Search

Luadhadh ann am Muile.

Date July 1953
Track ID 6331
Part 1

Track Information

Original Track ID

SA1953.107.B6 (B14)

Original Tape ID

SA1953.107

Summary

Waulking in Mull.

The contributor tells of attending a waulking in Mull when he was fourteen or fifteen years of age. This was the last one he saw. The singing was led by Mrs Flora MacNeil.

Recording Location

County - Argyllshire

Parish - Kilmore and Kilbride

Village/Place - Oban

Item Location

County - Argyllshire

Island - Mull

Language

Gaelic

Genre

Information

Collection

SoSS

Transcription

Calum MacIllEathain (CM): Niste, bha sibh ag ràdh gur ann aig seann bhoireannach... c' ainm a bh' air an t-seann bhoireannach?

Dùghall MacCormaig (DM): Flòraidh... 's e Flòraidh Seton a bh' oirre fhèin nuair a bha i... mun do phòs i, ach Flòraidh NicNèill.

CM: NicNèill. 'S ann às an Ros Mhuileach a bha i?

DM: 'S ann, 's ann. 'S ann, 's ann.

CM: Ach chan fhaca sibh aig luadhadh i, am facaidh?

DM: Nach ann aig an luadhadh a chuala... a chuala mi an t-òran.

CM: Agus cà 'n robh an luadhadh?

DM: Anns an Tòrr... anns an abair sinn an Tòrr Mòr. Cha robh e fada bho Fhionnphort.

CM: Dìreach. Agus 's ise... bha ise a' seinn aig an luadhadh.

DM: Bha. Agus an dòigh a sheinn i... 's e boireannach bòidheach a bh' innte, agus cha robh i a' sealltainn air dad ach a' falbh mar seo: 'Fà rithill ó hó...' Bheil thu a' faicinn. Ò, guth math aice, fhios agad.

CM: 'S cò mheud... bhiodh grunn de bhoireannaich eile ann còmhla rithe aig an luadhadh, air a' chleith?

DM: Ò, chan eil fhios a'm air an talamh. Bha mòran de bhoireannaich eile ann, bha iad a' togail an fhuinn, fhios agad.

CM: Agus sin agaibh an luadhadh mu dheireadh a chunnaic sibh?

DM: 'S e an luadhadh mu dheireadh a chunna mi anns an Ros Mhuileach.

CM: 'S dè an aois a bhiodh sibh fhèin an uair sin, can?

DM: Ò, bhithinn mu cheithir bliadhn' deug no còig bliadhn' deug.

CM: Mu cheithir bliadhn' deug no còig bliadhn' deug.

DM: Bha fear roimhe siud ann a... anns an talla againn fhìn, ach bha am fear seo na dhèidh sin. 'S am fear a bh' anns an talla againn fhìn, chan fhaca mi idir e gus an robh e seachad. Bha mise anns an sgoil, fhios agad.

Source Type

Reel to reel

Audio Quality

Good