Search

Riobaidh agus Robaidh.

Track Information

Original Track ID

SA1965.015.B2

Original Tape ID

SA1965.015

Summary

How the widow's son got the better of two jealous neighbours.

There were two widows: one with two sons called Riobaidh and Robaidh; the other with one son, Brionnaidh. Brionnaidh was hard-working, but Riobaidh and Robaidh were lazy. They were jealous of Brionnaidh and killed his cow. Brionnaidh skinned the cow and hid half-crowns in the hide. He went to town and by leading someone to believe that coins fell from the hide every time it was shaken, Brionnaidh sold it. When he returned home with the money he had made, Riobaidh and Robaidh killed their own cow. However, when they tried to sell it, the police chased them out of town. With each enterprise, Brionnaidh made money, but when Riobaidh and Robaidh tried the same thing, they failed. They tried to kill Brionnaidh but he got the better of them.

Language

Gaelic

Genre

Story

Collection

SoSS

Transcription

Niall Gilios: Bha dà bhanntraich an siud reimhid, agus bha dithis ghillean ag tè dhiubh agus bha aon ghille aig an tè eile. Agus 's e Riobaidh 's Robaidh a bh' air an dithis, agus Brionnaidh air an fhear nach robh aig a mhàthair ach e fhèin. Agus bha croit an t-aon aca, agus bha mart an t-aon aca. Agus bha Brionnaidh cho math dhan bhoin. Bha e cho èasgaidh. Ach Riobaidh 's Robaidh, cha robh sgath ach gun robh a' bhò aca beò leis cho leisg 's a bha iad airson rud a dhèanamh dhi. Agus an turas a bha seothachd ghabh iad farmad ri Brionnaidh, cho math 's a bha a' bhò a bh' aige seach an tè aca fhèin. Agus an oidhche a bha seothachd, chaidh iad dhan bhàthaich, agus dh'èirich iad air a' mhart, air a' bhoin aig Brionnaidh, gus an do mharbh iad i. 'S nuair a mharbh iad i dh'fhàg iad an siud i, 's thug iad an taigh orra.

Nuair a dh'èirich Brionnaidh an làrna-mhàireach 's a chaidh e a-mach dhan bhàthaich, bha a' bhò marbh. Dh'aithnich e taghta cò rinn e. Bha e cinnteach gura h-iad a rinn e. Ach co-dhiù, cha robh àrach air. Thug e a-mach a' bhò às a' bhàthaich a dh'ionnsaigh a' chnuic, agus thòisich e ri feannadh na bà, agus nuair a dh'fheann e i 's a ghlan e an t-seiche, thòisich e air a pasgadh suas, 's bha e a' cur leth-chrùn anns a h-uile còrnair a bh' air an t-seichidh mar a bha e ga pasgadh. 'S nuair a rinn e sin, chàirich e air a mhuin i 's rinn e air a' bhaile mhòr.

Bha iadsan a-nist aig an taigh, Riobaidh 's Robaidh, ga watchadh; iad a' coimhead a h-uile car a bha e a' cur dheth. Ach chàirich esan air dhan bhaile mhòr leis an t-seichidh, agus chaidh e gu taigh no dha an sineachd 's thuirt e riutha an ceannaicheadh iad seiche mairt 's nach robh uair sam bith a chrathadh iad i nach fhalbhadh na leth-chrùin aiste. Co-dhiù, cha robh duine an sin ga chreidsinn.

Thàinig e mu dheireadh gu... dh'ionnsaigh an taigh-òsta, agus thàinig fear an taigh-òsta a-mach dhan doras agus thuirt e ri fear an taigh-òsta e an t-seiche a cheannach, agus nach robh uair sam bith a bhiodh e ag iarraidh airgead gum fòghnadh dha an t-seiche a chrathadh... chrathadh 's bhiodh na leth-chrùin a' tuiteam aiste.

"Siuthad a-nist," ars esan, fear an taigh-òsta ris. "Crath a-nist i," ars esan, "feuch am faic sin," ars esan, "an tig iad aiste."

Thug esan crathadh air an t-seichidh 's a-mach na leth-chrùin.

"Ò," ars esan, "ceannaichidh mi i gun teagamh," ars esan. "Dè bhios tu ag iarraidh oirre?"

"Ò," ars esan, "bidh mi ag iarraidh a leithid seo oirre," ars esan.

