Search

Mar a thachair do ghille an rìgh agus an tarbh.

Date November 1975
Track ID 49059
Part 1
Part 2

Track Information

Original Track ID

SA1975.228.A2; SA1975.228.A4

Original Tape ID

SA1975.228

Summary

A story about the king's son and the bull.

There was a king with one son. The queen died and the boy was sent away to a place where he could see everything but nobody could see him. After some years he came home and went to work as a herdsman, and was getting no schooling. He met a bull, and the bull told him to go to school and that he would look after the animals. That is what they did. People found out and went to catch the bull, but he and the boy escaped. The bull told him to kill him and to take a chanter from his chest. The bull said that he only had to play on the chanter if he needed him. The boy got work as a goat-herd. He met three giants and their mother. He played the chanter and the bull appeared and killed the giants. The boy got all the treasure that they had. The daughter of another king had seen the boy and went to him. They married and built a great palace for themselves.

Language

Gaelic

Genre

Story

Collection

SoSS

Transcription

Dòmhnall Alasdair Johnson: Bha siud ann rìgh, ma-thà, agus bha... bha e pòsta, agus bha... bha aon ghille aca. Agus bhàsaich a' bhan-righinn an seothach, agus dh'fhalbh an rìgh agus chuir e an gille gu gria-... gu ruige grianan àlainn an aon... aona chraoibh, far am faiceadh e a h-uile duine agus far nach fhaiceadh duine e. Agus bha boireannach ann a shin a' toirt an aire dha agus dhèanadh i feum ban-sgoileir dha.

Uill, bha an gille a-nist ann a shineach, 's bha an rìgh bha e na bhanntraich. 'S thòisich an seothach luchd-riaghlaidh an rìgh an sin, thòisich iad ri comhairleachadh dha gum b' fheàrr dha pòsadh; nach dèanadh e an gnothach mar siud idir, agus gum b' fheàrr dha pòsadh.

Uill, 's e seo... 's e seo an rud a rinn e co-dhiù. Phòs e. Agus bha e fhèin agus a bhean a-nist, a' bhan-righinn ùr, bha iad a-staigh ann a shin. Agus an latha bha seothach, cò thàinig rathad an taighe ach tè... rud... tè ris an canadh iad an Eachlair Amhlair, agus cha bhiodh i daonnan ach a' dèanamh chronan. 'S ann mar sin a bhiodh i a' falbh air feadh àiteachan. Agus dh'fhaighneachd i dhen... dhen bhan-righinn dè mar a bha i fhèin 's an rìgh... an rìgh a' faighinn air aghaidh. 'S ò thuirt a' bhan-righinn gun robh... gun robh iadsan a' faighinn air aghaidh glè mhath.

"Tha mi cinnteach," ars ise, "nach do dh'innis e dhut," ars ise, "gun robh e pòsta reimhid."

"Ò cha do dh'innis," ars a' bhan-righinn, ars ise.

"An-tà, tha e pòsta," ars ise, "agus tha gille aige," ars ise, "agus tha e ann an grianan àlainn an aona chraoibh far am faic e a h-uile duine agus far nach fhaic duine e. Agus... agus ban-s-... boireannach ann a shin," ars ise, "a' toirt an aire dha, agus nì i feum ban-sgoileir nuair a thig e gu ìre sgoile."

Uill, cha robh air seothach ach seo fhèin co-dhiù. Agus:

"Cha bhi," ars an Eachlair Amhlair," ars ise, "a' bheag agadsa idir," ars ise, "dhen àite airson a' ghille," ars ise, "eadar a h-uile sìon a bhios ann," ars ise.

Agus... ach co-dhiù seothach:

"Ach," ars ise, "nuair thig e... nuair a thig e a-nochd," ars ise, "theirig thusa dhan leabaidh," ars ise, "agus cuiridh tu balgam fìon na do bheul," ars ise, "de dh'fhìon dearg," ars ise. "Agus," ars ise, "nuair a thig e a-nuas," ars ise, "a dh'fhaighneachd gu dè... dè tha ceàrr ort," ars ise, "cuir a-mach às do bheul e."

Agus 's ann mar seothach a bha co-dhiù. Dh'fhalbh an Eachlair Amhlair. Agus chunnacas an seothach an rìgh a' tighinn às a' bheinn-sheilg. Agus dh'innseadh dhìse, agus dh'fhalbh i 's thug i an leabaidh oirre, a' bhan-righinn. Agus thugadh dhi am fìon dearg a bha seo, agus nuair a thàinig e a-staigh an seothach 's a chuala i gun tàinig e a-staigh dhachaigh, dh'fhalbh i 's chuir i am fìon dearg na beul. Lìon i a beul le fìon dearg. Agus dh'fhaighneachd esan sa mhionaid nuair a thàinig e:

"Cà 'il a' bhan-righinn?"

Agus thuirt iad gun robh i air a dhol dhan leabaidh, gun robh i bochd. Dh'fhalbh e 's ghabh e suas agus chaidh e a-staigh dhan rùm aice, 's nuair a chaidh e a-staigh, spùt i a-mach am fìon dearg a bha siud.

"Och, och, mo chreach," ars esan. "Loisg càl teth mise reimhid," ars esan, "agus chuir e mu chuairt."

"Cà 'il thu a' dol?" ars ise.

