Search

An t-uachdaran a chaill an oighreachd.

Date 23 January 1960
Track ID 47331
Part 1

Track Information

Original Track ID

SA1960.36.A6a; A6b

Original Tape ID

SA1960.036

Summary

The landlord tricked by his wife into losing his estate.

A landlord asked a crofter three questions. He had to answer them in three days or be put to death. His daughter told him the answers. The landlord asked to marry her because she was so clever. She agreed on condition that she could take three things with her if he put her out of the house.

Two crofters on the estate fell out about the ownership of a colt. The landlord and his wife also fell out with each other about the matter. He asked her to leave. She took with her the child, the estate documents and the landlord himself. She put the child and documents back inside and told the landlord to leave. The heir to the estate and the documents were hers.

Recording Location

County - Inverness-shire

Parish - South Uist

Island - South Uist

Language

Gaelic

Genre

Story

Collection

SoSS

Classification

AT875

Transcription

Aonghas MacIllFhialain: 'S e uachdaran a bha seo, agus bha e ga shaoiltinn fhèin gun robh e fuathasach math anns a' cheann. Agus thachair croitear ris a bh' air an fhearann aige latha a bh' ann a sheo, agus thuirt e ris a' chroitear gum feumadh e tighinn far an robh esan gu chionn trì latha, gun robh e a' dol a chur cheistean air a dh'fheumadh e fhuasgladh dha, air neo gum biodh am bàs aige. Agus dh'fhaighneachd e gu dè na ceistean a bh' ann.

"Uill, feumaidh tu innse dhomh," ars esan, "anns a' chiad àite," ars esan, "dè," ars esan, "an creutair a bhios a cheithir chasan fodha an toiseach," ars esan. "'S bidh an sin a dhà fodha," ars esan. "'S bidh an sin a trì fodha. Agus gu dè an aon rud as beairtiche a th' air an t-saoghal? No gu dè an aon rud as bochda a th' air an t-saoghal?"

Cha robh fios aig an duine bhochd gu dè a chanadh e ris.

"Uill, feumaidh tu tighinn far a bheil mise," ars esan, "gu chionn trì latha agus na ceistean fhuasgladh dhomh," ars esan.

Dh'fhalbh an duine bochd dhachaigh. 'S ann a leig e laighe-bàis air fhèin, 's cha robh e a' dol a dh'èirigh tuilleadh. Bha cho math dha bàsachadh a-staigh agus esan a dhol ga chur gu bàs.

Bha nighean mhaol, charach, dhubh aige, agus chaidh an nighean mhaol, charach suas far an robh a h-athair, agus dh'fhaighneachd i... dh'fhaighneachd i dheth gu dè bha ceàrr air, 's gum feumadh gur e an inntinn bu mhotha a bha a' cur air na bochdainn sam bith eile.

Dh'innis e dhan nighinn na ceistean a chuir an t-uachdaran air, agus gun robh aige ri dhol agus am frea-... am freagairt da.

"Dè na ceistean a th' ann?" ars ise.

Dh'innis e dhan nighinn iad.

"Tod," ars ise. "Èiribh sibhse. Tha na ceistean a tha sin furasta gu leòr am fuasgladh," ars ise. "'S e sin," ars ise, "an creutair a bhios a cheithir chasan fodha an toiseach," ars ise, "sin an duine," ars ise, "air a dhà làimh 's a dhà chois fodha," ars ise, "mum faigh e coiseachd. Nuair a dh'fhàsas e sin suas," ars ise, "cha bhi fodha ach a dhà chois fhèin," ars ise. "'S nuair a dh'fhàsas e sean," ars ise, "bidh a dhà chois 's am bata aige. Bidh sin a thrì chasan fodha."

"Dè a-nist," ars esan, "an rud as beairtiche a th' air an t-saoghal, ma-thà?"

"Tha an cuan," ars ise. "Ged a bhite a' tarraing às a dh'oidhche 's de latha," ars ise, "bidh an cuan mar a bha e roimhe," ars ise, "agus mar sin," ars ise, "'s e as beairtiche a th' air an t-saoghal."

