Search

A' dèanamh snàithlean, frìth, uisge far airgid agus manaidhe...

Date 31 March 1975
Track ID 52936
Part 1

Track Information

Original Track ID

SA1975.24.B1

Original Tape ID

SA1975.024

Summary

Making a thread, silver water and ghosts.

Fr James MacGregor banned people with the ability to make a thread from attending church. When his own mare became ill, his housekeeper asked a woman to make a thread. The mare recovered. The priest believed in the thread after that and did not condemn those who made it.

Persons going for a thread were not allowed to speak to anyone they met. A thread was made in the name of the Trinity. The contributor recites part of the rhyme. She talks about the evil eye and ways of counteracting it. The person who made a thread was given a gift.

The contributor remembers a neighbour running water off silver. She explains how a 'frìth' was made by certain people. Rev. Iain MacLean, a recent priest, believed in ghosts.

Item Location

County - Inverness-shire

Parish - South Uist

Island - South Uist

Language

Gaelic

Genre

Information

Collection

SoSS

Transcription

Dòmhnall Eairdsidh Dòmhnallach (DE): Seadh ma-thà, dè a-nist a bha seo mu Mhaighstir Seumas MacGriogair?

Curstaidh NicAoidh (CN): Cha robh ach gun robh e airson cur às do saobh-chràbhaidhean agus do dhèanamh snàithle, nam biodh beothach no duine air a ghonadh. Agus bha làir uabhasach prìseil aige. 'S ann oirre a bhiodh e a' dol dhan h-uile h-àite. Agus an turas a bha seo thàinig e dhachaigh agus bha i... dh'fhàs an làir bochd, 's bha i air a' bhochd 's cha robh sìon ann a ghabhadh dèanamh rithe.

Agus nuair a... bha e fada, fada an aghaidh na... a' dèanamh nan snàithleachan a bha seo, agus mhaoidh e agus... air na boireannaich a bhiodh ga dhèanamh nach robh reusan dhaibh a bhith a' tighinn a dh'eaglais ann. Agus chuir e mar gun cuireadh e air cùl eaglais iad airson... mura sguireadh iad dhen a' chleachdadh a bha seo.

Ach bha a' bhean-taighe cho duilich 's cho cùramach gun rachadh an làir am feabhas agus bha amharas aice gur ann air a gonadh a bha i. Agus an dèidh dhi dorchnachadh, dh'fhalbh i chun an t-seann bhoireannaich a bha seo a dhèanadh snàithle, agus thuirt i gun dèanadh i sin ach gum feumadh an snàithle a dhol far am faiceadh an sagart e, agus innse gura h-ise a rinn e, agus thuirt a' bhean-taighe gun robh sin barrachd 's a b' fhiach a beatha-se; nach robh math dhi a bhith a' gabhail ris gun robh i... gun deach i a dhèanamh an snàithle.

Ach co-dhiù dh'fhalbh i 's rinneadh an snàithle, agus thàinig i dhachaigh agus chuir i an snàithle air earball na làire agus... bha an làir air a bhith na sìneadh air an talamh 's i a' bàsachadh. Ach a' chiad char sa mhadainn nuair a dh'èirich Maighstir Seumas, sheall e a-mach air an uinneig agus bha an làir aig an ionaltradh, agus gun ghread oirre.

Agus thàinig e a-mach agus chunnaic e an snàithle, agus dh'fhaighneachd e dè bh' oirre 's dh'innis i dha e, gun... gura h-ise a rinn e agus gun do dh'iarr am boireannach a rinn an snàithle oirre innse dhàsan, agus innse dha cuideachd gun do thachair e ris anns an fhadhail, a' tighinn a-nall, am fear a rinn an cron. Agus thuirt an... thuirt e rithe:

"An-tà," ars esan, "am boireannach bochd a chuir mise a-mach às an eaglais, tha mi a' faicinn gun robh an fhìrinn aice."

Agus gun do chreid e e. Agus cha deach an làir na bu mhiosa.

"Agus thachair breunain rium," ars esan, "gun teagamh anns an fhadhail."

Am fear a rinn an cron. Sin mar a thuirt e.