"Tha mi," ars esan, "a' dol a dh'iarraidh fear-sgileach air choreigin," ars esan. "Fhuair mi," arsa mise... "fhuair mi," ars esan, "mo losgadh reimhid leis a sin," ars esan.

"An-tà," ars ise, "cha leig thu leas," ars ise. "Tha de luchd-sgil agad... tha de luchd-sgil agad fhèin," ars ise.

"Dè seo?" ars esan.

"Nach robh... cha do dh'innis thu dhòmhsa," ars ise, "gun robh thu pòsta reimhid idir," ars ise, "agus gun robh gille agad," ars ise, "ann an grianan àlainn an aona chraoibh far am faiceadh e a h-uile duine 's far nach fhaiceadh duine e, agus boireannach a' toirt an aire dha agus gun dèanadh i feum ban-sgoileir dha nuair a thigeadh e gu ìre sgoile."

Cha robh air a seothach ach seo fhèin co-dhiù.

"An-tà," ars esan, "mollachd dhutsa," ars esan... "beannachd dhutsa," ars esan, "agus mollachd do bheul d' ionnsaiche," ars esan. "Bheir mise," ars esan, "seachad... bheir mise," ars esan, "dhachaigh an gille," ars esan.

Agus co-dhiù, thugadh dhachaigh an gille treis às a dhèidh sin. Agus 's e an cosnadh a fhuair e a bhith a' buachailleachd. Agus bhiodh e a' falbh le beothaichean sa mhadainn agus bhiodh e air falbh leotha fad an latha air feadh na beinne an sin agus gu beul na h-oidhche gus an cuireadh e dhachaigh iad. Agus cha robh e a' faighinn dhan sgoil idir.

An latha a bh' ann a sheothach co-dhiù, bha e aig na beothaichean, agus thug e sùil agus chunnaic e an tarbh a bha seo a-nall, a-nall bho na beothaichean agus e a' dèanamh dìreach air an rathad air an robh esan. Agus dh'fhalbh e agus nuair a bha e a' teannadh a-nall ris chuir e an cù ann.

"Caisg an cù," ars an tarbh, ars esan.

Agus chaisg an gille an cù, agus thàinig an tarbh a-nall agus:

"Seadh," ars esan, "chan eil thu a' faighinn dhan sgoil idir," ars esan.

"Ò chan eil," ars an gille.

"'S a bheil leabhraichean agad?" ars esan.

"Ò tha," ars an gille, "leabhraichean sgoile agam," ars esan, "ach tha iad a-staigh."

"Uill," ars esan, "bheir thusa leat na leabhraichean a-màireach," ars esan, "agus thig thu ann a sheo," ars esan, "agus gabhaidh mise," ars esan, "charge a' ghnothaich," ars esan, "gus an tig thu às an sgoil e am beul feasgair," ars esan. "Thèid thu dhan sgoil."

Uill, 's ann mar seothach a bha co-dhiù. Thàinig iad... làrna-mhàireach, thàinig an gille. Thug e leis na leabhraichean, agus chan fhaca càch e no sìon e gan toirt air falbh, ach thug e leis gun fhiosta iad co-dhiù, 's dh'fhalbh e leis na beothaichean. 'S nuair a ràinig e a-mach far an robh e a' buachailleachd reimhid thachair an tarbh ris.

"Thalla thusa a-nist," ars esan, "agus cha... cha bheud [?dhaibh] seo," ars esan, "gus an tig thu," ars esan. "Cumaidh mise sùil air na beothaichean," ars esan, "agus cha leig mi gin aca gu ruige call no taobh sam bith," ars esan. "Cha leig mi air falbh gin aca," ars esan, "agus, theirig thusa dhan sgoil, agus tadhlaidh tu ann a sheo," ars esan, "nuair a thig thu," ars esan, "agus cha bhi fhios acasan [???]."

Uill, 's ann mar seothach a bha co-dhiù. Dh'fhalbh an gille 's chaidh e dhan sgoil. Agus bha an tarbh, cha robh e ach... ma bha beothach a' dol an rathad ud no an rathad ud eile nach robh ceart, cha robh e ach a' dol romhpa 's gan tilleadh mu chuairt an taobh anns an tàinig iad. Agus bha e ann a shin. Agus thàinig an gille an seothach aig àm na sgoile.

"Seadh," ars an tarbh, ars esan, "dè mar a chaidh dhut an-diugh?" ars esan.

"Ò chaidh glè mhath," ars esan. "Bha mi glè thoilichte an-diugh," ars esan, "an lùib nan sgoilearan," ars esan. "Dè mar," ars esan, "a chaidh dhuibhse?" ars esan.

"Ò chaidh," ars an tarbh, "cha tuig iad [?bodradh] sam bith dhòmhsa. [???] diofar sam bith agamsa," ars esan.

Uill, bha e a-nist treis ann a sheothach, ag obair air an obair a bha sineach. Agus gu dè rinneadh an seothach ach fhuaradh a-mach gun robh e a' dol... gun robh e anns an sgoil a h-uile latha. Agus bha e a-nist a' cur neònachas air athair gu dè rathad a bh' aige air a bhith anns an sgoil a h-uile latha agus e a' buachailleachd, agus nach robh sìon ag èirigh ceàrr do shìon. Agus chuireadh an seothach fear-faire air falbh às... làrna-mhàireach às a dhèidh, feuch cò bha a' coimhead ri na beothaichean. Agus thugadh a-nist an aire gur e an tarbh, gur e bha gan tilleadh thall 's a-bhos ma bha iad a' dol taobh sam bith nach robh còir aca a dhol ann. Agus thàinig e 's dh'innis e dhan rìgh e.