"'S gu dè as bochda," ars esan, "a th' air an t-saoghal?

"Tha an teine," ars ise. "Chan eil e gu diofar gu dè cho mòr 's gum bi e," ars ise, "cnàmhaidh e 's cha bhi ann ach luath. Agus mar sin," ars ise, "'s e as bochda a th' air an t-saoghal. Thallaibh sibhse far a bheil e a-nist."

Dh'èirich a h-athair 's dh'fhalbh e far an robh an t-uachdaran. Agus:

"Seadh," ars an t-uachdaran, "a bheil thu fiot airson na ceistean a chuir mi ort fhuasgladh dhomh an-diugh?"

"Tha mi a' smaointinn gu bheil," ars esan.

"Dè th' ann?" ars esan.

Dh'innis esan mar a dh'innis an nighean dha e.

"Ò gu dearbh," ars esan, "cha b' ann o d' cheann fhèin a sgeamaich sin," ars esan. "Ach ge brith cò chuir sin na do bheul-sa," ars esan, "feumaidh tu innse dhòmhsa," ars esan.

Leis an eagal dh'innis e gur e an nighean aige fhèin a dh'fhuasgail na ceistean.

"Uill, thèid sinn agus chì sinn i, ma-thà," ars esan.

Dh'fhalbh e còmhla ris agus ràinig e an nighean mhaol, charach.

"An tusa," ars esan, "a dh'fhuasgail na ceistean dha d' athair a chuir mise air?" ars esan.

"Nach... 's mi," ars ise. "Nach fheumadh cuideigin am fuasgladh dha," ars ise, "nuair a bha sibh fhèin cho cruaidh air?" ars ise.

"An-tà, chan urrainn mi ràdh," ars esan, "nach do rinn thu glè mhath," ars esan. "Agus nam b' e nighean uachdarain thu," ars esan, "phòsainn thu. Ach nì mi seo riut," ars esan, "on a bha thu cho math," ars esan. "Tha oighreachd bheag agam ann a shiud," ars esan, "agus gheibh thu i."

"An-tà, mòran taing dhuibhse," ars ise. "Cha dèan mise feum a dh'oighreachd ann," ars ise. "Ach nan sgrìobhadh sibh air m' athair i," ars ise, "bhithinn glè thoilichte."

"Uill, nì mi sin, ma-tà," ars esan, "air do shon-sa."

Dh'fhalbh e 's sgrìobh e an oighreachd air a h-athair. Shìn e dhi na pàipearan.

"Uill, tha mi a-nist nam nighinn uachdarain, ma-thà," ars ise.

"An-tà, tha thu sin," ars esan, "agus air chor agus gu bheil," ars esan, "pòsaidh mise thu."

"An-tà, cha phòs mise thu," ars ise.

"Carson?" ars esan.

"Ged a phòsainn thu," ars ise, "cuiridh tu air falbh mi."

"Cha chuir," ars esan, "mura coireach thu fhèin ris."

"Ò cuiridh," ars ise. "Ach pòsaidh mi air chùmhnantan sibh."

"'S dè na cùmhnantan a bhios tu ag iarraidh?" ars esan.

"Gum feum mi mo thrì eallaich fhaighinn a-mach às a' chaisteal an latha a chuireas sibh air falbh mi, a dh'fhaodas mi mo thoil fhìn a dhèanamh ris."

"An-tà, gheibh thu sin," ars esan.

"Uill, ma gheibh mi sgrìobhadh air a sin," ars ise, "pòsaidh mi sibh."

"Gheibh thu sin cuideachd," ars esan.

Sgrìobh e dhi gum faigheadh i trì eallaich a thoir leatha a-mach às a' chaisteal de rud sam bith a roghnaicheadh i fhèin, a dh'fhaodadh i a toil fhèin a dhèanamh ris, nan cuireadh esan air falbh i.

'S e bun a bh' ann phòs e fhèin 's an nighean mhaol, charach, 's bha iad uabhasach còrdte, 's cha robh esan riamh cho math ceann ris an nighinn mhaol, charach gu riaghladh na h-oighreachd.