Co-dhiù, phàigh fear an taigh-òsta dha an t-seiche, 's nuair a rinn e sin rinn e air an taigh le deannan math airgead airson na seiche. 'S nuair a nochd e ris an taigh, bha iadsan aig an taigh ga watchadh, Riobaidh 's Robaidh. Phut Riobaidh Robaidh 's phut Robaidh Riobaidh. Siud an coinneamh Bhrionnaidh a ghabh iad, 's chuir iad fàilte air Brionnaidh.

"Seadh a Bhrionnaidh, tha thu air tighinn."

"Tha," ars esan, Brionnaidh.

"'S dè mar a chaidh dhut?"

"Chaidh," ars esan, "glè mhath. Nach seall sibh na fhuair mi," ars esan, "na fhuair mi," ars esan, "de dh'airgead," ars esan, "air an t-seichidh."

"Tha gu dearbh fhèin," ars iadsan. "Nach fheàrr dhuinne a-nist," ars esan, "a' bhò againn fhìn a mharbhadh," ars esan, "agus falbh leis an t-seichidh aice."

"An-tà gu dearbh fhèin e, 's fheàrr," ars esan, Brionnaidh.

Seo an rud a rinn iad. Ghabh iad dhan a' bhàthaich, 's dh'èirich iad air a' bhoin gus an do mharbh iad i, 's nuair a mharbh iad a' bhò, thug iad a-mach i 's dh'fheann iad i, 's nuair a dh'fheann iad i 's a phaisg iad suas i, chàirich iad orra dhan a' bhaile mhòr a' dol ga reic.

Co-dhiù, nuair a ràinig iad am baile mòr, thòisich iad ri èigheach:

"Cò cheannaicheas seiche mairt?"

Cha robh, a ghràidh, ach cha robh duine beò gan [???]. Mu dheireadh mhaoidh na poileasmain orra, mura clìoradh iad a-mach às a' bhaile gun rachadh an cur dhan a' phrìosan. Cha robh, a ghràidh, ach rinn iad air an taigh.

Bha a-nist fios aig Brionnaidh gun robh iad ann an rùn nan tuagh dha 's gun dèanadh iad rud sam bith air nam faigheadh iad cothrom air. Cha robh ach an oidhche a bha seothachd, thuirt e ri a mhàthair:

"'S fheàrr dhuibhse, a mhàthair," ars esan, "a-nochd," ars esan, "a dhol dhan rùm agamsa," ars esan, "'s thèid mise dhan rùm agaibhse," ars esan.

"Seadh," ars esan... ars ise, a mhàthair.

Seo an rud a rinneadh. Chaidh esan a rùm a mhàthar 's chaidh a mhàthair dhan rùm aige fhèin a chadal.

Nuair a shaoil Riobaidh 's Robaidh a bha Brionnaidh na shuain, rinn iad air an taigh aige, 's chaidh iad a-staigh ann, 's ghabh iad dhan rùm aige, 's dh'èirich iad air màthair Bhrionnaidh gus an do mharbh iad i, 's nuair a rinn iad seothachd rinn iad air an doras.

Dh'èirich Brionnaidh sa mhadainn. Chaidh e sìos a choimhead air a mhàthair, 's bha a mhàthair marbh. Ò uill, cha robh àrach air. Bha fhios aige taghta cò rinn e. Co-dhiù, nuair a chunnaic e sin, dh'fhalbh e 's chuir e a mhàthair na seasamh 's chuir e oirre a h-uile rioba a b' fheàrr a bh' aice, agus dh'fhalbh e leatha air a mhuin dhan bhaile mhòr.

Ràinig e am baile mòr agus... seadh, iomall a' bhaile co-dhiù, agus thachair tobar mòr ris ann an shineachd, agus leig e às a mhàthair agus chuir e na seasamh os cionn an tobair i, agus chuir e bata ga cumail na seasamh. 'S bha taigh mòr pìos an taobh thall dhan tobar 's chaidh e a-null dhan taigh mhòr agus bhuail e an doras. Agus thàinig bean an taighe dhan doras agus dh'fhaighneachd i dheth gu dè bha e ag iarraidh.

"Uill," ars esan, "tha mi ag iarraidh," ars esan, "deoch," ars esan. "Tha mi," ars esan, "air tighinn," ars esan, "air astar mòr," ars esan, "agus," ars esan, "tha am pathadh orm."

"Seadh," ars ise, "gheibh thu sin," ars ise. "Thig a-staigh," ars ise.

