Search

An rìgh agus craobh nam measan.

Date November 1975
Track ID 53380
Part 1
Part 2
Part 3

Track Information

Original Track ID

SA1975.228.B3

Original Tape ID

SA1975.228

Summary

The king and the fruit tree.

There was a king who was married and had a baby son. The queen died, and he was told to marry again or he would have to send his son away. He had three sons with his second wife, and they did not like the other boy at all.

The king had a fruit tree in his garden which kept him well supplied with fruit every year. One day, they rose to find that there was no fruit on the tree. It had been swept to the ground and destroyed. After a year, the king told his eldest son from his second wife to guard the tree with his sword. Around midnight he heard a terrific uproar heading his way. He took fright and fled. Next morning, the fruit had been ruined. The next year, the second brother went to guard the tree, but the same thing happened. After another year, the same thing happened to the third brother.

The first son went to guard the tree the following year. A creature came and he swung at it with his sword and drove it away. The next morning they found beautiful feathers. Someone said that they came from a bird known as the Guileagan Faoidhn, which was to be found in the Patagonian Isles.

They decided to send people there to get the bird. The king's three sons from his second wife went away in boats, one after the other, but they did not return. Eventually, the first son went. He arrived at a country and went to work for the king. The Guileagan Faoidhn was there and a mare called tha Morgan Eàr on which people could travel around.

The king's daughter was very pretty and was known as 'The Beauty'. One night, the king's son put her, the Guileagan Faoidhn and the Morgan Eàr on his boat and sailed away. They stopped at the Patagonian Isles, where the other three sons were. The eldest brother tricked the first son and took the Beauty and sailed away home with the two other brothers, leaving the first son alone on the island. He was going to marry the Beauty at the end of a year, but the first son got back at the last minute and married her. They then returned to her father's kingdom and lived there happily.

Language

Gaelic

Genre

Story

Collection

SoSS

Transcription

Dòmhnall Alasdair Johnson: ...agus bha e pòsta, 's bha aon phàiste gille aca. Agus gu dè rinn a' bhan-righinn an seo ach bàsachadh. Agus cha robh a-nist duine ann a' watch-adh a' ghille [???] no duine dhen t-seòrsa sin, agus thòisich iad... thòisich iad air an rìgh... toirt air pòsadh a-rithist, agus nach dèanadh e an gnothach mar siud, no gum feumadh e an gille a chur air falbh.

Agus 's e seo an rud a rinn e co-dhiù. Phòs e. Agus bha iad ann a shin, agus bha triùir ghillean aige on bhean seo. Agus cha robh mòran sam bith aca mu dheidhinn a' chiad ghille a-nist. Nuair a thàinig na gillean eile, 's e seo an fheadhainn a bha ceart. Cha robh mòran aca mu dheidhinn a' chiad ghille idir, ma-thà.

Ach co-dhiù seothach, bha an rìgh glè mhath dheth. Agus bha aon chraobh aige anns a' ghàrradh, agus bha i h-uile bliadhna a' pàigheadh an dàrna leth a mhàl - màl an àite aige - le measan.

Ach co-dhiù seothach, a' bhliadhna a bh' ann an seo, latha... latha dh'èirich iad agus cha robh meas màthar air a' chraoibh nach robh air a froiseadh dheth. Bha iad air an talamh. Ah, cha robh fhios aca, a Dhia Mhòir, san t-saoghal sa a-bhos gu dè rud a dh'èirich dhan chraoibh no gu dè thàinig rithe. Ach co-dhiù, lean iad romhpa 's thog iad na measan a b' urrainn... a ghabhadh togail 's a ghabhadh feum toirt asta.

Agus bha iad a-nist a' dol air aghaidh mar a b' àbhaist dhaibh, agus gu ceann na bliadhna, co-ainm na h-oidhche a mhilleadh a' chraobh, agus thuirt an rìgh ris an fhear bu shine dhe na gillean mu dheireadh, thuirt e ris:

"Thèid thusa a-nochd," ars esan, "agus bheir thu leat," ars esan, "claidheamh," ars esan, "agus thèid thu a dh'fhaire na craoibhe," ars esan, "feuch am faic thu," ars esan, "am faigh thu a-mach gu dè rud," ars esan, "a tha a' tighinn rithe. Tha mi cinnteach," ars esan, "agus tha mi cinnteach... Cha tuirt mi," ars esan, "nach biodh e ann a-nochd," ars esan. "'S e seo... Tha ceann na bliadhna a-nochd ann," ars esan, "o rinneadh reimhid oirre e."

Thuirt an gille gun rachadh.

Uill, thàinig beul na h-oidhche an seo, 's nuair a thàinig beul na h-oidhche, sgioblaich an gille e fhèin 's thug e leis claidheamh 's dh'fhalbh e. Agus chaidh e gu bonn na craoibhe. Agus bha i pìos bhon taigh, bhon phàileis. Ach suas... Cha robh e a' faireachdainn sìon 's cha robh sìon a' dol no sìon a' tighinn an comhair na craoibhe 's cha...

