Search

Fiosrachadh air an fhoghlam a fhuair am fiosraiche na òige.

Date 19 September 1973
Track ID 68805
Part 1

Track Information

Original Track ID

SA1973.115.B5

Original Tape ID

SA1973.115

Summary

Information on the education that the contributor received in his youth.

The contributor talks about the schooling that he got when he was young. He started school aged six and was there until he was fourteen years old. The schoolmistresses were indifferent as to whether children learned or not. He learned a lot more in his final year, from Neil MacLeod. He could not stay on in school as the family was too poor. The teachers had no Gaelic and the children had no English. They could read but they could not understand. He learned to read Gaelic from conducting family worship at home.

Item Subject/Person

Nicolson, Donald [Dòmhnall Iseabail]

Recording Location

County - Inverness-shire

Parish - Sleat

Island - Skye

Village/Place - Camuscross

Item Location

County - Inverness-shire

Parish - Sleat

Island - Skye

Village/Place - Camuscross

Language

Gaelic

Genre

Information

Collection

SoSS

Transcription

Mòrag NicLeòid (MN): 'S ann ann a sheo a bha sibh anns an sgoil?

Dòmhnall MacNeacail (DM): 'S ann, 's ann.

MN: Cuin... dè an aois aig an deach sibh dhan an sgoil?

DM: Chaidh mi dhan sgoil aig sia bliadhna a dh'aois. 'S ann aig sia bliadhna a bha thu a' dol dhan sgoil an uair ud, agus bha mi innte gus an robh ceithir bliadhn' deug. Agus nuair a dh'fhàg mi an sgoil... 's e a' bhliadhna mu dheireadh a bha mi a' dol dhan sgoil a rinn mi am barrachd ionnsachaidh.

Mar a bha sinn an uair ud, bha sinn a' faighinn nam mnathan-sgoile. Bha iad coma co-dhiù, co-dhiù a dh'ionnsaicheadh tu no nach dh'ionnsaicheadh. Ach a' bhliadhna mu dheireadh a bha mi a' dol dhan sgoil bha fear Niall MacLeòid ann. Muinntir an eilein a bha e cuideachd; tha mi a' smaoineachadh gun robh buinteanas aige do Niall MacLeòid, am bàrd.

Agus thuirt e rinn, nuair a thàinig e... mar a bha iad an uair ud, airson leasanan oidhche, mar a chanas iad anns a' Bheurla, homework, 's e leasanan Bìobaill a bha thu a' faighinn - sailm, agus leabhar aithghearr nan ceist. Uill, bha esan a' cantail... 's e duine gu math diadhaidh a bh' ann, agus bha e làn dhen Eaglais Shaor cuideachd, ach thuirt e gun robh sinn a' faighinn tuilleadh 's a' chòir; gun robh e glè mhath, am Bìoball, ach feadhainn a bha a' dol a-mach airson an cosnadh feadh an t-saoghail gum feumadh iad barrachd air sin ionnsachadh.

Agus bhiodh e a' toirt dhuinn an uair sin rudan a bhiomaid a' dèanamh aig an taigh, agus fhuair mi air adhart glè mhath. Agus thàinig e a-nall san robh mo mhàthair airson nam b' urrainn dhi mo chumail ann an sgoil bliadhna eile, gun robh coltas orm gun robh mi glè, seadh, gheur. Agus, cha b' urrainn dhuinn sin a dhèanamh; bha sinn cho bochd. Bha mo mhàthair... chaochail m' athair, cha robh mi ach trì bliadhna a dh'aois nuair dh'fhalbh m' athair uainn. Agus bha sinn ann triùir a theaghlach. Chan eil iad beò an-diugh ach mi fhìn. Agus...

MN: Agus dè cho mòr 's a bha an sgoil? Cia mheud...

DM: Ò nuair a chaidh mise dhan sgoil ann a sheo, bha faisg... mu... còrr 's 80 innte. Bha.

MN: 'S cia mheud tidsear a bhiodh agaibh an uair sin?