"Ò seadh," ars esan, "cha bhi sinn fada a' cur crìoch air an [???] tha seo," ars esan.

Agus làrna-an-earar an seothach chaidh iad a-mach.

"A-nist," ars an tarbh, ars esan, "tha iad a' dol a dh'fheuchainn ri crìoch a chur ormsa," ars esan, "a chionn," ars esan, "a bhith gad leigeil dhan sgoil," ars esan, "ach cha dèan iad [?pait] air," ars esan. "Ach," ars esan, "feuch am faigh thusa," ars esan, "cho goirid dhòmhsa," ars esan, "agus as urrainn dhut," ars esan, "agus gum faigheadh tu grèim air adhairc orm," ars esan. "Chuireadh iad," ars esan, "brath an uair sin a-staigh chun na ban-righinn," ars esan, "i thighinn a-mach 's gum faiceadh i an gnìomh a bha mac an rìgh air a dhèanamh. Agus ma thig ise a-mach," ars esan, "ma gheibh i a-staigh 's e... tha dìol aice."

Uill, làrna-mhàireach air a sin, chuir... chruinnich... chruinnich mòran dhaoine agus coin, agus thòisicheadh air caimhleachadh an tairbh. Ach bha an tarbh a' dol seachad 's bha e a' dol seachad orra 's ga... feadhainn aca a' leum fo chasan. Agus bha iad a' feuchainn ri a chur a-staigh dhan bhàthaich a bh' ann airson a mharbhadh. Agus dh'fhalbh esan agus bha e mu chùl na pàileis, agus thug e an aire dhan tarbh a' tighinn agus dh'fhalbh e agus thug e cruinn-leum agus rug e air adhairc air, agus chroch e e fhèin ris a... ris a... ceann an tairbh.

Agus chuireadh brath a-staigh chun na ban-righinn gum faiceadh i... i thighinn a-mach 's gum faiceadh i an gnìomh a bha mac an rìgh air a dhèanamh nuair a dh'fhaillich... nach robh duine an siud a rinn a leithid ach e fhèin.

Agus thàinig i a-mach, agus bha ise a-nist air tighinn a-nall mar seothach, agus bha esan a' tighinn an taobh eile às a dèidh. Agus nuair a bha e dìreach a' dol seachad oirre chuir e an adhairc a bha clìor aige, chuir e dìreach [???] 's chaith e fada bhuaithe i. Agus dh'fhalbh e an uair sin agus thug e aghaidh air a' bheinn.

Agus... uill, lean iad pìos e, 's thill iad. Agus [?leigeadh cead leis]. Agus lean esan roimhe agus bha grèim aige, an gille, air an adhairc mar a bha e riamh. Agus thuirt e ris a' ghille:

"Thig thusa... thig thusa air mo mhuin," ars esan. "Tha thu air toirt fairis an sin," ars esan.

Agus chuir an tarbh, chuir e an gille air a mhuin. Agus lean iad romhpa 's ràinig iad blianag bhrèagha chothrom a bha sineach agus thuirt an tarbh ris:

"Siuthad a-nist," ars esan, "thig a-nuas," ars esan, "agus marbhaidh tu mise," ars esan.

"Ò cha mharbh," ars an gille, "mise idir thu," ars esan.

"Ò marbhaidh," ars an tarbh, ars esan. "Chan eil mi gu sìon a dh'fheum dhut tuilleadh," ars esan, "ach nì mi feum dhut," ars esan, "fhathast," ars esan, "ma mharbhas tusa mise," ars esan.

Agus ò bha an gille, cha robh e air a shon idir, agus mu dheireadh thòisich e air 's bha na deòir a' tighinn às na sùilean aige. Agus:

"Nuair a mharbhas tu mise," ars esan, "feuchaidh tu am broilean agam," ars esan. "Agus," ars esan, "gheibh thu feadan," ars esan, "anns a' bhroilean agam," ars esan, "agus bheir às am feadan," ars esan, "agus glan e," ars esan, "agus cùm e," ars esan, "agus chan eil sìon a bhios a' cur dragh ort," ars esan, "tilg thuige am feadan," ars esan, "'s bidh mise na àite."

Uill, 's ann mar seothach a bha. Rinn an gille... mharbh e e co-dhiù, agus bha e ag obair air caoineadh. Agus thug e am br-... thug e... dh'fheuch e am broilean aige agus fhuair e am feadan mar a bha an tarbh ag ràdh ris, agus ribig e 's ghlan e am feadan agus thug e leis e agus dh'fheuch e e, 's bha ceòl anns an fheadan.

Agus dh'fhalbh e a-nist agus thug e aghaidh air... air... air a' bhaile. Cha robh e a' dol a thilleadh dhachaigh idir. Agus thug e aghaidh air a' bhaile. Agus ràinig e baile a bh' ann a sheothach agus bha taigh beag iomallach a-mach ann a shineach ann an iomall a' bhaile. Agus thuirt e na inntinn fhèin:

"Thèid mi chun an taigh... chun an taighe a tha seo."