Ach suas an seo gu meadhan-oidhche, ò, dh'fhairich e an aon fhuaim a' tighinn 's an aon ùpraid a' tighinn. Agus bha... bha e ann a shin a-nist agus bhuail an t-eagal e. Agus thug e sùil agus chunnaic e an dùbhradh dubh a bha siud anns an iarmailt a' tighinn. Agus ò, dh'fhalbh e leis cho luath 's a rinn e riamh agus thug e na buinn air dhachaigh. Agus dh'fhàgadh a' chraobh ann a shiud. Agus làrna-mhàireach nuair a dh'èirich iad bha a' chraobh mar a bha i a' bhliadhna roimhe sin, air a milleadh.

Uill, an ath bhliadhna dh'aontaich an dàrna... an dàrna fear bu shine dhe na gillean aig a' bhean mu dheireadh gun rachadh esan ann agus gum faigheadh esan a-mach gu dè rud a bha ga... Agus dh'fhalbh e cuideachd, agus thug e dha claidheamh 's dh'fhalbh iad. Dh'fhalbh e am beul na h-oidhche anns an dorchnachas.

Ràinig e a' chraobh 's shuidh e aig bonn na craoibhe 's bha e ann a shin ag èisteachd, 's feuch dè a chluinneadh e. Agus ò, cha robh sìon a' dol. Bha h-uile sìon cho balbh 's cho... cho quiet, 's cha robh aon sìon a' dol. Agus suas... suas faisg air a' mheadhan-oidhche an seothach, mar a chuala am fear eile, thòisich an ùpraid a' tighinn, agus e a' dèanamh dìreach air a' chraoibh far an robh e.

Ò ghràidhein, Dhia, cha do rinn esan ach e fhèin na buinn a thoirt air dhachaigh. Dh'fhàgadh a' chraobh an siud, 's bheir leat i no dèan na thogras tu rithe, 's thug e an taigh air.

Làrna-mhàireach bha a' chraoibh... a' chraobh air a froiseadh air ais. Agus an ceann an ath bhliadhna sineach, aig an àm... aig an aon àm a bhathar a' dèanamh an domail air a' chraoibh, chaidh am fear òg ann, agus gheibheadh esan a-mach gu dè rud a bha a' dèanamh ceàrr, agus cha teicheadh esan dhachaigh.

Ach co-dhiù seothach, bha e ann a shineach agus bha e aig bonn na craoibhe, agus e ag èisteachd feuch gu dè a chluinneadh e, agus aig suas mun mheadhan-oidhche thòisich an ùpraid, agus bha an ùpraid a' teannadh, agus mu... mu dheireadh bha i gus a bhith aig a' chraoibh, agus a-mach na buinn a thug am fear seo e fhèin dhachaigh. Agus dh'fhàgadh ann a shiud i.

[Stad sa chlàradh an seo agus an teip air teireachdainn.]

...ars esan, "nam biodh sibh air iarraidh orm, ach cha do rinn sibh sin," ars esan. "Ach an fheadhainn a dh'iarr sibh," ars esan, "cha mhòr a bh' agaibh air a shon," ars esan. "Tha a' chraobh," ars esan, "chaidh a milleadh," ars esan, "mar a b' àbhaist dhi a bhith," ars esan. "Ach cha tèid... chan eil... cha tuirt mi," ars esan, "gun rachadh a milleadh a-nochd," ars esan.

Agus dh'fhalbh e a-nist am beul na h-oidhche, an gille a bh' aige bhon chiad bhean. Agus bha e aig a' chraoibh ann a shin, a' spaistearachd timcheall agus uaireannan bhiodh e a' leigeil anail 's uaireannan bhiodh e a' coiseachd timcheall. Agus suas mun mheadhan-oidhche seo, dh'fhairich e an ùpraid a' tighinn.

Uill, sheas e a-mach bhon chraoibh pìos, agus bha e a' coimhead an taobh às an robh an ùpraid a' tighinn. Agus chunnaic e an dùbhradh dubh a bha seothach co-dhiù a' tighinn, agus bha e a' tighinn gu math ìseal ann a... a rèir na craoibhe. Agus nuair a bha e dìreach gus dol seachad air dìreach dh'fhalbh e agus gheàrr e cruinn-leum suas, agus thug e sgrìob dhen chlaidheamh air an rud... air an dùbhradh a bha seo agus leig e sgiamh às a bha sgràthail, agus dh'fhalbh e.

Uill, làrna-mhàireach... dh'fhanadh e... dh'fhan e ann a shin, agus an làrna-mhàireach nuair a shoilleirich i, sheall e timcheall feuch gu dè rud a bh' ann, ach dh'fhairich e... dh'fhairich e an claidheamh a' truiseadh mar gum biodh e a' truiseadh tro... tro itean. Agus thòisich e ri coimhead agus ò, bha na h-itean bu bhrèagha a chunnaic duine riamh ann a sheothach, feadhainn dhiubh air feadh an talmhainn. Agus thòisich e rin togail.

Agus thog e a-nist a h-uile gin dhiubh, agus dh'fhalbh e dhachaigh. Agus cha robh sìon... aon phaidse beag a bh' air a dhèanamh air a chraoibh de... dhe na measan a bh' air a fhroiseadh dhith.

