Search

Chaidh triùir pheathraichean gu taigh far an robh balach ag...

Date September 1958
Track ID 68105
Part 1

Track Information

Original Track ID

SA1958.082

Original Tape ID

SA1958.082

Summary

Three sisters went to a house where a boy rose from the dead every night.

A widow had three daughters. They had nothing. One girl went to seek her fortune. She took a large, cursed, bannock with her. She came to a house. The woman of the house had a son. He had been dead for eighteen years, but rose every night. The woman prepared eggs for him and he went away. The girl made the eggs for him to let the woman rest. The woman gave her gold and silver, which she kept for herself when she got home. She second daughter went to seek her fortune. She took the large, cursed bannock and the same thing happened.

The third daughter took the small, blessed bannock. She prepared the eggs for the boy. She went with him when he left the house and they came to a rock in the middle of the ocean. He asked it to open and a woman there gave him a silver brush and gold comb. The girl was cracking nuts the boy's mother had given her. She wouldn't share them with the woman until she gave her the brush and comb she had given the boy. They went home, but instead of dropping dead as usual, the boy sat with her. They married.

Language

Gaelic

Genre

Story

Collection

SoSS

Classification

AT425

Transcription

Peggy MacDonald (PM): Ach ò, dadaibh sibhse. Innsidh mise naidheachd bheag eile dhuibh a-nist, on a tha sibh ann, o chuimhnich mi oirre. Tè a bh' ann agus, banntrach a bh' ann, 's bha triùir nighean aice. Agus cha robh nì aca. Agus thuirt tè dhiubh ris:

"Dèan bonnach, a mhàthair..."

Chan eil fhios a'm an cuala sibh reimhid i?

Calum MacIllEathain (CM): Cha chuala.

PM: "An dèan thu bonnach, a mhàthair?" ars ise. "Tha mi a' falbh a dh'iarraidh an fhortain."

Agus dh'fhalbh a màthair 's rinn i dà bhonnach.

"Cò as fheàrr leat, am bonnach beag le bheannachd no am bonnach mòr le mhollachd?"

"'S fheàrr leam," ars ise, "am bonnach mòr le mhollachd."

Dh'fhalbh i, agus bha i fad an latha a' coiseachd gus an tàinig lomadh air a bonnan agus fallas air a gruaidhean. Agus chunnaic i solas bhuaithe aig ùrlar gleann agus rinn i air, agus bhuail i anns an doras agus thàinig cailleachag chun an dorais.

"Dia gad bheannachadh, a nighean òg," ars ise, "'s fhada o nach fhaca mi do leithid roimhe. Thig a-staigh," ars ise, "'s ma nì thu an rud a dh'iarras mise ort," ars ise, "bidh thu sona dheth gu bràth."

"Feuchaidh mi ris," ars an nighean.

"Uill, tha mac agamsa ann an seo," ars ise, "tha e marbh o chionn ochd bliadhn' deug, agus tha e ag èirigh a h-uile h-oidhche," ars ise, "agus tha dà ugh ann an seo," ars ise, "a bhios mi a' [?feumalachadh] dha, mum falbh e, agus nuair a tha e a' tilleadh," ars ise, "tha e a' tuiteam ann an seo. Agus ma leigeas tusa leamsa cadal a-nochd," ars ise, "bidh thu sona dheth gu bràth."

"Uill, feuchaidh mi ris."

Agus dh'fhalbh a' chailleachag agus thug i dhi tòrr de chnothan a bhiodh i... a bhiodh a' cumail dhith a' chadail. Ach chunnaic i am fear a bha na shìneadh ag èirigh, agus rug i air an dà ugh 's chuir i dhan teine iad 's thug i dha iad, 's dh'fhalbh e, 's cha robh an còrr sealladh air. Sa mhadainn an làrna-mhàireach rinn an nighean airson falbh dhachaigh.

"Ò, chan fhalbh thu idir."

"Ò, falbhaidh," ars ise.

Agus thug i dhi dòrlach de dh'airgead 's de dh'òr 's dh'fhalbh i, 's nuair a ràinig i an taigh, cha toireadh i aon nì dha màthair no dha dà phiuthar eile.

"Dèanaibh sibhse," ars an ath tè, "dèanaibh bonnach dhomhsa," ars ise, "agus falbhaidh mi fhèin, 's dh'fhaodte gum bithinn cho lucky rithese."

Dh'fhalbh i, agus a cheart rathad a dh'fhalbh an tè eile, dh'fhalbh ise. Agus thàinig i air a cheart taigh. Agus thàinig a' chailleachag chun an dorais.

"Dia gad bheannachadh, a nighean òg," ars ise, "'s fhada o nach fhaca mi do leithid roimhe ach an tè a bha seo mu dheireadh," ars ise, "'s ma nì thusa mar a rinn i sin, bidh thu fhèin sona dheth," ars ise, "gu bràth."

"Feuchaidh mi ris," ars an nighean.

Ach co-dhiù, dh'fhalbh i, agus gus an tàinig lomadh air a bonnan agus fallas air a gruaidhean. Agus nuair a thàinig... co-dhiù, thug am boireannach a-staigh i, agus thug i dhi...

