Search

Prògram Choinnich

Date 24 March 1997
Track ID 4787
Part 1

Track Information

Original Tape ID

Program Choinnich 24.03.1997

Summary

Quarries on Berneray and North Uist.

John Murdo Morrison from The Harris Hotel explains how stones from the Berneray quarry were used in the building of the hotel. His uncles, James and Donald Alick, were involved in the work in 1922-23. This was the same kind of stone as used for Amhuinnsuidhe Castle and the War Memorial in Tarbert, and was used for the lintels and frontage. He still has the steel wedges that were used for splitting the rock.

Margaret MacLeod from North Uist tells how there were at least three small quarries on the island at one time, one at Scolpaig and two at Griminish. People used them for stone which was broken up and used for road-building in earlier times. The work was hard and the wages poor.

Recording Location

County - Ross and Cromarty

Parish - Stornoway

Island - Lewis

Village/Place - Stornoway

Item Location

County - Inverness-shire

Parish - Harris

Island - Berneray

Language

Gaelic

Collection

BBC

Transcription

Coinneach MacÌomhair (CM): Thug sinn iomradh Dihaoine air mar a chaidh clach à cuaraidh a bh' air eilean Bheàrnaraigh na Hearadh a cleachdadh ann a bhith a' togail Caisteal Abhainn Suidhe. Chaidh a thoirt gu ar n-aire às dèidh a' phrògraim gun robh thairis nam bliadhna grunn math chuaraidhean beaga air feadh nan eilean. Trì dhiubh co-dhiù ann an Uibhist a Tuath. Cuideachd, thog Iain Murchadh Moireasdan am fòn a dh'innse gu bheil pìosan cloiche aigesan a thàinig a-mach à Cuaraidh Bheàrnaraigh. Tha esan air an loidhne an-dràsta. Bha an fheadhainn a bha ag obair sa chuaraidh càirdeach dhut fhèin, nach robh, Iain Mhurchaidh?

Iain Murchadh Moireasdan (IM): Bha, a Choinnich. Bràithrean m' athar - Seumas 's Dòmhnall Ailig. Agus 's ann a bha iadsan ann anns a' bhliadhna naoi ceud deug fichead 's a dhà 's a trì, agus bha iad a' lorg rud a thogadh carragh-cuimhne cogaidh air an Tairbeart, agus 's e an aona ghnè cloiche a tha siud 's a tha sa chaisteal an Abhainn Suidhe. Agus tha e coltach leamsa gun robh iad... bha Seonaidh a' bruidhinn mu dheidhinn na wedge-aidhean a bh' aca. Uill, tha na cnagan sin agamsa fhathast - feadhainn stàilinn - agus tha e coltach gun robh iad a' suidhe o cheann gu ceann air a' chreag a bha seo agus a' toirt fad an latha dìreach bualadh beag do na cnagan a bha seo. Agus an uair sin bha iad... tha e coltach gun robh iad a' cur cnagan fiodh ann, nuair a bha iad tioram, 's bha iad siud a' bòcadh 's bha a' chlach an uair sin a' spliotadh o cheann gu ceann, cho dìreach ri slat.

CM: Tha mi a' tuigsinn, an taigh-òsta anns a bheil thu fhèin ann an siud, Taigh-òsta na Hearadh cuideachd, gu bheil thu a' dèanamh dheth gu bheil pàirt de chlach na cuaraidh seo ann cuideachd?

IM: Ò tha. Chaidh an taigh-òsta a thogail às dèidh Caisteal Abhainn Suidhe - goirid às dèidh sin - agus 's e an aona seòrsa a tha san taigh-òsta cuideachd, gu h-àraid anns na leacan-tarsainn anns na dorsan agus air an aghaidh, agus na clachan-oisinn innte. 'S e an aon seòrsa 's a tha ann an Caisteal Abhainn Suidhe cuideachd.

CM: Agus an robh fhios agad gur ann às a' chuaraidh seo a bha na cnapan stàilinn a bh' agad ann an sin, na cnapan iarainn a bh' agad ann an sin?

IM: Ò bha, bha. 'S fhada o dh'innis bràthair m' athar dhomh. Bha iad ann am bogsa, ann an cistidh anns a' gharaids ann a shiud bho chionn fhada, agus 's fhada o dh'innis e dhòmhsa, 's tha feadhainn dhiubh ann fhathast. 'S tha mi a' dol a chur tè dhiubh gu Seonaidh ach an cùm e i.

CM: Uill, bhiodh sin math gu dearbha, gun deigheadh iad an toirt air ais a Bheàrnaraigh far an robhar gan cleachdadh airson a bhith a' sgoltadh nan creagan. Nach robh e annasach, ge-tà, an dòigh a bh' aca airson a bhith a' sgoltadh na creige?

IM: Uill, bha iad foighidneach. Dh'fheumadh foighidinn a bhith aca. Agus bha iad a' dealbh na cloiche ann am Beàrnaraigh gus nuair a thàinig iad ann a sheo, bha i deiseil airson a cur an sàs anns a' charragh-cuimhne.

CM: Càil ach bha iad ga ghearradh gun a' mheud cheart?

IM: Tha sin ceart.

CM: Agus ciamar a bha iad ga toirt a-nall?

IM: Ò, le eathar. Bha iad... thug iad air tìr iad aig Gob an Tòbhainn suas gu mullach... mullach a' chnuic ann a shiud, agus bha iad a' cur a h-uile tè na h-àite fhèin, mar a dhealbh iad an toiseach i.

CM: Mar sin dheth, mas e agus gu bheil duine ag iarraidh a bhith a' faicinn a' chreag a thàinig à Cuaraidh Bheàrnaraigh 's nach eil ùine no foighidinn aca a thèid air an rathad gu Abhainn Suidhe, chan eil aca ach a dhol gun Tairbeart ann an sin 's chì iad i?