DE: Nist, cò... an robh fhios agaibh cò am boireannach a bha seo a rinn an snàithle, an robh fhios agaibh cò i?

CN: Uill 's e Mòr nighean Dòmhnaill a chanadh iad rithe. Mòr nighean Dòmhnaill.

DE: 'S cà robh ise a' fuireach a-nist?

CN: Bha i a' fuireach ann an Àird na Mònadh. Agus 's e Oighrig Mhòr a chanadh iad ris a' bhean-taighe aigesan. Boireannach a bha san nàbachd 's bha i ag obair aige.

DE: Agus cha robh e cho trom air a' ghnothach às a dhèidh sin?

CN: Cha chuala mi gun robh, ach gun do chreid e e.

DE: Dìreach. Och, bha pearsaichean-eaglais dhen dà thaobh an aghaidh nan gnothaichean a bha sin.

CN: Bha, bha. Bha, ge-tà 's ann an ainm... an ainm na Trianaid a bha iad a' dèanamh an snàithle, agus bha e a' dol an aghaidh an droch-shùil no gu dè rud a bh' ann. 'S bha e air a ràdh gun robh feadhainn ann aig an robh droch-shùil, nach robh cothrom sam bith aca air.

DE: Seo a bha iad a' ràdh, 's e.

CN: Gum mia-... mar gum miannaicheadh iad rudan, 's ann air a shon sin a chanadh iad nam faiceadh iad... chanadh duine... canaidh duine fhathast ma chì duine creutairean brèagha no beothaichean beaga òga, 'Dia gam beannachadh', eagal gun gon sibh... gun gon sibh iad gun fhiosta dhut fhèin. 'S e, agus nan canadh duine ainm a' Chruthadair timcheall air, cha... uill, chuireadh e am fear eile gu taobh.

DE: 'S an cuala sibh riamh am facal aig daoine, nam biodh iad a' coimhead air rud, an cuala sibh riamh duine, no nam biodh iad a' moladh rud, an cuala sibh riamh daoine a' ràdh, 'Fliuch do shùil'?

CN: Ò chuala, iomadach uair. Chuala. Fliuch do shùil.

DE: Cuin... cuin a-nist a chanadh iad seo?

CN: Nam biodh sibh... rudeigin a' còrdadh ribh, 'Fliuch do shùil mun gon thu e'.

DE: Tha, dìreach. Dìreach.

Màiri NicAoidh (MN): Sin e, mar gum biodh uain bheaga...

DE: Agus ciamar a bha iad a' fliuchadh an sùil an uair sin?

CN: Tha, smugaid. Dhèanadh iad... dhèanadh iad mar sin. Tha e coltach gun robh feum mòr anns a...

DE: Bha, bha. Bha.

CN: Tha e coltach gun robh.

DE: A-nist, ma bha duine... ma bha duine a' moladh beothach leat, cha robh iad... cha chòrdadh seo ri daoine idir?

CN: Cha chòrdadh. Chanadh iad, 'Cha d' fhiach e'. Chanadh an duine leis bu leis e, 'Hod, chan eil ann ach peallan'. Rudeigin... nam biodh cuideigin ann a bha e fhèin a' creidsinn anns an rud, a bhiodh làn dhen a' ghòraiche mar sin.

DE: Ach an cuala sibh riamh, nam biodh duine... ma bha amharas agad air duine, gun robh droch shùil aige, 's gun tòisicheadh an duine sin air moladh beothach a bha leat, an cuala sibh riamh gun robh còir agaibhse am beothach a mholadh os a chinn?

CN: Ò, an ann mar sin a bha?

DE: Sin mar a chuala mise e co-dhiù.

CN: An àite a ruith sìos.

DE: Uill dh'fhaodadh gun robh an dà chuid ann, a rèir 's càite...

CN: Math dh'fhaodte gun robh. Ach math dh'fhaodte gun robhar a' coireachadh dhaoine bochda mar sin a bha gu math neoichiontach. [?Chunnaic e leithid] seo a dhuine, an rasgail, 's cha do rinn e an còrr.

DE: An aithne dhuibh duine a nì snàithle fhathast?

CN: Ò chan aithnte. Chan aithnte. Chan aithnte.

