Search

Phòs buachaille nighean rìgh, an dèidh iomadh tachartas.

Date 1972
Track ID 62647
Part 1
Part 2

Track Information

Original Track ID

SA1972.130

Original Tape ID

SA1972.130

Summary

A goatherd married a king's daughter after many adventures.

The king had one son. The queen died and the king sent the son to a place where he could see everyone, but where no one could see him. The king re-married, but the queen did not know about his son until Eachlair Ùrlair told her about him. The queen told the king to take the boy home. He came home and was asked to go and herd cattle. He did not like the work and preferred to go to school. The bull spoke to the boy and said he would look after the rest of the animals so he could go to school. The boy took the cattle home each night.

People found out what was happening and wanted to kill the bull. The bull told the boy to take hold of it by the horn. The queen came out to see how brave the boy was and the bull killed her. The bull then told the boy to kill him and to get the flute that was in his chest. If the boy played the flute, the bull would come to his aid.

The boy went to a house in the village and asked for work. An old lady gave him work as a goatherd. She had employed other goatherds but they kept losing the goats. She had only forty left. In the morning, the boy went off with the goats and came to a giant's palace. He let the goats into the giant's garden and climbed to the top of a tree. The giant came. The boy played the flute and the bull came and killed the giant. The boy then went into the palace and got the giant's treasure and robe. He put on the giant's robe and went for a stroll near the palace of the king. The king's daughter saw him and fell in love with him. She did not know who he was.

The boy returned to the old lady with twenty extra goats which the giant had stolen. The king's daughter made a feast to find out who the robed man was, but the goatherd did not attend. The second and third days, the bull killed the giant's two brothers. On these days, the boy went for a stroll with these giants' robes. The king's daughter made feasts each night to find out who he was, but again the goatherd did not attend.

The next day, the goatherd went to the palace of the mother of the giants with the goats. The bull came and killed her. The goatherd got more treasure and more of the goats back. Again, he went for a stroll clothed in one of the giant's robes. It was a hot day and his shirt was open. The king's daughter saw a mole on his chest. She went to the old lady's house and recognised the mole on the goatherd. She said that he was the one she had been looking for and asked him to marry her. They married and they were rich with the giants' treasures. They built a beautiful new palace and lived happily together after that.

Language

Gaelic

Genre

Story

Collection

SoSS

Transcription

Dòmhnall Alasdair Johnson (DA): Uill, chuala mi mar a bha siudach ann, ma-thà, rìgh. Agus bha e pòsta agus bha aona mhac aige. Agus cha robh an gille ach òg nuair a bhàsaich a' bhan-righinn. Agus dh'fhalbh e agus chuir e an gille gu... gu ruige grianan àlainn an aona chraoibh far am faiceadh e a h-uile duine 's far nach fhaiceadh duine e, agus banaltram leis agus i a' dèan-... dhèanadh i feum ban-sgoileir dha nuair a thigeadh e gu aois.

Uill, bha e a-nist a' dol air aghaidh mar seo, 's bhiodh an rìgh daonnan bhiodh e air falbh sa bheinn-sheilg an sin, 's bhiodh e uaireannan a' tadhal orrasan 's a' fàgail sealg aca, aig a' bhoireannach a bha seo.

Agus 's ann a thòisich iad seo a' comhairleachadh dhan rìgh, an luchd-comhairleachaidh aige, air... gum b' fheàrr dha pòsadh mus dèanadh e an gnothach mar siud idir.

Agus 's e seo an rud a rinn e co-dhiù. Phòs e. Agus bha e fhèin 's a' bhan-righinn òg an sin bha iad gu rèidh riaghailteach, agus bha iad a' faighinn air aghaidh math gu leòr. Agus cha robh... cha robh fhios aicese a-nist gun robh e pòsta reimhid idir. Ach cò thàinig mu chuairt an latha a bha seothach rathad na pàileis ach an Eachlair Amhlair, agus thuirt i ris a' bhan-righinn:

"Seadh," ars ise, "dè mar," ars ise, "a tha thu a' faighinn air aghaidh," ars ise, "thu fhèin 's an rìgh?" ars ise.

"Ò," ars ise, "tha mise 's an rìgh," ars ise, "a' faighinn air aghaidh," ars ise, "glè mhath," ars ise.

"Ò seadh," ars ise. "Cha robh fhios agad," ars ise, "gun robh e pòsta reimhid idir."

"Cha robh," ars a' bhan-righinn, "ma bha e pòsta."

"Ò bha," ars ise. "Agus tha aona mhac aige," ars ise, "agus tha e ann an grianan àlainn an aona chraoibh," ars ise, "far am faic e a h-uile duine," ars ise, "'s far nach fhaic duine e," ars ise. "Agus banaltram leis," ars ise, "agus i a' dèanamh feum ban-sgoileir dha."

Uill, cha robh air seothach ach seo fhèin.

"Agus," ars ise, "ged a bhiodh," ars ise, "an rìgh marbh a-màireach," ars ise, "'s ann leis a' ghille," ars ise, "a bhiodh a h-uile sìon a tha seo," ars ise, "'s cha bhiodh sìon agad," ars ise.

Ach co-dhiù seothach, an oidhche seo nuair a thàinig an rìgh dhachaigh, nuair a bha iad aig am biadh, thuirt a' bhan-righinn ris:

"Bha sibhse," ars ise, "pòsta reimhid," ars ise.

"Bha," ars an rìgh, ars esan.

"Agus tha gille agaibh," ars ise, "ann an grianan àlainn an aona chraoibh," ars ise, "far am faic e a h-uile duine 's far nach fhaic duine e," ars ise, "agus ban-sg-... agus banaltram leis," ars ise, "agus i a' dèanamh feum ban-sgoileir dha."

"Tha cuideachd," ars esan.

"Uill," ars ise, "bheir sibhse dhachaigh," ars ise, "an gille," ars ise, "ann a sheo," ars ise, "agus togaidh mise e," ars ise, "cheart cho math," ars ise, "ged a bhiodh e leam fhìn," ars ise.

"Ò nì mise sin," ars esan, "ach beannachd dhutsa," ars esan, "agus mollachd do bheul d' ionnsaiche," ars esan. "Bheir mise a-mach an gi-... bheir mise dhachaigh an gille a-màireach," ars esan.

