Search

Trì comhairlean an tuathanaich dhan duine bhochd.

Date July 1970
Track ID 58706
Part 1

Track Information

Original Track ID

SA1970.188.B1

Original Tape ID

SA1970.188

Summary

The farmer's three counsels for the poor man.

A poor man left his wife and son at home and went to work for a farmer for a year, for a wage of a pound and a pair of shoes. At the end of the year the farmer offered advice for a pound, which he took: always take the long clean road and not the short dirty one. He stayed another year, and the same thing happened. The farmer's counsel was, never stay in a house where there is a young wife with an old husband. At the end of the third year, he agreed again to take advice rather than his pound: think three times before you act. He would stay no longer but left with the three pairs of shoes and no money. The farmer's advice kept him safe on the way home, and prevented him from acting hastily when he got there. He also found that his three pounds in wages were hidden in one of the shoes.

Recording Location

County - Inverness-shire

Parish - South Uist

Island - South Uist

Village/Place - Ardmore

Language

Gaelic

Genre

Story

Collection

SoSS

Classification

AT910B

Transcription

Dòmhnall Alasdair Johnson (DA): Uill, 's e naidheachd a th' agam dhut ann a sheothach air fear a bh' ann, agus bha e pòsta, agus bha an gnothach cruaidh air. Cha robh mòran de ghnothach an t-saoghail aige co-dhiù, agus bha aon phàiste gille aca, ach 's ann a studaig e... studaig e seothach gun rachadh e ga chosnadh, agus gum fàgadh e a bhean 's an gille a-staigh.

'S e seo an rud a rinn e. Dh'fhalbh e, agus chaidh e ga chosnadh. Cha robh sgillinn aige. Aig tuathanach an sin, fhuair e obair aige. Agus 's e not sa bhliadhna a bh' aige agus paidhir bhròg. Uill, bha e ag obrachadh an sineach, agus thug e suas gu ceann na bliadhna e, agus aig ceann na bliadhna seothach, rinn e airson falbh, agus thuirt an tuathanach ris, dh'fhaighneachd e an robh e a' falbh. Thuirt e gun robh; gun robh e a' smaointinn air falbh.

"An-tà," ars esan, "bheir mise comhairle ort," ars esan, "ach bidh i not ort," ars esan.

Agus: "Am bi?" ars am bodach, ars an duine a bh' ann.

"Bidh," ars an tuathanach.

"Uill," ars esan, "dè a' chomhairle a tha sin?" ars esan.

"Uill, innsidh mi sin dhut," ars esan. "Ma bhios tu a' falbh uair sam bith," ars esan, "dol a dh'àite uair sam bith," ars esan, "'s gu bheil dà rathad ann," ars esan, "a gheibh thu ann dhan àite," ars esan, "tha rathad goirid ris an can iad rathad goirid salach, agus rathad fada glan ann. Air na chunna tu riamh," ars esan, "na gabh an rathad goirid, salach," ars esan, "ach gabh an rathad fada glan."

Agus: "Ò uill," ars am bodach, "ma-thà," ars esan, ars an duine sin, "tha e cho math dhòmhsa fuireach bliadhna eile agad. Tha mi cho falamh a' falbh 's a bha mi a' tighinn, ach gu bheil na brògan agam."

'S e seo an rud a rinn e. Dh'fhan e bliadhna eile aige, agus an ceann na bliadhna bha e a' falbh, agus thuirt... thuirt an tuathanach ris:

"Uill," ars esan, "tha mi a' dol a thoirt comhairle eile ort am bliadhna cuideachd, agus bidh i not a-rithist ort."

"Am bi?" ars am bodach.

"Bidh," ars esan.

"Seadh," ars esan, "ma-thà," ars esan, "cluinnidh mi e."

"Uill, innsidh mi sin dhut," ars esan.

"Ma thèid thu," ars esan, "gu bràth," ars esan, "gu ruige taigh anns am bi," ars esan, "seann bhoireannach agus gille òg," ars esan, "pòsta, no," ars esan, "boireannach òg," ars esan, "agus seann duine pòsta," ars esan, "na fan idir ann. Falbh às," ars esan. "Na fan an oidhche idir ann," ars esan. "Agus bidh seothach," ars esan, "not cuideachd ort."

"Ò ma-thà," ars esan. "Fanaidh mi bliadhna eile," ars esan.

Agus seo an rud a rinn e. Dh'fhan e bliadhna eile. Thug e a' bhliadhna ag obair aig an tuathanach, agus thàinig an seo ceann na bliadhna. Agus co-dhiù, rinn e airson falbh am-bliadhna, agus thuirt an tuathanach ris:

"Bheil thu a' falbh?" ars esan.

"Tha," ars an duine.

