Search

Cleachdaidhean ann an Uibhist a Deas aig àm bàis.

Track Information

Original Track ID

SA1975.24.A5

Original Tape ID

SA1975.024

Summary

Customs in South Uist at a time of death.

A wake was held when a person died. This was to protect the body from animals and to keep the family company. Sensible stories were told during a wake. In South Uist, the body is now [1975] taken to church the night before the funeral, but in North Uist it is kept at home until the day of the funeral.

Shrouds were handmade locally until around 1940. A saucer with salt was placed on the chest of the dead body, but it was removed before the burial. Bread was brought to the house so that the family would not have to bake.

Item Location

County - Inverness-shire

Parish - South Uist

Island - South Uist

Language

Gaelic

Genre

Information

Collection

SoSS

Transcription

Dòmhnall Eairdsidh Dòmhnallach (DE): Nis, bha sibhse a' ràdh, a Mhàiri, gun cuala sibh fhèin daoine a' gabhail sgeulachdan a-staigh far am biodh caithris?

Màiri NicAoidh (MN): Chuala gu dearbh, chuala.

DE: 'S cà robh seo a-niste?

MN: An Gèirinis. An Gèirinis.

DE: Agus an e fear a bhuineadh dhan teaghlach a bha sibh a' ràdh...?

MN: 'S e.

DE: 'S e bha ag innse na...

Curstaidh NicAoidh (CN): 'S e, ach cha bhiodh ann ach naidheachdan stòlda, ciallach. Cha bhiodh òrain no spòrs sam bith a' dol.

DE: Cha bhiodh òrain no sìon mar sin ann. Dìreach. Agus a bheil... tha corra dhuine a' cumail... corra theaghlach a' cumail caithris mar seo a' dol fhathast, a bheil?

CN: Tha, ach mar a tha e an-dràsta, thàinig... an uair ud o chionn fada, bha na taighean sgaoilte car, 's bhiodh coin 's cait 's creutairean air ais 's air aghaidh dhan taigh. Math dh'fhaodte gun tigeadh cearc a-staigh no rudeigin. Bha iad, uill, airson cuideachd a chumail ri muinntir an taighe 's bha iad airson an ùine a chur seachad dhaibh. Ach an-dràsta, math dh'fhaodte nach bi duine a-staigh ach aon oidhche. Tha a' chiste a' tighinn deiseil, tha an oidhche sin an corp a' dol dhan eaglais.

DE: Ò, tha an corp a-nist... a bheil e an-còmhnaidh a' dol dhan eaglais a-nist?

CN: Tha, daonnan, daonnan a' dol dhan eaglais an oidhche mu dheireadh.

DE: Ò, bheil gu dearbha?

CN: Ò, tha.

DE: 'S cuin a... cuin a-nist a thòisich seo?

CN: Ò tha mi cinnteach... chan eil ann ach mu dheich bliadhna on a thòisich e.

MN: Thòisich e ann an... nach do thòisich e ann an forty-eight, 's roimhe sin?

CN: Ò uill, ma tha thu a' cuimhneachadh air m' athair?

MN: Tha.

CN: Uill, bha am fear sin, ge-tà, cha robh reusan a thoirt dhan taigh ann.

MN: 'S ann air falbh a bhàsaich e.

CN: 'S ann air falbh a bhàsaich e, 's thugadh à Loch Baghasdail dhan eaglais e, airson a bhith deiseil airson an tòrraidh.

DE: Aidh, aidh. Niste, a bheil seo, a bheil an dà thaobh a' dèanamh seo, Pròstanach agus Caitligeach?

MN: Ò tha.

CN: Ò tha, tha iad an oidhche mu dheireadh... anns an... bidh iad gan toirt dhan eaglais, tha, ò tha, tha.

DE: Tha mi a' smaoineachadh sa Cheann a Tuath fhathast gu bheil, tha...

CN: Tha caithris a' dol.

DE: Tha, uill, aig cuid a dhaoine, ach tha an corp a' fuireach anns an taigh gu latha an tiodhlacaidh, agus 's ann a bhios an t-seirbheis cuideachd, bheil fhios agaibh... seadh, nas lugha na thig corp dhachaigh.

CN: 'S e, dhachaigh às Glaschu no mar sin. Ò tha e an seo. Tha iad gan toirt an-dràsta dhan eaglais.

