Search

Fiosrachadh mu dheidhinn obair na beairt.

Date 03 December 1981
Track ID 50599
Part 1

Track Information

Original Track ID

SA1981.080

Original Tape ID

SA1981.080

Summary

Information about weaving.

The contributor provides detailed information about the loom he operated, giving the names for different parts and explaining how it worked. Information about making homespun Highland cloth.

Recording Location

County - Midlothian

Parish - Edinburgh

Village/Place - Edinburgh

Language

Gaelic

Genre

Information

Collection

SoSS

Transcription

Iain Peatarsan (IP): Agus a-nise, tha, nuair a bhiodh iad a' cur air dòigh airson clò a dhèanamh an Leòdhas, ciamar... an robh beart-deilbh aca airson... an toiseach...?

Fionnlagh MacIllEathain (FM): Bha, air a' bhalla. Bacan air a' bhalla. Ach... nise, mar a bha mise fad mo bheatha, 's ann a' dealbh air beart-deilbh, air cuibhle mhòr a' dol timcheall...

IP: Ò seadh, seadh, 's ann...

FM: Agus an uair sin bha thu ga chur mu chrann air a' cheann eile, agus ga thoirt dheth, agus...

IP: Sin a-nise, tha... an cur, an e? Bha, bha an dà chuid ann, bheil fhios agad, an cur 's dlùth?

FM: 'S e an dlùth, 's e an dlùth a tha thu a' cur air a' gharmainn, agus tha thu a' cur an curra air na h-iteachain, agus tha an cur a' dol tarsaing, agus tha an dlùth air fhad. 'S e sin mar a tha...

IP: 'S e dè a-nise an t-ainm a bh' agad air an rud a bha seo? Garmainn, an e?

FM: Garmainn. 'S e sin beam.

IP: 'S e.

FM: 'S e a' Bheurla a th' air a sin, beam.

IP: Beam. Can am facal a-rithist?

FM: Garmainn.

IP: Garmainn. Agus... ò, glè math. Agus an canadh tu sin... an robh barrachd air aona gharmainn anns a' bheart, ma-thà? An canadh tu... an robh sibh ach... tè àraid ris an canadh tu a' gharmainn?

FM: Cha robh. Cha bhiodh anns a' bheart ach an aon gharmainn. Bha an dlùth oirre, bha e air a shuidheachadh oirre on deilbh.

IP: Seadh, sin agad e.

FM: Bha sin air a chur air a' gharmainn.

IP: Seadh, glè mhath. Agus...

FM: Bha biadh air a thoirt dha tron a' churra. Tron a'... le na h-iteachain. Bha an spàl a' dol... Nise, 's e gun robh... gum fosgladh e an t-alt mar bu chòir dha, nuair a bha an spàl a' dol a-steach ann. 'S e sin a tha a' cunntadh... an rud as cudromaiche anns a'... ann am fighe.

IP: 'S e. Agus dè a-nise na rudan a bha thu ag obair le do chasan, dè chanadh tu riuthasan? 'S iad a bha a' dèanamh seo, nach iad?

FM: 'S e na sgiomalairean.

IP: Ò, sgiomalairean.

FM: Seadh, 's e...

IP: An robh a-nis rud ann ris an canadh tu casachain?

FM: Ò bha. Bha thu ag obair sin le do chasan ach bha sin ag obair na sgiomalairean.

IP: Ò seadh, seadh. Nise...

FM: Agus bha na sgiomalairean ag obair na bùird a bha gu h-àrd. Agus 's ann... 's e na bùird a bha gu h-àrd, 's iad a bha a' togail agus a' leigeil an t-snàtha.

IP: 'S iad, dìreach.

FM: Agus 's ann mar sin...

IP: Nise, rud seo ris an canadh tu sgiomalair. An e... dè seòrsa...

FM: Uill, rud ris an canadh tu sgiomalair an-dràsta, 's e a' Bheurla a th' air a sin, tappets.

