Search

Fàilte air a' Bhaile

Date
Track ID 51507
Part 1

Track Information

Original Tape ID

FailteAirABhaile 15.05.1985

Summary

Information about the School of Scottish Studies at Edinburgh University.

Morag MacLeod from the School of Scottish Studies discusses how the School is part of Edinburgh University. Morag discusses when and how the School was set up and the work that they did and still do.

Recording Location

County - Midlothian

Parish - Edinburgh

Village/Place - Edinburgh

Item Location

County - Midlothian

Parish - Edinburgh

Village/Place - Edinburgh

Language

Gaelic

Collection

BBC

Transcription

Ruairidh Iain MacLeòid (RM): Thall air taobh eile George Square bhon an Roinn Cheilteach, tha Sgoil Eòlais na h-Alba, far a bheil iad ag obair air dualchas Alba a rannsachadh, a chruinneachadh, agus a theagasg. Mar as trice, 's ann a tha muinntir na sgoile iad fhèin a' siubhal na dùthcha le recorders, an àite daoine le recorders a bhith a' tadhal orrasan. Co-dhiù, fhuair mise a-mach beagan mu dheidhinn eachdraidh na sgoile bho bhan-Sgalpach a tha ag obair innte, Mòrag NicLeòid.

A Mhòrag, an innseadh tu dhuinn an toiseach cuin a thòisich an sgoil... Sgoil Eòlais na h-Alba a tha seo agus ciamar?

Mòrag NicLeòid (MN): Thòisich i o chionn ceithir bliadhna deug thar fhichead. Naoi ceud deug, leth-cheud 's aonan. 'S e dìreach daoine anns an oilthigh an Dùn Èideann a smaoinich air leithid a dh'àite gum biodh... gun robh feum air; gun robh an dualchas againn buailteach air a dhol à bith, agus gun robh an t-àm aig àite air choreigin a bhith ann a bhiodh a' cruinneachadh a leithid seo. 'S feumaidh sinn cuimhneachadh nach e Gàidhlig a-mhàin a th' anns... ann an Sgoil Eòlais na h-Alba, gu bheil gnothaichean Beurla cuideachd ann. Tha sinn a' dol à Sealtainn sìos gu na Crìochan.

RM: Nuair a thòisich sibh, 's ann air rannsachadh agus air cruinneachadh a bu mhotha a bha sibh ag obair.

MN: 'S ann. Chun na h-ìre, tha mi a' smaoineachadh an toiseach... chan eil mi cinnteach às a seo, ach tha mi a' smaoineachadh gun robh feadhainn dhe na teipichean, aon uair 's gun tigeadh iad a-steach, 's gun robh an stuth air a sgrìobhadh, gun robhas gan cur gu feum a-rithist. Agus cha robh ùidh sam bith aig... aig daoine ann an... dìreach gum biodh an stuth air a dhèanamh gu math. Bha iad coma ach an stuth fhaighinn. Agus bha an gnothaich, car bha eagal orra gun robh na daoine a' dol a bhàsachadh agus gum bàsaicheadh na sgeulachdan 's na h-òrain 's an eachdraidh le na daoine sin. Agus sin bu mhotha a bha fa-near dhaibh aig an toiseach. Dìreach cruinneachadh 's cruinneachadh 's cruinneachadh.

RM: Ach an uair sin, thòisich sibh air teagasg cuideachd.

MN: Bha treis mun do thòisich an teagasg. Agus tha mi a' creidsinn ron sin, bhiodh mòran againn a' dol a-mach air feadh nan eileanan 's air a' Ghàidhealtachd 's ann an Dùn Èideann fhèin a' dèanamh òraidean. Agus an uair sin, mean air mhean, chaidh tuigsinn gum feumadh an stuth a bhith air a [?record-adh] gu math. Cha b' e a-mhàin, fhios agad, an stuth a bhith ann, ach gum biodh e ann ann an dòigh anns an gabhadh e cur a-mach gu daoine a-rithist. Agus chaidh feuchainn an uair sin air clàr... chaidh clàr no dhà a-mach... trì, tha mi a' smaoineachadh. Mean air mhean, thòisich sinn a' dèanamh barrachd dhen an stuth sin, a' cur a-mach clàir, agus an uair sin, thòisich cùrsa airson undergraduates.

Bha sinn air leth ron a sin. Bha sinn a' faighinn airgead on an oilthigh ach bha sinn sònraichte - cha robh sinn coltach ri na roinnean eile anns an oilthigh. Ach chan eil cuimhne a'm dè an t-àm a bh' ann, ach chaidh sinn a-steach dhan Faculty of Arts, agus dh'atharraich cùisean an uair sin, agus bhathas a' faireachdainn gum bu chòir dhuinn an uair sin a bhith a' leigeil a-mach an stuth gu oileanaich, agus 's e Oral Literature and Popular Tradition an t-ainm a bh' air a' chùrsa air a thòisich sinn. Thòisich an uair sin an dàrna bliadhna dhen a sin. Agus a-nis, dìreach am-bliadhna fhèin, tha sinn a' tòiseachadh air honours course.

Source Type

Reel to reel

Audio Quality

Good