DE: 'S tha an dà thaobh a' dèanamh seo?

CN: Tha an dà thaobh a' dèanamh sin.

DE: Ò uill. Nist, nuair a bhitheadh iad a' caithris, an robh oidhche àraid sam bith, gur e an fheadhainn a bh' ann an dlùth-bhuintealas dhan teaghlach a bha a' fuireach?

CN: Uill, 's e iad, abraibh, na nàbannan b' fhaisge dhaibh, 's ma bha càirdean agaibh pìos air falbh, thigeadh iad sin cinnteach. Abraibh, cousins no clann bhràithrean, no dlùth-chàirdean air choreigin, thigeadh iad còmhla ris na nàbannan, na fior nàbannan bu ghiorra dhan taigh.

DE: Aidh, dìreach. Ach cha robh oidhche àraid sam bith a bha na daoine bu dàimheile dhen a...?

CN: Uill, an oidhche mu dheireadh.

DE: An oidhche mu dheireadh.

CN: Bha an oidhche mu dheireadh, bha na... an oidhche bu dàimheile bh' ann. Cha bhiodh ann ach mu dhà oidhche co-dhiù, ach aig an àm a bha sin, bha saor ri fhaighinn, 's bha fiodh ri fhaighinn, 's dh'fheumadh an corp a bhith a-staigh math dh'fhaodte dhà no trì a dh'oidhcheannan.

MN: Trì co-dhiù.

CN: Trì co-dhiù, ach an-dràsta tha a' chiste deiseil 's tha na... a h-uile dad deiseil.

MN: Ma bhàsaicheas mise an-diugh, tha a' chiste a' tighinn a-màireach.

DE: Tha dìreach.

MN: Tha e cho luath sin.

DE: Nis, sin rud, 's docha gun robh mi ga fhaighneachd dhuibh roimhe... tha, an robh e a dh'fhasanachd ann a sheo a bhith a' cur rud sam bith anns a' chistidh còmhla ris a' chorp?

CN: Ò, cha b' aithnte dhòmhsa gun robh.

DE: Cha bhiodh iad a' cur salann...?

MN: Airgead no sìon?

DE: Salann no sìon?

CN: Cha robh, ach bha iad a' cur salann air uchd a' chuirp.

DE: Dìreach.

CN: Bha, bha sin a' dol. Bhiodh sàsar salainn air uchd an duine a bha marbh. Bha.

DE: Agus an robh sin... an robh iad a' toirt sin às mus tiodhlaicte e, air neo...?

CN: Ò bhathar ga thogail air falbh mun tiodhlaicte e. Sin fasan eile a bh' aca - cha bhiodh iad... bhiodh iad a' fuaghal nan lèintean. Bha aca rin ceannach. An t-anart a cheannach, agus bhathar ga fuaghal, agus bhiodh uaireannan bha iad a' cur decorations eile, gucagan beaga de rudan, 's bhiodh iad a' cur frìneachan ann, ach bha aca ri bhith uabhasach fhèin cinnteach gun tug iad às a h-uile mac frìne a bh' anns an lèinidh a bha sin. Bha iad a' toirt às na frìneachan...

MN: Mun cùirte dhan chistidh e.

CN: Agus bha stail eile aca a bha iad a' ceangal mu òrdag an duine, ris an canadh iad spriolag, agus bha sin ri fhuasgladh. Agus bha rudan mar sin ann.

DE: Nist, a bheil iad a' cur a lethid sin, a bheil iad a' cur spriolag air corp fhathast?

CN: Och cha chreid mi gu bheil. Ò, chan eil, chan eil reusan air, bheil fhios agaibh?

DE: Chan eil.

CN: Chan eil reusan air.

MN: Tha a h-uile sìon dèanta a' tighinn.

CN: ...a' tighinn...

DE: Tha dìreach.

MN: Gallta... shrouds deiseil...

CN: Tha na lèintean-bàis...

DE: Chan eil duine a' fuaigheal nan lèintean tha sin, no na gnothaichean a tha sin an-diugh?

CN: Chan eil, chan eil.

DE: Saoil cuin a sguir iad dheth seo a-nist?

CN: Ò uill...

MN: Bhiodh forty ann...

CN: Ò tha mi a' creidsinn gum bitheadh, tha mi a' creidsinn gum bitheadh.

