Search

Bàrdachd Shomhairle MhicGill-Eain: an saoghal nàdarrach.

Date September 1982
Track ID 67438
Part 1

Track Information

Original Track ID

SA1982.154

Original Tape ID

SA1982.154

Summary

Sorley MacLean's poetry: the natural world.

Sorley MacLean states that the natural world is extremely important in his poetry. He mentions Raasay, with its multitude of views, the wonderful forest of birch, hazel and alder, and how the sea and skerries are so incredibly captivating. He speaks of Skye itself, and the Cuillins - the spirit of Skye with its symbolism and imagery which are so evident in his poetry.

The history of the island encompasses, as it were, the history of humanity; the history of his own people. The old ways have undergone many changes. This can be seen in the poem 'Hallaig'.

Item Subject/Person

MacGill-Eain, Somhairle

Recording Location

County - Midlothian

Parish - Edinburgh

Village/Place - Edinburgh

Language

Gaelic

Genre

Information

Collection

SoSS

Transcription

Dòmhnall Eairdsidh Dòmhnallach (DE): Seadh ma-thà, a Shomhairle. Nam b' urrainn dhuinn tòiseachadh a-rithist. Bha sinn ag obair mu... Bha sinn air tòiseachadh dìreach, tha mi a' smaoineachadh, air àiteachan 's gnothaichean a' fighe a-staigh dhan an rud. Nist, 's dòcha gur e a' cheist a bu chòir dhomh a chur oirbh an-dràsta, tha mi a' smaoineachadh gu bheil seo anabarrach cudromach, dè an dòigh anns a bheil sibh fhèin a' faicinn, can, an t-saoghail, mar a tha an saoghal anns an Eilean Sgitheanach, ann an Ratharsaigh, 's saoghal na Gàidhealtachd, bheil fhios agad, saoghal nam beanntanan 's nan gnothaichean a tha sin, a' mhuir 's a h-uile sìon dheth sin, fios a'd, an saoghal nàdarrach. Dè cho cudromach 's a tha sibh a' faicinn seo? Fhios agaibh, a thaobh na bàrdachd agaibh fhèin.

Somhairle MacGill-Eain (SM): Ò tha fhios a'm, tha mi a' smaoineachadh gun robh sin anabarrach cudromach on a thòisich mi, an toiseach. Can ann an rud coltach ris a' Chorra-ghritheach fhèin, agus ann an leithid... ò, ann am mòran rudan eile. Niste, bha mise... bha Eilean Ratharsair... tha Eilean Ratharsair fhathast anabarrach air ioma dòigh. Cha mhòr nach eil a h-uile seòrsa creag anns an Roinn Eòrpa ann an Ratharsair, 's mar sin tha caochladh mòr de sheallaidhean an Ratharsair. Agus bha ann leithid de choille, agus nuair a bha mise òg chan e dìreach coille ghiuthais 's ghiuthais Lochlannach a bh' ann, mar as motha a th' ann a-niste, ach a bharrachd air am beithe 's an caorann 's an calltainn 's am feàrna dhe na seann chraobhan nàdarrach, bha a leithid air a cur ann anns a' cheud bliadhna a th' air ais, de chraobhan de gacha seòrsa, agus mar sin tha a h-uile duine ag ràdha gur e eilean anabarrach brèagha a tha an Ratharsair.

Agus tha... far a bheil a' chuid mhòr dhen a' choille ùr, agus ged a tha a' choille sin, ged as e giuthas a th' innte a-niste, o linn an Dara Cogaidh, bha craobhan nuair a bha mise òg dhen a h-uile seòrsa innte, agus fasgadh on an àird an ear 's fasgadh on àird a tuath, agus mar sin bha seòrsa de bhòidhche mhèath bhog ann an ceann a deas a Ratharsair, agus mu choinneimh an Cuiltheann, agus taobh an ear an Eilein Sgitheanaich, chitheadh tu cha mhòr on a h-uile h-àite an Ratharsair, co-dhiù eadar Beinn na Caillich os cionn an Àth Leathainn sìos gu Rubha Hùinis air an Taobh Sear.

