Search

Dealan-dè

Contributors
Interviewers
Date
Track ID 66555
Part 1

Track Information

Original Tape ID

DealanDe 1988.08.05

Summary

Growing up in Carinish, North Uist.

Kate MacDonald was born and brought up in Carinish in North Uist and talks about her youth. Her father was a blacksmith and they also had a shop and the post office. Kate describes how people travelled between North Uist and Grimsay before the causeway was built. She also talks about her school days, pastimes and where they got their bed clothes and furniture from. She describes the work involved in washing the blankets.

Item Location

County - Inverness-shire

Parish - North Uist

Island - North Uist

Village/Place - Carinish

Language

Gaelic

Collection

BBC

Transcription

Ceit NicDhòmhnaill (CN): Rugadh mise ann an Càirinis, ann an taigh-tughaidh, shìos anns a' Bhaile Ìochdrach an Càirinis. Tha am Baile Uachdrach shuas, faisg air an sgoil, 's tha am Baile Ìochdrach shìos faisg air a' chladach, faisg air far am biodh am bàta-aiseig a' tighinn a-staigh mun do thogadh an cabhsair eadar Beinn na Fadhla agus Uibhist a Tuath.

Jo NicDhòmhnaill (JN): Nis, an e croitear a bha nur h-athair?

CN: Bha croit aige, agus 's e deagh chroitear a bh' ann cuideachd, ach a bharrachd air a sin bha e na ghobha, agus bha bùth aige, agus bha Post Office aige.

JN: Leis a sin, tha fhios gun robh e air a chumail gu math trang?

CN: Trang? Cha robh dìreach mionaid aige. Bha e ag obair fad an latha, agus bha mo mhàthair i fhèin ga chuideachadh. Bha i a' cumail cuideachadh ris anns a h-uile sìon a bha e a' dèanamh, agus bhiodh i a' cuideachadh air a' chroit, agus obair an taighe aice ri dhèanamh 's còigear a theaghlach aice, agus a bharrachd air a sineach bhiodh i a' dol a dh'obair dhan bhùthaidh agus dhèanadh i obair a' Phost Office cuideachd.

JN: An robh tòrr eich an Uibhist a Tuath an uair sin?

CN: Bha. Ò, eich gu leòr. Bhiodh iad a' tighinn à Griomasaigh, 's às a' Bhaile Shear, agus Càirinis fhèin, agus Loch Euphort, a chruidheadh dhan cheàrdaich aig m' athair.

JN: A bharrachd air a bhith a' cruidheadh eich, am biodh e a' dèanamh rudan eile anns a' cheàrdach?

CN: Bhiodh e a' dèanamh troighsgeirean, agus clobhan, agus greidealan airson fuine, agus bhiodh e a' dèanamh... bhiodh e a' cearcalladh. Sin agaibh cearcall a bhiodh a' dol timcheall air rothan cartach. Tha obair mhòr an sin. 'S e obair latha a bha sineach, agus bhiodh feadhainn eile ga chuideachadh.

JN: 'S an robh a' ghoibhneachd anns an teaghlach? Dè bha na athair fhèin?

CN: Ò bha. 'S e na Goibhntean a chante riutha. Bha mo sheanair, shin agaibh Niall Gobha, athair m' athar, bha e na ghobha. Agus an Gobha Ruadh, sin agaibh seanair m' athar, bha e fhèin na ghobha. Agus 's ann à Màlacleit a thàinig iad an toiseach. Bhuineadh iad do Chlann 'IllEathain Bhoighreigh.

JN: 'S nach robh ceangal aig an fheadhainn sin ri cladh ann an Àird a' Bhorrain, an ann?

CN: Àird a' Bhorrain. Bha. Sin far am biodh iad a' tiodhlacadh Chlann 'IllEathain. Bha an cladh sin aca dhaibh fhèin, aig Clann 'IllEathain Bhoighreigh, agus an tè mu dheireadh a chaidh adhlacadh ann 's e Magaidh, piuthar m' athar. Mrs Lamont a bh' innte. Bha i pòsta aig Eairdsidh Lamont à Beinn na Fadhla. 'S i an tè mu dheireadh a chaidh adhlacadh ann.

JN: 'S càite dìreach a bheil an cladh sin?

CN: Uill, dh'fheumadh sibh a dhol a-null seachad air Grèinetobht, 's a dhol a-null air an tràigh gus an ruig sibh e.

