Search

Ag iasgach timcheall Mhùideirt.

Track Information

Original Track ID

SA1959.26.B4

Original Tape ID

SA1959.026

Summary

Fishing around Moidart.

Herring fishing went on both summer and winter; cod was fished in spring. They would also catch mackerel, saithe, and lythe. The contributor describes the boats used, the nets and lines, and the types of bait, such as lugworms and sand-eels. The people used to salt the herring for the winter; cod was salted and dried.

Recording Location

County - Inverness-shire

Parish - Arisaig and Moidart

Village/Place - Smirasary

Item Location

County - Inverness-shire

Parish - Arisaig and Moidart

Village/Place - Smirasary

Language

Gaelic

Genre

Information

Collection

SoSS

Transcription

Calum MacIllEathain (CM): Uill a-niste, can a-niste mu... a rèir an iasgaich a-mach mu Bhliadhn' Ùr. Dè seòrsa iasg a bhiodh a' dol an sin?

Aonghas MacNèill (AM): Mu Bhliadhn' Ùr? Uill, bhiodh iad a' faighinn beagan sgadain roimhe sin, ro Bhliadhn' Ùr, ann an Loch nan Uamh thall, toiseach a' gheamhraidh an sin, 's bhiodh iad a' faighinn sgadain thall an siud. Ach mu dheidhinn iasgach cladaich, iasgach saoidhein 's mar sin, chan fhaigheadh iad mòran dheth sin sa gheamhradh.

CM: Chan fhaigheadh.

AM: Chan fhaigheadh. Uill bha an trosg a-rithist a' tòiseachdainn ann an deireadh February, iasgach an truisg, bha e a' leanachd air gu... gu April, meadhan April.

CM: Agus 's ann le lìn-fhada, le lìn-mhòra a bhiodh iad ag obair?

AM: Lìn-mhòra ag obair air an trosg mu dheireadh, ach 's e na dubhain a bh' aca an toiseach. 'S e. Na dubhain 's an luga a bh' aca an toiseach, agus bhiodh iad a' dol a-nunn an sin a dh'Àrasaig, gu... gu Luinga, oitir mhòr a th' ann an Luinga, aig ceann Loch nan Ceall, 's bhiodh iad a' dol a-nunn an sin a bhuain luga. 'S bhiodh iad a' f-... lugaichean, 's bhiodh iad... na bàtaichean aca nan cois, agus bhiodh iad a' biathadh nam basgaidean thall air Àrasaig an sin, dar a gheibheadh iad a-nall air an taobh sa an cùl Àrasaig. Agus bha iad an sin a' falbh gan cur, 's dh'fhaodte gum biodh iad a' dol sìos cho fada ris an fhearann Mhurchanach gan cur, ag iorramadh fad an t-siubhail. 'S e, nas lugha na bhiodh a' ghaoth fair 's gum faigheadh iad air seòl, leis an t-seòl. Bha seòl aca cuideachd.

CM: Seadh. Agus 's e lugaichean am biathadh a bhiodh aca?

AM: Lugaichean a bh' aca, 's e.

CM: Agus bha sibh ag ràdh gum biodh iad a' dol gun oitir leis a' chas-chrom a' rùsgadh nan lugaichean?

AM: A' Chas-chrom. Bha, 's bha mise mi fhìn air Luinga leis a' chas-chruim. Bha.

CM: 'S chuireadh sibh a' chas-chrom anns an talamh 's...

AM: Anns an talamh, 's chuireadh sibh... bha an luga mar gum b' e... uill, sin agad a-nis, b' e sin... gur e sin... sin an cnap a bha i a' cur an uachdar. Uill, 's bha toll aice ga... chitheadh tu toll ann an seo. Uill, bha thu a' cur a' chas-chaibe a-staigh sa mheadhan ann an sin, agus bha thu ga tionndadh an-àirde dìreach wholesale, 's i slàn fallain. Ach an-còmhnaidh an dèidh sin, 's e na graip a bhiodh aca, graip na spògan leathainn, spògan leathann 's bha iad taghte ach gun robh iad trom air am bristeadh. Bristeadh nan luga.

CM: Seadh, dìreach. Agus sin agaibh am biathadh a bu toil...

AM: Sin am biathadh a bh' aca dìreach air fheadh seo. 'S e.

CM: Seadh. Sin agaibh an trosg, deireadh February leis na lìn-mhòra.

AM: Agus... ò, leis na lìn-mhòra. Bha iad a' cumail air a-nunn cho fad 's a gheibheadh iad iasg, a-nunn gu meadhan April, gus am biodh iad a' tòiseachdainn air treabhadh.

CM: Uill, bhiodh bàta ceithir troighean deug aca, am bitheadh? No...

AM: Sia troigh deug 's ochd troigh deug.

CM: 'S iad fosgailte?

AM: Iad fosgailte. Sin agad... bha siùil... crann 's seòl, 's ceithir ràimh.

CM: Cà 'm biodh iad gan togail, na bàtaichean sin? Am biodh iad gan togail thall 's a-bhos?

AM: Bha iad gan togail anns an Òban. Bha. Thàinig trì às an Òban don àite seo. Tè... thàinig tè linn às, sia troigh deug, 's thàinig tè le Iain Mac a' Phearsain, athair a' pharatrooper, agus thàinig tè le Aonghas Ruaidh a bha a' fuireach anns an taigh sin às an Òban.

CM: 'S bhiodh siùil 's balaist annta nam biodh a' falbh air astar?