Agus rinn e sin. Chaidh e agus bhuail e an doras, agus thàinig boireannach chun an dorais, 's dh'iarr i air tighinn a-staigh. Thàinig e a-staigh. Dh'fhaighneachd i cò às a bha e air tighinn. 'S dh'innis e gur ann às a leithid seo a dh'àite a bha e air tighinn. Agus:

"Dè," ars ise... "an ann ag iarraidh obrach a tha thu?" ars ise.

"Ò 's ann," ars esan, "ag iarraidh obrach a tha mi," ars esan.

"An-tà, slàn na dè fhèin orm fhìn," ars ise. "Tha," ars ise, "dh'fhalbh," ars ise, "an seirbheiseach bhuam," ars ise, "an-dè," ars ise, "agus cha d' fhuair mi," ars ise, "teansa air duine fhathast," ars ise, "agus b' fheàrr leam," ars ise, "gum fastaidheadh tu agam airson nan gobhar. Bhiodh e a' dol leis na gobhair dhan bheinn," ars ise, "'s gan toirt às," ars ise. "Agus 's iad," ars ise, "a tha cumail bainne rium ann a sheo," ars ise.

Agus:

"Ò nì mise sin," ars esan. "'S dòcha gum faiceadh... gun dèan e mo shùilean dhomh," ars e, "gu dè seòrsa àite a th' ann," ars esan, "no gu dè nì mi," ars esan.

Agus dh'fhastaidh e aig a' chaillich.

Agus làrna-mhàireach co-dhiù chruinnich ise na gobhair agus chuir i air a bheulaibh iad, na bh' ann a ghobhair. Bha aon trì fichead gobhar ann. Agus:

"Nist," ars ise, "air na chunna tu riamh," ars ise, "tha trì fuamhairean," ars ise, "air an rathad a tha seo," ars ise, "agus am mà-... agus am màthair," ars ise, "agus air na chunna tu riamh," ars ise, "na tèid faisge an àite aca," ars ise, "no," ars ise, "math dh'fhaodte gun caillear thu fhèin agus na gobhair," ars ise.

Agus:

"Ò gu dearbh fhèin e, cha tèid," ars esan. "Tha e faisg gu leòr dhòmhsa," ars esan, "far a bheil iad."

Dh'fhalbh e co-dhiù leis na gobhair, agus ràinig e... thug e an aire dhan phàileis a bha seothach co-dhiù, agus chùm e oirre agus ràinig e a' phàileas. Agus bha gàrradh a sheothach agus craobh anns a' mheadhan aige, agus e làn de mheasan, an gàrradh, agus bha grunn ghobhar ann. Agus dh'fhalbh e agus leag e beàrn anns a' ghàrradh agus chuir e a-staigh na gobhair aige fhèin còmhla riutha. Agus cha b' fhada seo gus an cuala e:

"Air fith fath fuathagaich air barraibh an albhagaich, 's fhada bha mo chorp air feadh ga meirgeadh 's toll a' feitheamh air grèim dhe d' fheòil agus balgam dhe d' fhuil, a mhic an Albannaich," ars esan.

"An-tà, dà thrian dhe d' eagal ort fhèin," arsa... ars esan, "agus trian ormsa, 's chan eil fhios a'm carson a bhiodh an trian sin fhèin orm."

Agus bha e ann am mullach na craoibhe agus e ag obair air seinn an fheadain. Ghabh am fuamhaire a-nuas agus ràinig e 's thàinig e a-staigh dhan ghàrradh agus bha... bha e a' cur na talmhainn air chrith, agus ghabh e... thuirt e ris:

"Siuthad," ars esan, "a-nuas às a sin thu," ars esan.

Agus:

"Seo," ars am fuamhaire [sic], ars esan. "Beir... beir air seo dhomh," ars esan.

"Caith orm e," ars am fuamhaire, ars esan.

Dh'fhalbh e 's thilg e sìos am feadan 's bha an t-òganach a bha sin air a bheulaibh. Am bad a chèile a ghabh e fhèin agus am fuamhaire, agus bha am fuamhaire a' toirt fead math air, ach ann an ceann greise an seothach fhuair e clìoras am fuamhaire agus leum e na e tharbh, agus chuireadh an adhairc ann an corp an fhuamhaire agus bhuaileadh ris an talamh e.

"Ò am bàs os do chionn, a bhèist," ars esan, "gu dè d' èirig?" ars esan.

"Ò 's iomadh rud sin," ars esan, "a tha na èirig dhomh," ars esan. "Tha... ach gheibh thu... gheibh thusa," ars esan, "a h-uile sìon dhen t-saoghal riamh," ars esan, "ach leig leamsa mo bheatha."

Agus:

"Siuthad, innis dhòmhsa gu dè rud a th' ann," ars esan.

