Search

Bainnsean agus dannsaichean.

Contributors
Date 12 July 1982
Track ID 68341
Part 1

Track Information

Original Track ID

SA1982.184

Original Tape ID

SA1982.184

Summary

Weddings and dances.

There was a wedding in Breasclete on the night of the 'Iolaire' disaster. Everybody anticipated the return of those who had been to war, but this was not to be. The wedding dances included the Polka, Quadrilles, the Scotch Reel and the Old Trews. Informal dances were often held outside.

Recording Location

County - Midlothian

Parish - Edinburgh

Village/Place - Edinburgh

Item Location

County - Ross and Cromarty

Island - Lewis

Language

Gaelic

Genre

Information

Collection

SoSS

Transcription

Iain Peatarsan (IP): Tha sibh a-nise a' dol a bhruidhinn air an oidhche a chailleadh an Iolaire.

Seonag Chaimbeul (SC): Tha. Bha banais ann am Brèascleit agus 's e oidhche eagallach dorcha a bh' ann. Agus bha sinne... bha am pòsadh... bha biadh a' phòsadh, a' bhanais fhèin, bha i ann an taigh bean na bainnse, agus bha iad an dèidh an sgoil fhaighinn airson an dannsa. Agus nuair a bha e a' tighinn timcheall air dà uair dheug, bha fios againn gum biodh an fheadhainn a bha a' tighinn dhachaigh à Steòrnabhagh, fhios agaibh 's e deireadh a' chogadh a bh' ann, 's bha dùil aca ri pàirt dhe na gillean dhachaigh, man a tha fios 's cinnt aig a h-uile duine a-nis, agus bha sinn... cho luath 's a dh'fhosgladh an doras, bha sinn a' feitheamh ri Dòmhnall, am fear seo, 's fios againn gun robh e a' tighinn. Agus chuala sibh a' chuid eile dhen an t-seanchas mar-thà. [?Sin an Dùbhlachd] nach fhaca sinn iad. Chaidh a chall.

Agus aig na bainnsean, ò 's e oidhche mhòr dha-rìribh a bhiodh an sin, le ceòl agus seinn agus dannsa, agus 's e na dannsan nach cluinn sibh guth mun deidhinn a bhios againn... a bhiodh aca an uair sin.

IP: 'S e. Tha iad air a dhol à bith an-diugh.

SC: Bhiodh am Polka, Quadrilles, Highland Schottische, Scotch Reel, Reel an Tulloch.

IP: 'S an Eightsome Reel?

SC: Cha robh i air a thighinn.

IP: Ò nach robh?

SC: Cha robh i air a thighinn ann. Cha robh, cha robh.

IP: Ach bha an Scotch Reel, bha sin ceathrar, nach e?

SC: 'S e. 'S e.

IP: Agus... ach cha robh an Eightsome air tighinn?

SC: Cha robh i air a thighinn thugainn. Bha am Polka. Na Quadrilles, bha...

IP: An robh a-nise duine ann a bha sònraichte math air dannsa? No, a bheil fhios agaibh, an robh duine ann a thug thuca feadhainn dhe na dannsaichean a bha sin, a bheil fhios agaibh...

SC: Bha aon fhear, bha e... 's ann an... ann an Glaschu 's ann ann a chaith e a' chuid bu mhotha... a' chuid bu mhotha dhe bheatha, agus thàinig e dhachaigh an dèidh obair a thoirt suas, agus 's ann às Calanais a bha e, agus bha esan sònraichte math air dannsa, 's bha esan ag ionnsachadh pàirt dhe na... dhe na... chan eil cuimhn' a'm dè an t-ainm a bh' air an... fear a thug esan dhachaigh, ach bha... bhiodh e a' dannsa aig na cèilidhean ann an Glaschu, agus bhiodh e... dannsa a' bhriogais... dè an t-ainm a bh' air [???]. Tilgeil dhiubh a' bhriogais.

IP: Ò seadh, seadh. Ò cha robh fhios a'm air an fhear sin.