JN: Leis gun robh bùth agus Oifig a' Phuist ceangailte ris an dachaigh agaibh, mar gum bitheadh, cuideachd, tha fhios gun robh mòran dhaoine a' tighinn 's a' falbh a-mach às an taigh?

CN: Daoine? Bha sinn... bhiodh an taigh againn làn. Agus mar a bha cuideachd, a thoradh an aiseig, na daoine a bha a' dol a Ghriomasaigh 's dha na Ceallan, 's a Bheinn na Fadhla, agus a-rithist a' tilleadh 's a' dol gu Uibhist a Tuath 's gu Loch nam Madadh, bhiodh daoine an-còmhnaidh a' tadhal a-staigh againn, agus bhiodh mo mhàthair a' toir dhaibh teatha. Cha robh an taigh againne falamh uair sam bith, ach daoine a' falbh 's a' tighinn, 's a' falbh 's a' tighinn, 's a' falbh.

JN: Bha seo anns na làithean mus do chuir iad drochaid?

CN: Bha. Mun do thogadh an cabhsair eadar Uibhist a Tuath agus Beinn na Fadhla. 'S e àm trang a bh' ann. Agus bhiodh Ailig Alasdair 'ic Eòghainn, bha bàta aige. Agus Niall Shùnamail, bha bàta-iomraidh aige, agus an uair sin cha chreid mi nach d' fhuair e inneal. Bàta le inneal. Einnsean.

JN: 'S an robh daoine a' dol tarsainn na fadhla air... le cairtean 's eich 's gnothaichean?

CN: Ò bhitheadh. Dh'fheumte... dh'fheumadh sibh a dhol... falbh sìos on ùtraid aig an Àird Mhòir, air neo on taigh-sheinnse, on taigh-òsta, agus bha fadhail ann agus dh'fheumadh duine a bhith uabhasach fhèin faiceallach a' dol a-null air an fhadhail a bha sineach, thoradh bha bàthaidhean air an fhadhail sin ann a bhliadhnaichean 's bliadhnaichean a chaidh seachad. Ach thogadh càrnain airson gum biodh e a' stiùireadh dhaoine air an rathad cheart. Agus bhiodh cairtean a' dol a-null 's bhiodh gigeachan a' dol a-null, agus ò, chan fhaca thu rud riamh cho laghach ri dol a-null air an tràigh ann an gige latha brèagha 's na h-eich a' trotadh.

JN: An do rinn sibh fhèin sin?

CN: Ò rinn. Thoradh, bha mo sheanmhair, màthair mo mhàthar, 's ann anns an Uachdar am Beinn na Fadhla a bha i a' fuireach. 'S ann à Beinn na Fadhla a bha mo mhàthair. Mòrag Iain 'ic Alasdair a chanadh iad rithe. Uill, bean Iain 'ic Alasdair, 's e sin mo sheanmhair, agus bha i a' fuireach anns an Uachdar, agus bhithinn a' dol a h-uile samhradh, airson dhà no trì sheachdainean, dhan Uachdar air làithean-saora, aig làithean-saora na sgoile, agus 's e an rud a b' fheàrr leam a chunna mi riamh, a' falbh sa ghige tarsainn... a-null air an oitir agus na h-eich a' trotadh. Cha dìochuimhnich mi gu sìorraidh e.

JN: Nis, nuair a bha sibh òg ann a shin, ann an Càirinis, dè seòrsa cur-seachadan a bh' agaibh?

CN: Cur-seachad? Uill, bha mise uabhasach dèidheil air a bhith timcheall air na beothaichean, agus bhitheamaid ag obair, a' cuideachadh ar pàrantan leis an obair, as t-samhradh co-dhiù. Bhitheamaid a' buachailleachd a' chruidh eadar na h-imirean arbhair, thoradh nan leigte leotha fhèin iad bhiodh iad ag ithe an fhochainn, 's dh'fheumte coimhead às an dèidh. Agus bhithinn cho toilichte nuair a chithinn tòrr feur aig a' chrodh, nuair a chithinn iad a' toir grèim math às an fheur. Bhiodh e a' toir toileachadh mòr dhomh. Bha mi ag ràdh rium fhìn: "Cha bhi an t-acras ortsa co-dhiù, an-diugh."