'S e seo an rud a rinn e co-dhiù. Làrna-mhàireach nuair a bha e a' tighinn thadhail e, agus bith gu dè an duais a bh' aige ri thoirt dhan bhoireannach a bh' ann, phàigh e am boireannach, agus thug e leis an gille. Agus thàinig e dhachaigh leis a' ghille.

Uill, bha an gille, bha e ag obair ann an sgoil - seadh, ag ionnsachadh sgoile [?san àm]. Agus an làrna-mhàireach co-dhiù nuair a dh'fhalbh an rìgh chuireadh an gille air falbh leis an stoc a bhuachailleachd nam beothaichean agus a' coimhead às an dèidh fad an latha. Agus bha e ann a shin, agus bha e mar sineach airson treis, agus cha robh an gnothach a' còrdadh ris.

Ach an latha a bha seothach co-dhiù bha e aig na beothaichean agus chunnaic e tarbh, agus thàinig an tarbh a-nall agus bha e à' dèanamh dìreach air, agus chuir e an cù air falbh, agus thuirt an tarbh ris:

"Caisg an cù," ars esan.

Agus chaisg an gille an cù. Agus thàinig e a-nall far an robh an gille.

"Chan eil thu," ars esan, "chan eil thu toilichte," ars esan, "anns an obair a th' agad an seo," ars esan.

"Ò chan eil," ars an gille, ars esan.

"B' fheàrr leat," ars esan, "an sgoil."

"Ò b' fheàrr," ars an gille, ars esan.

"Uill, a-màireach," ars esan, "bheir thusa leat do leabhraichean," ars esan, "agus thèid thu dhan sgoil," ars esan, "agus coimheadaidh mise às dèidh nam beothaichean."

Uill, dh'fhalbh an gille làrna-mhàireach 's thug e leis na leabhraichean gun fhiosta, 's ràinig e 's bha an tarbh roimhe. Agus:

"Thalla a-nist," ars esan, "dhan sgoil," ars esan.

Agus dh'fhalbh an gille dhan sgoil.

Agus bha e a-nist ùine mhòr a' dol dhan sgoil mar seothach, ach mu dheireadh fhuaradh a-mach gun robh an gille anns an sgoil. Agus chuireadh cuideigin a shealltainn air feuch cò... cò bha a' coimhead às dèidh nam beothaichean fhad 's a bha esan san sgoil. Agus cha robh an gille a' gabhail ach chun nam beothaichean nuair a thigeadh e às an sgoil agus bheireadh e leis dhachaigh iad.

Agus chunnaic iad an seothach gur e an tarbh a bha seothach bha a' tilleadh nam beothaichean thall 's a-bhos nan rachadh iad do dh'àite call sam bith, no am biodh iad a' dol air taobh sam bith nach robh còir aca a dhol. Bha e a' dol romhpa 's gan tilleadh mu chuairt.

Ach co-dhiù seothach, an latha a bh' ann a sheo chaidh an gille air aghaidh 's e a' falbh dhan sgoil agus thuirt an tarbh ris:

"Nist," ars esan, "tha sinn air ar brath," ars esan, "agus," ars esan, "a-màireach," ars esan, "tha iad a' dol a dh'fheuchainn," ars esan, "ri mise a mharbhadh," ars esan. "Ach," ars esan, "feuch," ars esan, "ma... mas urrainn dhutsa," ars esan, "sam bith," ars esan, "gum faigh... faigh thu," ars esan, "grèim ormsa," ars esan. "Faigh," ars esan, "grèim air adhairc orm," ars esan, "agus bheir mi fhìn an aire dhut," ars esan. "Agus," ars esan, "cuiridh iad brath chun na ban-righinn," ars esan, "a-staigh," ars esan, "i thighinn a-mach agus gum faiceadh i cho tapaidh 's a bha thu," ars esan. "Agus ma gheibh mise faisg oirre," ars esan, "cha... chan fheàirrde i e."

Uill, 's ann mar seothach a bha. Làrna-mhàireach chruinnich... chruinnich daoine 's chruinnich coin 's chruinnich a h-uile sìon 's thòisich iad ri... ri caimhleachadh an tairbh. Bha sin aca ri dhèanamh. Bha e a' failleachdainn orra. Bha esan uair dhe na h-uaireannan 's bha an tarbh dìreach a' dol seachad dìreach, 's thug e cruinn-leum 's rug e air adhairc air. Agus an sin thuirt an tarbh:

"Cùm... cùm grèim air a sin," ars esan, "an-dràsta."

Agus chuireadh an seo brath a-staigh chun na ban-righinn agus i a' tighinn a-mach gu 'm faiceadh i cho tapaidh 's a bha an gille seach feadhainn eile dhen a bha sa [???] gun robh e air grèim fhaighinn air adhairc an tairbh.

Agus thàinig ise a-mach agus an àm dhìse a bhith a' tighinn a-mach air an dàrna oisinn bha esan a' tighinn timcheall na pàileis air an oisinn eile, agus cha do rinn e dìreach ach tighinn mu chuairt, dìreach, 's chuir e an adhairc fòidhpe dìreach 's chaith e às a dhèidh i. Agus dh'fhàgadh ann a shin i agus dh'fhalbh e, e fhèin agus an gille, agus thug iad an aghaidh air a' mhonadh.

Uill, chlìor iad a-mach dhan bheinn 's sguireadh ga ruith. Agus bha iad an sineach a' falbh, agus ann am beul oidhche an seothach thàinig iad air... air baile feasgar, agus thuirt an tarbh ris-san... chuir e... an tarbh, chuir e esan air a mhuin nuair a fhuair e clìoras a h-uile sìon agus bha e air muin an tairbh agus bha e ga tharraing mar sineach. Agus thuirt an tarbh ris-san:

"Thig thusa a-nist a-nuas a-nist," ars esan, "agus marbhaidh tu mise," ars esan.

"Ò cha mharbh," ars an gille, ars esan.

"Ò marbhaidh," ars an tarbh, ars esan. "Cha dèan thu," ars esan... "cha dèan mise an còrr feum dhut tuilleadh," ars esan. "Ge brith gu dè am feum a nì mi dhut marbh," ars esan, "cha dèan mi sìon a dh'fheum dhut beò tuilleadh," ars esan. "Agus," ars esan, "nuair a mharbhas tu mi," ars esan, "feuch am broilean agam," ars esan, "agus gheibh thu feadan ann a shin," ars esan, "agus," ars esan, "nuair a... bheir thu leat am feadan," ars esan, "agus," ars esan, "duine sam bith," ars esan, "a bhios a' cur còir sam bith ort," ars esan, "tilg am feadan thuige," ars esan, "agus bidh mise na àite."