Agus dh'fhaighneachd athair dha dè mar a chaidh dha, 's thuirt e gun deachaidh glè mhath. Agus dh'innis e dha athair a h-uile sìon mu dheidhinn a' bheothaich a bh' ann a sheo, agus sheall e dha na... na h-itean.

"Ò dhuine, dhuine," ars athair, ars esan, "chan fhaca mi gin riamh," ars esan, "dhen t-seòrsa," ars esan. "Agus feumaidh sinn fhaighinn a-mach," ars esan, "gu dè... cò... dè am beothach air a bheil iad," ars esan.

Uill, thòisicheadh air... ag innse mu na h-itean 's bha mòran dhaoine a' tighinn a choimhead nan itean. Agus cha robh duine a' dèanamh a-mach gu dè an t-eun air an robh iad idir.

Agus thàinig aon duine seothach an latha a bha siudach ann agus sheall e air na h-itean.

"Bheil fhios agad," ars esan, "gu dè na h-itean a tha sin?" ars esan.

"Chan eil," ars an rìgh.

Agus:

"Uill, innsidh mise dhut e. Sin agad itean," ars esan, "a th' air eun," ars esan, "ris an can iad an Guileagan Faoidhn."

"Ò seadh," ars esan.

"Agus 's ann," ars esan, "anns na... anns na fearainn fada thall," ars esan, "'s ann a tha e a' fuireach ann, ann an Rìoghachd nam Fear Mòra," ars esan.

Co-dhiù seothach, thàinig mòran an uair sin a choimhead nan itean. Agus 's ann a... na gillean a bh' aige on bhean mu dheireadh an sin, am fear bu shine, thuirt e ri athair:

"Feumaidh tu," ars esan, "bàta a thoirt dhòmhsa a-nist," ars esan, "agus tha mise a' falbh," ars esan, "agus... agus," ars esan, "gheibh mi," ars esan, "an t-eun a tha sin," ars esan.

"Ò dearbh," arsa... ars athair, "'s fheàrr dhut fuireach," ars esan.

"Ò chan fhuirich," ars esan. "Tha mi a' dol a dh'fhalbh," ars esan, "'s gheibh mi an t-eun," ars esan.

Uill, dh'fhalbh e. Fhuair athair, thug e bàta dha 's lòn bliadhna innte. Agus bha feadhainn ag ràdh gur ann anns na fearainn a bha na... bha na... fada thall a bha iad a' fui-... am beothach a' fuireach. Feadhainn eile ag ràdh nach ann, gur ann a bha e fon talamh, agus gur ann... gun robh iad a' smaointinn gur ann anns na Patagonian Isles a bha e, gura h-e an dachaigh a bh' aige.

Agus dh'fhalbh iad co-dhiù, agus sheòl iad air falbh agus chaidh iad gu ruige na Patagonian Isles. Agus thuirt e mura biodh... mura biodh esan air ais gu ceann na bliadhna, gum faodadh iad a bhith cinnteach nach d' fhuair e an t-eun ann.

Uill, ruith a' bhliadhna 's cha... cha tàinig gabadh air cò an taobh a ghabh e no às an tàinig e. Agus... tha... cò... agus 's ann a rinn an dàrna fear... 's ann a rinn am fear meadhanach an sin dhe na gillean a bh' aige bhon bhean mu dheireadh, rinn... 's ann a rinn e... thuirt e ri athair:

"Uill," ars esan, "tha e coltach nach d' fhuair mo bhràthair," ars esan, "nach d' fhuair e an t-eun idir," ars esan, "ach bheir thu dhòmhsa," ars esan, "saothach," ars esan, "agus lòn bliadhna innte," ars esan, "mar a thug thu dha fhèin," ars esan, "agus tha mise a' falbh," ars esan, "agus gheibh mi e."

Uill, dh'fhalbh e, agus ràinig e, ràinig e na Patagonian Isles, agus bha crann na saothach aig a bhràthair ann a shin. Agus chaidh e ann agus thòisich... bha iad ag obair... bha e ag obair air cladhach anns an eilean a bha sin. Agus thòisich esan còmhla ris.

Agus dh'fhalbh an sin am fear òg an ath bhliadhna, agus fhuair e fhèin bàta agus dh'fhalbh e còmhla riutha. Agus ràinig e na Patagonian Isles agus bha a dhithis bhràithrean an sin ag obair air cladhach, 's bha an t-eun gus a bhith aca ann an ùine ghoirid.

Agus bha a-nist an gille a bh' aige bhon chiad bhean - cha robhar a' cur mòran for annsan ann; cha robh ann ach duine a bhathar ga fhàgail air taobh leis fhèin - agus thuirt e ri athair:

"Uill," ars esan, "tha e glè choltach leam," ars esan, "nach d' fhuair an seat a dh'fhalbh," ars esan, "gun robh iad mar a bha iad mun... mun chraoibh," ars esan, "gu bheil iad mu dheidhinn an eòin," ars esan, "nach d' fhuair... nach d' fhuair iad an t-eun fhathast," ars esan. "Agus a-nist," ars esan, "bheir thu dhòmhsa," ars esan, "saothach mi fhìn," ars esan, "agus lòn bliadhna innte," ars esan, "agus thèid mise ga iarraidh," ars esan, "agus gheibh mi e cuideachd," ars esan.

