Search

Naidheachd ghoirid mu dà charaid, Maighstir Tormod agus Iain...

Date July 1953
Track ID 5334
Part 1

Track Information

Original Track ID

SA1953.116.B7

Original Tape ID

SA1953.116

Summary

Anecdote about Father Norman and Iain mac Caluim, who were good friends, discussing holy water.

Item Location

County - Inverness-shire

Parish - Barra

Island - Barra

Village/Place - Borve

Language

Gaelic

Genre

Story

Collection

SoSS

Transcription

Calum MacIllEathain (CM): 'S dè an naidheachd a bh' ann mu dheidhinn fear aig an robh uisge-coisrigte?

Dòmhnall Caimbeul (DC): Maighstir Tormod a bha sa Mhorbhairne. Tha fhios agad fhèin mu dheidhinn. Bha mac dha na... 's e a rinn Òran Caol Muile. Òran brèagha. Bha mac dha na mhinistear cuideachd. Bha e cho eòlach air Iain mac Caluim 's bhiodh e a' tadhal air. Bha iasg aige a h-uile bliadhna nuair a bhiodh e a' dol a Ghlaschu, 's bhiodh Maighstir Tormod a' tarraing às:

"Dè th' agad sa bhotal bheag a tha siud, Iain?"

"Ò rud leam fhìn, rud leam fhìn," ars Iain.

"'S ann a bh' orm," arsa Maighstir Tormod, "nam biodh uisge-coisrigte a dhìth ort gun dèanainn fhìn uisge-coisrigte dhut."

"Ò," ars Iain, "'s iongantach gun dèan thu dhòmhsa e 's nach dèan thu dhut fhèin e."

A bheil thu a' faicinn.

Source Type

Reel to reel

Audio Quality

Good