Uill, thòisich an gille air marbhadh an tairbh, 's bha e ag obair air caoineadh 's e a' marbhadh an tairbh. Agus mharbh e an tarbh, agus dh'fheuch e am broilean aige agus fhuair e am feadan ann mar a bha e ag ràdh, agus thug e leis e. Agus dh'iarr an tarbh air, dh'iarr e;

"Bheir a-nist," ars esan, "bheir d' aghaidh," ars esan...

Seadh, mun do mharbh e e dh'iarr e air:

"Bheir d' aghaidh air a' bhaile a tha sineach," ars esan, "agus gheibh thu àite air choreigin ann," ars esan, "airson... gus am faic thu," ars esan, "gu dè rud a nì thu," ars esan.

'S ann mar seothach a bha co-dhiù. Nuair a... ribig 's ghlan e am feadan a bha seothach agus thug e leis e agus dh'fhalbh e. Agus thug e aghaidh air a' bhaile, agus bha taigh beag a bha... pàileasan mòra anns a' bhaile an sineach, agus bha taigh beag anns... a-mach ann a shin ann an iomall a' bh-... car an iomall a' bhaile, faisg air a' phàileis a bh' ann a sheothach, agus chaidh e chun an taighe. Agus bhuail e aig an doras agus thàinig boireannach a dh'fhosgladh an dorais agus dh'fhaighneachd e am faigheadh e cuid na h-oidhche aice. Agus thuirt i ris gum faigheadh, e thighinn a-staigh. Agus thàinig e a-staigh.

"Tha mi ag aithneachadh," ars ise, "gur e srainnsear a th' annad," ars ise.

"Ò 's e," ars esan. "'S e seo," ars esan, "a' chiad turas a bha mi seo riamh," ars esan.

Agus:

"Dè," ars ise, "a tha fa-near dhut?" ars ise.

"Ò tha mise... chan eil mi... tha mi coingeis," ars esan. "Tha mi airson obair fhaighinn," ars esan.

"An-tà, gu dearbh fhèin," ars ise, "slàn na dè fhèin orm fhìn," ars ise. "Tha gille agam," ars ise, "ann a sheo," ars ise. "Tha aon... tha tòrr ghobhar agam," ars ise, "agus," ars ise, "bha gille agam ann a sheothach," ars ise, "'s e bhiodh gam buachailleachd," ars ise, "fad an latha," ars ise. "Agus b' fheàrr leam fhìn," ars ise, "gum fuiricheadh tu agam," ars ise, "agus gu... gum biodh tu a' buachailleachd nan gobhar," ars ise.

"Ò nì mise sin," ars esan, "airson... an-dràsta co-dhiù," ars esan, "gus am faic mi gu dè nì mi," ars esan.

Uill, 's ann mar seothach a bha. Co-dhiù seothach chaidh iad a chadal. 'S làrna-mhàireach nuair a dh'èirich iad sheall ise na gobhair 's leig i a-mach na gobhair co-dhiù far an robh iad. Agus bha aon dà fhichead gobhar aige ann a shin. Agus thuirt i ris, an gille a bh' aice reimhid, gun robh e... gun do chaill e mòran dhiubh, gun robh suas ri ceithir fichead gobhar aice 's gun robh e... gun robh e gan call air feadh na beinne.

"Ach," ars ise, "tha," ars ise, "trì fuamhairean," ars ise, "air... [???] bheinn a tha seothach," ars ise. "Tha iad," ars ise, "mu... mu choiseachd latha bho chèile," ars ise, "agus tha am màthair ann cuideachd," ars ise. "Ach air na chunna tu riamh," ars ise, "brith cà 'n tèid thu leotha," ars ise, "na teirig," ars ise, "rathad nam fuamhairean," ars ise.

"Ò cha tèid," ars esan.

Agus co-dhiù seothach dh'fhalbh e, agus thug e leis biadh, agus bha e gus a bhith a-mach fad an latha co-dhiù gu beul na h-oidhche. Agus dh'fhalbh e 's ghabh e bho chùl nan gobhar. Thug e leis iad 's ghabh e air falbh. Bha e a' falbh 's a' falbh agus thug e an aire seothach do phàileas a bh' ann a sheo. Agus dh'fhalbh e agus ghabh e chun a... bha gàrradh pìos bhuaipe, agus ghabh e chun a' ghàrraidh agus leag e beàrn anns a' ghàrradh agus chuir e a-staigh na gobhair ann.

Ach cha robh e fada air an cur a-staigh... agus bha craobh anns a' ghàrradh. Cha robh e fada air an cur a-staigh dhan ghàrradh nuair a chualas:

"Air fith fath fuathagaich air barraibh an albhagaich, 's fhada bha mo chorp air feadh ga meirgeadh 's toll a' feitheamh air grèim dhe d' fhuil agus balgam... a' feitheamh air grèim dhe d' fheòil agus balgam dhe d' fhuil-sa," ars esan. "Ach bheir mise ort," ars esan, "nuair a ruigeas mise," ars esan, "nach bi agadsa ach gigean air gach goigean dhìotsa," ars esan.

Agus bha esan ann am mullach na craoibhe shuas, agus e ag obair air seinn an fheadain. Thàinig am fuamhaire agus bha an talamh a' dol air chrith fo chasan nuair a bha e a' tighinn, agus ràinig e suas agus:

"Thig a-nuas às a sin," ars esan, "gu h-ealamh," ars esan.

"Seo," ars esan, "beir air... beir air an rud a tha seo bhuam," ars esan.

"Tilg orm e," ars am fuamhaire.

Thilg e sìos am feadan 's bha an t-òganach a bha sin air a bheulaibh. Am bad a chèile a ghabh e fhèin agus am fuamhaire. Agus thòisich iad air carachd 's air obair an sineach, agus uair dhe na h-uaireannan an seothach bhac am fear seo bhuaithe, agus leum e na tharbh agus chuir e an adhairc anns a' chorp aige agus dh'fhùc e ris an talamh e.

