Search

A' Chuileag 's an Seillean

Date 24 January 1960
Track ID 48352
Part 1
Part 2
Part 3

Track Information

Original Track ID

SA1960.40.B3

Original Tape ID

SA1960.040

Summary

The contributor recites a verse in which a bee and a fly are talking to each other. The fly says that the bee is silly because he works so much and the bee says that the fly is foolish.

Item Notes

Composed by Neil MacLeod.

See:
'Clarsach an Doire' p. 4

Recording Location

County - Inverness-shire

Parish - South Uist

Island - South Uist

Language

Gaelic

Genre

Verse

Collection

SoSS

Transcription

Dòmhnall Mac an t-Saoir (DM): Bha e ag ionnsachadh dhuinne rann, còmhradh an t-seillein 's na cuileig, nuair a bha sinn beag. Bha e ag ràdh gun robh còir aig a h-uile duine òg air an rann a bha siud a bhith aca air an teangaidh. Bha. Mar a bha an seillean 's a' chuileag a' bruidhinn ri chèile. Bha.

Calum MacIllEathain (CM): Chan eil fhios air an talamh dè an rann a tha seo?

DM: Eh?

CM: Chan eil fhios air an talamh dè an rann a tha seo?

DM: Ò tha. Tha fios agamsa. Tha e agamsa air mo theangaidh. Chan iongnadh ged a bhitheadh; 's iomadh uair a ghabh mi e. [???]. Uill, tha fhios agaibh, tha ùine mhòr on a... tha ùine mhòr on a bha mi ga ionnsachadh, ach cha chreid mi nach eil pìosan math agam dheth co-dhiù.

Air madainn chiùin sa Chèitean bhlàth
Gach doire 's crann 's gleann fo bhlàth
An smeòrach agus eòin nan speur
Len luinneag bhinn aca air gach geug
Na laoigh 's na h-uain a' leum le fonn
A' ruagail mu gach preas 's tom
'S braon den driùchd air bhàrr gach feòirn
A' deàlradh air an cinn mar òr

Bha a' chuileag sgiathach fhaoin gun chèill
'S i ga cluich fhèin am blàths na grèine
I a-null 's a-nall, 's i sìos 's suas
Gun dragh, gun chùram, 's gun ghruaim
Bha an seillean stiallach, ciallach, còir
'S e a' falbh a' cothachadh a lòin
'S ghlaodh a' chuileag, "gu dè an sgeula?"
'S labhair iad mar seo ri chèile

"Nach ann ort a tha an drip an-còmhnaidh?
Nach fuirich thu tiotan leamsa a' còmhradh
Gu dè an tairbhe dhut a th' anns an t-saoghal
Ga do mharbhadh fhèin le saothair?
Bho mhoch gu dubh, 's bho bheinn gu tràigh
'S chan fhàg thu lus no sòbhrach bhàn
'S chan fhàg thu cluaran, dris no ròs
Nach toir thu greiseag air an deoghal

Ach nach seall thu mise," ars a' chuileag, "ann an seo chi èibhinn
'S mi a' dannsa ann an gathan caoin na grèine
'S chan eil mi uair no tràth gun lòn
Ged nach eil mil agam ann an stòr
'S ma thig am fuachd, 's an geamhradh gann
Cha dèan mi ullachadh ron àm
Thigeadh uair 's àm na h-èiginn
'S cha ghabh mi dragh dheth gus an fheudar"

Thuirt an seillean an uair sin:

"A chreutair amaidich gun ghò
Nach beag a tha de ghliocas ann ad ghlòir
Ged a tha thu an-diugh agus do chupan làn
Cha mhair an saibhreas sin ach geàrr
Thig doineann shearbh 's geamhradh garbh
A bheir do shòlasan air falbh
Chan fhaigh thu blàths air feadh nan gleann
'S cha tog a' ghrian ach fann a ceann


CM: Sin agaibh e, ma-thà.

