Search

Thug mac gòrach airgead dhachaigh gu a mhàthair agus thàinig...

Date February 1972
Track ID 67684
Part 1

Track Information

Original Track ID

SA1972.33.12

Original Tape ID

SA1972.033

Summary

A widow's foolish son brings money home to her while her wise son comes home empty-handed.

A poor widow has a wise son and a foolish son. The sons go to find work. Their mother makes bannocks for them and they stop to eat in a wood. The foolish son feeds the bannocks to the seagulls and the wise son gives him a row. They don't find work the next day and come to another wood. The wise son carries on, but the foolish son stays in the wood. Robbers come into the wood. He goes into the river and throws the robbers in, one by one, when they try to catch him. Next day he comes to a farmhouse and gets a job taking cattle to the sale. He sells the cattle and takes the money home to his mother. The wise son comes home empty-handed.

Recording Location

County - Inverness-shire

Parish - Barra

Island - Barra

Language

Gaelic

Genre

Story

Collection

SoSS

Transcription

Flora Boyd: Uill, bha banntrach ann reimhid 's bha dithis mhac aice. Bha am fear seo cho glic 's bha am fear eile cho gòrach. 'S an latha a bha seo thuirt am fear glic ri mhàthair:

"Cha dèan seo feum, a mhàthair," ars esan. "Tha mise a-màireach a' dol a dh'fhalbh gam chosnadh. Feumaidh sinn airgead 's rudeigin fhaighinn grèim an seo."

"Tha mi cinnteach, a ghràidh," ars ise "gum feum thu sin."

"Ò," ars am fear gòrach, "tha mise a' falbh cuideachd."

Agus thòisich am fear glic air gàireachdaich air.

"Cà 'il thusa a' dol?" ars a mhàthair. "Nach eil fhios agad nach gabh duine sam bith thusa," ars ise, "ach mi fhìn, do mhàthair."

"Roghainn sin 's a bhiodh e," ars esan, "tha mi a' falbh còmhla ris."

Agus nuair a chuala a mhàthair sin dh'fhalbh i agus rinn i bonnach-boise an t-aon dhaibh agus chuir i ann am pàipear iad, agus chuir i leotha iad, agus dh'fhalbh iad. Agus bha iad a' coiseachd 's a' coiseachd 's a' falbh, agus thàinig iad gu coillidh. Agus shuidh iad anns a' choillidh agus dh'fhosgail iad na pàipearan, iad a' dol a dh'ithe nam bonnach. Agus thàinig grunn faoileagan mun cuairt orra, agus dh'fhalbh am fear gòrach 's thòisich e air bristeadh sìos a' bhonnaich 's a' caitheadh a' bhonnaich a dh'ionnsaigh nam faoileag. 'S thuirt am fear glic ris:

"Dè tha thu a' dèanamh an sin, gun fhios agad cuin a gheibh sinn biadh no a gheibh sinn àite?"

"Ò mo thogair," ars esan, "tha an t-acras air na faoileagan cuideachd."

"Ò chan eil feum a bhith a' bruidhinn riut," ars am fear glic.

Ach co-dhiù dh'èirich iad 's sgioblaich iad iad fhèin 's dh'fhalbh iad. 'S bha iad a' coiseachd 's cha robh taigh no àite am brath a' nochdadh riutha. Agus thàinig iad a dh'ionnsaigh na h-ath choille agus iad sgìth, agus thuirt iad:

"'S ann a dh'fhanas sinn ann an seo a-nochd."

Agus an ceann treiseag thuirt am fear glic:

"Ò chan fhan sinn idir. Cha toigh leam a' choille a tha seo idir. Bidh robairean innte agus 's fheàrr dhuinn falbh ach am faigh sinn àiteigin."

"Thalla thusa," ars am fear gòrach, "ach chan fhalbh mise idir. Fanaidh mise ann an seo."

"Ò thugainn còmh' rium," ars esan, "mun èirich sgath dhut," ars am fear glic.

"Chan fhalbh mi," ars esan.

Dh'fhalbh am fear glic 's dh'fhàg e am fear gòrach sa choillidh. Ach chuala e seo fuaim a' tighinn agus thuirt e ris fhèin:

"'S fheàrr dhomh èirigh."

Agus bhrist e pìos mòr meangan mòr às a' chraoibh, agus dh'fhalbh e sìos do dh'abhainn mhòir a bha goirid dhan choillidh, agus thòisich e air bualadh a' mheangain chraoibhe anns an uisge. 'S cha robh [?splash] a chuireadh e às an abhainn nach robh a' tighinn mun cheann air fhèin, 's cha robh e fhèin ach a' gàireachdaich ris a sin. Ach thàinig am fear a bha seo air a chùlaibh an uair sin, agus dh'fhaighneachd e:

"Dè tha thu a' dèanamh?"

Cha tuirt e guth ris, ach dh'fhalbh e agus tharraing e air, an cabar maide a bh' aige agus leagadh dhan abhainn e. Agus thàinig an sin an ath fhear, agus rinn e an aon rud air an ath fhear, an dala fear. Thàinig an sin an treasamh fear agus rinn e an aon rud air. Dh'èirich e an uair sin suas 's dh'fhalbh e 's shuidh e fon chraoibh, 's cha robh biadh no bonnach aige. Bha am bonnach air teirigeachdainn 's bha e ann an sin gun sgath. Ach nuair a chunnaic e seo gun robh i a' fàs soilleir thuirt e ris fhèin:

"Tha an t-àm agam falbh."

'S dh'fhalbh e. Choisich e pìos math air n-adhart mun tàinig taigh, 's chunnaic e seo an taigh a bha seo thall pìos on rathad 's dh'fhalbh e a-null thuige. Chaidh e chun an dorais a bha sin. Thàinig am boireannach a bha sin a dh'ionnsaigh an dorais. Dh'fhaighneachd i cò às an tàinig e 's dh'innis e.

"Tha mi a' coimhead," ars esan, "airson ach am faigh mi obair no rudeigin."

"An-tà," ars ise, "chuala mise an tuathanach ag ràdh gun robh e a' coimhead airson seirbhiseach, agus fan thusa ann an sin mionaid bheag."

"Fanaidh," ars esan.

'S dh'fhalbh ise. Thàinig an tuathanach, 's dh'fhaighneachd e dha:

"An ann a' coimhead airson obair a tha thu?"

"'S ann," ars esan.

"Ò thig a-staigh ma-tà," ars esan. "Tha mi a-màireach," ars esan, "a' dol a chur a' chruidh a dh'ionnsaigh na sale co-dhiù, 's tha mi a' riatanach air duine a dh'fhalbhas leis."

Chaidh e a-staigh 's fhuair e leabaidh 's biadh an oidhche sin. Làrna-mhàireach dh'fhalbh e a dh'ionnsaigh na sale, 's nuair a ràinig e thàinig na bha sin de dhròbhairean na choinneamh ach dè bha e ag iarraidh air na beothaichean.

"Gabhaidh mise," ars esan, "rud sam bith a gheibh mi."

Ach nuair a fhuair mo charaid an t-airgead thàinig e dhachaigh, agus cha robh fhios aig a mhàthair dè chanadh e na bh' aige de dh'airgead a' tighinn. Agus thàinig am fear glic dhachaigh, agus cha robh sgillinn aige agus bha na bha sin de dh'airgead aig an fhear ghòrach.

Sin mar a chuala mise.

Source Type

Reel to reel

Audio Quality

Good