DE: 'S aithne dhòmhsa aon duine sa cheann a tuath.

CN: An aithnte?

DE: 'S aithne. 'S aithne.

CN: Tha cuimhne a'm, bràthair dhomh 's bha beothach bochd aca shìos an taigh Ruairidh Sheumais an sin, 's co-dhiù bha e a' falbh na ruith. Cha robh e ach mu trì-deug no ceithir-deug a bhliadhna 's bha mise aig ceann an taighe 's:

"Cha ruig thu leas," ars esan, "a bhith a' feitheamh riumsa. Chan eil agamsa ri bruidhinn ri duine."

Bha iad a' dol a dhèanamh snàithle do chuideigin a-mach a-muigh sa bheinn - chan eil cuimhne a'm cò bh' ann, ach:

"Cha ruig thu leas a bhith a' feitheamh riumsa," ars esan, "chan eil agamsa ri bruidhinn ri duine," 's e a' sìor bhruidhinn rium. "Chan eil agam ri bruidhinn ri duine."

DE: Agus cha còir agad... nuair a dh'fhalbhadh tu mar sin a dh'iarraidh snàithle...

CN: Tha e coltach nach còir agaibh bruidhinn ri duine.

DE: On a dh'fhàgadh tu an taigh gu 'n tilleadh tu?

CN: Seadh, tha e coltach. Sin a bha... 's e Dòmhnall a chuir siud nam cheann. "Falbh dhachaigh," ars esan, "cha ruig thu leas feitheamh..." Mar gum bithinn-sa a' feitheamh feuch dè... cà robh e a' dol. 'S ann a tha mi ga fhaicinn fhathast, na ruith air a chasa-rùisgte a-nuas an rathad.

DE: 'S mar nach biodh e... mar nach biodh e a' bruidhinn ri duine.

CN: Sin e. "Thalla dhachaigh," ars esan, "chan eil agamsa ri bruidhinn ri duine, gus an till mi." 'S e a' sìor bhruidhinn, 's tha mi cinnteach gun do bhruidhinn e ris a h-uile duine a thachair ris cuideachd. Ò, 's e gnothach a bh' anns an t-snàithle. Ach dh'fhalbh na rudan sin.

DE: Am faca sibh fhèin snàithle riamh a chaidh a dhèanamh mar sin?

CN: Chan fhaca.

DE: Chan fhaca sibh gin riamh?

CN: Chan fhaca. Chan fhaca mi gin riamh. Chan fhaca. Ach gum biodh iad ag ràdh... bha aca ri ainm a' bheothaich fhaighinn. Agus an anacair a th' ortsa... nam b' e làir no mart a bh' ann... an anacair a th' ortsa, a Chuicein no a Shìolaic, no gu dè an t-ainm a bh' air a' bheothach. Ainm... uill, na h-ainmean Gallta a bh' againn orra, Rosie an t-ainm... an anacair a th' ortsa, Rosie, a' laighe air a' mhuir mhòr no air na clachan glasa. Bha siud aca ri ràdh.

DE: An robh sin anns an rann cuideachd?

CN: Bha. An anacair... bha aca ri ainm a' bheothaich fhaighinn.

DE: Agus an e an duine a bha a' dèanamh an t-snàithle, an e a bha a' ràdh seo?

CN: 'S e. 'S e. Bha siud anns an ùrnaigh a bha a' dol. An anacair a th' ortsa, a Rosie, a' laighe air a' mhuir mhòir no air na clachan glasa. Uill, bha am muir cho mòr 's bha na clachan cho cruaidh. Cha dèanadh an anacair sìon.

DE: Bha, dìreach. 'S cò aig a chuala sibh fhèin sineach?

CN: Chan eil cuimhn' agam. Chan eil cuimhn' agam. A' laighe air a' mhuir mhòr no air na clachan glasa.

DE: Tha sin math. Tha sin math.

CN: Ach bha... 's ann an ainm a' Chruthadair a bhathar a' dèanamh na rudan...

DE: 'S ann. Agus an cuala sibh an còrr dhen an rann ach dìreach sin fhèin?

