Search

A' lorg fortan aig Drochaid Shruighlea.

Date 12 August 1953
Track ID 5621
Part 1

Track Information

Original Track ID

SA1953.132.7

Original Tape ID

SA1953.132

Summary

Searching for a fortune at Stirling Bridge.

This story used to be told at the ceilidhs in Jura. An Islay man dreamt he would find money at Stirling Bridge - enough to keep him happy all his life. He had the same dream three nights running and set off on the fourth morning, walking all the way to Stirling Bridge. He spent a day there walking back and fore, then met an old man who asked what he was doing. When he told him, the man said he had dreamt he would find the same in a certain byre in Islay. The Islay man turned back and found the money where the old man had described - in his own barn.

Language

Gaelic

Genre

Story

Collection

SoSS

Classification

AT1645

Transcription

Archie MacKechnie (AM): Feuchaidh mi ri naidheachd eile a thoirt dhuibh, [???] eile, naidheachdan a bhiodh na seann daoine ag innse anns na... aig na cèilidhean ann an Diùra.

'S e seo duine a mhuinntir Ìle agus bhruadair e nan rachadh e a-mach gu Drochaid Shruighlea gum faigheadh e de dh'airgead an sin na chumadh sona ri a bheò e. Agus bhruadair e seo trì oidhchean às dèidh a chèile. Air an treas oidhche... air an treas madainn thuirt e ri a bhean gun robh esan a' dol a dh'fhalbh gu Drochaid Shruighlea, agus dh'innis e dha... dhi mar a bhruadair e. Agus rinn ise deas biadh 's gnothach dha agus dh'fhalbh e.

Agus chaidh e thairis air Caol Ìle, 's choisich e ro Dhiùra, suas gus an Lag, agus chaidh e à sin gu... thairis aig Rubha na Cille, 's choisich e a h-uile ceum gu Sruighlea. Agus ràinig e Drochaid Shruighlea agus dh'iarr... thàinig... cha robh mìr ga dhèanadh. Agus bha e a' coiseachd air ais 's air aghaidh an sin, ach an làrna-mhàireach a-rithist, thàinig seann duine far an robh e 's thuirt ris:

"Dè..."

Dè bha e a' dèanadh ann an siud. An do chaill e rud sam bith.

"Cha do chaill mi nì," thuirt esan, "ach fhuair mi rabhadh ann am bruadar, nan tiginn gu Drochaid Shruighlea an seo, gum faighinn de dh'airgead na chumadh sona rim bheò mi."

"Ò," thuirt... thuirt am fear seo ris, "falbh dhachaigh, a bhurraidh," thuirt esan. "Nach fhaic thu mi fhèin. Bhruadair mi," thuirt esan, "nam faighinn... nan rachainn do dh'Ìle agus dol chun a leithid seo de bhàthaich anns a' Bhàrr ann an Ìle, nan rachainn ann a leithid seo de bhàthaich, agus gun robh bò an sin, bò bhàn, agus leac fo na casan-toisich aice, agus nan togainn an leac sin gum faighinn de dh'airgead an sin na chumadh mi socair rim bheò."

Cha tuirt an t-Ìleach an còrr, ach thill e dhachaigh. Agus nuair a thill e, chaidh e a-staigh don bhàthaich aige fhèin, agus thog e an leac a bha fo chasan a' mhairt bhàin, 's fhuair e an t-airgead ann an sin.

Calum MacIllEathain (CM): Aig seann daoine a chuala sibh an naidheachd?

AM: 'S ann... 's ann... 's ann aig seann daoine a chuala mise an naidheachd sin. Bhiodh... gan innse aig na cèilidhean o chionn ùine mhòr.

Source Type

Reel to reel

Audio Quality

Good