IM: Sin agad e. Thig a-steach gu drama 's chì iad ann a shiud i.

CM: Ò uill, chì iad rud sam bith, 's dòcha, às dèidh drama. Uill còmhla rium air an loidhne cuideachd an-dràsta, tha Maighread NicLeòid. Bha ise ag innse dhomh, às dèidh a' phrògraim cuideachd, gun robh grunnan math chuaraidhean aca ann an Uibhist a Tuath. Tha i fhèin air an loidhne airson innse dhomh mun deidhinn an-dràsta. Madainn mhath, a Mhaighread.

Maighread NicLeòid (MN): Madainn mhath, a Choinnich.

CM: Uill, innis dhomh beagan mu dheidhinn na cuaraidhean a tha seo.

MN: Uill, chan eil fhios agamsa ach air trì dhiubh, ach tha fhios a'm... tha mi a' creidsinn gun robh... gu bheil grunn eile air feadh an eilein dhiubh. Agus 's e cuaraidhean beaga a bh' ann far am biodh iad a' bristeadh rud... bhithinn-sa a' cluinnteil iad ag ràdh, metal, agus 's ann a' càradh an rathad a bhiodh iad leis, an rathad... mun deach teàrr a chur air an rathad an Uibhist a Tuath. Agus mar sin, tha mi a-nist a' tuigsinn, an dèidh a bhith ag èisteachd ri John Murdo, air beagan dhen an dòigh a bhiodh iad a' toir nan clach às, oir 's e clach cianail cruaidh ruadh, chanainn. Chan eil fhios a'm, on as e metal a bh' aca air, dè seòrsa clach a bh' ann. Chòrdadh e rium fhaighinn a-mach dè seòrsa clach a bh' ann. Ach 's e daoine... bhiodh iad a' cur fir a-mach ann, agus 's e pàigheadh truagh, truagh a bh' aca. 'S e obair chianail... bhithinn a' cluinnteil mo mhàthar a' bruidhinn air a seo - obair chianail cruaidh mì-thaingeileach a bh' aca airson a bhith a' dèanamh seo.

CM: A bheil mi a' tuigsinn gur e daoine 's dòcha a bha a-mach à obair a bhiodh ga dhèanamh?

MN: 'S e. Daoine a bhiodh a-mach à obair, agus sin an obair a bh' aca - a' gearradh... a' bristeadh a' mhetal a bha seothach fad an latha, 's tha mi a' creidsinn fad na bliadhna cuideachd.

CM: 'S a bheil càil a bheachd agad càit an robh na cuaraidhean a bha seo?

MN: Uill tha fhios a'm... tha fhios a'm air tè... tha fhios a'm gu bheil aonan faisg air Sgolpaig, 's tha fhios a'm gu bheil a dhà eile shuas aig Grìminis, 's tha tè eile eadar sineach agus Solas. Tha fhios a'm air... tha fhios a'm orra sineach, ach chan eil fhios a'm cà 'il an còrr dhiubh.

CM: 'S nuair a tha thu a' bruidhinn air cuaraidhean, a bheil sinn a' bruidhinn air cuaraidhean mòra, far a bheil e follaiseach chun an latha an-diugh gur e cuaraidhean a bh' annta?

MN: Chan eil. Cuaraidhean beaga. Tha iad an-diugh, a' chuid mhòr dhiubh air talmhachadh suas. Dìreach, chì thu... nì thu a-mach seap cuaraidh orra, agus tha iad... tha iad ri taobh an rathaid. Nì thu a-mach seap cuaraidh orra, ach tha iad uile... tha iad air talmhachadh. Ach cha bhiodh annta ach cuaraidhean beaga ao-domhainn. Chan e cuaraidh mhòr dhomhainn mar a bhios sinn a' faicinn cuaraidh an-diugh a bh' annta.

CM: Agus a bheil càil a bheachd agad ciamar a bha iad ag obrachadh na cloiche? An robh iad a' cleachdadh uidheam spreadhaidh - dynamite no càil sam bith mar sin? No an ann dìreach ga briseadh...

MN: Chan aithne dhomh gun robh. Agus tha fhios a'm gur ann le ùird 's rud a bhiodh iad a' gearradh. Bhiodh iad a' bristeadh seo sìos gu math beag, fhios agad, airson a dhol dhan a... dhan a... air an rathad. Bhiodh e na chobhar air an rathad aca.

CM: Mus robh leithid a dh'uidheam ri crusher no dad mar sin ann?

MN: Seadh, mun robh dad ann. Cha bhiodh ann co-dhiù ach rathad cartach bu mhotha, airson na bha a chàraichean an Uibhist aig an àm. Ach dh'fheumadh iad a bristeadh gu math beag, agus sin agad, tha mi a' smaoineachadh, an rud a bu chianail a bhiodh iad a' dèanamh, ga dèanamh beag.

CM: Uill bhiodh e inntinneach a bhith a' cluinntinn mas e agus gu bheil duine sam bith a tha beò aig a bheil cuimhne air na cuaraidhean sin a bhith gan obrachadh. Nam b' aithne dhaibh dè feum a bhathas a' dèanamh dhiubh, ciamar a bhathas gan obrachadh, bidh sinn ro-thoilichte cluinntinn bhuapasan cuideachd. Mòran taing dhutsa, a Mhaighread, airson innse dhuinn mu dheidhinn na trì cuaraidhean sin an Uibhist a Tuath. Mo thaing cuideachd do dh'Iain Murchadh Moireasdan airson innse mu dheidhinn na pìosan iarainn a th' aigesan a bhathas a' cleachdadh ann an Cuaraidh Bheàrnaraigh cuideachd.

Source Type

Dat

Audio Quality

Good