Agus cuideachd, fios agad, bha... uill, tha mi a' smaoineachadh gu bheil Linne Ratharsair anabarrach brèagha, le suidheachadh, agus cumadh na mara fhèin, leis na rubhannan 's na sgeirean 's na lùban, tha i anabarrach brèagha, agus gu h-àraidh an ceann a deas dhith, an ceann a deas dhen an linne ris an can iad a' Chlàrach. Agus na seallaidhean à Ratharsair, chan ann a-mhàin air Cuiltheann an Eilein Sgitheanaich 's air beanntan eile an Eilein Sgitheanaich, ach air Tìr-mòr cuideachd. Beanntan Chinn t-Sàile, 's beanntan Thoirbheartain 's gu math nas fhaide tuath air Toirbheartan.

Agus... niste, nuair a bha mise òg, bha mi anabarrach dèidheil air a' mhuir agus air bàtaichean, ach nuair a bha mi dìreach mu fhichead no bliadhn' air fhichead, thòisich mi air a dhol a Chuiltheann, agus bha... agus cuideachd a dhol a dh'àiteachan eile san Eilean Sgitheanach anns nach robh mi ro sin, agus tha fhios agad gu bheil dùthaich an Eilein Sgitheanaich, gu bheil an t-Eilean Sgitheanach na eilean mòr, agus gu bheil an Cuiltheann, nach eil beanntan am Breatainn coltach ris a' Chuiltheann, gu bheil iad... leithid de chreag, 's gu bheil na dromannan cho biorach 's cho caol, agus gu bheil sgurraichean sa Chuiltheann nach urrainn dhut a dhol suas, eadhon air an rathad as fhasa, gun streap. Agus na creagan mòra a tha air taobh an iar Mhinginis, 's air taobh an iar Dhiùirinis, agus can Minginis coltach ri Talaisgeir, agus na lochan fada suaineach, agus an caochladh anns an Eilean Sgitheanach, a h-uile... cha mhòr nach eil a h-uile seòrsa de thìr ann, ach nach eil dha-rìribh mòran machrach ann, ach... agus cuideachd gu bheil leithid de ghorm-àrd san Eilean Sgitheanach. Chanadh Màiri Mhòr 'Eilean Uaine a' Cheò', 'Eilean Àrd a' Cheò', 'is cuimir Eilean Àrd a' Cheò'. Mar a tha an Cinn t-Sàile, tha an gorm cho àrd. Fon a' Chuiltheann, tha an [???] Gorm a' ruigheachd nan creagan, sa Chuiltheann.

Agus mar sin, bha, mar a bha samhlaidhean a' tighinn às a' bhàrdachd agamsa, bha iad ag èirigh air dòigh gun robh an Cuiltheann creagach agus doirbh, gun robh i mar sheòrsa de shamhla air, de dh'ìomhaigh air, duilgheadas na beatha, agus air treuntais spiorad dhaonda aig an aon àm. Agus mu choinneimh sin, air an taobh eile, bha 'Coilltean Ratharsair', le bòidhche de sheòrsa eile. Tha mi a' smaoineachadh gu bheil sin a' tighinn a-mach às an dàn caran fada, 'Coilltean Ratharsair'.

Ach tha e ann a leithid de rudan caran ann an dàn goirid coltach ris a' Mhùr Ghorm. Tha e dìreach mar gum bitheadh beanntan 's seallaidhean eile an eilein nan ìomhaighean air an anama Sgitheanaich 's an anama Ghàidhealaich. Agus, dh'fhaodadh anns an dàn bheag sin gu bheil còmhstri eadar sin agus rudan eile. Ach tha sin glè làidir ann. Tha dìreach mar gum bitheadh beanntan 's lochan 's creagan agus coilltean an eilein, an dà eilein, nan ìomhaighean no nan samhlaidhean air an spiorad Sgitheanach, an spiorad Ghàidhealach, air an spiorad Ghàidhealach cuideachd.

