Search

Fàilte air a' Bhaile

Date
Track ID 51510
Part 1

Track Information

Original Tape ID

FailteAirABhaile 15.05.1985

Summary

The ties between Edinburgh University Celtic Department and the School of Scottish Studies.

Morag MacLeod discusses the ties between the Celtic Department at Edinburgh University and the School of Scottish Studies. She speaks of the people that work within the School and the work that they do. She also discusses where their students are from.

Recording Location

County - Midlothian

Parish - Edinburgh

Village/Place - Edinburgh

Item Location

County - Midlothian

Parish - Edinburgh

Village/Place - Edinburgh

Language

Gaelic

Collection

BBC

Transcription

Mòrag NicLeòid (MN): Bha riamh ceangal mòr eadar sinn agus an Roinn Cheiltich. Uill, bha Uilleam MacMhathain ag obair ann a shin agus chan eil... faodaidh tu a ràdh nach eil duine ann a tha cho eòlach air dualchas na Gàidhlig. Agus tha sinn a' cur a-mach leabhar air a bheil Scottish Studies - iris - agus bha muinntir an Roinn Cheiltich gu math dlùth... a' cumail sùil air sin. Agus an uair sin, on a thàinig na daoine òga - an t-ollamh ùr MacIllÌosa, 's Ronald Black, 's Dòmhnall Meek - tha mi a' smaoineachadh gu bheil an ceangal air fàs nas dlùithe buileach. Agus tha iadsan a' gabhail barrachd ùidh ann am beul-aithris, tha mi a' smaoineachadh. Agus tha, cuideachd, air sgàth an honours degree a tha seo.

Ruairidh Iain MacLeòid (RM): Cia mheud agaibh a th' ann ma-thà? Seach gu bheil sibh a' gabhail a-steach Alba air fad, agus òrain, ceòl, sgeulachdan. 'S e raon gu math farsaing a th' ann.

MN: 'S e ceòl Gàidhlig air a bheil mise ag obair, òrain Ghàidhlig, agus abair gu bheil sin a' còrdadh rium. Tha fear ag obair air ainmean-àitichean. Tha fear ag obair air òrain Bheurla, a thaobh nam faclan. 'S tha Iain MacAonghais ag obair air òrain Ghàidhlig... uill, bàrdachd Gàidhlig. Tha Dòmhnall Eairdsidh Dòmhnallach ag obair air sgeulachdan Gàidhlig. Agus tha Ailean Bruford a' dèanamh tòrr mu sgeulachdan... uill tha Dòmhnall Eairdsidh ag obair air sgeulachdan Gàidhlig agus Beurla, 's tha Ailean Bruford, ged is e archivist a tha còir a bhith ann, tha e a' dèanamh tòrr mun stuth sin cuideachd.

Fhuair sinn dithis às ùr an-uiridh, agus bha sinn gu math toilichte leis a sin. Uill, cha b' ann às ùr. Bha an dà dhreuchd, faodaidh mi a ràdh, bha iad air a bhith ann. Bha fear dhiubh, stad e o chionn dà bli-... dà bhliadhna, nuair a chaochail Eric Cregeen. 'S e sin... uill, ann am Beurla 's e Social Organisation. Dìreach an dòigh-beatha aig daoine agus eachdraidh dòigh-beatha dhaoine. 'S fhuair sinn duine na àite-san.

Agus fhuair sinn cuideachd... ò, o chionn fhada, bhiodh Anna Ross ag obair air Custom and Belief; na rudan a tha daoine a' creidsinn agus na geasagan a th' aca 's na dòighean a tha... uill mar a tha a' bhliadhna air a roinn a thaobh creideamh 's seann chreideamhan 's rudan dhen t-seòrsa sin, agus fhuair sinn duine airson an dreuchd sin am-bliadhna.