"Tha," ars esan, "sgàthan agam," ars esan, "agus nuair a nigheas mi m' aodann," ars esan, "'s a sheallas mi ann," ars esan, "bidh fiamh an òir," ars esan, "far an dàrna taobh dhe m' aodann agus tha fiamh an airgid far an taoibh eile," ars esan. "Agus tha cìr agam," ars esan, "agus nuair a chìreas mi mo cheann," ars esan, "tha... tha mo cheann air an aon dòigh," ars esan. "Bidh fiamh an òir far an dàrna taobh dhen cheann agam," ars esan, "agus fiamh an airgid far an taoibh eile," ars esan. "'S tha fàlairidh agam," ars esan, "cho math 's a tha san àite," ars esan, "agus," ars esan, "tha deise agam," ars esan, "'s nì i an gnothach a dhuine sam bith a dh'fheuchas air i. Agus tha iomadach rud eile agam. Tha de dh'òr 's de dh'airgead," ars esan, "agam," ars esan, "nach ruig mi leas a dhol ga innse," ars esan. "Ach chan eil sìon dheth," ars esan, "nach fhaigh thusa," ars esan, "share dheth," ars esan, "ach a leig leamsa mo bheatha."

"Thalla," ars an tarbh, "bidh sin agam agus do bheatha," ars esan.

Agus dh'fhàisgeadh ris a' chnoc e leis an adhairc, agus thugadh an diog às an fhuamhaire.

Uill, dh'fhalbh e an uair sin agus chaidh e sìos chun na pàileis aig an fhuamhaire, agus sheall e air a feadh agus bha an fhàlairidh ann, 's bha h-uile sìon a thuirt am fuamhaire, bha e ann. Agus thug e biadh dhan fhàlairidh agus ghlas e suas an t-àite agus dh'fhalbh e 's thill e air ais chun a' ghàrraidh 's chuir e a-mach na gobhair, agus bha fichead gobhar eile aige a bharrachd 's a bh' aige a' tighinn, agus tharraing e air taigh na caillich.

"A Dhia," ars ise, "cha chreid mi fhìn nach eil," ars ise, "barrachd de ghobhair agad," ars ise.

"Ò tha," ars esan, "feadhainn ann," ars esan. "Chan eil fhios a'm gu dè th' ann," ars esan, "ach tha beag an-asgaidh agamsa dhiubh," ars esan. "Tha mi air toirt fairis," ars esan, "toirt fairis," ars esan, "o mhochthrath," ars esan, "air feadh sgarbaich de chr-... de chlachan," ars esan, "'s de... àiteachan," ars esan, "far an robh mi a' guidhe, ga... ga... dol air fheadh," ars esan, "nach robh iad a' faighinn às."

Agus... ò fhuair e a bhiadh 's fhuair e... agus thuirt a' chailleach ris gum b' fheàrr dha dhol agus e fhèin a rest-adh. 'S rinn e sin, 's chaidh a' chailleach 's bhleoghain i na gobhair, feadhainn aca, agus bha an uair ud bainne aice a-nochd a bharrachd. Agus:

"Ò," ars ise, "'s ann a dh'fheumas mise," ars ise, "a dhol far bheil an saor," ars ise, "feuch an dèan e tuilleadh chuman dhomh," ars ise. "Tha mòran bainne," ars ise, "an seo," ars ise.

Cha robh air seothach ach seo fhèin co-dhiù. Chaidh iad a chadal, agus an làrna-mhàireach an seo, nuair a fhuair e a bhracaist, sgioblaich e leis na gobhair agus dh'fhalbh e. Agus ràinig e taigh an fhuamhaire a bha seothach, agus thug e an aire dhan chaisteal eile pìos air falbh bhuaithe, agus ghabh e seachad air an fhear seo an-diugh agus ràinig e fear eile. Agus chuir e... chaidh e chun a' ghàrraidh agus chuir e a dhruim ris a' ghàrradh, agus chuireadh... leagadh beàrn ann a shin agus chàireadh a-staigh a h-uile gin dhe na gobhair ann a shin. Agus bha dhà no trì de ghobhair eile ann roimhe. Agus cha b' fhada seo gus an cuala e ag èigheach:

"Air fith fath fuathagaich air barraibh an albhagaich, 's fhada bha mo chorp air feadh ga meirgeadh 's toll a' feitheamh air grèim dhe d' fheòil 's air balgam dhe d' fhuil, a mhic an Albannaich," ars esan. "Ach," ars esan, "bheir mise ort," ars esan, "an-ceartuair," ars esan, "nach bi agad ach gigean air gach goigean dhìot," ars esan.

Agus ghabh e a-nuas, agus an talamh a' dol air chrith. Agus bha esan shuas. Bha e air a dhol dhan chraoibh shuas agus e ag obair air seinn an fheadain. Agus ràinig e seo suas a' chraobh agus thuirt e ris a... thuirt e ris-san:

"Thig a-nuas às a sin," ars esan.

"Seo," ars... ars esan, "beir air seo dhomh," ars esan.

"Tilg orm e," ars am fuamhaire, ars esan.

Thilg e sìos am feadan agus bha an t-òganach a bha sin air a bheulaibh. Agus am bad a chèile a ghabh iad, agus cha robh iad fad sam bith ag obair nuair a leum esan na tharbh. Agus bha... an Dia, bha... bha am fuamhaire a' toirt teas dha ged a bha e na tharbh fhèin. Agus... ach mu dheireadh fhuair e grèim air an adhairc a chur anns a' mhionach aige, agus a bhualadh ris a' chnoc. Agus:

"Am bàs os do chionn, a bhèist," ars esan, "gu dè d' èirig?" ars esan.