CN: Och, cha chuala. Ach tha e coltach gum biodh e car... air taobh an fhir a bha a' milleadh an rud, nam biodh fhios aige fhèin air an ainm a bh' air a' bheothach.

DE: Ò seadh, seadh. Tha mi a' tuigsinn.

CN: 'S e. Nam biodh fhios agaibhse gur e... nam biodh sibh a' dol gam ghonadh-sa, nam biodh fhios agaibh gur e Curstaidh a bh' orm, gun dèanadh e cron, ach bha an uair sin an duine a bha ga ràdh, bha e a' dol an aghaidh sin. Ach bha iad ga dhèanamh ann an ainm na Trianaid naomh. Bha. Ach siud mar a dh'èirich... sin an rud a chuala mi mu Mhaighstir Seumas a bha siud 's mu Oighrig Mhòr, cho fad 's a bha e an aghaidh...

DE: A-nis, chuala sibh, tha mi cinnteach, cuideachd mu... mu uisge far airgid, an cuala?

CN: Chuala. Chuala.

DE: 'S am faca sibh fhèin riamh a bhith a' dèanamh sin?

CN: Uill, chunna mi am boireannach a bha san taigh sa a-muigh. Chan eil cuimhn' a'm dè am beothach a bha bochd - an ann againn fhìn a bha e no rudeigin, ach chuir i bonn dà thastain ann am bucaid 's leig i dheth an t-uisge, 's chan eil cuimhn' a'm an robh agam ris an uisge a chur air a mhuin no gu dè. Chan eil sìon a chuimhn' agam air. Ach... agus sin rud eile, bha i ag ràdh, bha agaibh ri rudeigin a thoirt dhan duine a rinn an snàithle. Chan e snàithle a bha seo idir. Bha i a' ràdh, ge b' e bior-gruaige, cha robh e gu diofar dè cho beag 's a bha a' ghibht a bheireadh sibh seachad, a rèir ur comais. Ged nach biodh ann ach, man tuirt i, ged nach biodh ann ach bior a bheireadh tu às do ghruaig. Bha mòran dhe na seann naidheachdan sin aicese, ach cha robh mise a' toirt cluas dhaibh.

DE: Cha robh. Agus cha ruigeadh e leas, mar sin, a bhith na airgead, an rud a bha sibh a' toir dha, ach dh'fhaodadh...?

CN: Cha ruigeadh dhan duine, a' ghibht a bha sibh a' toirt dha, ach bha an t-uisge airgid ri dhol air. Bha. Ach, tha cuimhn' a'm... cò am mart a bh' againn? Chan eil cuimhn' a'm dè bh' oirre. An e... rudeigin a bh' air an ùth no rudeigin. Ach bha ise a' creidsinn cho mòr ann. Agus tha cuimhn' a'm math gu leòr i a bhith a' drùdhadh an uisge seachad air... bha am bonn a' fuireach anns a' bhucaid, 's an t-uisge a' dol air. Chan eil sìon a chuimhn' a'm an robh an t-uisge [???] oirre no gu dè. Chan eil.

DE: 'S am biodh i a' gabhail rann nuair a bhiodh a' dèanamh... nuair a bhiodh i a' dèanamh seo, a bheil cuimhn' agaibh?

CN: Ò cha chreid mi gun robh. Cha robh e... bha e a' ràdh gum faodadh e a bhith... gum faodadh e a bhith aice ach nach robh... nach robh ùidh aice ann, agus gur e fireannach a dh'fheumadh ionnsachadh do bhoireannach.

DE: Bha. Bha iad a' ràdh sin.

CN: 'S gur e boireannach a dh'fheumadh ionnsachadh do dh'fhireannach.

DE: Bha cuideachd. Bha iad a' ràdh sin gun teagamh.

CN: Och bha rudan ann.

DE: Ò, 's iomadh rud a bh' ann.

CN: Bha. Bha mòran de rudan ann. Bha.

DE: 'S an cuala sibh riamh iad a' bruidhinn air a bhith a' dèanamh rud ris an canadh iad, a' dèanamh frìth?

CN: Chuala gu math tric.

DE: 'S ciamar a-nist a bha seo?