"Am bàs os do chionn, a bhèist," ars esan, "gu dè d' èirig?" ars esan.

"Ò 's iomadh rud sin," ars am fuamhaire, "air èirig a th' agam," ars esan, "ach chan eil sìon a th' agam," ars esan, "nach fhaigh thusa," ars esan, "ach leig leam mo bheatha," ars esan.

"Uill," ars esan, "cluinnidh mi an toiseach," ars esan, "gu dè a th' agad," ars esan.

"Ò," ars esan, "tha a h-uile seòrsa agam," ars esan. "Tha," ars esan, "tha deise agam," ars esan, "cho brèagha 's a chunna duine riamh mu chroit," ars esan, "'s nì i feum dha duine sam bith a dh'fheuchas air i," ars esan. "Tha sgàthan agam," ars esan, "nuair a sheallas mi ann... tha cìr agam," ars esan, "nuair a chìreas mi mo cheann," ars esan, "bidh fiamh an òir far an dàrna taobh dheth 's fiamh an airgid far an taoibh eile," ars esan. "Agus tha sgàthan agam agus nuair a sheallas mi ann," ars esan, "chì mi," ars esan, "fiamh an òir far an dàrna taobh dhe m' aodann agus fiamh an airgid far an taoibh eile dheth," ars esan. "Agus tha de dh'airgead agam," ars esan, "'s tha... tha de dh'òr agam 's tha iomadach rud eile a bharrachd air a sin agam," ars esan. "'S chan eil sìon a th' agam," ars esan, "nach... nach fhaigh thusa," ars esan, "ach leig leam mo bheatha," ars esan.

"Thalla," ars an tarbh, ars esan, 's e a' toirt fùcadh dha, "bidh sin agam agus do bheatha còmhla ris," ars esan.

Agus chuireadh crìoch air an fhuamhaire.

"Thig a-nist a-nuas," ars esan, "agus gabh charge anns an siud," ars esan.

Agus thàinig an gille a-nuas agus bha am feadan roimhe ann a shin, agus cha do rinn e ach am feadan a ribigeadh 's a ghlanadh agus thog e e, agus... Dh'fhalbh e 's ghabh e sìos chun na pàileis 's dh'fhàg e na gobhair ann a shin. Agus bha... bha fàlairidh aig an fhuamhaire an sineach. Agus dhreasaig e e fhèin suas le aodachan, le deise an fhuamhaire agus leis... leis a' chìr 's leis an sgàthan 's leis a h-uile seòrsa a bh' ann 's bha... 's e duine eile a bh' ann an uair sin. Agus dh'fhalbh e agus leum e air muin na fàlairidh agus dh'fhalbhadh air cuairt leatha.

Agus mar a ràinig e gach àite ràinig e am baile anns an robh e fhèin. Agus ràinig e taigh an rìgh a bh' ann a shin. Agus bha nighean an rìgh agus i a-mach, agus thug i an aire dhan duine a bha seothach. Chan fhaca i a leithid riamh dhen t-seòrsa cho riochdail ris, cho brèagha ris. Thuit i ann an trom ghaol ris. Agus rinn i seothach... bha... 's ann a dh'fheumadh i a h-uile duine a bha san àite a-nochd a chruinneachadh a dh'àite agus pàrtaidh a thoirt dhaibh feuch am faiceadh i sgeul air an duine seo ann, feuch am faigheadh i grèim air, gum faigheadh i na bhruidhinn.

Ach co-dhiù nuair a chuir... bha esan sgìth a' walk-adh 's a' travel-adh 's a bha an t-àm aige a bhith a' tighinn chun nan gobhar thàinig e dhachaigh, agus chuir e a-staigh an fhàlairidh agus chìr e le calg 's an aghaidh a cuilg 's thug e dhi botal fìon 's buileann cruithneachd 's chuireadh a-staigh i, 's ghlasadh suas a' phàileas agus ghabhadh chun nan gobhar agus chuireadh a-mach iad, agus bha fichead eile gobhar a bh' aige a bharrachd air a' falbh, anns a' ghàrradh.

Ràinig e taigh na... a' bhoireannaich aig an robh e, agus cha robh sìon aig na gobhair ach gun do choisich iad dhachaigh leis cho buidheach 's a bha iad.

"Ah Dhia, Dhia," ars ise, "càit an robh thu leis na gobhair?" ars ise.

"Ò 's coma sin," ars esan, "cà robh mi leotha," ars esan. "Bha," ars esan, "air feadh chr-... chlachan 's chreagan 's sgallaichean," ars esan, "'s a' cromadh 's a' dìreadh," ars esan.

Agus:

"Tha," ars ise, "feadhainn eile agad a bharrachd a-nochd," ars ise.

"Ò tha," ars esan, "fichead," ars esan, "a fhuair mi," ars esan, "air feadh chreagan an siud," ars esan. "Tha mi [???] 's e na gobhair a bha thu fhèin a' call a bh' ann gus nach iad," ars esan, "ach tha iad ann a sheo," ars esan, "còmhla ri càch. Thug mise leam iad," ars esan, "a h-uile seòrsa a bh' ann," ars esan, "a bha a' tachairt rium."

Agus:

"A Dhia," ars ise, "feuch nach eil [???] nach robh thu rathad taigh nam fuamhairean."

"An-tà, tha mi cinnteach," ars esan, "nam bithinn-sa rathad taigh nam fuamhairean," ars esan, "nach bithinn an seo an-dràsta," ars esan.

Ach co-dhiù...

"An-tà," ars ise, "tha... tha pàrtaidh mhòr," ars ise, "gus a bhith aig nighean an rìgh a-nochd," ars ise. "Tha e coltach leamsa," ars ise, "gum faca i marcaiche," ars ise, "a' dol seachad an seothach an-diugh," ars ise. "Chan fhaca mise e gu dearbh," ars ise, "ach tha e coltach leam gum faca ise e," ars ise, "agus gu... nach fhaca i a leithid a dhuine riamh cho... cho riochdail ris," ars ise. "Agus," ars ise, "tha i... cruinneachadh aice," ars ise, "air a h-uile duine a tha san àite a-nochd," ars ise, "feuch," ars ise, "am faic i... am faic i nam measg e," ars ise. "Agus 's ann as fheàrr dhut," ars ise, "a dhol ann," ars ise.