DE: Bha sibh a' ràdh rium, tha mi a' smaoineachadh roimhe, gum biodh ur màthair fhèin...

CN: Bha, bha mo mhàthair bhiodh i, uill bhiodh boireannaich, mnathan a' bhaile. Ach bhiodh mo mhàthair daonnan ri... bha i math gu fuaghal agus mnathan eile a bhiodh a' fuaghal.

DE: Agus am biodh ise a' dèanamh nan gnothaichean a bha sin air na decorations a bha sin?

CN: Bhitheadh, i a' dèanamh na... bhitheadh. Bha iad, ò bha mi fhìn a' smaoineachadh gur e... cha robh ann ach rud gun dòigh, ach 's ann airson urram a thoirt dhan...

DE: 'S ann dìreach, 's ann, 's ann.

CN: 'S ann. Bha iad a' dèanamh decorations, bhiodh gucagan an siud 's an seo air na glùinean 's math dh'fhaodte air a' ghruaig. Bha iad a' dèanamh mar gum biodh flùr beag, bha iad ga dhèanamh air... bha iad ga dhèanamh air an anart.

DE: Bha dìreach.

CN: Bha. Airson decorations a dhèanamh.

DE: Bha dìreach.

CN: Ach sin a bha mise a' smaoineachadh nach annainn a bhios na slaodairean... Uill bidh sinne, bidh mi cinnteach gum bi bad air choreigin oirnn a dh'fhanas còmhla, ach tha mi a' smaointinn air muinntir Ameireaga 's an fheadhainn sin thall, tha iad gan dreasaigeadh suas san aodach as fhèarr a th' aca.

DE: Ò tha, tha.

CN: Nach annainn a bhios na slaodairean ag èirigh còmhla ris na toffaichean a bhios an siud.

DE: Ò uill.

CN: Uill, bidh sinne, cha chreid mi nach do rug sinne air... gun dèan sinn lèine dheusanta oirnn 's dreasa dheusanta... ach an fheadhainn a bha siud 's gun orra ach na... Uill, bidh iad sin coltach ris na naoimh air an latha sin co-dhiù, rud geal orra 's na gucagan a bha seo.

DE: Dìreach.

CN: Ò cha chuala sinne...

MN: A h-uile frìne riamh ri thoirt às...

CN: Bha, bha a h-uile frìne agus bha an stail a bha a' dol mun... bha stail a bha a' dol mu na h-òrdagan. Cha robh sin ach airson an casan a chumail...

DE: 'S ann dìreach. 'S ann dìreach.

CN: 'S ann.

DE: Ach bha na frìneachan a bha sin gam fàgail ann gu 'n robh iad a' dùnadh na ciste, an robh?

CN: Bha, bhathar gan toirt às mu...

MN: Mun do rachadh iad dhan chistidh, fhios agaibh, bha iad air an eislig, nach e eislig a chanas sibh fhèin?

DE: 'S e, 's e.

MN: Bhathar cinnteach gum biodh iad air an toirt aiste mu...

DE: Mun d' rachadh iad...

MN: ...air ais air an eislig, agus mun cuirte dhan chistidh iad.

CN: Agus an spriolag air fhuasgladh.

DE: A-nist, an ann madainn an tiodhlacaidh a bha iad a' dùnadh na ciste?

CN: 'S ann mar bu trice, 's ann.

MN: 'S ann ach bhiodh na frìneachan 's a h-uile sìon air an toirt aiste mun cuirte dhan chistidh e, math dh'fhaodte gum biodh iad sa chistidh... air an toirt aiste, math dh'fhaodte oidhche ron àm, no mar sin.

DE: Agus am biodh, a-nist, nuair a bha an corp anns a' chiste, can, am biodh dlùth-chàirdean 's a leithid sin a' tighinn a choimhead a' chuirp?

CN: Ò bha.

DE: An-còmhnaidh? Bha, bha.

CN: Bha, bha na fior nàbannan 's na dlùth-chàirdean, bha iad sin a' tighinn mun cuairt, bha.

MN: Uill, tha mise aon duine seo, cha toigh leam a bhith a' coimhead air duine marbh, 's toigh leam fhaicinn dìreach mar a bhitheas e.

DE: Aidh dìreach, dìreach, dìreach. Ach bha e na chleachdadh aca?

CN: Bha.

DE: Tha fhios a'm gu bheil e na chleachdadh fhathast.