SC: Nuair a bha iad a' bacadh a bhith a' caitheamh an fhèileadh, chaidh dannsa a dhèanamh agus tha pàirt dheth, tha iad a' tilgeil dhiubh a' bhriogais anns an dannsa.

IP: Ò seadh, seadh, seadh. Ò a-nise, cha robh... ò tha seo...

SC: Seann Triubhas.

IP: Seann Triubhas. Ò seadh, seadh. Agus thug am fear sa dhachaigh a Chalanais an dannsa a bha seo?

SC: Thug.

IP: Cha bhiodh iad ga dhèanamh ron a sin idir, ach às a dhèidh sin bha an dannsa an Seann Triubhas, bha e aca an Calanais a-nis?

SC: Bha, ach cha... ò cha do... cha robh iad ga ionnsachadh. E fhèin a bhiodh ga dhèanamh.

IP: Ò e fhèin a bhiodh ga dhèanamh.

SC: Cha do dh'ionnsaich càch idir e.

IP: Ò seadh, seadh. Ach bha cuid a dhannsaichean ann a dh'ionnsaich am fear sin dhuibh, an robh? Às ùr.

SC: Bha. Fear dhen fheadhainn a bh' aca ann an Glaschu. Chan eil cuimhn' agamsa dè an t-ainm bh' orra.

IP: An e am Polka?

SC: Ò bha am Polka againn ron a sin.

IP: Ò an robh?

SC: Bha. Ach bha... bha na daoine againne, a' chuid as motha, bha iad socharach. Agus 's e a thaobh... 's e man a chaidh an togail. Bha gu leòr annamsa dhen a sin, ach obh obh, chuir am baile mòr, chuir e tòrr asam dheth.

IP: Ò bheir am baile mòr a bhuaidh fhèin oirbh. Bheir.

SC: Agus leis a sin dheth, bhon a bha... bhon a iad socharach, cha robh iad airson a bhith gan sealltainn fhèin cho math 's a bha iad air càil sam bith.

IP: Cha robh. Cha robh. Cha robh, dìreach.

SC: Cha robh e a' còrdadh ris an nàdar aca.

IP: Seadh. Ò tha sin furasta gu leòr a thuigsinn

SC: Ò tha gu dearbha, gu h-àraid ma dh'fhairich sibh e. Ò tha, gu cinnteach.

IP: Agus... agus a-nise, am biodh iad a' cumail dannsaichean uair sa mhìos? No uair san t-seachdain? No am biodh e ann ach dìreach nuair a bhiodh...?

SC: An-dràsta 's a-rithist nuair a... dannsa an rathaid gu dearbha fhèin, a h-uile h-oidhche, anns a' gheamhradh nuair a bhiodh... oidhche àlainn ghealach, agus am meileòidian, agus am baile... an òigridh gu lèir còmhla ri chèile aig crois an rathaid.

IP: Bha. Bha. Bha e na b' fheàrr na talla sam bith.

SC: Tòrr mòr na b' fheàrr na gin a thalla. Agus an canadh sibh briost?

IP: Chanadh. Chanadh. Tha.

SC: Bhiodh... bha... 's ann an-còmhnaidh aig...

IP: Aig a' bhriost.

SC: Nan suidhe air a' bhriost, man suidheachanan.

IP: 'S ann. 'S e. Ò bha fear mar sin am Beàrnaraigh gun teagamh.

SC: An robh, gun teagamh?

IP: Agus 's ann ann a shin a bhiodh a h-uile spòrs dhen t-seòrsa sin aca, 's ann. Aig a' bhriost.

SC: Bha e cho math a bhith còmhla ri chèile.

IP: Bha, bha. Agus 's e na dannsaichean a dh'ainmich sibh a bhiodh iad a' dèanamh?

SC: 'S e. 'S e.

IP: 'S e, dìreach. Scotch Reel, 's Highland Schottische.

SC: Quadrilles.

IP: Quadrilles. Ò, quadrilles?

SC: Quadrilles.

IP: Bha, dìreach.

SC: Agus Highland Schottische, Scotch Reel, agus am Polka. Bha fear eile ann...

Source Type

Reel to reel

Audio Quality

Good