CN: Ò uill, cha robh iad ach duine a' dol a-mach, abraibh nam biodh dùil agaibh ri cuideigin. Saoil an tig e, 's nuair a shealladh sibh a-mach 's bhiodh cuideigin a-staigh an rathad, ma bha e pìos air falbh bhiodh greis mun tigeadh an duine sin. Chuala mi mun... mu frìth ceart gu leòr. A' sealltainn a-mach air dè... nam biodh cuideigin a' tighinn 's aghaidh oirbh. Mar a bhiodh iad ag ràdh mu dheidhinn searrach fhaicinn 's aghaidh oirbh, no uan òg fhaicinn 's aghaidh oirbh, gum biodh e lucky. Agus a' dol mun cuairt deiseil air taighean nuair a bhiodh tiodhlacadh no rud ann. Bha aca ri gabhail mun cuairt siud, ceann a deas...

DE: Aidh, bha am fasan sin... Bha, bha. 'S ann deiseil a dh'fheumadh iad a h-uile dad a dhèanamh. 'S ann, 's ann.

CN: 'S ann. 'S ann deiseil a dh'fheumadh iad...

DE: Agus a' dèanamh frìth mar seo, nam biodh beothach ann 's e a' falbh bhuat, na chùlaibh riut, 's e droch...

CN: Ò ma-thà, 's e droch chomharra a bha sin. 'S e. Chan eil ann dìreach ach car de... ma bheir duine sam bith brìgh às a sin.

DE: Nist, ge-tà, an robh iad a' dol gu daoine àraid airson frìth a dhèanamh? Air neo, an dèanadh duine sam bith e?

CN: Ò cha chreid mi nach robh. Cha chreid mi nach robh, a chionn b' àbhaist do chuideigin pongail a bhith ann a thuigeadh. Seallaibh mar a bha an tè a thuirt ris an tè a chaidh a dhèanamh an snàithle do làir an t-sagairt.

"'S ann dìreadh às an fhadhail a thachair e," ars ise, "ris an duine a rinn an cron."

'S thuirt esan an uair sin, 's e am facal a bh' aige, breunain, mar gum biodh duine dona ann.

"Thachair," ars esan, "breunain rium anns an... anns an... dìreadh às an fhadhail ceart gu leòr."

Agus chreid e e. Ge brith a-nis dè thachair às a dhèidh sin, chaidh am ban a lioftadh far na caillich a chumadh a-mach às an eaglais.

DE: Och aidh, bha an dà... bha an dà thaobh an aghaidh a leithid sin.

CN: Ò chiall, bha. Bha iad fada, fada na aghaidh. Bha.

DE: Ach bha na daoine ga chumail a' dol a dh'aindeoin sin.

CN: Bha. Ò chunna mi Maighstir Iain a dh'fhalbh... Maighstir Iain MacLean a dh'fhalbh o chionn ghoirid...

DE: 'S e bh' anns an Ìochdar, nach e?

CN: 'S e. Ò bha... bha e a' creidsinn ann am manadh 's ann an rud mar sin. Bha, bha. Bha e a' creidsinn ann. Cha mhotha na sin... chanadh e... dh'fhalbh am maoidheadh a bha sin co-dhiù bho na h-altairean. Dh'fhalbh am maoidheadh a bha sin. Chan eil gnothaichean cho cruaidh 's a bha.

DE: Chan eil.

CN: Chan eil.

DE: Och bha na ministearan fhèin cho cruaidh 's bha iad anns an latha a bh' ann. Bha iad gu math cruaidh...

CN: Bha, bha. Cha robh sìon ann ach Hellfire thall 's a-bhos aig a h-uile duine aca. 'S e. An dòigh a bh' aig maighstir Iain - ò 's e fìor Chrìosdaidh a bh' ann; cha robh a leithid riamh ann co-dhiù - "Ma tha duine a' dol às an rathad," ars esan, "no a' toir bristeadh-dùil sam bith dhuibh air dòigh sam bith, no droch ghiùlan aige, na biodh tuasaid no trod no èigheach ann," ars esan, "ach bithibh ag ùrnaigh air a shon."

Sin a bha esan ag innse.

Source Type

Reel to reel

Audio Quality

Good