Search

Prògram Choinnich

Date 26 March 1997
Track ID 6028
Part 1

Track Information

Original Tape ID

Program Choinnich 26.03.1997

Summary

Research from France suggests that wine is beneficial to health.

Research from France suggests that wine is beneficial to health and to memory, but that moderation is advisable. It may also be useful for the treatment of Alzheimer's disease. Dr Donald John Murray has lived in France for nine years tells how a small quantity of wine is fine, especially for the heart.

Recording Location

County - Ross and Cromarty

Parish - Stornoway

Island - Lewis

Village/Place - Stornoway

Language

Gaelic

Collection

BBC

Transcription

Coinneach MacÌomhair (CM): Tha rannsachadh anns an Fhraing a mhair naoi bliadhna agus a thug sùil air ceithir mìle duine air co-dhùnadh gu bheil a bhith ag òl beagan fìon gach latha a' cuideachadh daoine thairis air trì fichead 's a còig dìochuimhne agus tinneasan mar Alzheimer's a chumail air falbh. Thathas ag ràdh nach robh buntanas sam bith aig companaidhean fìon ris an rannsachadh, ged a chaidh a dhèanamh ann am Bordeaux. Thug an Dotair Dòmhnall Iain Moireach naoi bliadhna anns an Fhraing. Tha e còmhla riumsa ann an seo an-dràsta. Gu dearbha, tha thu dìreach air tilleadh às an Fhraing, nach eil?

An Dotair Dòmhnall Iain Moireach (DM): Tha sin ceart, a Choinnich. Tha. Dìreach an t-seachdain a chaidh.

CM: A bheil thu a' creidse seo, mar dhotair?

DM: Lùiginn a chreidsinn. Cha dheighinn na aghaidh mura biodh adhbhar agam. Tha... tha... uill, tha fhios againn gu bheil fìon, ag òl fìon, gun a bhith ag òl cus, ach a bhith ag òl rud beag fìon a h-uile latha math dha... math dha slàinte dhaoine, a thaobh an cridhe gu h-àraid. Tha sin... tha sin air a dhèanamh a-mach gu math follaiseach bho chionn greiseag, ach tha seo, 's e rud ùr a tha seo a-nis. Chan eil mi buileach cinnteach dè cho ceart 's a...

CM: Uill, thug iad ùine ga dhèanamh. Thug iad sùil air ceithir mìle duine.

DM: Uill, thug. Thug iad...

CM: Tha coltas rannsachadh ceart air, nach eil?

DM: Uill, tha. Saoilidh mise... man a tha fhios agadsa, dh'fheumadh tu faicinn dè man a rinn iadsan, man a chanadh iad, control trials. A bheil a h-uile càil... Tha e glè mhath ag ràdh, 'Tha an duine sa ag òl fìon, seall, tha e a' cumail a chiall.' Ach chan eil sin ag ràdh, mana h-òladh e fìon, nach biodh a chiall a cheart cho fada. Tha fhios a'd, feumaidh tu sealltainn man a rinn iad e. Ach tha mi cinnteach gun do rinn iad an obair ceart. Tha e a' coimhead gu math coltach gun do rinn.

CM: An-tà, tha sinn a' bruidhinn an seo, can an-dràsta, an Fhraing, far a bheil e mar fhasan aig daoine a bhith ag òl beagan fìon, nach eil?

DM: Tha sin ceart. Tha. A h-uile latha. Tòrr dhe na Frangaich, a' chuid mhòr aca, gabhaidh iad glainne fìon le 'n diathad, can, aig meadhan-latha, seadh, an diathad meadhan-latha, no mar sin. Tha e gu math... a h-uile duine na dhèanamh gu math tric.

CM: Mar dhotair, tha thusa ag ràdh gur e rud math a tha seo?

DM: Tha mi a' smaoineachadh gur e. Tha.

CM: Can... chan eil seo ag ràdh, a bheil, 'Ò, ma tha sibh trì fichead agus a còig, agus nach do ghabh sibh glainne fìon a-riamh, tòisichibh a' gabhail dhà no thrì glainneachan fìon anns an t-seachdain, agus cumaidh e... cumaidh e ur cuimhne agaibh.'

DM: Ò, man a chanadh iad anns an Fhraing, carte blanche a thoirt airson tòiseachainn ag òl fad an latha. Ach cha... cha shaoil mi gur e...

CM: Tha an call dèante an uair sin, nach eil?