"Uill," ars esan, "tha mi a' dol a thoir comhairle eile ort fhathast," ars esan, "agus 's e seo a' chomhairle mu dheireadh," ars esan, "agus bidh i not ort cuideachd," ars esan.

"Ah uill, ged a bhitheadh," ars esan, "chan eil mi a' dol a dh'fhuireach nas fhaide co-dhiù," ars esan.

Uill, bha a-nis na trì paidhrichean bhròg aige, agus:

"Seo ma-thà," arsa... "uill ma-thà," ars esan, "cluinnidh mi a' chomhairle."

"Innsidh mi sin dhut," ars esan. "Ma bhios tu a' studaigeadh gu bràth," ars esan, "air rud a dhèanamh," ars esan, "smaointich trì uairean," ars esan, "agus," ars esan, "na dèan air an oidhche," ars esan, "rud a bhios aithreach ort air an latha," ars esan, "no air an latha an rud a bhios aithreach ort air an oidhche."

"Ò seadh," ars am bodach. "Glè cheart."

Uill, 's ann mar seothach a bha. Dh'fhalbh e, agus rinn e deiseil, 's phaisg e na brògan suas ann am parsail, ach an fheadhainn a bh' air, agus cha robh... cha robh an t-airgead a' dol. Ach co-dhiù an seothach, dh'fhàg e slàn aig an tuathanach 's dh'fhalbh e. Ghabh e a rathad, agus thàinig e gu dà rathad ann a sheo, agus bha fear goirid ann a gheibheadh e dhan àite, agus bha fear fada ann, glan, a bheireadh na b' fhaide nan gabhadh e e. Agus sheas e aig na croisean rathaidean, agus smaoinich e air comhairle a' bhodaich, comhairle an tuathanaich, agus dh'fhalbh e agus ghabh e an rathad fada glan.

Uill, bha e a' gabhail air falbh co-dhiù, agus ann am beul anmoch na h-oidhche an seothach, chunnaic e solas bhuaithe, agus chaidh e dhan t-sol-… chun an taighe, 's bhuail e aig an doras, agus thàinig boireannach a dh'fhosgladh... boireannach òg a dh'fhosgladh an dorais, agus chaidh e a-staigh, agus bha leth-sheann duine a-staigh an sin. Agus dh'fhaighneachd e... dh'fhaighneachd e am faigheadh e cuid na h-oidhche, 's thuirt e... thuirt i gum faigheadh, ma bha e airson fuireach, agus thuirt e gum faiceadh e gu dè a dhèanadh e.

"An e," ars esan, "an e do chompanach a tha sin?" ars esan.

"'S e," ars ise.

"A Dhia," ars esan, "tha thusa gu math nas òige na e."

"Ò tha," ars ise.

Agus co-dhiù, an seothach fhuair e biadh ann, agus nuair a fhuair e biadh thuirt e:

"Uill," ars esan, "tha mi a' smaointinn," ars esan, "gun cùm mi romham," ars esan, "on a tha an oidhche cho math."

Agus bha an oidhche a-nist a' fàs dorcha, agus chaidh e a-mach, agus bha sabhal ann a shin anns an robh feur no arbhar a-staigh ann. 'S e feur a bhiodh ann, agus chaidh e... sheall e a-staigh ann, agus dh'fhalbh e agus chaidh e a-staigh ann, agus chaidil e anns an fheur. Chaidh e dhan fheur. Ach co-dhiù seothach, air treis a dh'oidhche, dh'fhairich e feadhainn a' coiseachd, a' tighinn chun an dorais. Agus cò thàinig a-staigh ach ise agus fear eile còmhla rithe. Agus bha còta air an... air an fhear a bh' ann. Agus bha esan a-nis anns an t-sabhal. Chan fhaca iad riamh e. Bha e fon fheur, an luib an fheòir. Ach chunnaic esan iadsan, agus smaoinich e air naidheachd a' bhodaich, an tuathanaich, a' chomhairle a thug e air.

Agus bha am fear seo còmhla rithe agus dh'fhalbh e agus dh'fheuch e le làimh mar seo an cùl a' chòta aige, agus bha dà phutan ann an cùl a' chòta aige, agus dh'fhalbh e agus gheàrr e às an dà phutan, agus chuir e na phòca iad. Ach co-dhiù, ge bith gu dè fhad 's a bha iad a-staigh anns an t-sabhal co-dhiù, dh'fhalbh iad, agus nuair a dh'èiricheadh an làrna-mhàireach, bha an seann duine a bha seo, bha e air a... marbh.

Agus fhuaradh a-mach air a' bhodach gun robh e timcheall an àite, agus bha poileasman às a... air tòir a' ghnothaich. Agus b' fheudar dhan bhodach, b' fheudar dhan... am fear eile aig an tuathanach, b' fheudar dha fuireach gus am biodh cùirt ann. Cha robh fhios cò a rinn e. Agus bha esan air a tharraing ann co-dhiù, am fear a bha [???] rud, agus... ach cha robh dearbhadh sam bith aca dheth.