Ach bha baile chroitearan faisg orra, agus bhiodh iad sin a' cur a-mach bheothaichean do mhonadh an àm an t-samhraidh. Agus bha dithis nàbannan ann, 's chuir fear dhiubh a-mach seann each bàn a bh' aige an dèidh a bhith ullamh dhen treabhadh, 's bha làir aig an fhear eile. Bhiodh iad ag obair còmhla. 'S bha searrach aige, 's chuir e a-mach dhan... dhan bheinn iad. Agus rug an làir a-muigh anns a' mhonadh an searrach, 's bha i dòigheil gu leòr.

'S nuair a thàinig an seo deireadh na bliadhna 's a dh'fhalbh iad a dh'iarraidh nan each, dè bha an searrach ach a' leantail each a nàbaidh. 'S ann a thòisich a nàbaidh air claim-adh an t-searraich, gur ann leis-san a bha an searrach 's gur e am beothach aige bha e a' leantail.

Chaidh na fir far a chèile. 'S ann a dh'fheumadh iad a dhol gu ceart chun an uachdarain. Ràinig iad an t-uachdaran, agus dh'innis iad dha an ceas.

"Ò uill, ma-thà," ars an t-uachdaran, "thigibh sibhse ann a sheo a-màireach," ars esan, "leis an each agus leis an làiridh 's leis an t-searrach," ars esan, "agus nì mise ceart dhuibh," ars esan.

Dh'fhalbh iad an làrna-mhàireach 's ràinig iad an caisteal. Thàinig an t-uachdaran a-mach.

"Uill," ars esan, "tha pàirc an sin," ars esan, "air bheulaibh a' chaisteil," ars esan, "agus tha geat air gach ceann dhith," ars esan. "Agus thallaibh a-nist agus seasaibh ann am meadhan na pàirce," ars esan, "leis na h-eich," ars esan, "agus gabhadh fear agaibh gu gach geat a bheothach fhèin," ars esan. "Agus am beothach a leanas an searrach," ars esan, "sin am fear leis an leis e."

'S e seo a rinn iad. 'S [?an ainm] na truaighe 's e an t-each a lean an searrach. Dh'fhalbh fear an eich dhachaigh 's e fuathasach toilichte, an searrach aige an dèidh an eich bhàin.

Cha robh aig an fhear eile ach a bhith falamh. Cha robh fhios aige dè rud a dhèanadh e. Ach chuala e seo gun robh an t-uachdaran air falbh on taigh, agus Dhia, smaoinich e gun rachadh e far an robh an nighean mhaol, charach, feuch gu dè a' chomhairle a bheireadh i air. Ràinig e i.

"Ò," ars esan, "nach olc a' cheart a rinn an t-uachdaran dhomh," ars esan, "nuair a chaill mi an searrach."

"An-tà, cha robh e math gu dearbh," ars ise.

"An-tà, thàinig mi far an robh sibh," ars esan, "feuch an innseadh sibh dhomh dè b' fheàrr dhomh a dhèanamh," ars esan.

"An-tà, ged a dhèanainn-sa sin," ars ise, "comhairle a chur romhadsa," ars ise, "innsidh tu orm."

"Ò chan innis gu bràth," ars esan, "mise ort e."

"Uill, ma-thà," ars ise, "tha dùil aige dhol a dh'iasgach chun an locha sin shìos a-màireach," ars ise, "agus feuch am bi thusa ann roimhe," ars ise. "Agus thoir leat deannan salainn ann am poca," ars ise. "Agus nuair a chì thu a' tighinn e," ars ise, "teannaidh tu ri cur an t-salainn ri taobh an locha agus anns na dìgean," ars ise. "Agus thèid esan far a bheil thu, agus faighneachdaidh e dhìot dè rud a tha thu a' dèanamh an siud. Agus canaidh tu gu bheil thu a' cur shalainn ann, gu bheil thu a' smaointinn gum fàs e ann. Agus canaidh esan riutsa an uair sin gu bheil fhios agad nach fhàs salann an siud, agus abair thusa ris gu bheil e cho coltach gum fàs salann an siud agus an searrach a bu chòir bhith anns an làiridh nuair a dh'fhàs e anns a' ghearran. Ach an geall do bhàis, na innis gur e mise a chuir sin romhad a ràdh," ars ise, "no ma dh'innseas 's e mo chuid-sa dhe seo e," ars ise.

