbhaistiche, far a bheil an corp a' call a' mhath tro haemorrhage, dysentery, rudan dhen t-seòrsa sin, bha iad a' dèanamh leigheasan airson sin cuideachd.

CM: Agus an e dìreach cungaidh-leighis a bh' ann? An robh iad ga chur ann an rud a bhiodh ga òl? No dè bhiodh tu a' dèanamh leis, a bheil fhios agad?

NN: Bhiodh iad ga òl. Bhiodh iad a' dèanamh seòrsa de tonic leis. Man a tha an leabhar ag innse dhut, bhiodh iad a' dèanamh an dà chuid infusion agus decoction. An dàrna cuid, bhiodh iad ga chur am bogadh, agus anns a' chuid eile bhiodh iad ga bhruich. Man a tha fios agad, tha feadhainn a rudan ann ma ghoileas tu e, tha thu a' toirt a' mhath às, agus chan eil e gu feum. Nise, sin rud a bhiodh iad... a bha iadsan air a thuigse.

CM: 'S e an darach a-nise a bha iad a' cleachdadh airson seo, an e?

NN: 'S e. Ach tha mi a' smaoineachadh, dhen a h-uile gin aca a chunna mise, gur e an dromanach bu mhotha às an robh iad a' toirt feum. Ach tha feadhainn eile ann, chan eil fhios a'm am biodh seo gu feum sam bith - cha bhi duine a' coiseachd an-diugh ann - an dromanach, bhiodh iad a' dèanamh plastair nuair a bhiodh do chasan air sèid às dèidh a bhith a' dèanamh tòrr siubhail. Agus bhiodh iad a' dèanamh... bhiodh iad a' dèanamh infusion, man a tha mi ag ràdh, dhen a' chracann. Bheil fhios a'd, bha iad a' dèanamh feum dhen a h-uile meur a-riamh, agus 's ann dhen a' chracann a bhiodh iad a' dèanamh seo airson amhaich ghoirt, airson gargle. Agus seo rud a tha... cha chreid mi nach fheum mi fhìn fheuchainn - a' bheithe, bhiodh iad a' dèanamh teatha dhe na duilleagan airson an t-siatag, a Choinnich.

CM: Am bitheadh?

NN: Bhitheadh, gu dearbha.

CM: Ò uill, tha cuimhn' agamsa turas ann an seo bho chionn... chaidh a ràdh rium gu bheil trì bliadhna bhuaithe bho dh'fheuch sinn e - dh'fheuch sinn feadhainn dhe na teathaichean a bha sin air an dèanamh le diofar lusan agus obh obh, chan eil iad càilear idir.

NN: Ge-tà, a bheil fhios a'd, ma tha feum agad orra, ma tha thu a' smaoineachadh gu bheil iad a' dol a dhèanamh math dhut, tha mi a' smaoineachadh gu bheil thu a' dol thuca ann an diofar seòrsa inntinn. Man a bha thusa, 's ann a bha thu a' dol a choimhead an robh blas math dhiubh.

CM: 'S ann.

NN: Ach ma tha thu air do chràdh leis an t-siatag, feuchaidh tu càil sam bith. Tha fios againn a-nise, abair caorann, rowan, bidh thu an-còmhnaidh a' cluinntinn rowan jelly aig daoine. Tha sin... gheibh thu an-diugh e. Ach seo an rud - bha iad a' cleachdadh a' chracann... cracann na craoibhe airson fuar-lite a dhèanamh airson nam bìdeadh nathair thu.

CM: Seadh. Nise... 's e an rud a th' ann, cha bhi sinn a' smaoineachadh air Alba mar àite far a bheil nathraichean ann, ach tha nathraichean ann anns na beanntan.

NN: Tha. Ò tha, agus anns an fhraoch cuideachd. Tha beagan saobh-chreideimh an cois an tè sin, agus an dromanach. Bha iad a' creidse, nan cuireadh tu an dàrna tè air beulaibh an taighe agus an tè eile air cùlaibh an taighe, gun robh sin a' cumail air falbh droch spioradan. Agus seo far a bheil an creideamh agus saobh-chreideimh a' tighinn còmhla, agus saoilidh mi gun can mi e bhon 's e Latha na Sàbaid a chaidh, 's e sin Candlemas. Bha iad a' creidse, duine a bh' air a bhaisteadh dhan a' chreideamh Chrìosdail, nan deigheadh sùgh uaine taobh a-staigh a' chracainn a chur air sùilean an duine sin, air lathaichean man Candlemas, gun robh e a' toirt dhaibh cumhachd coimhead rudan nach robh dhen an t-saoghal sa.