Agus:

"Cò a-nist," ars esan, athair, ars esan, "a tha iad a' dol a dh'fhàgail an seo?" ars esan.

"Ò," ars esan, "chan eil fhios agamsa cò thathar a' dol a dh'fhàgail an seo," ars esan, "ach ma thig an t-seat a dh'fhalbh," ars esan, "'s beag mo chuid-sa dheth," ars esan, "a rèir choltais. Ach bheireadh sibhse dhòmhsa siud," ars esan.

Uill, thug... dh'aontaich an rìgh gun toireadh e sin, 's chaidh e far an robh [?oghnar] air choreigin 's fhuair e am bàta a bha seothach agus dh'fhalbh a-nist, dh'fhalbh an gille an latha seo às an taigh chun a' bhàta... chun a... an doc sìos far an robh iad. Agus air an rathad a' dol sìos bha lunch aige, agus air an rathad a' dol sìos shuidh e air... agus bha e air nochdadh ris an àite sìos ris a' chladach. Shuidh e air bearradh ann a shineach, agus thòisich e ri gabhail a lunch agus chunnaic e an duine a bh' ann a sheothach a' tighinn a-nuas tron ghleann thuige, agus thàinig e.

"Seadh," ars an duine, ars esan, "tha thu dìreach a' gabhail do lunch," ars esan.

"Tha," arsa mac an rìgh, ars esan, "agus suidheadh sibhse a-nall," ars esan, "'s gun gabhadh sibh fhèin pàirt dhith," ars esan.

"Ò uill," ars esan, "tha sin glè mhath dhut," ars esan.

Agus shuidh e a-null, agus ghabh iad a-nist an lunch le chèile, ge brith gu dè an lunch a bh' aige. Agus nuair a ghabh iad i, thuirt... thuirt an duine a bha seothach ris:

"An-tà, 's math tha fhios a'm," ars esan. "Cà 'il thu a' dol."

"Chan eil fhios a'm," arsa mac an rìgh, "nach eil," ars esan. "Ach dh'fhalbh fe-... dh'fhalbh feadhainn," ars esan, "air an trag... air an trag air a bheil mise a' falbh," ars esan, "agus nach do thill iad fhathast," ars esan.

Agus:

"Tha thu," ars esan, "a' dol a... a' dol a dh'iarraidh a' Ghuileagan Faoidhn," ars esan.

"'S ann," ars an gille, ars esan, "'s ann dìreach air an trag air an robh mi ceart gu leòr," ars esan, "feuch cà robh e," ars esan, "no gu dè seòrsa eun a bh' ann," ars esan.

'S dh'innis e dha mu dheidhinn na craoibhe 's mu dheidhinn a h-uile sìon agus mu dheidhinn nan itean. Agus:

"Thugainn," ars esan, "agus lean thusa mise."

Dh'fhalbh e fhèin 's am fear sin còmhla agus ràinig iad an doc sìos, agus bha am bàta ann a shineach a dh'òrdaich an rìgh, bha i deiseil, agus lòn bliadhna innte. Agus dh'fhalbh iad agus thog iad a-mach, agus thogadh na siùil bhreaca bhaidealach sin cruinn fada fulannach fiùghaidh. Cha robh seòl gun lùbadh... cha robh crann gun lùbadh no seòl gun reubadh a' caitheamh na fairge fulcanaiche, falcanaiche, an lear ghuirm, an lear dheirg, [?an lochannach], an fhaochag bheag chrom chiar a bheireadh seachd bliadhna air an aigeal, bheireadh i snag air a beul mòr aig [?Eòsaph], an t-òigear a bha ga stiùireadh.

"Seall suas," ars an sgiobair, ars esan, "gu dè an t-astar a th' air an luing," ars esan.

"Tha mi a' smaointinn," ars... ars esan...

Thàinig... chaidh gille suas an sin 's thàinig e a-nuas.

"Tha mi a' smaointinn," ars esan, "gun rachadh i eadar an sìlean... sìlean sìl 's an cochall," ars esan.

"Bheiribh dhi tuilleadh canabhais," ars an sgiobair.

Thugadh dhi tuilleadh canabhais an uair sin, agus thuirt e ris:

"Thalla a-nist," ars esan, "agus seall suas dè an t-astar a th' oirre," ars esan.

"Tha mi a' smaointinn," ars esan, "gun rachadh i eadar an lèine-bhàn agus am plaosg a-muigh."

"Uill," ars esan, "fàgaidh sinn aig a sin fhèin i a-nist."