Agus an uair sin, rud eile a bhithinn a' dèanamh uabhasach math, sin agaibh a' coimhead airson neadan. Bha a' chroit... bheil fhios agaibh, bhithinn a' falbh sìos leam fhìn a choimhead airson neadan, agus bhithinn a' cur clach, chan ann faisg air an nead idir ach bìdeag bhuaithe, gus gum faicinn... gu 'm biodh fhios a'm cà 'm bitheadh an nead, agus bhithinn a' leantail nan iseanan beaga sin gus a... bhithinn gan watchadh air mo shocair, a' coimhead orra, agus na gobanan beaga orains a bha sin a' fosgladh agus an t-eun a' cur boideag nam beul.

JN: Dè seòrsa... druidean 's uiseagan?

CN: Uiseagan mar bu thrice. Uiseagan. 'S e. Agus cuideachd neadan chlachairean, anns na ballaichean cloiche. Bhitheamaid a' faighinn sin cuideachd, 's uighean beaga liath aca.

JN: Dè seòrsa rudan a bha sibh a' reic anns a' bhùth? Tha fhios nach ann coltach ri supermarket an-diugh a bhiodh e.

CN: Chan ann, chan ann. Bha dìreach... uill co-dhiù an t-ìm an-diugh tha e a' tighinn air a thomhas ann an leth-phuinnd, ach bha m' athair a' faighinn bogsa fiodha agus dìreach an t-ìm ann, agus bha càrtan ime aige agus bha e fhèin a' tomhas an ime dhan fheadhainn a bhiodh a' tighinn ga iarraidh. Agus cuideachd siùcar, pocannan mòra siùcair a' tighinn, agus bhiodh scoop aige airson a bhith a' tomhas an t-siùcair. Agus bhiodh e a' faighinn sòda-arain, agus cream of tartar cuideachd ann am pocannan. Agus tì. Bhiodh cisteachan mòra tì a' tighinn cuideachd.

JN: An e biadh 's gnothaichean dhen t-seòrsa sin a bu mhotha a bhathar a' reic? No an robh e...

CN: Uill, 's e, bha biadh... Ò bha cuideachd. Agus tha cuimhn' a'm air P. & R. Fleming. Is iomadh uair a chuala mi e a' bruidhinn air P. & R. Fleming. Sin far am biodh e a' faighinn nan tàirngean 's nan gnothaichean a dh'fheumte airson na ceàrdaich, agus daoine eile. Bhiodh e a' cumail a h-uile sìon dheth sin.

JN: Am b' urrainn dhomh tionndadh gu àirneis taighe, agus cò às a bha àirneis a' tighinn anns na làithean sin?

CN: Uill, bha beinge anns a h-uile taigh an uair sin. Sèise no beinge, agus sin far am biodh na daoine a' suidhe, a thigeadh a-staigh air chèilidh. Agus glè thric sin far am biodh a' mhòine air a cumail cuideachd, a-staigh fon bheingidh. Agus tha cuimhn' a'm air piuthar m' athar, aon tè aca, bha i uabhasach eagalach ro dhealanaich 's ro thàirneanaich, 's nuair a thòisicheadh iad sin bha i a' dol a-staigh na crùban fon bheingidh 's a' fuireach ann a shin gu 'm biodh an stoirm seachad.

Agus bha cuideachd, bha na saoir, bhiodh iad a' dèanamh sèithrichean, dìreach sèithrichean plèin air a dhèanamh air fiodh, agus dh'fhaodadh duine peant geal a chur orra no dìreach an fhàgail mar a bha iad gu nàdarra. Bha na sèithrichean sin ann. Agus an t-sèise. Agus 's dòcha gum biodh furm, bhiodh iad a' dèanamh fuirmean cuideachd, airson na cloinne. Furm, airson a' chlann a bhith a' suidhe orra.

JN: An robh aca ri bhith a' dèanamh am plaidichean fhèin?

CN: Uill, bhiodh iad a' cur na clòimhe air falbh a Bhrora, gu T. M. Hunter, agus bhiodh iad sin a' dèanamh nam plaideachan. Ach tha mi a' smaoineachadh gum bitheadh breabadairean a' dèanamh phlangaidean cuideachd, a bharrachd air a sineach. Agus gheibheadh tu feadhainn dhùbailte, plangaidean dùbailte. Bha iad fada, agus mar gum biodh sgrìob dhubh sìos anns an oir aca, air gach taobh, 's feadhainn eile 's e dhà no trì sgrìobannan a bhiodh anns a' mhullach 's anns a' bhonn aca.