MN: Ò tha, 's bidh iad a' dol mun cuairt mar a tha sibh a' cantail, an fheadhainn as dlùithe dhaibh; an sealladh mu dheireadh mar a chanas iad.

DE: 'S e, 's e.

CN: Agus sin agaibh fasan eile a bha an seo, anns a' cheann sa co-dhiù. Nuair a bhàsaicheadh duine bhiodh na ban-nàbannan a' toirt mun cuairt aran.

DE: Seo a-nist.

CN: 'S biadh bruich, a chionn bha na taighean beag.

DE: Ò bha.

CN: 'S math dh'fhaodte mas e àm samhraidh a bh' ann, cha fhreagradh teine mòr a bhith ann an taigh anns am biodh corp.

DE: Ò aidh, aidh, aidh.

CN: Agus 's ann às a sin a thòisich... bhiodh iad a' toirt aran co-dhiù, ge brith gu dè an tuilleadh. A chionn bhiodh daoine a' cruinneachadh againne anns an...

DE: Bhiodh daoine a' cruinneachadh, bhitheadh.

CN: Cha robh bhanaichean, no lofaichean, no aran a' dol.

DE: Uill, tha seo a' dol, tha mi a' smaoineachadh gu ìre fhathast, gun toir daoine biadh dhan a, dhan a...

MN: Tha.

CN: Tha...

MN: Tha, bhiodh fhios agad... tì 's siùcar 's ìm 's rudan mar sin.

CN: Rud deiseil.

MN: Deiseil, ach co-dhiù bha an t-aran a' fuine.

DE: Bha an t-aran gu h-àraid.

CN: Bha an t-aran co-dhiù agus siud am beachd a bh' aig an aran a thoirt ann. Cha robh, seadh no aig feòil no aig rud sam bith mar sineach, cha robh...

DE: Cha robh teine mòr ri bhith...?

CN: Cha robh teine mòr ri bhith ann.

MN: Cha bhiodh ann ach taighean beaga.

CN: 'S cha bhiodh sunnd air daoine airson fuine no rud a dhèanamh 's bha truas aig daoine riutha 's bheireadh iad ann aran. Ach bha mise sa Cheann a Deas, bha mi còmhla ri... bha mi an Gearraidh na Mònadh còmhla ri Ailig Iain. Bhàsaich boireannach ann 's bha mi... fhuair mi gnothaichean deiseil mar sin. 'S thuirt... thàinig ban-nàbaidh eile a-staigh 's bha sinn a' dol a dh'fhalbh còmhla dhan taigh.

"Ò," thuirt Màiri a bha seo rium, "chan eil math dhut," ars ise, "sìon a thoirt leat, cho fad 's gura h-e dèirc a bh' ann."

Mar sin feumaidh nach robh e a' dol sa cheann shuas, ceann shuas a' Chinn a Deas idir.

DE: Aidh, aidh.

CN: Cha robh, cha robh, ach bha e a' dol an seo.

MN: Ach tha e a' dol an seo, 's tha iad ga chumail fhathast.

DE: Ga chumail fhathast.

CN: Ga chumail fhathast, a chionn bidh daoine air ais 's air aghaidh, agus cha bhi iad airson mòran de dh'obair a dhèanamh far am bi bàs.

DE: Cha bhi dìreach.

MN: Cha bhi, ach mar a tha an t-aran... mar a thuirt am bàrd, am fear a bha a' bruidhinn, 'an t-aran cho ullamh air fhuine aig a' Ghall'. Tha de chàraichean an-dràsta, 's gheibh iad dhan stòr agus gheibh iad an t-aran fuinte, ach daonnan bheir iad tì no ìm 's rud...

DE: Seadh.

MN: ...crogan feòla no rud beag mar sin.

CN: 'S e, bidh daoine a' cruinneachadh 's math dh'fhaodte gun tig am bàs, mar as trice tha e a' tighinn an-dràsta, mo thruaighe, ealamh, agus nach biodh daoine deiseil air a shon. Ach siud am beachd a bh' ann aran a thoirt ann.

DE: 'S e dìreach. Tha mi a' tuigsinn.

CN: Cha robh iad airson teintean a bhith a-staigh, 's bha na taighean beag, ìseal 's lean e greis mhath, mar a tha i a' ràdha, tha e a' leantail fhathast.

Source Type

Reel to reel

Audio Quality

Good