Uill, fada no goirid co-dhiù gun robh Rìoghachd nam Fear Mòra bhuaithe, ràinigeadh e. Agus chaidh iad gu cidhe ann a shin agus bha pàileas mhòr, àlainn a' tighinn suas dìreach bìdeag os cionn a' chidhe. Agus thuirt am fear seo ris:

"Fanaidh sinn a-nist ann a sheothach," ars esan, "agus thèid thusa gu tìr," ars esan, ri mac an rìgh, ars esan, "agus feuch am faigh thu... am faigh thu," ars esan, "obair," ars esan, "air choreigin," ars esan, "gus feuch am faigh sinn a-mach," ars esan, "càit a bheil e ann, ann a sheo," ars esan. "'S ann an seo a tha e," ars esan, "ann an Rìoghachd nam Fear Mòra," ars esan.

Agus co-dhiù, chaidh mac an rìgh air tìr, agus thachair feadhainn ris a sin 's bha iad a' bruidhinn ris, agus thachair am fear seo ris, agus dh'fhaighneachd e dheth:

"Dè," arsa... "An ann a' coimhead airson obrach a tha thu?" ars esan.

"'S ann," arsa mac an rìgh, ars esan.

Agus:

"An-tà," ars esan, "tha sinn fhìn ann a sheo, an rìgh," ars esan, "agus bha grùma againn," ars esan, "airson nan each ann a sheothach," ars esan, "agus dh'fhalbh e," ars esan. "Agus tha sinn uabhasach [?leiristeach]," ars esan. "Chan eil duine againn," ars esan. "An dèanadh tu," ars esan, "sìon air an obair?"

"Ò nì," arsa mac an rìgh. "Tha mise suas ris ceart gu leòr," ars esan. "Nì mise e gun teagamh," ars esan.

Agus:

"Ò ma-thà," ars esan, "thèid mi a-staigh far a bheil an rìgh," ars esan, "agus math dh'fhaodte gum fastaidh e thu," ars esan.

Uill, dh'fhalbh an duine seo 's chaidh e a-staigh far an robh an rìgh 's thàinig an rìgh a-mach còmhla ris. Dh'fhaighneachd e do mhac an rìgh eile:

"An ann..."

An e siud obair a bh' aige, 's thuirt e nach e fìor obair a bh' aige idir ach gun robh e riutha. Agus:

"Ò ma-thà," ars esan, "mas aithnte dhut," ars esan, "gu dè mar tha an obair a' dol," ars esan, "bidh e ceart gu leòr," ars esan. "Agus tha fàlairidh ann a sheothach," ars esan, "co-dhiù," ars esan, "a dh'fheumadh coimhead às a dèidh," ars esan. "Agus," ars esan, "tha," ars esan, "beothach eile ann ris an can iad an Guileagan Faoidhn," ars esan, "ach chan eil am beothach sin a' tighinn a-mach uair sam bith, mura tig e corra uair air... a-mach air... air cuairt còmhla ris an fhàlairidh."

Agus:

"Ò glè cheart," arsa mac an rìgh, ars esan. "Gheibh e sin," ars esan.

Agus ghabh a-nist mac an rìgh chun na [???] aca agus thuirt am fear a bha sa bhàta aige fhèin, thuirt e ris:

"Nist," ars esan, "thig thu a-nuas a h-uile h-oidhche ann a sheo," ars esan, "agus innsidh tu," ars esan, "gu dè mar a bhios an gnothach a' dol," ars esan.

"Thig," arsa mac an rìgh.

Agus chaidh e a-nist sìos agus dh'innis e, seadh, gun robh e air fastadh aig an rìgh na ghrùma agus gun robh... gur ann an seothach a bha an Guileagan Faoidhn, agus gun robh e anns an stàball còmhla ris a' Mhorgan Eàr, ris a... fàlairidh a bh' aige, agus gun robh nighean aige agus gur e an Tè Bheauty a theirte rithe, leis cho brèagha 's a bha i. Agus:

"Ò uill, ma-thà," ars... ars esan ris, "tha an gnothach ceart gu leòr," ars esan. "Cum... cumaidh tu air aghaidh," ars esan, "ach thig thu a-nuas a h-uile feasgar," ars esan, "far am bi mise," ars esan, "agus innsidh tu," ars esan, "dè mar a bhios an gnothach a' dol," ars esan.

"Innsidh," arsa mac an rìgh.

Uill, bha iad a' dol air aghaidh mar sineach, agus thuirt e... thuirt mac an rìgh ris, latha:

"Dhia," ars esan, "tha mi a' dol a dh'fheuchainn ris an eun a thoirt a-mach," ars esan, "feuch am faic mi dè an coltas a th' air," ars esan, "dè seòrsa... a bheil e a' coimhead brèagha," ars esan.

Agus:

"Ma nì thu sin," arsa... ars am fear eile, ars esan ris, "air na chunna tu riamh," ars esan, "feuch," ars esan, "nach buail an sgiath aige no grèim dhen taobh a-muigh aige," ars esan, "ri àite sam bith eile," ars esan, "nach buail e ann an rathad an dorais," ars esan, "ga thoirt a-mach," ars esan, "no ma... ma bhuaileas," ars esan, "leigidh e sgiamh," ars esan, "a dhùisgeas am baile o cheann gu ceann."

