Search

Fàilte air a' Bhaile

Interviewers
Date
Track ID 47895
Part 1

Track Information

Original Tape ID

FailteAirABhaile 01.03.1984

Summary

A discussion on Galson in Lewis.

Agnes Rennie discusses how Galson was made up of three villages – South Galson, North Galson and Melbost. She explains why Melbost became known as Melbost of Borve and not Melbost Galson. She also discusses Melbost today [1984], the employment available and a bit about crofting in the village.

Recording Location

County - Ross and Cromarty

Parish - Barvas

Island - Lewis

Village/Place - Galson

Item Location

County - Ross and Cromarty

Parish - Barvas

Island - Lewis

Village/Place - Galson

Language

Gaelic

Collection

BBC

Transcription

Agnes Rennie (AR): Bha Gabhsunn, tha mi a' creidsinn gum faodadh tu ràdh gu bheil trì bailtean ann: tha Gabhsunn bho Dheas, Gabhsunn bho Thuath, agus Mealabost. Cuid a chanas Mealabost Bhuirgh ris, ach 's e... 's e Mealabost Ghabhsuinn a th' ann.

Tha e air innse dhòmhsa gur e am post office a rinn sin oirnn. Gur e am post-oifis a dh'fhalbh leis a' bhaile oirnn. 'S e tac a bh' ann an Gabhsunn às dèidh an fhuadach. Chaidh am baile a bhriseadh. Agus bha am post office ann am Borgh an uair sin, agus thàinig iad sin chun an fheadhainn a bha a' fuireach ann am Mealabost, 's thuirt iad riutha:

"Dè mu dheidhinn gun cuir sibhse 'Melbost Borve' air seòladh an àite 'Melbost Gason'? 'S ma nì sibh sin, bheir sinne na litrichean thugaibh."

Agus sin as coireach gur e 'Melbost Borve' a th' ann, man as aithne dhuinn an-diugh e. Ach canaidh sinne fhathast gur e pàirt de Ghabhsunn a th' ann. Tha iad nar measg aig àm faingean 's mar sin air adhart. Tha am fearann a' ruith na chèile, agus aig an àm a bha e na thac, bha na... bha na trì bailtean a' toirt a-steach an aon tac.

Dòmhnall Mac a' Ghobhainn (DM): Agus dè man a tha e an-diugh fhèin, a-rèiste?

AR: Tha daoine air ais 's air adhart gu 'n obair man a bha iad a-riamh. Canaidh cuid nach eil uimhir a dhaoine a' fuireach anns a' bhaile. Ach, man a tha e sa h-uile h-àite eile, chan eil teaghlaichean cho mòr 's a bha iad bho chionn, can, fichead bliadhna. Ach chan eil sin ag ràdh nach eil clann a' falbh dhan sgoil a h-uile latha. Tha òigridh a' falbh a dh'obair - cuid a Steòrnabhagh 's cuid a bhailtean eile. Agus tha daoine eile ag obair aig an taigh, duine no dhithis ag obair air beairtean, 's mar sin air adhart. Tha e man iomadach baile eile anns na h-eileanan. Agus man na bailtean sin, tha croitearachd a' dol air adhart.

Tha leth-cheud 's a dhà de chroit ann an Gabhsunn, na h-àireamhan a' tòiseachadh ann am Mealabost agus a' crìochnachadh ann an Gabhsunn bho Thuath. Agus a-nise, a-mach air a sin, tha pìosan air an cur a-mach taobh a-muigh an rathaid mhòir agus tha... tha daoine an sin cuideachd aig a bheil caoraich 's mar sin. Ach cha chan iad gu bheil lot aca.

DM: Ach a-rèiste, tha gu leòr fhathast a' croitearachd man a bha an sinnsirean, gu ìre.

AR: Gu deimhinne fhèin, tha, agus tha daoine a' cur air adhart gabhail a h-uile cothrom leis na sgeamaichean ùra a tha a' dol air adhart. IDP. Chan eil càil a dhìth nach eil a cheart uimhir de dhaoine a' cur air adhart adhartas ann am fearann. Feansaichean man a chì sinn anns a h-uile àite. Ach...

DM: Chunna mi thu fhèin an uair ud bho chionn greiseag a' slacadaich le òrd air post.

AR: Uill, feumaidh mi aideachadh gu bheil mi fhìn am measg an fheadhainn a tha gu math dèidheil air a bhith ag obair a-muigh, agus tha mi a' smaoineachadh gur e sin a tha a' fàgail gu bheil mi fhathast ann an seo, 's gur ann ag obair anns an eilean a tha seo a tha sinn an àite a bhith air tìr-mòr. 'S e sin a tha a' toirt taobh gu math eadar-dhealaichte dha ar dòigh-beatha. Dh'fhaodadh sinn a bhith a' dèanamh an obair a tha sinn a' dèanamh ann an Glaschu, ach cha b' urrainn dhuinn a thighinn air ais gun a' chroit man a tha sinn a' dèanamh ann an seo.

Source Type

Reel to reel

Audio Quality

Good