DM: Sin an rud. Chan eil mi... chan eil mi a' smaoineachadh, nam biodh duine, can, còrr air trì fichead bliadhna a dh'aois 's nach robh e an dèidh 's a bhith ag òl pioc fìon na bheatha, chan eil mi a' smaoineachadh gun canadh e ann an sin, 'Och uill, tha mi a' dol a chall mo reusan - tha e cho math dhomh start-adh ag òl tòrr fìon a h-uile latha, airson dèanamh an-àirde an tìde.' Cha chanainn nach e call a reusan a dhèanadh e aig deireadh an latha. Chan eil mi a' smaoineachadh gu bheil e a' dol a dhèanamh mòran feum mar sin. Ach 's e fasan math a th' ann, nam biodh miann aig duine air a dhèanamh. Sin an rud. 'S e fasan math a th' ann, glainne fhìon, no glainne no dhà òl, seadh, a h-uile latha no latha san t-seachdain mar sin. Chan eil càil a chall ann, 's tha e math... tha e math airson slàinte dhaoine. Tha sin... gu h-àraid fìon dearg, taobh a' chridhe. 'S cha dhèanadh e càil a chron. Tha mi cinnteach nach tig duine... uill, nach cailleadh iad an reusan airson sin.

CM: Uill, tha fhios aig daoine... a h-uile duine dè thachras ma ghabhas duine cus dheth. Caillidh e a reusan ceart gu leòr, 's caillidh e a chuimh-... am beagan cuimhne a th' aige.

DM: Abair thusa. Sin Alzheimer's agad.

CM: Ach chan e sin... chan e sin a tha sinn a' bruidhinn air idir.

DM: Chan e.

CM: 'S e rud gu math cudromach a th' ann, airson tha barrachd agus barrachd dhaoine a' fulang le seo air sgàth gu bheil barrachd agus barrachd dhaoine a tha beò nas fhaide.

DM: 'S e. 'S e tinneas... tha an t-uabhas... tha e a' cosg an t-uabhas dhan an rìoghachd. Tha iad ag ràdh gu bheil ten percent dhe daoine over the age of sixty, no sixty-five, agus twenty percent dhe daoine còrr air ceithir fichead bliadhna a dh'aois, tha an tinneas sa a' bualadh orra, agus 's e tinneas cudromach... cudromach a th' ann, air sgàth tha cosgais mhòr ann a' coimhead às dèidh dhaoine le Alzheimer's, dìreach mar a chanas sinne, a' call an cuimhne, agus 's e rud a th' ann nach aithne... chan aithne dhuinne a chur ceart, medically, agus, so, nam biodh... nam biodh an rud a tha seo ceart, an rud a tha na Frangaich an dèidh 's... 's tha mi a' smaoineachadh gum bu chòir dhuinn sealltainn ris ann am Breatainn, 's bhiodh e math faicinn study an taobh sa cuideachd dhen a' mhuir, airson sin fhaicinn. Nam biodh seo ceart, bhiodh... bhiodh bualadh mòr aige air cosgais slàinte an rìoghachd.

CM: B' fhiach sùil a thoirt air.

DM: Ò, b' fhiach.

CM: Airson, 's e an rud a tha a' tach-... 's e an rud a tha dualach tachairt, gun dèan mise agus tusa agus a h-uile duine a leughas seo, nì sinn rud beag de lachan-gàire. Ach an dèidh sin, dh'fhaodadh... dh'fhaodadh nach... dh'fhaodadh gu bheil puing ann.

DM: Ach faodaidh [?dòigh eile dhen] an study an dèidh sin.

CM: Uill, air mo shon sa, cha toir mi taing dhut air a shon. Bu thoigh leam glainne bùrn, ach... ach, fhios a'd, tha sinn dualach a bhith a' dèanamh rudeigin de dh'fhealla-dhà dheth, ach chan e feall-dhà a th' ann idir, an e?

DM: Ò chan e. Chan e fealla-... Nam biodh seo ceart, bhuaileadh e gu math, math trom air cosgais a tha an rìoghachd a tha seo a' cur a-mach air coimhead às dèidh tinneas nach aithne duine a chur ceart, agus a tha a' bualadh ri tòrr dhaoine, 's nach eil fhios aig duine dè tha air a chùl. Chan eil càil a dh'fhios aig duine dè as coireach gu bheil Alzheimer's a' bualadh ris na dhaoine a tha e a' bualadh, agus chan aithne... a rèir sin... air sgàth sin, chan aithne dha duine stad a chur air gun a seo, 's nam biodh rud sam bith ann a b' aithne... man a tha iad ag ràdh an seo, an e seventy-five percent decreasing the condition, 's ma tha thu a' smaoineachadh gu bheil dhà a-mach às a h-uile deich duine nas aosta na ceithir fichead bliadhna air a bhualadh le seo, uill, tha... tha e a' dol a dhèanamh eadar-dhealachadh mòr, nam biodh an rud ceart.

CM: Uill, feumaidh sinn fuireachd agus faicinn. 'S dòcha gur e, gu dearbha, sùil a thoirt air a' cheist air an taobh seo dhen a' chuan cuideachd a dh'fheumadh a bhith ga dhèanamh. Mo thaing dhan an Dotair Dòmhnall Iain Moireach airson a thighinn a-steach a thoirt sùil air còmhla rinne, beachd ann an seo an-diugh.

Source Type

Dat

Audio Quality

Good