"An-tà, 's ise bhios treis," ars esan. "Tha mise sgìth gu leòr," ars esan, "mar a tha mi," ars esan, "gun a dhol," ars esan, "gu ruige pàrtaidh," ars esan. "Tha mi," ars esan, "a' dol dhan leabaidh," ars esan, "nuair a gheibh mi mo shuipear."

'S e seo an rud a bh' ann co-dhiù. Thug e an leabaidh air. Agus làrna-mhàireach an seo nuair a dh'èirich e rinn e deiseil 's dh'fhalbh e. Fhuair e na gobhair 's ghabh e mun cùl 's dh'fhalbh e leis na gobhair. Agus ràinig e a' phàileas a bha seothach, agus chaidh e seachad oirre an-diugh agus ràinig... gus an do ràinig e an ath phàileas aig na fuamhairean. Agus rinn e mar a rinn e an-dè. Ghabh e chun a' ghàrraidh agus leagadh beàrn anns a' ghàrradh, agus chuireadh a-staigh na gobhair ann. Agus bha craobh anns a' ghàrradh agus chaidh e gu ruige... dhìrich e gu ruige mullach na craoibhe agus thòisich e ri seinn an fheadain.

Ach cha robh e fada co-dhiù a' seinn an fheadain an seo nuair a chualas:

"Air fith fath fuathagaich air barraibh an albhagaich, 's fhada bha mo chorp air feadh ga meirgeadh 's toll a' feitheamh air grèim dhe d' fheòil agus balgam dhe d' fhuil. Ach bheir mise ortsa nach bi agad ach gigean air gach goigean dhìotsa nuair a ruigeas mise thu," ars esan, "a' gabhail gu mo ghàrradh-sa," ars esan, "agus a' cur a-staigh do chuid ghobhar ann," ars esan.

Agus ghabh e a-nuas an seothach agus an coltas cho fiadhaich air. Agus ràinig e a-nuas a' chraobh agus dh'èigh e dhàsan:

"A-nuas às a sin gu h-ealamh," ars esan.

"Seo," ars esan, "beir air seo," ars esan.

"Tilg orm e," ars am fuamhaire.

Thilg e sìos am feadan 's bha an t-òganach air a bheulaibh. Am bad a chèile a ghabh e fhèin agus am fuamhaire, agus thòisich a' charachd agus thòisich an obair an sineach. Agus mu dheireadh an seothach nuair a bha iad sgìth ag obair an sineach, bhac esan. Leum e a-mach agus bhac e 's leum e na tharbh, 's chuireadh an adhairc ann an corp an fhuamhaire agus bhuaileadh ris an talamh e. Agus:

"Am bàs os do chionn, a bhèist," ars esan, "gu dè d' èirig?" ars esan.

"Ò 's iomadh rud sin," ars am fuamhaire, ars esan. "Chan eil sìon," ars esan, "a dh'iarradh duine," ars esan, "nach eil agamsa," ars esan. "Tha deise agam," ars esan, "'s nì i an gnothach a dhuine sam bith a chuireas air i," ars esan. "Chan eil e gu diofar," ars esan, "beag no mòr," ars esan. "Agus," ars esan, "tha sgàthan agam," ars esan, "agus tha cìr agam," ars esan. "Nuair a chìreas mi mo cheann," ars esan, "bidh fiamh an òir far an dàrna taobh dheth 's fiamh an airgid far an taoibh eile," ars esan. "Agus nuair a sheallas mi anns an sgàthan," ars esan, "tha fiamh an òir far m' aodainn," ars esan, "agus fiamh an airgid far an taoibh eile," ars esan. "Agus tha de dh'òr 's de dh'airgead agam," ars esan, "nach eil... na... agus gheibh thusa," ars esan, "a h-uile sìon a th' agam," ars esan, "ach leig leam mo bheatha."

"Thalla," ars an tarbh, ars esan, "bidh sin agam agus do bheatha còmhla ris," ars esan.

Agus thugadh an ath fhùcadh dha agus chuireadh crìoch air an fhuamhaire.

"Thig a-nist a-nuas," ars esan, "agus gabh," ars esan, "seilbh às a siud," ars esan.

Agus thàinig an gille a-nuas, agus nuair a thàinig e a-nuas bha am feadan roimhe a-bhos, agus cha do rinn e ach am feadan a ribigeadh 's a ghlanadh, agus chàireadh na phòca e, 's dh'fhalbh e 's ghabh e sìos.

Agus ràinig e a' phàileas shìos, agus chuir e e fhèin an uair sin air dòigh. Nigh 's ghlan e e fhèin agus chuir e air dòigh, agus thairngeadh a-mach am fàlairidh a bh' aige, agus dh'fhalbhadh cuairt leatha. Agus mar a dh'fhalbh... mar a chaidh e an-dè chaidh e an-diugh rathad a' bhaile anns an robh e fhèin. Agus chunnaic nighean an rìgh e. Agus ma bha e brèagha an-dè 's ann a bha e brèagha an-diugh. Ach co-dhiù, dh'fheumadh i an ath chruinneachadh a dhèanamh a-nochd airson... feuch am faiceadh i, gum feumaidh gun robh e rathad a' bhaile an àiteigin, ged nach robh e a' tionndadh suas. Agus...

Ach dh'fhalbh esan co-dhiù. Nuair a bha e sgìth thill e air ais, agus chuir e a-staigh an fhàlairidh 's chìr e le calg 's an aghaidh a cuilg i 's thug e dhi botal fìon 's buileann cruithneachd, 's chuireadh a-staigh air ais i, agus ghabh e chun na pàileis, agus ghlasadh suas a' phàileas.

Ach co-dhiù, dh'fhalbh e an uair sin agus ghabh e chun nan gobhar agus chuireadh a-mach às a' ghàrradh iad, 's bha fichead eile aige a bharrachd. Agus cha robh sìon dhen t-saoghal ach gun do choisich iad dhachaigh leis cho buidheach 's a bha iad. Agus:

"Ah dhuine, dhuine," ars a' chailleach, ars ise, "feumaidh," ars ise, "gu bheil thu an àite neònach air choreigin," ars ise, "leis na gobhair," ars ise, "leis cho buidheach 's a tha iad," ars ise.