Uill, chaidh na fianaisean a tharraing 's a h-uile sìon sa fhaighneachd, agus chaidh am bodach a tharraing. Agus dh'innis am bodach dha mar a bha, agus thuirt e gun robh ann a sheo dearbhadh aigesan a bheireadh dearbhadh air ge bith cò a bh' ann. Agus chuir e a làmh na phòca 's thug e a-mach an dà phutan.

"Siud," ars esan, "dà phutan agaibh, agus tha iad à cùl còta," ars esan, "an fhir a bha còmhla ris a' bhoireannach a-raoir," ars esan.

Uill mar a bha mathas air, dìreach spotadh an còta aigesan. Bha e air. 'S cha tug esan an aire riamh dha. Bha an dà phutan às aonais. Agus fhuair am bodach, fhuair e pàigheadh airson a bhith na fhianais ann, agus fhuair e cead falbh. Cha robh fhios aige dè dh'èirich dhan fhear eile, dè rinn iad ris, ach gun do rugadh air co-dhiù, 's cha robh... gur e a mharbh am bodach.

Agus dh'fhalbh e an uair sin, agus bha a-nis coiseachd latha eile aige mun ruigeadh e, agus ràinig e an taigh air treis a dh'oidhche, an taigh aige fhèin. Agus cha robh mòran dùnadh air an doras ann, ach co-dhiù dh'fhosgail e an doras, agus sheall e a cheann eile an taighe, ge bith dè seòrsa taigh a bh' ann, cha chuala mise, ach sheall e a cheann eile an taighe, agus chunnaic e ceann dubh eile air a chluasaig còmh' ri ceann na mnatha aige fhèin. Agus dh'fhalbh e 's thug e a-mach a sgian. Bhuail e na inntinn gur e cuideigin a bha còmhla rithe. Agus an dèidh dha an sgian a thoirt a-mach agus a fosgladh, bhuail comhairle a' bhodaich na inntinn. Agus studaig e seothach e fhèin, agus 's ann a rinn e aige... [?dh'fhalbh e] agus dhùin e an sgian 's chuir e na phòca i agus thill e a-mach às an taigh agus dhùin e doras. Agus bhuail e an doras an seo, agus dh'èirich a bhean 's dh'fhosgail i an doras.

"A Dhia," ars ise, "a bheil thu air tighinn?"

"Tha," ars esan.

"Ò," ars ise, "thig a-staigh."

Agus: "Bheil duine," ars esan, "a bharrachd ach thu fhèin?" ars esan.

"Ò chan eil," ars ise, "ach an gille," ars ise. "Tha e ann a sheo a-bhos," ars ise, "'s thig a-nuas 's gum faiceadh tu e," ars ise.

Bha an gille anns an leabaidh ri taobh a mhàthar, agus rinn Dia dhan bhodach nach do [???] e. Agus thug e seothach làmh air a... air a... air na brògan, air parsail nam brògan. Agus dh'innis e dha bhean mar a thachair, 's a h-uile sìon mar a dh'èirich dha, 's gun robh e cho falamh a' falbh, ach am beagan airgid a fhuair e air sàillibh na cùirt a bha seothach. Agus nuair a dh'fheuch e na brògan, ann an tè dhe na paidhrichean bhròg, bha tè dhe na brògan agus na trì notaichean air a dhinneadh anns an t-sròin aice. Agus bha am bodach an uair sin beairteach gu leòr. Na trì notaichean aige còmhla, agus an dà phaidhir bhròg nach do chuir e riamh air, agus na brògan eile.

Agus dh'fhàg mise e fhèin 's a bhean còmhla ann a shin.

Dòmhnall Eairdsidh Dòmhnallach (DE): Ò Dhia, tha i sin math cuideachd. Stòiridh mhath a tha seo. Bha dùil a'm nach robh ann ach naidheachd bheag. 'S e tha sineach deagh stòiridh.

DA: Sin mar a chuala mise mu dheidhinn comhairleachan a' bhodaich. 'S fhada a chuala mi bruidhinn air an rathad fada glan, 's an rathad goirid salach.

DE: Chuala mi am facal sin gun teagamh.

DA: Siud a' chomhairle a thug am bodach airsan... a chuir am maighstir airsan. Nan tigeadh e gu dà rathad a tha a' dol a dh'àite sam bith, e an rathad fada glan a ghabhail.

DE: A-nist, an ann aig ur n-athair a bha i seo cuideachd?

DA: 'S ann. 'S ann aige a chuala mise siud. 'S ann.

Source Type

Reel to reel

Audio Quality

Good