DM: Bha an tè a bhiodh a' toirt ionnsachadh dhan fheadhainn bheaga, agus am maighstir-sgoile fhèin. Ach an rud a bha cianail fhèin neònach, nuair a chaidh sinne dhan sgoil, cha robh Beurla againn ann, tha thu a' faicinn, 's cha robh duine dhe na maighstirean-sgoile no na mnathan-sgoile aig an robh Gàidhlig. Agus bhiodh iad a' faighneachd dhinn ann a shin, agus leughamaid a-mach ann a shin, agus sgrìobhadh, full stops, commas, 's a h-uile sìonadh, bha fhios againn air a sin cho math, cha robh sìon a dh'fhios againn gu dè bha sinn a' leughadh.

Bha fear... tha mi a' dol a dh'innse naidheachd bheag dhut air a sin. Fear... thàinig fear a-nall às an Àth Leathann, cha chreid mi nach robh e ann ach sia mìosan - 's e student a bh' ann - agus bha Gàidhlig gu leòr aigesan. Chan eil fhios a'm co-dhiù 's e ministear no maighstir-sgoile a bha na athair. Agus tha cuimhn' a'm, bha sinn a' faighinn exercise book agus bhiodh loidhne suas os a chionn. Uill, bha agadsa ri sin a chopaigeadh, cho coltach ris an loidhne a bha os a chionn 's a ghabhadh e dèanamh. Agus bha anns an loidhne a bha os a chionn: 'Tea is prepared from the leaf of a tree'. Dh'fhaighnich e dhinn an robh sinn a' tuigsinn dè bha sin.

Thog fear a làmh 's thuirt e: "Tha rudeigin mu dheidhinn tì."

Thuirt fear eile gun robh rudeigineach ann mu dheidhinn briosgaidean.

"Ò," ars esan, "a dhuine bhochd," ars esan. "'S e th' ann, feuch," ars esan, "gun cùm sibh cuimhne: tha tì air a dèanamh bho dhuilleagan a th' ann an craobh."

Seall a-nis cho fad 's a bha sinn air ais.

MN: Ach ciamar a-nist a bha sibh ag ionnsachadh... ciamar a bha sibh... ciamar a bha na teachers a' bruidhinn ribh? Cha robh Gàidhlig aca.

DM: Cha robh. Uill...

MN: Ciamar a gheibheadh iad...

DM: Ò, bha iad a' bruidhinn nan cànan fhèin, 's sinne a' bruidhinn nar cànan fhìn, ach faodaidh mi ag ràdh gur e soidhnichean bu mhotha a bh' ann. Bha am blackboard ann 's bhiodh iad ga chur sìos air a' bhlackboard, agus dh'fhaighnicheadh e an uair sin an robh duine dhe na sgoilearan mòra, shin agad feadhainn bu shine, am b' urrainn dhaibh innse do chàch.

Agus, uill bha sin math gu leòr le arithmetic, tha thu a' faicinn. Arithmetic, agus dè an seo an rud eile, geography, bha sinn a' faighinn gu leòr dheth sin, agus history, ach cha robh sinn ga thuigsinn.

MN: 'S ciamar a dh'ionnsaich sibh a' Ghàidhlig a leughadh?

DM: Eh?

MN: Ciamar a dh'ionnsaich sibh a' Ghàidhlig a leughadh?

DM: Ò, dearbh... adhbhar gu leòr ann airson a' Ghàidhlig a leughadh. Bha sgoil Shàbaid againn, a h-uile Sàbaid, agus bha miseanaraidh a' fuireach againn ann a sheo fad sia bliadhna, agus bhiodh coinneamh ùrnaigh aige, fhios agad, a' dèanamh an adhraidh moch 's anmoch, agus bhithinn-sa 's mi a' cumail mo làmh ris an rud. Sin e. Ach tha mi uabhasach duilich gun do dh'fhàilich orm riamh a sgrìobhadh. Seadh, gun tuigeadh... sgrìobhadh ceart.

MN: Ach sgrìobhaidh sibh...

DM: Sgrìobhaidh, gus an tuig mi fhìn e. Ò, gu dearbh fhèin e, sgrìobhaidh.

Source Type

Reel to reel

Audio Quality

Good