B' fheudar dhan chaillich brath a thoirt do chùbair airson cumain a dhèanamh airson leis na bh' aca a bhainne. Cha robh rathad... àite aice a ghleidheadh am bainne aca. Agus:

"Cha robh mise an àite," ars esan, "ach air feadh chreagan 's sgallachan 's sgrìobachan leotha siud," ars esan, "agus tha," ars esan, "fichead eile a bharrachd agad a-nochd," ars esan, "a fhuair mise," ars esan, "air feadh nan sgallachan an siud," ars esan. "Agus tha mi," ars esan, "gu math sgìth," ars esan, "ri linn cuideachd," ars esan.

Agus:

"An-tà," ars ise, "cha d' fhuair nighean an rìgh," ars ise, "chan fhaca i an duine a-raoir," ars ise, "agus tha an ath chruinneachadh gus a bhith aice a-nochd," ars ise. "Chunnaic i... chunnaic i an-diugh a-rithist, tha e coltach leam," ars ise, "a leithid eile," ars ise. "Agus," ars ise, "tha an ath chruinneachadh gus a bhith aice nochd," ars ise, "feuch am faigh i e. Agus 's fheàrr dhut," ars ise, "a dhol ann," ars ise, "còmhla ri càch," ars ise.

"An-tà, bidh ise treis mar sin," ars esan, "mun tèid mise ann," ars esan. "Tha mi seachd sgìth," ars esan, "mar a tha mi," ars esan, "air feadh," ars esan, "a' dìreadh chreagan 's a' cromadh chreagan," ars esan, "'s a' caimhleachadh ghobhar," ars esan, "'s gan cumail cruinn," ars esan. "Agus tha mi," ars esan, "a' dol a dh'fhalbh dhan leabaidh."

Uill, 's e seo an rud a rinn e co-dhiù. Chaidh e dhan leabaidh. Agus làrna-mhàireach co-dhiù seothach, nuair a dh'èirich e 's a fhuair e deiseil, rinn e airson falbh. Agus ò bha a' chailleach daonnan nuair bhiodh e a' falbh a' toirt bòidean air gun... air na chunnaic... air na chunnaic e riamh gun a dhol rathad nam fuamhairean. Agus ò cha... esan a Dhia nach dèanadh sin.

Co-dhiù co-dhiù, dh'fhalbh e. Ràinig e a-nist an dà phàileis a bha... a chuir e crìoch orra ann a shineach, agus chùm e seachad orra, agus ràinigeadh an treas tè.

Uill, nuair a ràinig e an treas tè rinn e mar a rinn e air càch - ghabh e chun a' ghàrraidh aige, agus leagadh beàrn ann a shin, agus chuireadh a-staigh na gobhair dhan ghàrradh, agus chaidh e fhèin dhan chraoibh a bh' anns a' ghàrradh, agus thòisich e ri seinn an fheadain.

Ach cha robh e fada a' seinn an fheadan nuair a chualas:

"Air fith fath fuathagaich air barraibh an albhagaich, 's fhada bha mo chorp air feadh ga meirgeadh 's toll a' feitheamh air grèim dhe d' fheòil 's balgam dhe d' fhuil. Ach cha bhi agadsa ach gigean air gach goigean dhìot," ars esan, "nuair a ruigeas mise thu," ars esan. "Bheir mise fhaicinn... fhaicinn dhut," ars esan, "nach cuir thusa a-staigh do ghobhair," ars esan, "dha mo ghàrradh-sa a-màireach," ars esan.

Agus ghabh e a-nuas agus bha an talamh... ma bha càch foghainteach bha iad seo... bha e seo foghainteach. Agus 's e seo am fear bu truime aca uile-gu-lèir, agus bha an talamh a' dol air chrith mar a bha e a' tighinn. Agus ràinig e a-nuas agus dh'èigh e dhàsan gu danarra e tighinn a-nuas às a siud.

"Seo," ars esan, "beir air seo," ars esan.

"Tilg orm e," ars am fuamhaire.

Thilg e sìos e agus bha an tarbh a bha sin air a bheulaibh. Cha do mheantraig e na dhuine an-diugh. Chaidh e na tharbh, agus chaidh e fhèin 's am fuamhaire am bad a chèile. Agus ged a bha e na tharbh fhèin bha am fuamhaire a' toirt ruithean math air, ach co-dhiù fhuair esan an seothach an adhairc a chur anns a' chorp aige 's chuireadh am fuamhaire air an talamh. Agus:

"Am bàs os do chionn, a bhèist," ars esan, "gu dè d' èirig?" ars esan.

Ò dh'innis am fear seo gun robh a leithid aig an fhear seo 's a bh' aig càch. Agus cha robh sìon a bh' aige co-dhiù nach fhaigheadh esan e ach... ach a bheatha a leigeil leis. Agus:

"Ò thalla," ars am f-...

[Stad sa chlàradh an seo agus an teip a' teireachdainn.]

Dòmhnall Eairdsidh Dòmhnallach (DE): Seo agaibh a-nist, far an thuirt e: "Am bàs os do chionn."

DA: "Am bàs os do chionn, a bhèist," ars esan, "gu dè d' èirig?"

"Ò," ars esan, "'s iomadh rud sin a th' agam," ars esan.

Agus cha robh sìon a bh' aig càch eadar cìrean 's sgàthanan agus aodaichean nach robh aige agus òr agus airgead gu leòr. Agus:

"Gheibh thu... gheibh thu a h-uile sìon dheth sin," ars esan, "ach," ars esan, "leig leamsa mo bheatha," ars esan.

"Thalla," ars an tarbh, ars esan, "bidh sin agam agus do bheatha còmhla ris," ars esan.

Agus chuireadh crìoch air an fhuamhaire. Agus nuair a chuireadh crìoch air an fhuamhaire dh'èigh e dhàsan:

"Thalla... thig a-nist a-nuas," ars esan, "agus gabh seilbh às a siud," ars esan.

Agus thàinig e a-nuas agus bha am feadan roimhe air fhàgail ann a shiud, agus thog e am feadan agus ribig e e agus chuir e na phòca e, agus dh'fhalbh e 's ghabh e sìos gu pàileas an fhuamhaire. Agus bha fàlairidh aig an fhear sin mar a bh' aig càch. Thugadh a-mach i agus chìreadh le calg 's an aghaidh a cuilg i, agus thugadh dhi botal fìon agus buileann cruithneachd. Agus ghlas e suas a' phàileas agus dhreasaig... dhreasaig e e fhèin co-dhiù, agus ghlas e suas a' phàileas agus dh'fhalbh e leis an fhàlairidh.

