Search

Thug na sìthichean croit bho aon duine agus chuir iad air du...

Date September 1958
Track ID 68103
Part 1

Track Information

Original Track ID

SA1958.082

Original Tape ID

SA1958.082

Summary

The fairies removed one man's hump and put it on another humpbacked man.

A man went to get something for the New Year. He saw a fairy knoll open and went inside. The fairies were dancing and singing, "Monday, Tuesday, Monday, Tuesday..." The man added 'Wednesday'. They liked this. The man had a hump on his back and they removed it.

He met another humpbacked man and told him what had happened to him. The other man went into the knoll and he sang, "Thursday, Friday." He'd spoiled the tune and the fairies gave him the other man's hump on top of his own.

Language

Gaelic

Genre

Story

Collection

SoSS

Classification

AT503

Transcription

Peggy MacDonald: Bha fear eile ann a dh'fhalbh a dh'iarraidh... a dh'iarraidh rud airson na Bliadhn' Ùire. 'S chunnaic e sìobhaire fosgailte, agus chaidh e a-staigh ann. Agus dè bha iad ach a' dannsa. Agus:

"Diluain, Dimàirt; Diluain, Dimàirt; Diluain, Dimàirt."

Thuirt an duine:

"Diluain, Dimàirt, Diciadain."

Ò, 's e seo a bha math.

"Diluain, Dimàirt, Diciadain; Diluain, Dimàirt, Diciadain," 's iad a' dannsa.

"Dè bheir sinn dha?"

Bha croit mhòr air an duine.

"Bheir sinn dheth a' chroit agus bheir sinn dha rola ham an cùl an dorais."

Dh'fhalbh an duine agus dè thachair air ach fear eile, agus bha croit air fhèin.

"Ò Dhia, nach seall thusa," ars esan, "an rud a fhuair mise 's chaidh a' chroit a thoirt dhìom."

"Agus dè rinn thu?"

"Bha iad a' dannsa," ars esan, "'s Diluain, Dimàirt. Thuirt mise: 'Diluain, Dimàirt, Diciadain.'"

Chaidh am fear eile a-staigh dhan t-sìthean. Dè... Agus thòisich iad air fad air dannsa.

"Diluain, Dimàirt, Diciadain."

"Diardaoin, Dihaoine," ars am fear eile.

Ò mhill e am port.

"Dè nì sinn air? Cuiridh sinn a' chroit a thug sinn far an fhir eile 's cuiridh sinn airsan i."

'S dh'fhalbh e 's dà chroit air. Sin agaibh a-nist na sìobhairean.

Source Type

Reel to reel

Audio Quality

Fair