JN: Agus am biodh a leithid a rud, rud ris an canadh sinne cuibhrig?

CN: Ò cuibhrige-leaba. Bhitheadh. Nis, bha sin air a dhèanamh... bha mar gum biodh dathan air. Bhiodh dathan air. 'S dòcha orains, 's dearg, 's buidhe. Tha mi a' smaointinn gur e sin na dathan bu thrice a bhiodh orra. Sin an cuibhrige. Bhiodh e a' dol air muin nam plangaidean.

JN: Nis, 's e latha mòr a bh' ann, latha nighe nam plaidichean?

CN: Ò, latha mòr a bha sin. Agus bha iad a' taghadh latha brèagha. Bhiodh iad... dh'aithnicheadh iad sa mhadainn nan robh an latha gus a bhith math. Co-dhiù 's ann aig na làithean-saora a bhiodh ann, 's bhiodh a' chlann timcheall. Anns an Iuchar, mar bu thrice, agus bha iad a' falbh le eallach phlangaidean sìos, an dàrna cuid gu tobar air neo gu locha. Agus bha iad a' toir leotha tuba mòr fiodh agus poit thrì-chasach. Agus siabann. Stacaichean mòra siabainn. Agus uaireannan eile bha siabann bog aca, agus an dòigh a bh' aig feadhainn aca 's ann a' slisneadh an t-siabainn dhan an uisge theth a bhiodh iad.

Co-dhiù, dh'fhalbhamaid co-dhiù, 's ar màthair, 's boireannaich eile a bhiodh gar cuideachadh. Bha na nàbaidhean... bha daoine uabhasach math gus a chèile a chuideachadh an uair sin. Agus co-dhiù, dh'fhalbhamaid sìos ann a shineach, 's ò, 's e latha mòr a bh' ann, 's na cnuic cho snog 's na lochan cho sèimh. 'S chuireamaid air an teine. Thogadh iad an teine. Chuireadh iad an uair sin... lìonadh iad a' phrais a bha seo le uisge fuar 's chuireadh iad air an teine i, 's bha an tuba ri thaobh, faisg air làimh, deiseil airson an t-uisge.

Agus bha na boireannaich an uair sin a' cur dhiubh am brògan 's an stocainnean, agus bha a' phlangaid a' dol dhan uisge theth, 's an siabann air a shlisneadh, no siabann bog, air neo na stacaichean mòra a bha seo, dìreach ga shuathadh ris na plangaidean 's gan cur dhan uisge. Agus dh'fheumadh... chan fheumadh an t-uisge a bhith uabhasach teth, no loisgeadh na boireannaich an casan, bho thoradh, bha iad a' seasamh anns an tuba a bha seothach agus a' stampadh nam plangaidean, a' togail an sgiortaichean suas cho fad 's a b' urrainn dhaibh às an rathad, mus fliuchadh iad na sgiortaichean. Agus bha iad an uair sin a' seasamh ann a shineach agus gu bragail a' stampadh nam plangaidean, dìreach mar a bhios iad a' dol timcheall san washing machine an-diugh, ga plupadaich ann a shineach, 's bha iad a' seasamh ann a shin 's a' plupadaich 's a' stampadh nam plangaidean, gus am biodh iad a' smaoineachadh gun robh iad air... cho glan 's a ghabhadh iad dèanamh.

Agus bha iad an uair sin gan toir às, agus tè aig gach ceann agus iad a' fàsgadh na plangaid. Bha uaireannan, cuideachd bha... bhiodh iad a' cur pìos maide, no bioran, an ceann na plangaid 's, fhios agad, ga shuainteadh mar sineach, gus am biodh a h-uile deur... uill, na ghabhadh toir às de dh'uisge air tighinn às. Bha iad an uair sin a' cur uisge glan sa phrais a-rithist, agus an uair sin a' cur na plangaid ann a shin, airson an siabann a thoir aiste, a' gabhail dhi ann a shin a-rithist. Agus an uair sin ga toir às, ga fàsgadh mar a bha iad a' dèanamh roimhe. Chan eil cuimhn' a'm a-nis cò mheud turas... cò mheud uisge a bha iad a' cur oirre airson an siabann a thoir aiste, ach is cinnteach gun cuireadh iad barrachd air aon uisge oirre.