"Ò chan innis," ars esan.

Dh'fhalbh e 's an làrna-mhàireach thug e leis salann ann am poca, 's bha e a' coimhead. Chunnaic e seo an t-uachdaran a' tighinn 's slat-iasgaich air a ghualainn. Thòisich esan air cur an t-salainn air taobh an locha 's anns na dìgean, 's sheas an t-uachdaran a' coimhead air, 's ghabh e seo a-null far an robh e.

"Gu dè, amadain thruaigh," ars esan, "a tha thu a' dèanamh an sin?"

"Leabhra tha," ars esan, "an taigh agam air fàs gann a shalann," ars esan, "'s tha mi a' cur deannan salainn ann a sheo. Tha mi a' smaointinn gum fàs e ann on tha an t-àite tais."

"Gabh dhachaigh, a bhurraidh," ars esan. "Nach math tha fhios agad nach fhàs salann an sin?"

"Chan eil fhios a'm," ars esan. "Nach robh e cho coltach gum fàsadh salann an seo agus an searrach a bu chòir bhith anns an làiridh nuair a dh'fhàs e anns a' ghearran?"

Stad esan.

"Dhia, ma-tà," ars esan, "cha b' ann nad cheann fhèin a sgeamaich sin," ars esan. "Ach innsidh tu dhòmhsa," ars esan, "cò dha... cò chuir sin na do bheul," ars esan, "no cha bhi an còrr saoghail agad," ars esan.

Leis an eagal dh'innis e gur e an leadaidh aige fhèin a dh'iarr air a chantail. Agus dh'fhalbh esan agus thill e air ais chun a' chaisteil. Agus bha ise an dèidh pàiste fhaighinn agus e ann an creathail a-staigh aice. Agus ghabh esan a-staigh.

"Uill, a leadaidh chòir," ars esan, "o nach b' urrainn tusa do theanga a chumail," ars esan, "o bhith a' gabhail gnothach ri aon lagh a dhèanainn-sa," ars esan, "bidh thu a-nist a' clìoradh seo," ars esan, "agus cha choirich do theanga mise tuilleadh ach siud."

"Ò seadh," ars ise. "Bha mi cinnteach," ars ise, "gun tigeadh e thuige sin latha air choreigin," ars ise. "Ach bheir thusa an aire," ars ise, "gum feum thu a bhith cho math dhòmhsa agus do ghealltanas gu bheil mo thrì eallaich agamsa ri fhaighinn a-mach às a seo," ars ise, "a dh'fhaodas mi mo thoil fhìn a dhèanamh ris."

"Gheibh thu sin," ars esan, "'s tog leat iad."

Dh'fhalbh i, agus a' chiad rud a thog i a-mach, a' chreathail 's am pàiste.

"Uill, tha siud a h-aon," ars ise, "a-muigh."

Dh'fhalbh i sin agus thug i a-mach a' chiste anns an robh còraichean na h-oighreachd aigesan, agus leig i às ri taobh na creathail i.

"Uill, siud a dhà," ars ise.

Thàinig i sin a-staigh.

"Trobhad fhèin a-nist," ars ise, "agus seas air an t-sèithear ud an siud 's an toirinn a-mach thu," ars ise.

Sheas e air an t-sèithear, 's nuair a thug i a-mach an t-uachdaran, dh'fhalbh i 's thug i a-staigh a' chreathail agus a' chiste anns an robh còraichean na h-oighreachd 's am pàiste, 's dh'fhalbh i 's dhùin i an doras air.

"Thalla thusa a-nist," ars ise, "'s gabh do rathad, ma-thà," ars ise. "'S leamsa an taigh 's leam còraichean na h-oighreachd," ars ise.

Cha robh aig an uachdaran ach na thogradh an nighean mhaol, charach a dhèanamh ris tuilleadh. Agus sin mar a dh'èirich dha... dha air deireadh nam port.

Source Type

Reel to reel

Audio Quality

Good