Tha mi a' smaoineachadh gu bheil sin ann an... ach, cuideachd, ann an... mar a tha, co-dhiù ann an 'Coilltean Ratharsair', tha an Cuiltheann mar ìomhaigh air duilgheadas na beatha agus treuntas spioraid dhaonda. Mar gum bitheadh, bha mi a' feuchainn anns an dàn fhada nach do chrìochnaich mi riamh, 'An Cuiltheann', tòiseachadh san Eilean Sgitheanach 's a dhol a-mach bhuaithe. Ach fios agad, tha mise a' creidsinn, fios agad, gum feum litreachas, agus gu h-àraidh bàrdachd, gum feum i rud ris an can Shakespeare, 'a local habitation and a name', ann an ioma seagh.

DE: Tha. Tha mise a' creidsinn seo cuideachd. Nist, tha an dà chuid... uill, tha, anns a' bhàrdachd agaibhse, tha an saoghal mòr, bheil fhios a'd, an saoghal a-muigh air fhilleadh a-staigh anns na gnothaichean a tha sin agus tha e a' faighinn, tha thu a' faighinn nan ìomhaighean mar gum bitheadh às an àite, às na h-àiteachan a bhuineadh dhut fhèin, agus às na daoine a bhuineadh dhut fhèin.

SM: Aidh. Agus... ach rud nach tuirt mi, tha eachdraidh an eilein na sheòrsa de... uill, a' gabhail a-staigh, air dòigh, eachdraidh a' chinne-daonna, fios agad. Gu bheil e mar, chan eil fhios a'm, mar shaoghal beag anns a bheil saoghal mòr a' tighinn a-staigh, ris an can iad sa Bheurla microcosm. Agus tha mise, fios agad, bha e riamh... leugh mi mòran eachdraidh, agus tha mi a' smaoineachadh air eachdraidh, 's chan e a-mhàin eachdraidh sgrìobhte ach eachdraidh a chuala mi. Eachdraidh a chuala mi. 'S tha mi mar sin fhathast, agus dh'fhaodadh gu bheil mi a' dèanamh... gu bheil barrachd na sin annam a-niste na bha.

DE: Agus an eachdraidh a chuala sibh, 's e mar gum bitheadh eachdraidh nan daoine às an Eilean Sgitheanach fhèin 's a leithid sin, an e?

SM: 'S e, 's às a' Ghàidhealtachd. Às a' Ghàidhealtachd gu lèir. 'S às an Roinn Eòrpa. Fhios a'd, chan eil... tha mi a' smaoineachadh gum feum thu sgaoileadh a-mach agus tarraing a-staigh cuideachd.

DE: Tha. Agus, nist, na gnothaichean air an robh sibh a' bruidhinn mar seo, nam measg seo tha e uabhasach cudromach, tha mi a' smaoineachadh, am beachd a bh' agaibh fhèin air na daoine on tàinig sibh, eachdraidh nan daoine on tàinig sibh, tha sin uile cudromach dhuibh cuideachd, nach eil?

SM: Ò tha. Tha gu dearbh. Agus eachdraidh nan daoine on tàinig sinn, agus cuideachd tha mi a' smaoineachadh gun robh rud anabarrach anntasan, air dòigh. Niste, 's ioma h-uair... tha rudan ag atharrachadh, 's daoine ag atharrachadh, 's mar sin, ach tha mise... a' chiad uair a chaidh mi a dh'Uibhist, 's ann a dh'Uibhist a' Chinn a Tuath a chaidh mi, agus sin a' bhliadhna mus do... a' bhliadhna a thòisich an cogadh, mus do thòisich an cogadh. Agus a thaobh na daoine ris an do choinnich mi an sin, bha iad a' toirt na mo chuimhne mòran de dhaoine anns a' Bhràighe 's ann an Ratharsair, gu h-àraidh an ceann a tuath Ratharsair, agus anns a' Bhràighe, 's gun robh rud annta a bh' air a chall gu ìre anns a' chuid mhòr dhen Eilean Sgitheanach agus ann an Ratharsair aig an àm sin, gun robh seòrsa... agus chan e mise a-mhàin a smaoinich sin ach feadhainn eile. Chan eil fhios a'm a-niste a bheil an aon rud an Uibhist a-niste. Tha mi a' smaoineachadh gu bheil. Agus tha mi a' smaoineachadh... bha e cuideachd... chunnaic mi e no dh'fhairich mi e ann an Uibhist a' Chinn a Deas nuair a chaidh mi ann, ach 's ann às dèidh a' chogaidh, fios a'd, bha mi an Uibhist a' Chinn a Deas, rud, tha mi a' smaoineachadh gun robh barrachd de rud caran còir agus cha mhòr nach cainear dòigh uasal. Gun robh barrachd dheth sin, dhen an t-seann dòigh Ghàidhealach air fhàgail an Uibhist na bha ann am mòran dhen an Eilean Sgitheanach 's ann an Ratharsair aig an àm. Ach dh'fhaodadh nach robh mise cho eòlach air àiteachan iomallach an Eilein Sgitheanaich an uair sin 's a tha mi an-diugh. Ach bha mi a' faireachadh sin, agus tha mòran dheth sin anns an dàn 'Hallaig', air a chùlaibh.