Agus an uair sin, nuair a bha iad air a fàsgadh bha iad ga... tè air gach ceann, no 's dòcha dithis air gach ceann dhen phlangaid, 's ga crathadh gu sgairteil ann a shineach. Agus an uair sin ma bha cnoc faisg air làimh, rud a bhitheadh glè thric, agus talamh tioram, bha iad a' sgaoileadh nam plangaidean air a' chnoc. Agus nam biodh iad a' smaoineachadh gun robh latha brèagha gus a bhith ann a-màireach, bha iad gam fàgail a-muigh fad na h-oidhche. Agus an làrna-mhàireach, gan cur 's dòcha gan sgaoileadh air balla-cloiche no feansa ma bha e aca, gus am biodh iad tioram, 's gu an uair sin... Agus cho cùbhraidh 's a bha an t-àileadh a bha às na plangaidean. Bha e dìreach, dìreach àlainn fhèin.

JN: 'S ann an Càirinis a chaidh sibh dhan an sgoil?

CN: 'S ann. Chaidh mi a sgoil Chàirinis nuair a bha mi còig bliadhna, agus cha robh facal Beurla agamsa an uair sin. Agus nuair a chaidh mi dhan sgoil bha iad airson Beurla ionnsachadh dhuinn, agus bha sinn a' faighinn leabhar beag Beurla. Primer a bh' againn air. Rud beag tana. Cha robh e ach mu cheithir no còig a dh'òirlich square. Leabhar beag. 'S e dath fawn a bh' air, tha cuimhn' a'm. Agus bha tòrr aig an tidsear dhiubh sa phreasa. Bundle mòr aice dhiubh, agus bha sinn a' faighinn fear dhiubh sineach. Rudan furasta, faclan furasta rin ionnsachadh, mar a bha 'the cat sat on the mat', rudan mar sineach. Tha cuimhn' aig a h-uile duine air sin. Agus bha sinne... nis, 's e cànain choimheach a bha sin dhòmhsa, thoradh cha robh facal Beurla air a bhruidhinn a-staigh againne, ach Gàidhlig. Agus mu dheireadh thall bha mi a' togail na Beurla agus bha mi cho moiteil an latha a b' urrainn dhomh an leabhar beag a bha sin a leughadh o thoiseach gu deireadh gun chuideachadh on tidsear no o dhuine eile.

JN: An robh mòran chlann a' dol a Sgoil Chàirinis an uair sin?

CN: Nuair a bha mise innte bha leth-cheud innte. Leth-cheud innte. Ach gu dearbh chan eil uimhir sin innte an-diugh idir. Ach 's e fìor sgoil a bh' innte. Bha tidsear againne nach robh a leithid san dùthaich. Màiri NicDhòmhnaill à Iolaraigh, anns a' Bhaile Shear, agus bha i fìor, fìor mhath air teagasg na cloinne, agus bha Sgoil Chàirinis ainmeil an uair sin, agus a thaing sineach aig Màiri NicDhòmhnaill, a' bhan-sgoilear a bh' againn, thoradh bha i math, math air teagasg. Ge bith dè cho slow 's a bhiodh duine, bheireadh i rudeigin asta. Bha an dòigh sin aice.

Agus an smachd a bh' aice oirnn. Nuair a bhitheamaid a' dol dhan bhùthaidh no a dh'àite 's a chitheamaid a' tighinn i bha sinn a' gabhail rathad eile. Ach na dhèidh sineach bha sinn measail oirre, ach dìreach... 's e dìreach an ùidh a bha sinn a' cur innte. Bha sinn... cha robh sinn airson a bhith, mar gun canadh tu, familiar rithe, ged a bha i... thigeadh i dhan taigh againn a chèilidh 's bhiodh i a' bruidhinn rinn. Ach, uill, bha sinn dìreach... bha siud ann. Bha siud ann, 's rud beag a bha siudach a dh'fheumadh...

JN: A bharrachd air a bhith ag ionnsachadh Beurla agus cunntadh, 's leughadh 's sgrìobhadh, an robh sibh a' dèanamh cuspairean eadar-dhealaichte?

CN: Ò bha. Bhiodh i a' toir dhuinn mìnigeadh aig an fhacal Càirinis, 's ag innse dhuinn... ò bha sinn a' dèanamh eachdraidh agus eòlas-dùthcha. Agus rud eile a bhitheamaid a' dèanamh, an t-uabhas de drawaigeadh, ealain. Agus tha cuimhn' a'm gun robh... an rùm anns an robh sinn, bha blackboards timcheall... mòr-thimcheall nam ballachan, agus bha sinn cho toilichte nuair a gheibheamaid cead seasamh ann a shineach agus a bhith a' tarraing dealbh, flùraichean. Agus tha cuimhn' a'm aon turas, thug iad lèabag a-staigh dhan sgoil, agus spotan beaga donn oirre, agus bha sinn a' drawaigeadh sin cuideachd.