"A Dhia," arsa mac an rìgh, ars esan, "feuchaidh mi ris an aire a thoirt dha."

Uill, 's ann mar seothach a bha co-dhiù. An oidhche bh' ann a sheothach thuirt e na inntinn fhèin - oidhche bhrèagha shnog a bh' ann - thuirt e na inntinn fhèin:

"An tìochdais, mura feuch mi air an t-eun a thoirt a-mach."

Agus dh'fhalbh e, agus chaidh e chun an eòin 's cha do chuir an t-eun [?comhair] sam bith air. 'S thog e an t-eun - 's e beothach mòr a bh' ann - thog e an t-eun agus nuair a bha e dìreach a' dol a-mach an doras, bhuail bàrr na sgèithe aige anns a... anns a' chòmhla, ach ma shuath... ma bhuail, a Dhia, leig e sgread 's sgiamh às, agus dhùisgeadh taigh an rìgh, 's dhùisgeadh am bail-... na bailtean mu chuairt uile-gu-lèir leis an sgiamh aige. Agus thàinig an rìgh a-mach, 's thuirt e:

"An ann," ars esan, "a' dol a ghoid an eòin a bha thu?" ars esan.

"Ò chan ann," arsa mac an rìgh, ars esan, "chan ann a' dol ga ghoid a bha mi idir, ach innsidh mi dhut gu dè an rud a bha mi a' dol a dhèanamh," ars esan. "Tha," ars esan, "mòran dhe na daoine dhen àite a tha seothach ag ràdh," ars esan, "nach fhaca duine sealladh eile riamh a b' àille na... nam biodh am Morgan Eàr air a thoirt a-mach agus an Tè Bheauty air a muin agus an t-eun air a beulaibh, nach fhaca duine sealladh riamh air an oidhche bu bhrèagha na e."

"Uill," arsa an rìgh, ars esan, "bidh sin againn ri dhearbhadh," ars esan.

Co-dhiù seothach, chuireadh a-staigh an t-eun, agus ghlasadh suas gu madainn e. Agus nuair a dh'èirich iad sa mhadainn bha latha brèagha ann. Agus bha iad a-nist, bhiodh iad a' gabhail walk, co-dhiù leis a' Mhorgan Eàr agus... agus an Tè Bheauty agus... air an latha. Agus 's e mac an rìgh an seo, 's e a bhiodh a' falbh leotha. Bhiodh e a' cur cuairtean air feadh àiteachan eile 's taighean eile a bh' ann. Agus an oidhche a bh' ann a sheothach a-nis, thuirt an rìgh ris a-nist an oidhche a bh' ann a sheo...

[Pìos goirid dhen chlàradh a dhìth an seo.]

"...agus cuiridh tu an t-eun air a beulaibh," ars esan, "agus... agus leis a... air a' Mhorgan Eàr," ars esan, "agus gabhaidh tu cuairt leatha," ars esan.

Uill, 's e seo mar a bha co-dhiù. Nuair a thàinig an oidhche 's a dhorchnaich i, 's bha an oidhche snog, brèagha, soilleir, 's... agus thug e a-mach an fhàlairidh, am Morgan Eàr, agus - 's e bh' aca oirre - agus thàinig an Tè Bheauty i fhèin 's i air a triomaigeadh suas, agus thugadh a-mach an t-eun, agus chuireadh an triùir aca air a... air a' Mhorgan Eàr, agus dh'fhalbh mac an rìgh leotha, agus chuir e cuairt mu chuairt a' bhaile leotha uile-gu-lèir, agus... agus thill e.

"Uill," ars an rìgh, ars esan, "feumaidh mi ràdh," ars esan, "gur e sealladh a th' ann dha-rìribh," ars esan.

"Ò," ars... ars an gille," ars esan, "'s e sin," ars esan, "a bha daoine ag ràdh riumsa," ars esan. "'S e sin dhomh... a thug dhomh," ars esan, "a bhith a' toirt a-mach an eun air an oidhche," ars esan, "feuch am faicinn an e an fhìrinn a bh' aca," ars esan.

Co-dhiù seothach, a h-uile h-oidhche tuilleadh bhiodh e a' dol cuairt leotha feuch... bhiodh e a' dol cuairt leotha, agus... air feadh na h-oidhche leis a' Mhorgan Eàr 's leis a... leis a' Ghuileagan Faoidhn agus an Tè Bheauty. Agus fhuair am fear a bha... dh'innis e dhan fhear a bha sa bhàta a h-uile sìon dhe seothach, agus:

"Uill," ars esan, "bheir mise dhut brath," ars esan, "cò an oidhche," ars esan.

Agus, nist, bha an gnothach an seo a' dol air aghaidh treis agus bha iad a-nist air fàs cho dàna air mac an rìgh 's cha robh... cha dèanadh e sìon co-dhiù ach rud ceart. Agus an oidhche a bh' ann a sheo, co-dhiù, thuirt e ri fear a' bhàta:

"Nist," ars esan, "bidh mise a-nuas a-nochd," ars esan, "leis a' gheang," ars esan, "agus," ars esan, "biodh sibhse deiseil, agus bidh sinn a' falbh às a seo."