CM: Tha smuain a' tighinn a-steach orm ann an sin gur dòcha gur e... gun robh cumhachd [???], man a bha rudan eile a bha thu ag ràdh, gun robh e dìreach... gur dòcha gun robh iad a' cur seòrsa de thuainealaich orra.

NN: 'S mathaid gur e sin a bh' ann.

CM: Gu bheil puinnsean ann a bha a' toirt a' bhuaidh sin air an inntinn aca.

NN: Chan urrainn mi a chantainn riut.

CM: Ach dìreach, sin rud a bha iad a' creidse.

NN: Ach siud an rud a bha iad a' creidse. Agus bha iad mar gum b' eadh iad gan cuartachadh fhèin le... leis a' chreideamh Chrìosdail gun fhios nach b' e droch spiorad a bh' ann. Tha mi a' smaoineachadh gur e sin an rud a gheibh sinn às. Bha a-nise rud ùr a th' air a thighinn a-mach agus chunna mi mu dheidhinn seo air an telebhisean bho chionn treiseag, a' bheithe, logaichean beithe aca ga chleachdadh airson a bhith a' fàs balgan-buarach. Am faca tusa siud?

CM: Chan fhaca.

NN: Balgan-buarach a tha a' tighinn à Japan, cha chreid mi, agus tha daoine a bhios a' dèanamh tòrr fuss mu dheidhinn rud a dh'itheas iad, gourmet, tha iad sin uabhasach dèidheil air a seo, agus tha iad a' tòiseachdainn ann an diofar àiteachan air feadh a' Ghàidhealtachd a' cur na balgan-buarach sa. An ceann tìde tha iad an dòchas gun tòisich prothaid a' tighinn a-mach às, dha na daoine.

CM: Tha iad ga chur... gan cur anns na craobhan, an e sin a tha thu ag ràdh?

NN: Air na logaichean.

CM: Air na logaichean.

NN: Air na logaichean.

CM: 'S tha na logaichean marbh, a bheil?

NN: Tha.

CM: Ma chuireas sinn mar sin e.

NN: Tha. Tha iad... tha iad air na craobhan a leagail, agus... uill, 's e sin an seòrsa rud air a bheil... air a bheil fungus a' beathachadh, nach e? Rud dhen t-seòrsa sin. Ach man a tha mi ag ràdh, chan eil mi a' smaoineachadh gu bheil gin dhe na craobhan a dh'ainmich mi às a bheil iad a' toirt uiread a dh'fheum ris an dromanach, elder. Bha a h-uile pàirt a-riamh dhen a' chraobh gu feum, gu lèir. Bha i math airson glanadh a-mach a' chuirp.

CM: 'S e seo... 's e seo a tha sinn a' cluinntinn mu dheidhinn tòrr dhe na rudan a tha seo an-dràsta. Bha iad math airson a bhith a' glanadh a-mach, a' glanadh na fala 's rudan dhen t-seòrsa sin, nach eil?

NN: Uill, a bheil cuimhn' agad fhèin a-riamh a bhith a' cluinntinn gun robh reothadh air fheadh? Bheil fhios a'd, bha iad... tha mi a' smaoineachadh gun robh iad a' creidse nuair a bhiodh atan no neasgaidean a' tighinn air daoine, gun robh am puinnsean a' leantainn anns an siostam aca, agus bhiodh iad a' gabhail rud airson sin a ghlanadh a-mach, agus an uair sin airson neartachadh na fala. Agus bha seo math cuideachd airson falbh le bùrn a bh' air feadh a' chorp, can... abair [?air a tha] iad... dropsy, tha mi a' smaoineachadh a chanas tu ris. Bha iad a-nise, bha an cracann agus freumhaichean na craoibh aca airson rudan a bha a' tighinn ris a' chridhe no ri na dubhagan, airson croup agus airson a' chuing. Bha iad a' dèanamh acfhainn dhe na duilleagan airson nuair a dheigheadh do phronnadh, no nuair a bhiodh meallan-crìona ort, no dìreach nam biodh tu air do ghearradh. Bha na sìtheanan airson losgaidhean 's rudan eile a bha a' tighinn ris a' chracann, airson an teasach-dhearg, a' ghriùthlach agus tinneas sam bith eile anns an robh spotan a' tighinn ort, anns an robh brothan a' tighinn ort, agus a bhròinein bhochd, tha liost mhòr, mhòr de rudan eile air an toirt seachad, man an grèim, agus amhaichean goirt, 's flu, 's sùilean goirt, 's ceann goirt. Bha iad a-nise a' cleachdadh na berries airson siatag 's tinneasan eile taobh a' mhionaich. Agus tha iad fhathast a' dèanamh fìon, agus...

