Search

Lèine duine sona.

Date July 1977
Track ID 63305
Part 1

Track Information

Original Track ID

SA1977.187.B1

Original Tape ID

SA1977.187

Summary

The contented man's shirt.

An ill man could not be cured without putting on a contented man's shirt while still warm from his back. A search was started for such a man starting with the king. They eventually found a poor man with a big family and small house but contented with his lot.

Language

Gaelic

Genre

Story

Collection

SoSS

Transcription

Dòmhnall MacIllEathain (DM): 'S ann à Èirinn a chuala mi an naidheachd a bha seo. 'S e naidheachd a thàinig à Èirinn a bh' ann. Chan eil fhios a'm cò a dh'innis dhomh i, no dè mar a chuala mi an toiseach i, ach chùm mi cuimhn' oirre. Uill, innsidh mi dè cho math 's a tha cuimhn' agam oirre.

Bha fear ann an Èirinn ris an canadh iad Mac 'ille Phàdraig, agus tha e coltach gun do dh'fhàs e bochd, agus bhathar a' faighinn dhotairean dha 's cha robh e air thuar a dhol am feabhas idir. Co-dhiù, thàinig fear air choreigin a choimhead air. Thàinig duine àraid air choreigin a choimhead air, agus thuirt e ris:

"Tha fios agamsa," ars esan, "gu dè a chuireas am feabhas thu."

"A bheil?" ars esan.

"Tha," ars esan. "Tha fhios agam," ars esan, "dè chuireas am feabhas thu. Tha mi a' faicinn," ars esan, "gu bheil thu uabhasach fhèin mì-thoilichte," ars esan, "na do shuidheachadh. Ach nam faigheadh tu," ars esan, "lèine duine a bhiodh sona, agus gun cuireadh tu," ars esan, "blàth rid dhruim i mar a chuireadh an duine eile dheth i, cha bhiodh," ars esan, "cnead ort."

"Ò uill," ars esan, "ma ghabhas i idir faighinn ma-thà," ars esan, "cuiridh mise," ars esan, "cuideigin," ars esan, "ga h-iarraidh."

Agus 's e a thàinig às a' ghnothach a bha sin, fhuaradh dithis dhaoine 's bha iad a' falbh air tòir duine sona. Thuirt iad riutha fhèin anns a' chiad dol a-mach:

"Dhan rìgh." Tha facal ag ràdh fhathast, 'Cho sona ris an rìgh'.

Ach chaidh iad far an robh an rìgh, 's thuirt an rìgh:

"Mise sona?" ars esan. "Cha robh mise sona," ars esan, "on a bhàsaich m' athair," ars esan, "'s a chaidh an crùn air mo cheann. Tha mise a' smaointeachadh," ars esan, "gu bheil an dorsair agam," ars esan, "a cheart cho sona dheth 's a tha mise. Chan eil agaibh," ars esan, "ach bruidhnibh ris san dol a-mach."

Bhruidhinn iad ris an dorsair, 's thuirt iad ris:

"Tha thu gu math socair, seasgair dheth ann a sheo."

"Ò tha," ars esan.

"A bheil adhbhar gearain idir agad?"

"Ò uill," ars esan, "innsidh mi dhuibh, tha dìreach adhbhar gearain agam," ars esan, "thoradh seo. Tha fear ann a sheo," ars esan, "'s àbhaist dha a bhith a' tighinn a-staigh," ars esan, "a choimhead air an rìgh, agus thogadh 's rugadh sinn," ars esan, "anns an aon àite, faisg... gu math faisg air a chèile, agus," ars esan, "thèid e seachad orm ann a sheo," ars esan, "'s cha bhruidhinn e rium, agus chan eil an gnothach a tha sin a' còrdadh rium idir," ars esan, "'s chan eil mi," ars esan, "toilichte idir."

Dh'fheuchadh mu dheireadh thall fear-comhairle an rìgh, 's cha robh am fear a bha sineach... bha adhbhar ghearain aige fhèin. Cha robh e ach a' feitheamh o latha gu latha 's cuideigineach eile a' dol a dh'fhaighinn àite. 'S mu dheireadh thall dh'fheuchadh duine an siud 's an seo, 's mar a tha an seanfhacal ag ràdha, 'Bha a smùdan fhèin an ceann gach fòd'.

'S bha iad air thuar toir suas nuair a chuala iad gun robh fear a' fuireach shìos faisg air a' chladach aig an robh taigh beag tughaidh, agus nach cuala duine riamh a' gearan e; gun robh e glè thoilichte no sona na shuidheachadh.

