Search

Dealan-dè

Date
Track ID 63777
Part 1

Track Information

Original Tape ID

DealanDe 1988.09.27

Summary

Lobster fishing.

Donald Angus MacLean discusses lobster fishing. He talks about the prices they used to get, where they sold their catch, how it was sent away and the creels and ropes that they used. They used to make creels in the cèilidh house while they told stories and would not set creels on a Sunday.

Language

Gaelic

Collection

BBC

Transcription

Dòmhnall Aonghas MacIllEathain: Bha e prìseil, 's bha e riaslach, 's bha e cugallach. Bha e prìseil gu dearbh a chionn co-dhiù gheibheadh duine, mòr no beag, 's e airgead ann an làmhan duine a bh' ann, eadar-dhealaichte ri iomlaid.

Bhiodh sinne a' cruinneachadh cisteachan tì. Sin na bogsaichean anns am biodh na bodaich a' cur air falbh nan giomach. Gan sàbhadh nan dà leth, a' dèanamh tuill orra airson an èadhar a leigeil a-mach, 's ròpan anns na cinn, dual airson gum biodh iad furasta làimhseachadh. Ghabhadh iad trì no ceithir de dhusan, an crochadh air dè a' mheud a bhiodh anns na giomaich.

Cha robh prìsean an t-samhraidh ach truagh, ach bha prìsean a' gheamhraidh na b' fheàrr. Thuiteadh iad ann am prìs as t-earrach. Agus bhiodh daoine a' pacaigeadh nam bogsaichean a bha sin, feadhainn le feamainn 's feadhainn le raineach, agus feadhainn eile le min-sàibh. Tha mi cinnteach an crochadh air dè an t-àite anns an robh duine 's dè an rud bu phailte.

Ach ò, bhiodh a' phrìs truagh as t-samhradh, agus gu dearbha suas pìos math dhen fhoghar cuideachd. Agus bhiodh giomaich a' bàsachadh anns na bogsaichean a bha sin a bhathas a' cur air falbh, 's bha feadhainn a' bàsachadh ann am bogsaichean air chruaidh cuideachd a chionn 's ann a' gearradh nan giomach a bha iad an uair sin a' cur na sgeine ann an altan na h-ìne gus nach bìdeadh iad a chèile. 'S bha sin a' fàgail gun robh iad a' call, tha mi a' creidsinn, tòrr fuil.

'S ann gu Billingsgate a bhiodh iad gan cur, agus och, bhiodh iad a' faighinn litrichean air ais gun robh feadhainn marbh 's gun robh feadhainn gu bhith marbh. Bha fear Rush ann, 's Fischer, 's Rankin. Sin feadhainn dhe na h-ainmeannan gu 'm biodh iad gan cur. Ach bha iad uile a' falbh air an rèile.

Agus ò, bha e riaslach gu dearbh a bhith ag iasgach a' ghiomaich. Agus 's e hemp 's cotan dhe robh lìn nan clèibh air a dhèanamh, geal. Ach 's dòcha gum faigheadh duine i air a cartadh, no air a tearradh, no gun dèanadh duine sin e fhèin. Agus an aon rud sin ri na ròpan. Bha dà aitheamh dheug de dh'fhaid ann am ball a' chlèibh, 's anns a' gheamhradh 's far am biodh sruth, 's dòcha gun cuireadh duine suab air a sin, toidhne na bu chaoile 's dhà no trì a dh'aitheamhan innte fhèin, 's dòcha còig aitheamh. Àrc aig a h-uile h-aitheamh air ball a' chlèibh, agus mar sin dh'aithnicheadh duine a rèir cò mheud àrc a bhiodh a' sealltainn dè an doimhne anns an robh e.