Bha i uabhasach fhèin airson na trì Rs, agus cha robh math dhuinn bhith a' bruidhinn nuair a bhitheamaid ag obair anns an sgoil. Bha belt san deasg. Bha fhios againn gun robh e ann, ach cha robh i dona idir a bhith ga thoir dhuinn. Ach tha cuimhn' a'm fhathast an dèidh mì-mhodh a dhèanamh an slac a leigeadh i leis an deasg nuair a leigeadh i sìos e, nuair a bhiodh i a' toir a-mach a' bhelt às.

JN: Am biodh i gur toirt a-mach às an sgoil?

CN: Ò bhitheadh, bhitheadh.

JN: Cà 'm biodh sibh a' dol?

CN: Bha sinn a' dol... dìreach... ò cha bhitheadh ach dhan ghàrradh aig an taigh-sgoile fhèin, 's bha an gàrradh lovely. Bha e uabhasach snog, an gàrradh a bh' anns an sgoil. Bhitheamaid a' dol a-mach ann a shineach as t-samhradh, nuair a bhiodh latha brèagha samhraidh ann, bha i a' cur forms a-muigh ann a shineach air ar son, air neo nam biodh latha brèagha ann bhitheamaid a' suidhe air an fheur nam biodh e uabhasach tioram. Agus bha gàrradh-càil aice cuideachd ann a shineach, 's bhiodh na h-igheanan a' fighe 's a' fuaigheal, agus na gillean a' tionndadh a' ghàrraidh aice 's a' coimhead às a dhèidh.

JN: Nise, an do dh'fhuirich sibh ann an Sgoil Chàirinis fad 's a bha sibh air sgoil?

CN: Uill, bha mi an Sgoil Chàirinis gus an robh mi dusan bliadhna, agus an uair sin, mar a chanadh iad ris, bha a' bhursaraidh aig duine ri shuidhe, agus 's ann an Sgoil Chladach Chircebost a bha an deuchainn ri shuidhe, a' bhliadhna a bha seothach, 1929 tha mi a' smaoineachadh. Chaidh mi fhèin agus nighean aig piuthar m' athar, dh'fhalbh sinn an latha a bha seothach a shuidhe na bursaraidh dha Sgoil Chladach Chircebost.

JN: Dhur cois?

CN: Dhar cois, gu Sgoil Chladach Chircebost. Sinne a bha bragail a' falbh. Cha robh for againn dè bha air thoiseach oirnn. Co-dhiù, dh'fhalbh sinn co-dhiù, agus ràinig sinn an sgoil, 's chuir iad air dòigh ann a shin sinn, 's shuidh sinn an deuchainn a bha seothach; cunntais agus Beurla, sin na bh' ann. Cunntais agus Beurla. Agus nan dèanadh tu an gnothach air an deuchainn a bha seo, bha thu a' faighinn bursaraidh. Sin agad suim airgid a h-uile bliadhna airson do chuideachadh leis an ionnsachadh.

Co-dhiù, rinn sinn an gnothach air an deuchainn, ach cha deach sinn idir dhachaigh a Chàirinis an oidhche sin. Bha càirdean agam an Cladach Chircebost, Ruairidh Ghilleasbaig Aonghais, agus a' bhean a bh' aige Magaidh a' Mhuilleir. Agus 's e... bha dlùth-dhàimh aig Ruairidh ri m' athair, agus bhiodh iad a' dèanamh companas ri chèile riamh. Agus dh'fhuirich sinn an oidhche sin an taigh Ruairidh Ghilleasbaig Aonghais, agus choisich sinn dhachaigh an làrna-mhàireach. Agus riamh às dèidh sineach, nuair a bha sinn a' dol a Sgoil Cheann a' Bhàigh, bhitheamaid a' fuireach oidhche 's dòcha, no a' tadhal ann an taigh Ruairidh Ghilleasbaig Aonghais air an rathad dhan sgoil, air neo air an rathad a' dol dhachaigh feasgar Dihaoine.

Source Type

Reel to reel

Audio Quality

Good