"Seo," ars ise, "a-nist," ars ise, "mac a th' agamsa ann an seo, 's o chionn ochd bliadhn' deug marbh," ars ise, "'s tha e ag èirigh a h-uile h-oidhche," ars ise, "'s anns a' mhadainn," ars ise, "tha e a' tilleadh 's tha e a' laighe sìos far an robh e roimhe."

Uill, thug i dhi an dà ugh 's [?fhreumalaich] i e 's dh'fhalbh e. Rinn i sin airson falbh sa mhadainn.

"Ò," ars ise, "chan fhalbh thu idir."

"Ò falbhaidh," ars ise.

Agus dh'fhalbh i, agus nuair a ràinig i an dachaigh, cha toireadh i aon nì dha màthair no dha piuthar eile. Ach thuirt an tè òg:

"Dèanaibh sibhse dhòmhsa dà... bonnach," ars ise, "agus falbhaidh mi fhèin, 's dh'fhaodte gum bithinn cho lucky riuthasan."

"Uill," ars a' bhean, "cò a-nis as fheàrr leat, am bonnach beag le bheannachd no am bonnach mòr le mhollachd?"

"Gabhaidh mi," ars an tè òg, "am bonnach beag le bheannachd."

'S dh'fhalbh i. A cheart rathad a ghabh càch, ghabh ise e. 'S ràinig i a cheart taigh. Agus thàinig a' chailleachag chun an dorais.

"Dia gad bheannachadh, a nighean òg," ars ise. "'s fhada o nach fhaca mi do leithid roimhe ach an dithis a bha seo," ars ise. "Ma nì thusa mar a rinn iad sin," ars ise, "bidh thu sona dheth gu bràth."

"Feuchaidh mi ris," ars an nighean.

"Sin dà ugh," ars ise, "a [?fhreumalaicheas] tu dha m' mhac-sa nuair a chì thu e ag èirigh," ars ise, "agus sin agad cnothan," ars ise, "a bhios a' cumail dhìot a' chadail."

Ach co-dhiù, chunnaic i am balach ag èirigh agus [?fhreumalaich] i dà ugh agus thug i dha e agus thug e an aghaidh air an doras. Ach ma thug esan an aghaidh air an doras, rug ise air. Agus dh'fhalbh iad, an dithis aca, tro gharbhlach agus tro ghlinn agus tro mhuir, gu 'n do ràinig e clach shleamhainn dhubh ann am meadhan a' chuain.

"A nighean chruinn donn," ars esan, "èirich agus fosgail an doras."

"A nighean chruinn donn," ars ise air a chùlaibh, "èirich agus fosgail an doras."

"A nighean òr-mhìn, òr-mheurach," ars esan, "èirich agus fosgail an doras."

Thuirt ise:

"A nighean òr-mhìn, òr-mheurach, èirich agus fosgail an doras."

Agus dh'fhosgail a' chreag. Agus nuair a chaidh e a-staigh, thug an tè a bha a-staigh dha bruis airgead agus cìr òir, agus chaidh e sìos do rùm ga ghlanadh. Agus ghabh ise suas agus thòisich i air bristeadh nan cnothan. Agus thuirt an tè a bha a-staigh:

"A nighean sin far an t-saoghail eile," ars ise, "bheir dhomh roinn dhe na bheil thu a' bragadaich 's an cadal a' tighinn orm."

"Cha toir," ars ise, "gus an toir thu dhomh," ars ise, "a' chìr òir 's a' bhruis airgid a thug thu dha m' mhaighistir."

Ò, cha toireadh i dhi idir i. Agus:

"A nighean sin," ars ise, "far an t-saoghail eile, dhòmhsa," ars ise, "roinn dhe na bheil thu a' bragadaich 's an cadal a' tighinn orm."

"Cha toir," ars ise, "gus an toir thu dhomh a' chìr òir agus a' bhruis airgid a thug thu dha m' mhaighstir."

Agus dh'fhalbh i 's thàinig i a-nuas agus thug i dhi e. Agus chunnaic i esan a' tighinn an seo agus e a' toirt an aghaidh air an doras, agus ma rinn esan an aghaidh air an doras, rinn ise grèim airsan, agus dh'fhalbh iad, tro gharbhlach agus tro ghlinn agus tro mhuir, agus ràinig iad a cheart taigh às an do dh'fhalbh iad. 'S an àite tuiteam marbh 's ann a shuidh e ri taobh an teine còmhla rithe, 's thòisich iad air naidheachdan. Agus nuair a dh'èirich a mhàthair, rinn i de thoileachadh nach eil fhios gu dè.

"Uill," ars ise, "tha mise a' falbh dhachaigh."

"Chan eil, chan eil," ars ise.

"Chan eil," ars esan, "ach cuiridh tu fios air do dhà phiuthar agus air do mhàthair," ars esan, "agus pòsaidh sinn agus bidh sinn sona gu bràth."

An cuala thu i sin riamh?

Calum MacIllEathain (CM): Cha chuala riamh, 's e naidheachd mhath a tha sin. Cò aig a chuala sibh i sin? 'S ann aig na seann daoine?

PM: Na seann daoine.

CM: Ur n-athair, dh'fhaodte, an e? Alasdair Mòr?

Source Type

Reel to reel

Audio Quality

Fair