DM:
Gach ròs a tha a' fàs air feadh nam bruaich
Bheir reòiteachd fhuar air falbh an gruag
Cha chluinn thu smeòrach air gach geug
'S chan fhaic thu uan a' ruith no a' leum
Ach bidh mise an sin gu socair blàth
Sa bhothan bheag a dheilbh mo làmh
'S cha bhi mi an taing aon neach fon ghrèin
A' sealbhachadh mo shaothrach fhèin

Ach bidh thusa ann a shin 's tu a' dol mun cuairt
Nad dheòraideach truagh dreach gun tuar
'S tu leis a' ghort a' faotainn a' bhàis
Ann an tuill 's an uinneagan an sàs
'S tu air an dèirc anns gach àite
Gun mhath dhut fhèin, gun tlachd do chàch
Ach nach e sin an dòigh a chleachd do shinnsir
Gun dòigh nach dean an sliochd a dhìobradh"

Tha a' chuileag a-nist:

"Bu tric," ars ise, "do shaothair fhèin gun bhuaidh
Ged a tha thu an-diugh 's tu a' dèanamh uaill
'S am bothan beag a dheilbh do làmh
Tha e air a leagail sìos gu làr
'S a' mhil a choisinn thu gu cruaidh
A' falbh na sradan mu gach bruaich
'S aig càch a-staigh gu h-ait ga h-òl
Ach thusa a-muigh gun taigh, gun lòn

Ach nach lìonmhor iad a tha dhed sheòrsa
A' dèanamh uaill à meud an stòir
'S on t-saothair ghoirt cha ghabh iad tàmh
Ach a' càrnadh suas gun fhios cò dha
Bu tric do shinnsir fhèin ri fuaim,
Ach an cuid 's an ionntas ga thoirt bhuapa
Ri rùsgadh ghath 's tarrainn lann
Ach an taigh ga leagail sìos mur ceann

Ach measaidh mi fhèin, 's e sin mo ghnàths
Nam faighinn idir cosg an tràth
Gum b' fheàrr leam subhachas 's ceòl
An ùine bheag a bhios mi beò
No ged a gheibhinn saibhlean làn
Gun fhois gun sìochaint air an sgàth
Oir 's e mo dhùileachd agus mo dhòchas
Gum faigh gach latha lòn dha fhèin"

Seo a-nist an seillean:

"Ah," ars esan, "'s duilich leam nach tusa a h-aon
A tha a' beachdnachadh air plaosgan faoin
'S a' gabhail fasgadh fo gach sgroth
Le beatha dhìomhanach gun ghò
An ùine a' ruith gun mhath gun fheum
'S chan fhàg sibh ainm no cliù nur dèidh
'S cha tug iad gèill dhan duine ghlic
A dhearbh nach dèanar gnìomh fon lic

Tha mise mar a tha thu ag ràdh
Bho mhoch gu dubh, 's bho bheinn gu tràigh
Agus 's iomadh lus a nì mi dheoghal
O bheil a' mhil an dèis a h-òl
Ach ged a tha, chan fhàs mo mhisneachd fann
A' saothrachadh bho àm gu àm
Oir chreid mi riamh e, agus 's e sin an fhìrinn
Gun tig toradh math à dìcheall

Cha robh mise riamh nam throm air càch
'S cha mhotha na sin a bhraid no ghoid mo làmh
'S cha bhi mo lòn rim bheò an èis
Fhad 's a dh'fhàgar agam mo chuid fhèin
Ach ma thig nàmhaid orm gu teann
'S gun spùill e mi fhèin 's mo chlann
Ach cha do chuir e còmhdach riamh mu cheann
Am fear nach tàirninn ris mo lann

'S beag no mòr gum bi ar neart
Ma nì sinn e leis an nì tha ceart
'S ar buadhannan biodh iad lag no treun
Ach ma chuireas sinn iad sin gu feum
Cha tuig thu mar a dh'fhàsas an càrn
Le clach a thilgeil ann a ghnàth
Oir 's e boinnean faoin a lìon an cuan
'S duslach mìn gach beinn mun cuairt

Dùisg suas, ma-thà, agus tog ort greann
'S bi saothrachail fhad 's a gheibh thu an t-àm
Oir tha samhradh caomh a' falbh na dheann
Agus ann geamhradh gnù a' tarrainn teann
Ach bheir an aire ma mheallar thu ann an seo le breug
Bi thu cinnteach an uair a thig an t-eug
Gum bi do chliù 's do dhuais da rèir
Bhon an Tì a thug beatha gu gach crè"

Thug iad mar siud greis air còmhradh
Ged nach robh iad tric a' còrdadh
'S mar a thachair dhuinn gu lèir
Bha iad car dìorrasach nam beachd fhèin
Ach le dùrachd gheanail spèiseil
Ghabh iad latha math dha chèile
'S dh'fhalbh an seillean còir 's srann aige
Ach theann a' chuileag fhaoin ri dannsa


CM: Shin agaibh mar a bha. Shin agaibh mar a bha a' chuileag bhochd co-dhiù.

Source Type

Reel to reel

Audio Quality

Good