IP: Tappets.

FM: Agus bha sin a' cur mar bu chòir dhaibh...

IP: Bha. Ach 's e tappet a' Bheurla a bhiodh air?

FM: 'S e tappets a' Bheurla a th' air.

IP: 'S e, dìreach. Agus bha a-nise... tha... 's e slinn a bh' agad air...

FM: 'S e slinn an rud a bha air beulaibh nam bùird a bha a' cumail an aodach aig an leud bu chòir dha agus bhiodh uaireannan, 's dòcha mar as trice air, 's e dà shnàithlean a bha a' dol dhan a h-uile fiacail anns an t-slinn.

IP: San t-slinn. Bha dìreach. Ò, bha thu a' cur a dhà annta?

FM: Dhà. Mar bu thrice, 's e dhà, ach dh'fhaodadh aon agus dh'fhaodadh trì, dh'fhaodadh ceithir. Ach 's e dhà...

IP: Mar bu trice.

FM: Mar bu trice a tha a' dol ann. Tha sin airson leudachadh a-mach ceart aig an aon leud, agus mar a tha... Chan eil fhios a'm carson a bha e air a dhèanamh riamh air... can an-dràsta gun robh slinn eighteen ann, 's can an-dràsta... 's e sin ochd-deug gu... one point eight five inches.

IP: Ò, seadh, seadh. Ochd snàithlean deug.

FM: Ach an-diugh, ma tha... a' chuid as motha dhiubh, ma tha thu ag iarraidh slinn, chaidh a' chuid as motha dhen a sin a chur à bith... tha thu a' faighinn slinn a tha a' dol gun an òirlich, agus is iongantas a dh'aithghearr man bi centimetres a bhios a' cunntadh.

IP: 'S e, 's e dìreach. Ach a-nise, anns a' chumantas, an clò Gàidhealach, 's e seachd òirlich fhichead an leud a bh' ann, an e?

FM: 'S e. 'S e nuair a bha e ullamh. Bhiodh deich air fhichead ann anns a' bheart.

IP: Bhitheadh dìreach, ach nuair a reigheadh a luadhadh...

FM: Nuair a dheigheadh a luadhadh, bhiodh e air a chur a-steach gu seachd, ochd air fhichead.

IP: 'S e, dìreach. Agus a-nise, dè an t-ainm a bh' agad air a' mhaide a bha thu a' tarraing thugad mar seo nuair a bha thu... bha thu ga bhualadh a-staigh?

FM: 'S e sin an t-slinn. Bha thu ga bhualadh an aghaidh an aodaich air an [???].

IP: Ach nach robh ainm agad air a' mhaide a bha tarsaing? Dè... an rud air robh grèim agad?

FM: Ah, chan eil fhios agamsa dè an t-ainm a bh' air a sin idir.

IP: Ò tha a-nise, tha mise air a dhìochuimhneachadh mi fhèin ach tha fhios a'm gun robh ainm air.

FM: 'S dòcha nan cluinninn an t-ainm gum biodh fhios a'm dè bha e a' ciallachadh ach an-dràsta, chan eil. Tha mi a' creidsinn nach b' fheàirrde mi riamh nach robh mi ag obair ann an Leòdhas airson...

IP: 'S e. Ò, chan e. Tha sin coltach gu leòr.

FM: Bheil fhios agad, is iongantas man am biodh na h-ainmean sin agam ged nach eil iad agam.

IP: Seadh.

FM: Bidh e a' cur mòran iongantas orm uaireannan na th' agam a dh'fhios air.

IP: Seadh, tha, tha, 's tu air a bhith air falbh bhon taigh cho fada.

FM: Uill, chan e gu bheil fios agam air an obair bha mi a' dèanamh, ach a' Ghàidhlig a th' air na facail sin.

IP: Tha, tha, dìreach.

Source Type

Reel to reel

Audio Quality

Good