"An-tà, 's iomadh rud sin a th' agam na èirig," ars esan. "Ach chan eil sìon a th' agam," ars esan, "nach fhaigh thu," ars esan, "ach... ach," ars esan, "leig... leig leam mo bheatha."

"Seadh. Dè... innis dhòmhsa dè th' ag-... dè th' agad," ars esan.

Dh'innis e gun robh a leithid aige 's bha a leithid aige de... sgàthan aige agus... anns am faiceadh tu fiamh an òir 's fiamh an airgid às d' aodann, agus bha cìr aige, agus nuair a chìreadh e a cheann agus... gu dè nach robh aige. 'S bha drongan aige dè dh'airgead 's de dh'òr, agus gheibheadh e... bha fàlairidh aige, 's gheibheadh e h-uile sìon dheth sineach, ach a bheatha a leigeil leis.

"Thalla," ars esan, "bidh sin agam agus do bheatha," ars esan.

Uill, mharbh e e ann a shin. Chuir e an adhairc tron... tron talamh 's troimhe, agus mharbh e am fuamhaire agus dh'fhàg e ann a shin e.

"Thalla a-nist. Thig a-nist a-nuas," ars esan, "ach gabh cùram," ars esan, "dhen a h-uile sìon a tha siud," ars esan, "'s thig iad f-... thig iad feumail fhathast," ars esan.

Uill, thàinig... thàinig e a-nuas, agus bha am feadan roimhe ann a shiud. Agus thog e am feadan 's ribig e e 's chuir e na phòca e. Agus dh'fhalbh e sìos agus chaidh e... ràinig e pàileas an fhuamhaire, agus ghlan 's nigh e e fhèin 's chuir e e fhèin air dòigh, 's neo-ar-thaing nach robh e topail a-nist, agus thugadh a-mach an fhàlairidh... an fhàlairidh agus thugadh biadh dhi agus dh'fhalbh e leatha. Leum e air muin na fàlairidh 's dh'fhalbh e leatha.

Agus chuir e cuairt air an àite, agus mar a chuir e cuairt air gach àite chuir e cuairt air a' bhaile aca fhèin. Agus bha nighean an rìgh a-muigh, agus thug i an aire dha. Agus ò m' eudail Dia, 's dh'fheumadh ise am fear ud fhaighinn. Dh'fheumadh ise grèim fhaighinn air, agus 's ann a chuir i brath air feadh an àite gum biodh cruinneachadh aca a-nochd aig... aig a h-uile fireannach a leithid seo a dh'àite feuch am faiceadh i e.

Thill e co-dhiù an uair sin. Thill e sìos agus tha... ràinig e sìos a' phàileas agus ghlas e suas a' phàileas, 's chuir e air dòigh a h-uile sìon, 's chuir e a-staigh an fhàlairidh, 's thug e botal fìon 's buileann cruithneachd dhi 's dh'fhàg e a-staigh ann a shineach i. 'S ghlas e suas an t-àite agus dh'fhalbh e an uair sin dhan ghàrradh agus thill e dhachaigh... thill e... chuir e a-mach na gobhair, agus bha aon fhichead gobhar eile aige a bharrachd an oidhche sin a' tighinn a-mach, agus thug e leis dhachaigh iad. Agus:

"Ò Dhia," ars a' chailleach," ars ise, "tha eagal orm," ars ise, "gu bheil thu," ars ise, "a' dol an lùib nam fuamhairean," ars ise.

"An e mise?" ars esan. "An-tà, 's mise a Dhia nach eil sin," ars esan. "Tha e teann gu leòr leamsa," ars esan, "far a bheil iad," ars esan, "ge nach ra-..."

[Stad sa chlàradh an seo agus an teip air teireachdainn.]

Uill, chaidh e fhèin agus a' chailleach a bhleoghan nan gobhar, agus...

"Ach," ars ise, "an cuala thu," ars ise, "an naidheachd a tha a' dol?"

"Cha chuala," ars esan. "Dè an naidheachd a th' ann?" ars esan.

"Tha," ars esan, "a h-uile," ars ise, "a h-uile fireannach a tha san àite," ars ise, "gus cruinn aig... aig nighean an rìgh a-nochd," ars ise, "pàrtaidh aca," ars ise, "feuch am faic i," ars ise, "am fear a chaidh tron àite a bha seothach an-diugh," ars ise. "Agus tha i," ars ise, "airson grèim fhaighinn air mas urrainn dhi idir."

"Aidh," ars esan.

"Agus 's fheàrr dhut," ars ise, "a dhol ann."

"An-tà," ars esan, "'s esan... 's ise bhios treis mar sin," ars esan. "Tha mise seachd sgìth o mhochthrath," ars esan, "a' sreap chreagan 's chlachan 's àiteachan an siud a' faighinn feadhainn dhe na gobhair agadsa," ars esan, "an siud 's an seo," ars esan, "ged nach bithinn," ars esan, "a' falbh," ars esan, "a-nochd," ars esan.

Agus:

"Hod," ars a' cha-... ars am boireannach, ars ise, "thèid thu ann."

"Cha tèid mi idir ann," ars esan. "Chan eil mi a' dol ann idir," ars esan. "Tha mi a' dol a ghabhail mo shuipear," ars esan, "'s a' dol a dh'fhalbh a chadal."

