Chunnaic seanair an fhiosraiche bòcain.
Contributors
Date
22 May 1972
Track ID
47803
Part 1
Track Information
Original Track ID
SA1972.73.A5
Original Tape ID
Summary
The contributor's grandfather saw ghosts.
A boat was lost in bad weather with three men on board and their bodies were never recovered. The contributor's grandfather was coming home from Bracara one night and saw the three men's spirits by his side. He didn't speak to them. They followed him until he was near his house.
Item Location
County - Inverness-shire
Parish - Glenelg
Village/Place - North Morar
Language
Gaelic
Genre
Collection
Transcription
Aonghas MacIllFhialain (AM): Agus... hod, 's iomadh seann naidheachd a bhiodh aca. Bhiodh iad a' bruidhinn air bòcain an seo. Dar a bha sinne beag bha an t-eagal oirnn... oirnn a dhol a-mach a dh'iarraidh bucaid uisge.
Dòmhnall Eairdsidh Dòmhnallach (DE): Nist, dè seòrsa bhòcain air am biodh iad a' bruidhinn? Dè seòrsa rudan...
AM: Uill, innsidh mi dhut aon rud a chuala mise aig m' athair a-nise. Bha... dìreach mu choinneamh Malaig Bheag a-nunn ann an siud, bha bàta ag obair air sreangannan. Lìn-mhòra [???]. Thàinig droch fhras, agus dar a dh'fhalbh an fhras cha robh sgeul air a' bhàta. Bha triùir dhaoine innte 's chaidh am bàthadh. Cha d' fhuair iad riamh iad.
Nise, bha mo sheanair, sin athair mo mhàthar, a' tighinn dhachaigh à àite ris an can iad Bracara. Bha iad... bhiodh iad a' gabhail a-nall am monadh, fhios agad. Uill, seo mar a chuala mise an naidheachd aig m' athair, cinnteach gu leòr, agus bha e dìreach... bha an oidhche ann, bha na triùir dhaoine a bha seo ri thaobh - na triùir dhaoine a chaidh a bhàthadh. Cha b' e na daoine idir a bh' ann, ach an spiorad aca. Uill a-nise, lean... cha do bhruidhinn e idir riutha air a shon sin. Lean iad e gus... gus an robh e faisg air an taigh, 's dh'fhalbh iad mar siud.
Uill a-nis, 's e daoine... daoine gu math... deagh dhaoine a bh' anns na seann daoine. Bha iad a' creidsinn gu daingeann ann an Dia 's a h-uile nithean. A bheil thusa an dùil gun innseadh iad breug?
DE: Chan innseadh.
AM: Chan eil mise a' smaoineachadh gun innseadh, agus tha mi coma dè... chan eil mise a' creidsinn mòran ann am bòcain mi fhìn, leis an fhìrinn. Chan eil iad ann an-diugh ann.
DE: Uill tha mise... tha mise a' creidsinn annta...
AM: Uill a-nise, mura faca an duine ud... 's e duine uabhasach uile [???] pongail, glic a bha na mo sheanair. 'S e am Briathrach a bh' aca air, leis cho math 's a bha e air bruidhinn. Agus, uill, bha e ag innse gum faca e na daoine a bha siud a-nise - na daoine a chaidh a bhàthadh, an spiorad aca, ach cha do bhruidhinn e idir riutha air a shon sin.
DE: Nist, saoil an robh còir... an robh iad ag ràdh gun robh còir aig duine bruidhinn ri spiorad mar seo?
AM: Uill, feumaidh duine bruidhinn an toiseach, fhios agad.

Source Type
Reel to reel
Audio Quality
Good