Agus bha a h-uile cliabh air a dhèanamh dhen an aona mheud. Ochd òirlich dheug a leud, ceithir òirlich fhichead a dh'fhad, 's dà òirleach dheug de dh'àirde, 's aig an tomhais a bha sin bhiodh fhios aig daoine cò mheud a dheigheadh fo bheul an eathair 's cò mheud a dheigheadh os a chionn. Dè na ghiùlaineadh eathar dhaibh. 'S e seòl 's ràimh a bha a' dol an uair sin, 's duine an crochadh air gaoth 's dè an taobh o sèideadh i. Bhiodh iad a' tacadh, 's uaireannan eile gheibheadh iad gaoth gu math fàbharach. Ach an rud a bha a' dèanamh an dragh dhan a' chliabh 's e sùradh a' mhara às dèidh droch shìde no nuair a bhiodh droch shìde air an doimhne. Ruigeadh an grunn a bha sin anns a' mhuir, an gluasad, ruigeadh e a-steach ged a bhiodh finn-fhèath ann. Agus dhèanadh e call air uidheam an iasgaich, 's obair gharbh ann an uair sin a bhith a' faighinn rud a dheigheadh an àite sin. 'S ann a' falbh a' chladaich a bhiodh daoine airson pìosan mhaidean 's àrcanan. Clach-luaidhe airson a cur dhan a' chliabh. Agus anns na h-eileanan a-muigh, far an robh mise, bha boghanan nan cliabh, na cearcaill, bha iad duilich am faighinn. Dòcha gum feumadh duine a bhith a' lorg pìos daraich no leamhan anns an robh ruith dhìreach.

Ach bha e inntinneach cuideachd anns an taigh-chèilidh. Bhiodh 's dòcha na bodaich ag obair air dèanamh nan cliabh a bha sin, 's ag innse sgeulachdan aig an aon àm, agus breithneachadh na sìde. Ach bha aon riaghailt timcheall air na clèibh a bha sin os cionn a h-uile gin eile an uair sin, 's e sin gun deigheadh an cur air tìr o Dhisathairne gu Diluain, airson nach glacadh iad rud air dòigh sam bith fhad 's a bhiodh an t-Sàbainn ann.

Ach ò, 's e obair thoglaidh a bh' ann cuideachd. Bhiodh geamhraidhean doirbh ann uaireannan, 's geamhraidhean eile anns an robh na giomaich gann, geamhraidhean air an robh a' phrìs sìos. Dòcha a-nis gun tigeadh foghar a bhiodh cho brèagha 's gun canadh iad gun robh e mar samhradh Innseanach, 's cha bhiodh na giomaich beò - bhiodh i ro theth dhaibh airson a' mhargaid a ruighinn.

'S bha ceist a' bhiathaidh an-còmhnaidh na chuidream dhaibh, agus bhiodh iad a' cur 's dòcha lìn-bheag airson sin. Agus 's dòcha gun robh sin inntinneach cuideachd. 'S bha e gu h-àraid inntinneach dhuinne. Gheibheamaid lèabag mhath an-dràsta 's a-rithist airson a h-ithe, 's bhiodh cainnt gu leòr a' dol, ag ullachadh na lìn-bheag a bha sin, gam biathadh 's gan rèiteach. Ach ò, bhiodh iad a' faighinn biadh saillte cuideachd.

Ach bha mòran cainnte a' dol anns na bàtaichean cuideachd. Thòisich sinn òg, 's bha sinn ag ionnsachadh bho na bodaich a bha sin. Bha mise a-mach còmhla ri feadhainn dhe na... ò na sàir. Mànas a bh' anns an Àird Bhig, agus Dòmhnall [???] a bha an ath dhoras rium fhèin, Dòmhnall Iain 'ic Dhòmhnaill à Àird Àsaig, 's Dòmhnall Thormoid. Ged nach bithinn 's dòcha anns an aon eathar riutha, bhiodh iad an-còmhnaidh timcheall oirnn, aig àm gabhail grèim bìdh, 's tighinn a chèilidh, airson tìdeachadh dha na clèibh.

Chan urrainn thu cainnt a dhèanamh ann an eathar an-diugh. Le fuaim an einnsein cha chluinn thu diorta tha thu fhèin ag ràdh no duine eile. Agus tha margaid airson a h-uile beothach air a bheil slige an-diugh. Tha iad ag obrachadh ceudan cliabh an àite an dusan a bha sinne ag obrachadh. Tòrr airgid. Ach 's ann a bhios a' cheist ormsa gu math tric - a bheil iad nas toilichte? Chan eil mi a' smaoineachadh gu bheil. 'S bidh cuideachd a' cheist a' tighinn gu m' inntinn, an atharraich e? Uill, tha mi a' smaoineachadh gun atharraich.

Source Type

Reel to reel

Audio Quality

Good