Tha mi a' creidsinn gu bheil deichnear ann dhen an t-seòrsa sin. 'S e an rud as gainne a tha sin dheth, daoine a chuireas an stuth cruinn còmhla ann an catalogues agus airson gum faod thu a dhol dhan rùm sin agus gun coimhead thu air cairtean 's gum faigh thu an rud a tha thu ag iarraidh gun dàil. Tha sgoiltean agus daoine ann am bailtean, community projects 's rudan dhen t-seòrsa sin, ag iarraidh stuth eachdraidh 's òrain 's a h-uile seòrsa. Agus bhiodh e uabhasach math, aig an ìre sa a-nis, on a tha an cruinneachadh againn cho mòr, bhiodh e uabhasach math nam b' urrainn dhuinne an stuth a th' againn a chur a-mach gu na h-àitichean sin, agus nam biodh stuth againn cruinn còmhla, mar a chanas iad, ann am packaging, a dh'fhaodamaid a thoirt do sgoil, can, ann an Siorrachd Pheairt a bha ag iarraidh stuth à Peairt, dh'fhaodadh òrain 's sgeulachdan, 's eachdraidh 's naidheachdan beaga a bhith air an cruinneachadh 's an cur a-mach ann a shin. Chan eil daoine againn a nì sin. Chan eil ùine againn fhèin a dhèanamh. Fhios agad, tha sin gar cumail air ais, can, le Tocher. Feumaidh sinn fhèin a h-uile càil a th' ann a sgrìobhadh 's...

RM: Tocher, 's e seo am magazine a tha sibh a' cur a-mach?

MN: Tha sinn a' cur a-mach Tocher... uill, tha treis o nach deach am fear mu dheireadh a-mach ach bha sinn an toiseach a' cur a-mach a trì anns a' bhliadhna. Thàinig e gu dhà sa bhliadhna. Agus a-nis, tha mi a' smaoineachadh gu bheil dà bhliadhna o chaidh am fear mu dheireadh a-mach. Tha sin air sgàth a bhith a' feitheamh ri... air na printers - tha sinn a' dol a dh'fhaighinn clò-bhualadairean ùr, agus sinn an dòchas gum bi an gnothaich nas fhasa an uair sin. Agus nuair... cuideachd... rud a tha gràin agam fhèin air 's e computers, ach tha e coltach gu bheil iad uabhasach feumail. Agus chan eil mi airson ionnsachadh mun deidhinn idir... ach... tha sin gòrach, tha fios a'm. Agus tha Tocher gu bhith air a dhèanamh le... le stuth a chur ann an computers.

RM: 'S an uair sin, bidh an fhicheadamh linn air bualadh fiù 's air Sgoil Eòlais na h-Alba.

MN: Ò 's fhada... 's fhada o bhuail i oirnn. Tha eagal orm.

RM: Dè mu dheidhinn na h-oileanaich a th' agaibh? Càit às am bi iadsan a' tighinn? Tha mi cinnteach gum bi às iomadach ceàrn.

MN: Uill, aig toiseach gnothaich, chanainn gum biodh dà thrian de chlas à Ameireaga 's à Canada, agus 's dòcha de bhadan dhen Roinn Eòrpa. Ach a-nis, 's e mo bheachd-sa co-dhiù - 's dòcha gu bheil mi fhèin cumhang a-rithist - gu bheil gnothaichean air a dhol am feabhas. Tha barrachd de luchd-Albannach, de dhaoine Albannach againn, agus tha barrachd dhe na Gàidheil a' tighinn. Agus tha e gu math feumail do dh'fheadhainn a tha a' dèanamh Gàidhlig agus eachdraidh Albannach cuideachd. Tha e mar gum b' eadh a' cur dreach eile air an ionnsachadh a tha iad a' faighinn anns na h-àitichean sin. Tha iad... tha iad a' faighinn stuth à beul-aithris a tha a' daingneachadh an rud a dh'ionnsaich iad anns na roinnean eile.

Source Type

Reel to reel

Audio Quality

Good