DE: Dhen an t-seòrsa dhaoine a bha sin.

SM: Dhen an t-seòrsa seann nòs Gàidhealach. Tha cuimhn' a'm fear, fios agad... bha mi a' bruidhinn air sin ri Slèiteach a chaidh a dh'Uibhist airson a' chiad uair, agus bha e ag ràdh... bha e ag aontachadh rium, gum faca e sin, fios agad, an aon rud. Dh'fhaodadh, dh'fhaodadh cuideachd, tha mi a' smaoineachadh... tha mi a' smaoineachadh gun robh e an àite eile, gu bheil e an àiteachan eile. Fhuair Calum an aon rud anns an Ros Mhuileach, far an robh an aon... an t-àite am Muile anns an robh mòran dhen an t-seann stoc. 'S ioma h-uair a thuirt e sin. Ò, bha Calum ga fhaighinn anns a' chuid mhòr dhe na h-àiteachan anns an robh e. Tìr-mòr cuideachd, bha e ag ràdh, bha e ga fhaighinn, oir dh'fhaodadh gun robh e a' faighinn eòlas na b' fheàrr air daoine ann an àiteachan coltach ri Gleann Urchardan 's a' Chòigeach na fhuair mise riamh.

DE: Bha rud eile ann cuideachd, bha Calum, bha e ag obair, a thaobh na dreuchd aige faodaidh tu ràdh, bha e ag obair am measg nan seann daoine agus na daoine aig an robh seann dualchas gu ìre, agus bha e a' faicinn...

SM: Bha. Bha e a' faicinn sin. Bha, bha e a' faicinn sin. Agus gu dearbh, chunna mi an Loch Aills' e agus an Cinn t-Sàile e, ach bha e glè... fhios agad, tha mi a' smaoineachadh gun robh ceann a deas Ratharsair air a mhilleadh caran leis an Taigh Mhòr. Cha robh sin sa Bhràighe. 'S cha robh sin an Uibhist. Chan fhaca mise e co-dhiù.

DE: Ach abair na seann daoine a tha cuimhn' agaibh orra anns a' Bhràighe 's ann an Ratharsaigh fhèin, 's ann am badan eile dhen Eilean Sgitheanach, ro àm a' chogaidh, bhiodh iadsan dhen t-seann ghnè cuideachd?

SM: Bha. Bha gu dearbh. Agus, fhios agad, tha mise a' smaoineachadh, fios agad, gu bheil mòran dheth sin air cùlaibh na bàrdachd agamsa, ged glè thric nach eil e glè fhollaiseach.

DE: Mothachadh air an t-seòrsa dhaoine?

SM: Aidh, an seòrsa dhaoine a bh' ann.

DE: Ò uill, tha mi a' smaoineachadh gu bheil seo a' tighinn a-mach ann an 'Hallaig'.

SM: Ò tha. Tha e an 'Hallaig'.

DE: Agus cuideachd anns a' chumha a rinn sibh do Chaluim. Tha sin ann.

SM: Ò uill, tha. Ò tha gu dearbh.

Source Type

Reel to reel

Audio Quality

Good