'S ann mar seo a bha co-dhiù. Cha deach e idir ann. Agus chruinnich a h-uile duine de dh'fhireannaich a bha san àite, chruinnich iad dhan àite a bh' ann a sheothach. Agus bha nighean an rìgh ann 's bha i a' cur cuairt air a h-uile duine riamh dhiubh, 's chan fhaca i duine a choltaich i idir ris.

Uill, làrna-mhàireach an seo dh'èirich e 's... agus bha... fhuair e e fhèin deiseil co-dhiù agus dh'fhalbh e leis na gobhair. Agus an latha a bha sineach co-dhiù ghabh e seachad air an dà fhuamhaire eile agus ràinig e an treas fear. Agus rinneadh a leithid eile air an fhear sin agus a rinneadh air càch, agus... agus chuireadh crìoch air, agus fhuair e a h-uile sìon a bha... bha sa phàileis. Agus cha robh aig an fhear sin ach car de rudan a bh' aig feadhainn... bh' aig càch. Agus bha an fhàlairidh aige co-dhiù, agus nuair a fhuair e a h-uile sìon air dòigh thug e a-mach an fhàlairidh 's thug e botal fìon 's buileann cruithneachd dhi agus chìr e le calg 's an aghaidh a cuilg i, agus dh'fhalbh e leatha.

Agus... uill, rinn e an-dè... rinn e an-diugh, chaidh e tron bhaile aca fhèin suas fad an t-siubhail. Agus bha nighean an rìgh a' gabhail stoc, agus tha... thuirt i... cha robh ach ò dh'fheumadh i... dh'fheumadh i fhaighinn co-dhiù ge brith cò bh' ann.

Agus dh'fhalbh esan 's chaidh e dhachaigh agus ràinig e leis na gobhair agus... taigh na caillich, agus chuireadh a-staigh na gobhair 's bhleoghaineadh iad 's chuireadh air dòigh a h-uile sìon. Agus thuirt a' chailleach ris gun robh cruinneachadh eile gus a bhith a-nochd an siud air ais, nach d' fhuair nighean an rìgh, nach fhaca i sealladh air an fhear a bh' ann, agus gum b' fheàrr dha a dhol ann.

"Ah 's esan... 's ise bhios treis mar sin," ars esan, "mun tèid mise ann," ars esan. "Tha mi seachd sgìth o mhochthrath," ars esan, "a' sgrìobadh cr-... a' sreap chreag," ars esan, "'s a' sreap sgealbachan," ars esan, "a' cur às feadhainn dhe na gobhair agadsa," ars esan, "ged nach fhalbhainn an-dràsta," ars esan, "an sin," ars esan, "agus tha mi riatanach air rest," ars esan, "agus tha mi a' dol a dh'fhalbh dhan leabaidh."

Uill, 's e seo an rud a rinn e co-dhiù. Nuair a fhuair e air dòigh co-dhiù thug e an leabaidh air.

Làrna-mhàireach dh'èirich e agus dh'fhalbh e. Thug e leis na gobhair 's dh'fhalbh e. Agus ràinig e na trì pàileasan a bh' aig na fuamhairean, agus chaidh e seachad chun na ceathramh tè. Agus chaidh e... chuir e... leag e an gàrradh an sineach agus chuir e a-staigh na gobhair, agus chaidh e gu ruige craobh a bha sa ghàrradh agus thòisich e ri seinn an fheadain. Agus cha robh e fad sam bith a' seinn an fheadain an sin nuair a chuala e:

"Air fith fath fuathagaich air barraibh an albhagaich, 's fhurasta aithneachadh gur ann a' suirghe 's a' seiceineach," ars ise, "a tha mo chuid mac-sa," ars ise, "nuair a thàinig thusa," ars ise, "le do chuid ghobhar," ars ise, "gu ruige mo ghàrradh-sa," ars ise. "Ach nuair a ruigeas mise thu," ars ise, "cha bhi agad ach gigean air gach goigean dhìot," ars ise.

Agus a-nuas a ghabh a' chailleach, agus fear... bha... bha bata aige [sic] 's bha e a' dèanamh an rathaid dhi, 's bha fear eile aice 's bha e a' dèanamh solas dhi. Agus co-dhiù seothach thàinig i. Agus:

"Siuthad," ars ise, "a-nuas às a sin," ars ise.

Agus:

"Seo," ars esan, "beir air seo orm," ars esan.

Agus:

"Tilg orm e," ars ise.

Dh'fhalbh e 's thilg e sìos am feadan agus bha an tarbh a bha sin air a beulaibh. 'S am bad a chèile a ghabh i fhèin 's an tarbh. Agus an Dia, bha e seothach... bha i... an tarbh ga [?h-iomain] gu làidir, agus uair dhe na h-uairean an seothach:

"Ha-ha-haram," ars ise.

Chuir e aiste tè dhe na fiaclan, agus... am fiacail a bhiodh a' dèanamh an rathaid. Agus:

"Tha mi," ars ise, "air tacsa a chall an siud," ars ise.

Agus mu dheireadh o thè gu tè gus an do dh'fhàg e ann a shiud i.

"Siuthad," ars esan, "am bàs os do chionn, a bhèist," ars esan, "gu dè d' èirig?" ars esan.