CM: Elderberry, an e sin e?

NN: Elderberry wine. Airson tha sin, tha iad ag ràdh, tha e math ri òl. Chòrdadh am fear ud riut, 's mathaid.

CM: Chan eil fhios agam.

NN: Agus bha e airson flu 's a' chuing. Bha iad a' toirt dathan asta, agus às a' chracann bha iad a' toirt dath a bha iad a' cleachdadh airson clò mòr.

CM: Seadh?

NN: A Choinnich, mus tèid mi nas fhaide air adhart, feumaidh mi seo innse dhut. An t-seachdain a chaidh, às dèidh a' phrògraim, dh'fhònaig Zena NicGriogair, agus bha lorg aicese mu dheidhinn lus na laoigh 's man a bhiodh iad ga dhèanamh, agus ò, bha lorg mionaideach aice air. Fhuair mi fios bhon uair sin, bho chuideigin eile, agus bho chuideigin eile, agus 's ann air lus na laoigh a tha iad a' bruidhinn. Nach biodh e uabhasach math nam faigheadh sinn a-mach an e an aon sheòrsa dòigh a bh' aig a h-uile duine ga dhèanamh?

CM: Tha cuimhn' agam bho chionn beagan bhliadhnaichean, gu dearbha, rinn... fhuair sinn a-mach mar a bha aon duine a' dèanamh lus na laoigh, Eachann MacAmhlaigh à Baile Ailein, 's tha esan air a bhith ga dhèanamh bho riamh, ma dh'fhaodas sinn a ràdh. Tha esan ga dhèanamh fhathast. Ach mar a tha thu ag ràdh, bhiodh e math faighinn a-mach a bheil diofar daoine a' cleachdadh diofar dhòighean airson sin a dhèanamh. A bheil daoine a' cleachdadh lusan eile airson a bhith a' dèanamh rudan dhen t-seòrsa sin cuideachd?

NN: 'S e siud an fheadhainn air an do bhruidhinn iad riumsa, ach bhiodh e math cluinntinn an robh lorg aig daoine air lusan eile. 'S mathaid dìreach gu bheil cuimhne aca air daoine a bhith a' bruidhinn orra. Bha mi a' cantainn riut an t-seachdain a chaidh gun robh cuideigin a' bruidhinn rium mu dheidhinn a bhith a' dèanamh tonic wine le rud ris an can sinne sìthean a' chait fhiadhaich, am beàrnan-Brìde.

CM: Ò uill, tha a h-uile càil a tha sin inntinneach gu dearbha. Tapadh leatsa gu dearbha airson a thighinn a-steach a dhùsgadh an tuilleadh smuaintean agus a thoirt... a bhith a' toirt dhuinn beagan de dh'eachdraidh, ged a thuirt mi nach robh eachdraidh gu bhith againn. Ach cha b' e eachdraidh mar eachdraidh a bh' ann, ach eachdraidh mar phàirt de sgeulachd. Dè... a bheil càil a bheachd agad cò air a tha sinn a' toirt sùil an t-seachdain sa tighinn, no...?

NN: Uill, 's ann a bha mi... bhon a bha mi a' bruidhinn mar siud riut air gur mathaid gun cluinn sinn bhuaithe... mu dheidhinn dhaoine eile, bha mi a' smaoineachadh gun tugadh sinn sùil air diofar fheamainnean, bhon tha ruith air feamainn anns an leabhar cuideachd. 'S e sin rud cuideachd air am faodadh daoine a bhith eòlach. Na feuman a bha iad a' dèanamh tron a' Ghàidhealtachd de dh'fheamainn.

CM: Uill, bidh sin inntinneach gu dearbha. Tapadh leatsa, Nan.

NN: Agus thèid sinn air ais a-rithist chun... gu lus na laoigh an t-seachdain às dèidh sin, nach tèid?

CM: Uill faodaidh sinn, gu dearbha.

NN: Gu 'm faic sinn diod a tha e ag ràdh mu dheidhinn anns an leabhar.

CM: Ach faodaidh tu fhèin òl. Chan òl mise e. Dh'fheuch mi blas dheth aon uair. Nam feumainn, 's dòcha, ach sin agad... sin agad a' phuing a bha thu a' dèanamh. Tapadh leatsa, Nan.

Source Type

Dat

Audio Quality

Good