Agus dh'innis cuideigin dhaibh far an robh an taigh a bha seo, 's dh'fhalbh iad sìos, agus nuair a bha iad gus a bhith aig an taigh, bha an duine a' cruachadh mhònadh, a' dèanamh cruach-mhònadh aig an taigh agus dithis bhalach còmhla ris, agus bha dithis nigheanan eile a' togail fhaochag shìos anns a' chladach bhon taigh, 's bha dithis bhalach eile air creig le slat ag iasgach. Uill bheannaich iad an latha dha co-dhiù, 's thuirt iad ris:

"Chan eil agad ach taigh beag an seo."

"Ò chan eil," ars esan. "Is fheàrr taigh beag làn," ars esan, "na taigh mòr falamh."

"Chan eil agad ach bìdeag bheag fearainn," ars am fear eile.

"Ò chan eil," ars esan. "Cha b' urrainn dhomh an còrr obrachadh," ars esan, "ged a bhiodh barrachd agam."

Agus: "Uill," ars esan, "a bheil adhbhar gearain idir agad?" arsa fear aca.

"Ò uill," ars esan, "carson a bhitheadh?" ars esan. "Tha," ars esan, "tha bean-taighe agamsa," ars esan, "cho math 's a b' urrainn dhut fhaicinn an àite sam bith. Tha an teaghlach," ars esan, "a' fàs suas gun èis gun acras," ars esan, "'s tha toradh na mara," ars esan, "a' tighinn air tìr fon doras againn. Eadar iasg 's maorach 's a h-uile rud a th' ann. 'S tha mise," ars esan, "cho toilichte ann a sheo," ars esan, "'s ged a b' ann leam," ars esan, "an còigeamh cuid de dh'Èirinn."

Thuirt an dàrna fear ris an fhear eile:

"Seo agad dìreach an dearbh dhuine a tha a dhìth oirnn."

Ach cha tug iad guth mun lèinidh, air eagal agus gun gabhadh an duine nàire 's nach fhalbhadh e còmhla riutha. Ach thug iad leotha e co-dhiù 's thuirt iad gun robh a leithid seo a dhuine airson fhaicinn. Dh'fhalbh e còmhla riutha 's ràinig iad an taigh anns an robh an duine bochd, 's chaidh e suas chun na leapa 's bha iad treiseag bheag a' còmhradh. Thuirt am fear a bh' anns an leabaidh:

"Is fheàrr dhuinn a-nist," ars esan, "iomlaid lèintean a dhèanamh."

"Ò thìochdais," ars esan, "'s leth na truaighe," ars esan. "Cha robh," ars esan, "cha deach lèine ri mo dhruim-sa riamh," ars esan, "on a phòs mi," ars esan, "'s chan eil ionndrainn agam," ars esan, "oirre."

'S nuair a bha... Thuig am fear eile an uair sin gu dè bha am fear a bha... a chomhairlich a' ciallachadh leis an lèine on duine shona. 'S tha facal ag ràitinn mu dheireadh thall, 'Bheir dhuinn biadh agus aodach a bhith againn, bidh mi toilichte leotha sin'.

An cuala thu siud? Tha mi a' creidsinn nach cuala thu riamh i siud?

Dòmhnall Eairdsidh Dòmhnallach (DE): Chan eil fhios a'm an robh sibh fhèin a' bruidhinn oirre roimhe rium 's dòcha, ach... 's a bha sibh a' canail rium gur e leughadh a rinn sibh oirre sin a-nist uaireigin.

DM: 'S e, leughadh, à leabhar.

DE: An ann am Beurla no Gàidhlig a bha i?

DM: À leabhar. An Gàidhlig a bha i.

DE: Ann an Gàidhlig?

DM: Ò 's ann an Gàidhlig a bha i. Agus bha Mac 'ille Phàdraig ann an Èirinn, sin an start a bh' aice.

DE: Agus a bheil tuairmse agaibhse dè an t-ainm a bh' air an leabhar a bha sin?

DM: Ò chan eil gu deimhinne. Chan eil fhios a'm on t-saoghal a-nist, tha leithid a dh'ùine o leugh mi e, a Dhòmhnaill Eairdsidh, 's nach urrainn mi ràitinn gu dè...

DE: Ach feumaidh gun do chòrd i ribh nuair a chùm sibh cho math air chuimhne i?

DM: Chùm, fhios agad, ghabh mi iongnadh air dhòigheigin dhith. Fhios agad, bha i iongantach. 'S e an dòigh anns an do chùm mi air chuimhne i. Bha i iongantach.

Source Type

Reel to reel

Audio Quality

Good