"Ò," ars ise, "'s iomadh rud sin," ars ise. "Tha a h-uile seòrsa," ars ise, "a dh'fheumadh àite agam," ars ise. "Ach," ars ise, "chan eil sìon dheth," ars ise, "nach fhaigh thusa," ars ise, "ach leig leamsa," ars ise, "leig leamsa mo bheatha."

"Nì mi sin," ars esan, "agus bidh sin agam," ars esan, "agus do bheatha," ars esan.

Agus 's e seo an rud a rinn e. Mharbh e a' chailleach. Agus:

"Seo a-nist," ars esan, "thig a-nuas às a sineach," ars esan, "agus gabh cùram dheth sin," ars esan, "agus tha sin agad," ars esan, "a chumas beò... glè mhath thu gu bràth," ars esan, "agus bheir an aire dha," ars esan, "agus chan eil èiginn anns am bi thu," ars esan, "ach glèidh am feadan," ars esan... "anns am bi thu," ars esan, "ach caith am feadan," ars esan, "agus bidh mise na àite," ars esan.

Uill, thàinig e a-nuas. Chuir iad air dòigh a h-uile sìon. Agus bha latha brèagha ann, uabhasach fhèin brèagha, agus chaidh e sìos chun na pàileis agus thug e a-mach an fhàlairidh a bh' aig a' chaillich, agus chìr e le calg agus an aghaidh a cuilg i, agus thugadh dhi botal fìon agus buileann cruithneachd, agus dh'fhalbh e leatha.

Agus mar a dh'fhalbh e 's... mar a chaidh e timcheall gach àite ghabh e an route a b' àbhaist dha a ghabhail timcheall a' bhaile aca fhèin agus pàileas an rìgh 's na h-àiteachan sin. Agus dè bh' ann ach latha uabhasach teth, agus bha broilleach na lèine aige fosgailte mar seo, 's i cho teth leis a' ghrèin. Agus bha nighean an rìgh a-muigh. Agus bha ball-dòbhrain air ann a sheo fon chìch dheis, agus spot i e.

Agus dh'fhalbh esan co-dhiù 's chùm e roimhe, agus chaidh e sìos. Agus, 's e oidhche Shathairne a bha e ri bhith ann, agus chaidh e sìos chun na pàileis aig a' chaillich agus ghlasadh suas a h-uile sìon. Agus chuireadh a-staigh an fhàlairidh 's chìreadh le calg 's an aghaidh a cuilg 's thugadh dhi botal fìon 's buileann cruithneachd, agus chuireadh a-staigh i agus ghlas e suas a' phàileas agus dh'fhalbh e.

Agus dh'fhalbh e leis... chùm e air an taigh dhachaigh agus na caoraich... na go-... na gobhair aige, agus bha feadhainn a bharrachd ann seach mar a bha reimhid ann, agus thug e dhachaigh iad. Agus thòisich e fhèin 's a' chailleach ri... rim bleoghan.

Agus cò thàinig ach nighean an rìgh agus bha aigesan ri sioftadh a-nist. Agus an dèis am bleoghan co-dhiù chaidh esan a shioftadh aodaich. Agus bha nighean an rìgh bha i ann. Agus co-dhiù seothach chaidh e suas, agus gu dè... dè rinn ise ach a dhol a phiobadh air, nighean an rìgh. Tha e coltach gun robh i air barail... amharas air choreigin a ghabhail air, agus thug i an aire dhan bhall-dòbhrain a bh' ann a sheo. Cha do rinn i ach an doras fhosgladh agus:

"'S tusa," ars ise, "mo dhuine-sa," ars ise.

"Mise?" ars esan.

"Seadh," ars ise, "dìreach thusa," ars ise. "Tha thu air triogachan gu leòr a thoirt asam," ars ise, "ach cha toir thu an còrr," ars ise. "Seall do mharc ort," ars ise. "Chunna mise siud an-diugh," ars ise, "'s do bhroilleach fosgailte," ars ise. "'S tusa an duine," ars ise, "'s feumaidh tu mise a phòsadh."

Uill, cha robh aige ri tighinn às. Bha am marc air, 's bha am marc [?aicese].

Agus co-dhiù seothach, bha e aig a' chaillich 's bhiodh e a' coimhead ri... còmhla ri nighean an rìgh 's... agus rinn iad airson pòsadh. Agus phòs iad an seo, e fhèin agus nighean an rìgh. Agus nuair a phòs iad an sin 's a fhuaras gnothaichean air dòigh, thòisich iad air tarraing às na pàileasan aig na fuamhairean, a h-uile seòrsa a bh' ann. Agus thòisich iad air togail pàileas eile agus cha dèanadh... dèanadh am pàileas a bh' aig a h-athair, cha dèanadh i bothag chearc dhi, an tè a thog iadsan.

Agus chaidh e fhèin agus a bhean - agus chan eil fhios a'm a-nist an deach an rìgh fhèin ann - ach chaidh e fhèin 's a bhean, nighean an rìgh, chaidh iad dhan phàileis ùir.

Agus dh'fhàg mise ann a shin iad nuair a fhuair mi fhìn cead, agus chan eil fhios a'm cò fhuair a' chailleach a bhuachailleachd na gobhair.

Agus sin agad mar a chuala mise eachdraidh an duine sin.

Source Type

Reel to reel

Audio Quality

Fair