'S chuir i na suidhe [sic] aig a' bhòrd e, 's chàiricheadh a h-uile seòrsa bìdh air a' bhòrd.

"Siuthad a-nist," ars ise, "gabh do bhiadh ann a shin," ars ise.

"Uill," ars esan, "dh'fhàg mi mo mhàthair," ars esan, "thall aig an tobar," ars esan, "'s tha fhios a'm," ars esan, "gun gabhadh i fhèin rud," ars esan, "nam faigheadh i e, agus 's fheàrr dhòmhsa," ars esan, "falbh ga h-iarraidh."

"Chan fhalbh thu," ars ise. "Gabh thusa do bhiadh," ars ise, "ach falbhaidh an nighean," ars ise.

"Uill, ma dh'fhalbhas an nighean," ars esan, "tha i car bodhar. Nam biodh tu ag èigheach dhi 's nach cluinneadh i thu, feumaidh tu a dhol suas agus crathadh beag a thoirt oirre."

Agus seo an rud a rinneadh. Dh'fhalbh an nighean 's thòisich i ri èigheach dhan a' chaillich 's i na seasamh os cionn an tobair, 's cha robh a' chailleach a' toirt hò-rò oirre. Co-dhiù, chaidh i suas agus chrath i a' chailleach 's siud a' chailleach an comhair a cinn dhan tobar.

Och, thill an nighean dhachaigh ann am breislich a bàis a dh'innse gun do thuit a' chailleach dhan tobar an comhair a cinn.

"'S tha mi a' creidsinn," ars ise, "gu bheil i air a bàthadh."

Cha robh, a ghràidh, ach a-mach bean an taighe 's a-mach an duine fhèin a-null 's a-mach Brionnaidh. Cha robh ach:

"'S fheàrr dhut gun ghuth a thoirt air," ars esan, an duine-uasal. 'S e duine-uasal a bh' ann, 's coltach. "Tiodhlacaidh sinn," ars esan, "do mhàthair," ars esan, "on a thachair an gnothach mar a thachair e," ars esan, "agus," ars esan, "thèid alairidh mhòr," ars esan, "a dhèanamh dhi," ars esan, "agus," ars esan, "gheibh thu duais mhath," ars esan, "a bharrachd air a sin," ars esan, "gun ghuth a thoirt air mar a thachair," ars esan.

"Ò, cha toir," ars esan, Brionnaidh.

Cha robh, a ghràidh, ach chaidh... chaidh a' chailleach a thoirt a-null a thaigh an diùc, agus ciste 's anart a chur oirre, agus tiodhlacadh mòr a dhèanamh dhi. Agus nuair a rinn iad seo, thug an... thug an diùc - mas e diùc a bh' ann; 's e duine-uasal a bh' ann co-dhiù - sìneantas mòr airgid do Bhrionnaidh agus gun ghuth a thoirt air mar a thachair an gnothach.

'S rinn Brionnaidh air an taigh. 'S bha iadsan aig an taigh ga watchadh gus an tàinig e, 's nuair a mhothaich iad dha 's a bha e a' tighinn goirid dhan taigh, siud... phut Riobaidh Robaidh agus phut Robaidh Riobaidh agus siud an coinneamh Bhrionnaidh a ghabh iad.

"Seadh, a Bhrionnaidh, thu thu air tighinn."

"Tha," ars esan, Brionnaidh.

"'S dè mar a chaidh dhut?"

"Chaidh," ars esan, "glè mhath," ars esan. "Reic mi mo mhàthair," ars esan, "'s fhuair mi," ars esan, "na bha sin a dh'airgead oirre," ars esan, 's e a' coimhead a' phocain dhaibh.

"Seadh gu dearbh," ars iadsan.

"Fhuair," ars esan.

"'S nach fheàrr dhuinne ar màthair fhèin a mharbhadh agus falbh leatha?"

"An-tà, gu dearbh, 's fheàrr," ars esan, Brionnaidh.

Seo an rud a bh' ann. Ghabh iad dhachaigh. Dh'èirich iad air a màthair gus an do mharbh iad i, 's nuair a rinn iad sin, chàirich iad orra dhan a' bhaile mhòr leatha. Agus nuair a ràinig iad am baile mòr, bha iad ag èigheach:

"Cò cheannaicheas seann chailleach mharbh? Cò cheannaicheas seann chailleach mharbh?"