Agus mar a thàinig e air gach rathad thàinig e rathad taigh an rìgh a bha seo. Agus chunnaic ise e, nighean an rìgh, agus ò Dhia, dh'fheumadh... feumaidh... seo far an robh an duine co-dhiù, 's dh'fheumadh i grèim fhaighinn air co-dhiù.

Agus co-dhiù dh'fhalbh esan agus chuir e... nuair a chuir e na chuairtean i thill e air ais, agus chuir e a-staigh an fhàlairidh agus dhreasaig... bhiathadh suas i, agus ghlas e suas a' phàileas, agus chaidh e an uair sin chun nan gobhar, agus bha fichead eile aige a' tighinn a-mach a bharrachd air às a seo.

Agus bha a-nist còig fichead aige, ceud gobhar aige a' tighinn. Agus ò cha robh fhios aig a' chailleach o Dhia. Cha d' fhuair i leithid a dhuine riamh na beatha. Cha robh fhios aice o Dhia cò às, a Dhia, a bha... a bha e a' faighinn nan gobhar no... no gu dè mar... cà robh e gam feurachadh leis cho buidheach 's a bha na gobhair. Agus 's ann a dh'fheumadh ise tuilleadh measraichean a dhèanamh airson a' bhainne aca. Cha robh àite aice anns an cuireadh i am bainne, na bh' aca de bhainne. Ach co-dhiù seothach:

"An-tà," ars ise, "cha d' fhuair i siud," ars ise, "sgeul... chan fhaca i sgeul anns a' chruinneachadh," ars ise, "air an duine a bha a dhìth oirre idir," ars ise.

"Tha mi cinnteach nach fhaca," ars esan.

Agus:

"Tha an ath chruinneachadh," ars ise, "gus a bhith aice a-nochd. Tha e coltach leam," ars ise, "gun robh e mu chuairt an-diugh a-rithist," ars ise, "gum faca i a-rithist e," ars ise, "'s tha an ath chruinneachadh gus a bhith aice a-nochd. Tha i a' smaointinn gu bheil e... còir aige a bhith san àite a tha seo co-dhiù."

"Dearbh, feumaidh gu bheil e sin," ars esan, "mu bheil e air falbh a h-uile latha," ars esan. "Agus cà 'il e a' teicheadh air an oidhche?" ars esan.

Ach:

"Agus 's ann as fheàrr dhut," ars ise, "dhut fhèin," ars ise, "a dhol ann a-nochd," ars ise.

"Ò," ars esan, "bidh ise treis mar sin. 'S mise a Dhia nach dèan," ars esan. "Tha mise seachd sgìth mar a tha mi," ars esan. "Sìon ach gun do choisich mi dhachaigh," ars esan, "airson," ars esan, "ag obair air feadh sgarbaichean 's chreagan o mhochthrath," ars esan, "'s sgealbachan 's fideagan," ars esan, "a' toirt ghobhar às," ars esan. "Agus tha mi seachd sgìth," ars esan, "airson falbh," ars esan, "a chruinneachadh sam bith," ars esan. "Ach tha mi a' falbh dhan leabaidh," ars esan. "'S i àite as fheàrr a fhreagras orm."

'S ann mar seo a bha co-dhiù. Dh'fhalbh e 's chaidh e a chadal. Agus an làrna-mhàireach dh'èirich e 's fhuair e deiseil. Fhuair e a bhracaist 's fhuair e deiseil airson falbh leis na gobhair, 's dh'fhalbh e leis na gobhair. Bha deagh threud aige a-nist agus... lean e a-nist roimhe, agus ràinig e a' chiad phàileas agus chaidh e seachad oirre, 's ràinig e an dàrna tè agus chaidh e seachad oirre, agus an treas tè chaidh e seachad oirre. Agus cha robh roimhe a-nist ach a' chailleach, màthair nan gobhar... nam fuamhairean. Agus dh'fhalbh e agus ràinig e an gàrradh aicese, agus leag e beàrn ann, agus chuir e a-staigh na gobhair, agus chaidh e dhan chraoibh. Agus:

Ho-o-o, cha robh e fada sin nuair a chuala e an èigh shìos:

"B' fhurasta aithn-... 'S fhurasta aithneachadh gur ann a' suirghe 's a' seiceineach a tha mo chuid mac-sa, nuair a thàinig thusa seachad orra agus a ràinig thu mise an seothach. Ach bheir mise ort, nuair a ruigeas mise thu, nach bi agadsa ach gigean air gach goigean dhìotsa."

Agus bha trì fiaclan innte. Bha fiacail a' dèanamh feum bata dhi agus bha fiacail eile a' dèanamh an rathaid dhi agus fiacail eile a' dèanamh solas dhi. Agus ghabh i a-nuas agus ràinig i a' chraobh.

"A-nuas," ars esan... ars ise, "gu h-ealamh às a sin thu."

"Seo," ars esan. "Beir air seo," ars esan.

"Tilg orm e," ars ise.

Thilg e sìos am feadan thuice, 's bha an tarbh air a beulaibh, 's an glaicibh a chèile a ghabh e fhèin 's a' chailleach. Bha iad ann shin, e fhèin 's a' chailleach ag obair. Agus ma bha na fuamhairean làidir bha a' chailleach i fhèin bha i làidir. Ach uair dhe na h-uaireannan bhrist e tè dhe na fiaclan.

"Thalla," ars ise, "tha a' chiad chuid dhe mo thacsa air falbh an siud," ars ise.

Agus... o thè gu tè gus an do bhrist e na fiaclan, 's nuair a bhrist e na fiaclan anns a' chaillich thuit i.

"Am bàs os do chionn, a bhèist," ars esan, "gu dè d' èirig?" ars esan.