Uill, 's ann mar seothach a bha co-dhiù. Thàinig an oidhche co-dhiù, 's thugadh a-mach am Morgan Eàr 's... agus an Guileagan Faoidhn, 's thàinig an Tè Bheauty 's shuidhich i i fhèin oirre 's... agus dh'fhalbh iad, 's chuir iad cuairt air feadh a' bha-... air feadh an àite, agus nuair a bha iad a' tilleadh, ghabh iad sìos far an robh am bàta agus bha am bàta dìreach deiseil, sìon ach ròpa, dìreach, fhuasgladh 's leigeil air falbh. Agus bha na siùil seat-te airson togail oirre.

Uill, chàireadh a-staigh an geang aca dhan bhàta, agus leigeadh air falbh am bàta 's dh'fhalbh i.

Co-dhiù seothach, bha iad a' falbh agus b' e seòl a bh' ann. Agus nuair a ràinig iad mu choinneamh na Patagonian Isles an sineach, thug iad sùil, agus bha na trì chruinn anns a... saothaichean anns a... anns an eilean fhathast. Agus thuirt... thuirt mac an rìgh ris an sgiobair gun tadhladh iad ann a sheothach, gun robh bràithrean dha ann a sheothach agus gur ann ag iarraidh an eòin a bha iad, agus gur ann ga chladhach a bha iad, agus gun tadhladh iad feuch dè mar a bha iad.

Uill, thadhail iad, agus dh'fhaighneachd mac an rìgh dha bhràithrean:

"Seadh," ars esan, "an d' fhuair sibh fhathast e?" ars esan.

"Ò cha d' fhuair," ars esan, "tha e dìreach... chan eil e ach mu obair latha bhuainn fhathast gun a chladhach."

"Ah," ars an sgiobair, ars esan, 's e na sheasamh far an robh iad, ars esan, "tha an t-eun air bòrd againne," ars esan.

"Chan eil," ars iadsan.

"Ò tha," ars esan, "agus barrachd 's an t-eun."

Agus 's gann gun creideadh iad e. Agus dh'fhalbh esan agus chaidh e choimhead... choimhead dè rud a bha iad a' dèanamh, no gu dè an cladhach, agus dh'fhalbh [???] bha i sin air a chladhach gu fiadhaich agus air a chur a-mach às an rathad, an stuff a bha san eilean.

Agus co-dhiù seothach, bha e a' dol mu chuairt 's e a' coimhead air gnothaichean ann, 's air stuth an siud 's an seo. Agus gu dè rinn an sgiobair... gu dè rinn mac an rìgh eile, am fear a bu shine dhe na gillean mu dheireadh, dè rinn e ach an sgiobair a bhraoibeadh agus dh'fhalbh na trì bàtaichean, agus nuair a thàinig esan a-mach cha robh sgeul air gin. Agus bha e ann a shiud air fhàgail anns an eilean leis fhèin, mac an rìgh.

Uill, cha robh fhios aige o Dhia on t-saoghal sa a-bhos gu dè rud a dhèanadh e ann. Ach bha e a' dol mu chuairt ann a shin 's bhiodh e a' cadal far an robh iad... far a robh iad fhèin a' cur seachad na h-oidhche. Agus bha biadh innte, seadh, a bha... a dh'fhàg iadsan 's bha e ag obair air... 's e am biadh sin a bha e a' gabhail. Cha robh sìon aige fhèin co-dhiù.

Agus dh'fhalbh na bàtaichean 's chaidh iad dhachaigh. Agus bha a-nist an gille, a' chiad ghille a bh' aige bhon dàrna bean, bha e airson ise a phòsadh, nighean rìgh a' Ghuileagan Faoidhn. Agus thuirt i nach pòsadh, gun cuireadh i bliadhna roimhpe fhathast gun duine sam bith a phòsadh, feuch an tigeadh am fear a thug air falbh ise à taigh a h-athar.

Uill, bha iad a' dol mu chuairt ann a shineach 's a h-uile sìon agus bha an ùine a' dol seachad. 'S ò, bha esan air a dhol fo fheusaig 's bha e air dhol... bha an t-aodach aige a' fàs dona 's bha h-uile sìon a' fàs dona 's... Agus cha robh e ach ann a shiud, agus cha robh dùil aige ri faighinn às co-dhiù.

Ach co-dhiù, bha a' bhliadhna seo a' dol seachad. Agus mu dheireadh thàinig e chun na h-oidhche mu dheireadh, agus rinneadh [???] airson banais a dhèanamh, agus gum pòsadh mac an rìgh agus ise, nighean rìgh a' Ghuileagan Faoidhn.

Agus bha esan agus oidhche bhrèagha ann, bha esan ann an còmh-thràth na h-oidhche agus e na shuidhe os cionn a' chladaich agus e a' coimhead air a' chuan a-mach, agus shaoil leis gum faca e dùbhradh de rud dubh mar gum biodh bàta anns a' chuan. Agus an Dia, rinn e seo a-mach gura h-e bàta beag a bh' ann, agus gur ann a' tighinn air an rathad seo a bha i.