Cha robh, a ghràidh, ach siud na poileasmain nam bad. Iad clìoradh a-mach às a' bhaile air neo gun rachadh an cur dhan a' phrìosan, nach fhaigheadh iad às rim maireann... leis a' chaillich.

Cha robh ach thill Riobaidh 's Robaidh dhachaigh lem màthair agus toilichte gun d' fhuair iad... gun d' fhuair iad clìor. Agus bha a-nist fios aig Brionnaidh gum biodh iad ga fheitheamh air n-ais; gun dèanadh iad rud sam bith air feuch an cuireadh iad crìoch air. Agus nuair a chunnaic Brionnaidh iad a' tighinn, rinn e air a' bheinn, agus siud iadsan às a dhèidh, Riobaidh 's Robaidh. Ach bha Brionnaidh na bu luaithe na iadsan agus bha e a' dèanamh a' ghnothaich orra.

Co-dhiù, air dha a dhol pìos dhan bheinn cò... dè thachair ris ach cìobair, agus grunn chaorach aige agus cù. Ghabh e far an robh an cìobair.

"'S fheàrr dhut," ars esan, "d' aodach a chur dhìot," ars esan, "agus gun cuir mise orm e," ars esan, "agus cuiridh mise dhìom m' aodach fhèin," ars esan, "'s cuiridh tusa ort e," ars esan, "agus chan eil mi ag iarraidh ort seo a dhèanamh," ars esan, "ach 'son greiseag bheag," ars esan, "agus gheibh thu," ars esan, "am pocan airgid a tha sin," ars esan, "ma nì thu e," ars esan, Brionnaidh.

"Seadh," ars esan, an cìobair. "Nì," ars esan.

'S rinn e sin. Chuir an cìobair dheth an t-aodach 's chuir esan dheth an t-aodach aige fhèin, 's chuir an cìobair air aodach Bhrionnaidh 's chuir esan air aodach a' chìobair.

"Seadh a-nist," ars esan. "Cùm a-nist romhad," ars esan, "mar a bha mi fhìn a' falbh," ars esan, "'s gabhaidh mise," ars esan, "mar a bha sibhse a' gabhail," ars esan, "leis na caoraich," ars esan, "'s leis a' chù," ars esan.

Nochd iadsan, Riobaidh 's Robaidh, 's lean iad Brionnaidh, ma b' fhìor gur e Brionnaidh a bh' ann. Dh'èirich iad air leis na clachan 's leis na cnuic gus an do chuir iad a-mach air loch mòr a bh' ann a shin e, 's nuair a rinn iad sin, chaidh an duine a bhàthadh anns an loch. 'S thill iad dhachaigh. 'S chaidh Brionnaidh am falach. Cha robh sgeul air Brionnaidh.

Co-dhiù, dh'fhalbh Brionnaidh agus rinn e air an taigh, leis na caoraich agus leis a' chù, agus deise a' chìobair air. Cha robh, a ghràidh, ach mhothaich iadsan dha a' tighinn.

"A Dhia beannaich m' anam, an tu tha seo, a Bhrionnaidh?"

"'S mi," ars esan. "Tha mi air tighinn," ars esan.

"Ach shaoil mi," ars esan, "gun deach do bhàthadh anns an loch."

"Ò cha deachaidh," ars esan. "Nuair a ràinig mise," ars esan, "grunn an loch," ars esan, "bha duine còir ann a sheo," ars esan, "romham," ars esan, "'s dh'iarr e orm tilleadh," ars esan, "cho luath 's a rinn mi riamh," ars esan, "agus gun toireadh e dhomh," ars esan, "an cù agus na caoraich agus aodach cìobair. 'S e sin an rud a mi," ars esan. "Chuir mi... thug an cìobair dhomh," ars esan, "aodach fhèin," ars esan, "'s chuir mi orm e," ars esan, "'s thug e dhomh na caoraich," ars esan, "'s an cù."

"Ma-thà, nach fheàrr dhutsa sinne a chur a-mach air an loch gun fhios nach fhaigheamaid sinn fhìn e."

"An-tà, gu dearbha 's fheàrr," ars esan, Brionnaidh.

Seo an rud a bh' ann. Dh'fhalbh Brionnaidh às an dèidh, 's dh'èirich e orra leis na clachan 's leis na cnuip gus an do chuir e a-mach air an loch iad. 'S nuair a rinn e sin, thill e dhachaigh, 's cha do chuir iad dragh tuilleadh air Brionnaidh.

Sin mar a chuala mise.

Source Type

Reel to reel

Audio Quality

Good