"Ò," ars ise, "'s mi a dh'aithnich," ars ise, "gun do dh'èirich," ars ise, "a leithid eile dha mo chuid mac," ars ise, "nach ann a' suirghe 's a' seiceineach a bha iad," ars ise, "ach," ars ise, "nuair a ràinig thu mise," ars ise, "cha leigeadh tu seachad idir orra. Ach," ars ise, "tha cho... tha," ars ise, "de dh'òr 's de dh'airgead agamsa," ars ise, "agus dhen a h-uile seòrsa a dh'fheumas," ars ise, "boireannach," ars ise. "Agus," ars ise, "chan eil sìon," ars ise, "nach fhaigh thusa," ars ise, "ach leig leamsa," ars ise, "mo bheatha," ars ise.

"Bidh sin agam," ars an tarbh, "agus do bheatha."

Uill, chuir e crìoch air a' chaillich, agus thuirt e ris-san:

"Thig a-nist a-nuas," ars esan, "agus gabh seilbh às a sin," ars esan. "Agus tha deagh airgead agad a-nist," ars esan, "anns na pàileasan a tha sin," ars esan.

Agus thàinig e a-nuas agus bha am feadan roimhe.

Agus co-dhiù seothach dh'fhalbh e an uair sin agus bha fàlairidh aig a' chaillich agus thug e leis i, agus chaidh e gu pàileas a' chiad fhuamhaire, agus dhreasaig e e fhèin suas ann an aodach an fhuamhaire a bha sineach, agus thug e leis an fhàlairidh agus dh'fhalbh e agus chaidh e cuairt, agus chaidh e air feadh... ràinig e pàileas an rìgh mar a b' àbhaist dha.

Agus bha an latha uabhasach fhèin teth, agus bha a bhroilleach fosgailte mar seothach, broilleach na lèine aige fosgailte, 's bha a chraiceann ris. Agus gu dè bh' air... bh' air a' ghille ach ball-dòbhrain mòr fon chìch dheis aige, agus bha e air a bhroilleach agus bha e ris. Agus nuair a bha e a' dol seachad pàileas an rìgh bha an nighean a-muigh, agus thug i an aire dha. Agus bha i a-nist air droch bharail a ghabhail airsan co-dhiù. Cha robh e ann an cruinneachadh dhe na rinn i, an gille aig a... a bh' aig a' chaillich a bha seo.

Agus 's e oidhche Shathairne a bh' ann. Agus chaidh esan air ais, agus thug e leis na gobhair. Cheangail e... ghlas e suas na pàileasan uile 's thug e leis na gobhair. Agus ràinig e taigh na caillich, agus bha... bha fichead gobhar eile aige a' tighinn a bharrachd a-nochd. Agus ò cha robh fhios aig a' chaillich o Dhia gu dè a dhèanadh i. Ach co-dhiù seothach, 's e oidhche Shathairne a bh' ann, agus bha e a' dol a shioftadh. Agus cò thàinig an rathad ach nighean an rìgh. Thàinig i an rathad ann an disguise, agus bha i an taigh na caillich. Ach bha fhios aig a' chaillich gura h-i a bh' ann ceart gu leòr.

Agus chaidh esan suas a shioftadh, agus chaidh ise... cha robh... coltach nach robh an doras dùinte, gun robh geòbadh air an doras far an robh esan a' cur uime. Agus nuair a bha... chuir e dheth an lèine thug ise an aire dhan bhall-dòbhran fon chìch dheis aige. Ghabh i dìreach a-staigh.

"'S tusa," ars ise, "mo dhuine-sa," ars ise.

"Mise?" ars esan.

"Dìreach tusa," ars ise. "'S tusa," ars ise, "a tha a' falbh timcheall an àite a tha seo," ars ise, "o chionn lathaichean," ars ise, "le... le fàlairidh dreaste suas," ars ise. Bha thu an-diugh ann," ars ise, "agus bha do bhroilleach ris," ars ise, "agus tha am ball-dòbhrain a tha sin," ars ise, "air do chìch dheis. Thug mise an aire dha," ars ise, "agus feumaidh tu mise a phòsadh."

"Ò cha mhise a bh' ann," ars esan.

"Ò 's tusa a bh' ann," ars ise. "'S chan eil ri tighinn às agad," ars ise. "Tha agad ri mise a phòsadh," ars ise.

Uill, 's e seo an rud a bh' ann co-dhiù. Phòs e fhèin agus nighean an rìgh beagan ùine às a dhèidh sin. Chan eil fhios a'm an d' fhuair a' chailleach seirbheiseach eile, ach co-dhiù phòs e fhèin agus nighean an rìgh. Agus nuair a phòs iad an uair sin, thòisicheadh ri tarraing an òir 's an airgid a bh' ann am pàileasan nam fuamhairean às gu ruige pàileas an rìgh. Agus thog iad an uair sin pàileas, nach dèanadh a' phàileas a bh' aig an rìgh a bh' ann, nach dèanadh i taigh-chearc dhi. Agus bha e fhèin agus nighean an rìgh agus an rìgh ann a shin agus an teaghlach aca còmhla.

Agus fhuair mise cead falbh agus tha... bha a' chailleach gam iarraidh airson buachailleachd, ach cha rachainn thuice. Sin agad mar a chuala mise am fear sin.

Dòmhnall Eairdsidh Dòmhnallach (DE): Ò uill, a Dhòmhnaill Alasdair, chuala mi turas no dhà agaibh i siud, ach cha do dh'innis sibh riamh cho math siud fhathast i.

DA: Ò chan eil fhios a'm.

DE: Ò tha mi math, math. Math fhèin.

DA: Sin mar a tha, mar a chuala mise i.

DE: Cha robh guth... cha robh guth air dè thachair dhan an tarbh às a dhèidh sin?

DA: Cha robh, cha chuala mi gun do thionndaidh an tarbh suas riamh roimhe no na dhèidh tuilleadh, ach mharbh e na fuamhairean.

DE: Dìreach.

DA: Agus 's e Buachaille Caora Caomhaig a bh' aca air an sgeulachd.

DE: Sin a chanadh ur n-athair rithe?

DA: 'S e chanadh m' athair rithe. 'S e.

DE: Ò uill, tha sin math dha-rìribh.

DA: Sin agadsa nist, ma-thà, mar a chuala mise i siud.

DE: Tha i siud, tha i math. Cha chuala mi riamh cho math agaibh i siud.

DA: Nam biodh iad... nam biodh i siud aig Iain bochd.

DE: Ò uill, nam bitheadh.

Source Type

Reel to reel

Audio Quality

Good