Agus thàinig am bàta, agus thàinig i chun a' chladaich, agus dh'èigh... dh'èigh an duine a bh' innte - cha robh innte ach aon duine - dh'èigh an duine a bh' innte:

"A bheil thu shuas an sin?" ars ise.

"Tha," ars esan.

"Nuas an seo sa mhionaid thu," ars ise... ars esan.

Agus thàinig e a-nuas.

"Thig a-staigh," ars esan, "dhan bhàta seo."

Agus dh'fhalbh iad 's thill iad air falbh air a' mhionaid san tàinig am bàta agus bha iad a' falbh. Agus:

"Tha," ars esan, "am boireannach agad," ars esan, "a' pòsadh a-nochd," ars esan, "agus," ars esan, "feumaidh sinn ar dìcheall a dhèanamh," ars esan, "ma bhios sinn ann," ars esan, "mum pòs iad," ars esan.

Uill, dh'fhalbh iad co-dhiù, agus ràinig iad a-bhos. 'S thuirt an duine ris-san:

"Thalla a-nist," ars esan, "agus thèid gu ruige barbair," ars esan, "agus sèibh thu thu fhèin agus glan thu fhèin," ars esan, "agus nigh thu fhèin agus theirig gu ruige," ars esan, "bùth," ars esan, "far a bheil aodach," ars esan, "agus cuir deise ùr ort," ars esan.

Uill, dh'fhalbh mac an rìgh agus rinn... rinn e sin 's chaidh e ann.

"Agus nuair a nì thu sin," ars esan, "theirig suas," ars esan, "chun na pàileis," ars esan. "Tha iad gun phòsadh fhathast," ars esan. "Agus tha iad... tha... tha a' bhanais," ars esan, "'s ann san hall a tha sin mu choinneamh... mu choinneamh na pàileis, agus 's ann an sin," ars esan, "a tha iad."

Dh'fhalbh mac an rìgh co-dhiù 's ghabh e suas chun a... chun a' hall a bha seo 's ghabh e a- staigh. Bha ise air ceann shuas a' hall na suidhe agus mac an rìgh, am fear eile a chlann an rìgh, am fear a bha a' dol ga pòsadh, agus na gillean eile, bha iad shuas an sin. Ach chunnaic i esan a' tighinn tron doras.

Dh'fhalbh i ann an deannaibh nan cas agus ghabh i sìos tron hall na ruith, agus chàirich i a dà làimh mu amhaich agus thug i pòg dha.

"Ò m' eudail, m' eudail ortsa," ars ise, "on a thàinig thusa," ars ise, "chan eil fear geal eile ann," ars ise, "a chuireas fàinne ormsa," ars ise, "ach thusa."

Uill, 's ann mar seothach a bha co-dhiù. On a bha na pearsachan-eaglais ann, ge brith gu dè seòrsa a bh' ann co-dhiù, 's a h-uile sìon, 's ann a phòsadh an dithis aca. Agus chaidh a' bhanais a-nist, chaidh i seachad, agus cha robh iad a-nist ach timcheall. Agus rinn ise agus esan airson gun tilleadh iad gu ruige Rìoghachd nam Fear Mòra còmhla ri h-athair. Cha robh ann ach a h-athair.

Agus làrna-mhàireach air a seothach co-dhiù, dh'fhalbh iad, agus fhuair iad am bàta ceunda a thug a-nall iad agus a thug a-null reimhid iad, agus thug i a-null iad agus ràinig iad Rìoghachd nam Fear Mòra. Agus [???] aig a' chidhe aig taigh an rìgh. Agus chaidh iad i a-staigh agus ò, ghabh a h-athair, ghabh e na bad anns a' mhionaid 's chàirich e a dhà làimh mu h-amhaich.

"Ò m' eudail, m' eudail ortsa," ars esan. "Tha thu air tilleadh," ars esan, "Agus m' eudail," ars esan, "air an fhear a thug air ais thu," ars esan. "Tha sibhse," ars esan, "tha sibh ann ur dachaigh ann a sheo," ars esan, "agus bithidh," ars esan. "Tha mise air tighinn gu aois," ars esan, "agus thèid esan nam àite," ars esan, "na rìgh ann a sheo," ars esan, "nuair a bhios... nuair a dh'fhalbhas mise," ars esan.

Agus chaidh iad a-staigh, agus dh'fhan e fhèin agus nighean rìgh a' Ghuileagan Faoidhn an sin, 's an Guileagan Faoidhn 's am Morgan Eàr, bha iad aca, a h-uile sìon... h-uile sìon a thug iad leotha a' tilleadh air ais. Agus dh'fhan iad ann a shin. Agus 's ann an sin a dh'fhàg iad mise, agus thàinig mise dhachaigh leis a' bhàta nuair a bha i a' tilleadh agus... dha m' àite fhìn. Agus sin mar a chuala mise an sgeulachd a' Ghuileagan Faoidhn agus am Morgan Eàr agus an Tè Bheauty.

Source Type

Reel to reel

Audio Quality

Fair