AM: Bha. Agus an tè a bh' aig Ailean 's i gu h-àrd, 's ann à Slèite a thàinig i. Slèite a chaidh a togail.

CM: Seadh, dìreach. An uair sin... uill a-niste, leis na... bàtaichean sin, thòisich iad an uair sin air na saoidhein?

AM: Air an t-saoidhein?

CM: 'S e.

AM: Uill a-nunn ann am May, sin toiseach May, bha a' chudainn [???], cnapach cudainn, cho fad sin, uill 's dar a... bha saoidhein, gheibheadh tu saoidhein 's gheibheadh tu liùghaichean a-nunn as t-samhradh an sin. Agus adag an uair ud cuideachd a cheart cho... Bha àite thall taobh a-mach de dh'Eilean Seona an sin, 's e am Banca Cruaidh a bh' aca air, agus bha iad a' faighinn de dh'adag rud a bha mòr, agus adag mhòr bhrèagha. Agus shuas cùl na h-Àird Eanachaidh an Gleann Ùige an sin, bha iad a' faighinn adag an sin cuideachd, ach cha robh an adag a bha seo cho mòr ris an tè a bha thall an seo.

CM: Agus 's ann leis an dorgh a bhiodh iad...

AM: An dorgh, dorgh, dorgh fad an t-siubhail.

CM: 'S bhiodh iad a' dèanamh na duirgh iad fhèin?

AM: Bhitheadh iad fhèin. Bhitheadh, bhitheadh, bhitheadh. Ach gum biodh iad a' faighinn na loidhne dhachaigh. Loidhne.

CM: Loidhne dhachaigh.

AM: Loidhne dhachaigh.

CM: Sin 's bhiodh an adag a' dol a-mach gu July 's August, saoil?

AM: Bha, gu August, bha, bha.

CM: 'S dè mun an rionnach a-niste?

AM: An rionnach. Uill, an t-àm as fheàrr airson an rionnaich air fheadh seo, July. July. Agus bidh e a' tighinn air an ath mhìos ann an June cuideachd.

CM: Seadh, dìreach. Agus 's ann le slait a bhiodh iad ag obair air rionnach?

AM: 'S ann.

CM: Mar a bhiodh iad air an t-saoidhein?

AM: 'S ann. Ach a Dhia, tha rud aca a-nist... tha rud aca a-nis a tha uabhasach airson an rionnaich. Bha e aca co-dhiù 's tha e aca fhathast. Murderer a th' aca air. Chan eil fhios a'm dè an t-ainm a th' air ceart, ach tha dusan dubhan air. Tha dusan dubhan air, agus tha e uabhasach airson an rionnaich. Dh'fhaodte gum faigh thu dusan uaireannan... dh'fhaodte gheibh thu dusan rionnach air aon shìob. Cha bhi thu fada a' dèanadh ceud dheth.

CM: Seadh, dìreach. Cha bhi, gu dearbh.

AM: Cha bhi, cha bhi. Murdererachd a th' aca air.

CM: Seadh, dìreach. Agus a-niste, can a-nist bha an rionnach sin a' dol 's an saoidhein, agus bha iasgach nan creag a' dol an-còmhnaidh aig na seann daoine.

AM: Iasgach nan creag a' dol. Tha siubhastair ann an sin, dar a thigeadh am flùr air an t- siubhastair, dh'fhaodadh tu coimhead a-mach airson na creagaigeadh an uair sin, iasgach na creige. 'S e.

CM: Agus bhiodh slatan air leth aca airson iasgach na creige.

AM: Bha, slatan na b' fhaide aca airson iasgach na creige. Bha.

CM: Seadh. Sin agaibh e. 'S an uair sin, am biodh iad a' faighinn càrnagan 's rudan mar sin?

AM: Bha cuideachd. Bha.

CM: Leis na lìn-mhòra?

AM: Ò 's e, 's e.

CM: Agus cuin a bhiodh na lìn-mhòra a' stad? Bhiodh ann an April, an ann?

AM: Bhiodh dìreach mu April, mu mheadhan April.

CM: Agus an uair sin, am biodh an sgadan a' dol car...

AM: Sgadan a' dol a-nunn treis dhen t-samhradh cuideachd. Bhiodh iad daonnan a' dol a-nunn Camas [?na Lighe] gu taobh Àird nam Murchan airson sgadan. Loch nan Uamh 's [???], a h-uile h-àite a tha sin. Loch Chaisteil, far a bheil an Caisteal Tioram.

CM: Seadh, dìreach. Bhiodh an sgadan an sin?

AM: Sgadan gu leòr dheth.

CM: Agus 's ann leis na lìn... Lìon-sgadain a bhiodh e?

AM: Lìon-sgadain a bha iad ga fhaighinn.

CM: Seadh, dìreach. Ò uill tha mi a' smaointinn... agus an uair sin bhiodh iad a' tiormachadh... am biodh iad sailleadh an sgadain iad fhèin?

AM: Sailleadh an sgadain iad fhèin.

CM: 'S ga thoir dhachaigh...

AM: Bha, ann am baraillean.

CM: Ann am baraillean.

AM: Am baraillean 's ga shailleadh 's ga chur seachad airson a' gheamhraidh 's an earraich. Bhiodh na baraillean aca dheth. Bhitheadh.

CM: Sgadan a bha iad fhèin a' glacadh?

AM: Sgadan a bha iad fhèin a' faighinn.

CM: 'S am biodh iad a' tiormachadh nan trosg cuideachd, am bitheadh?

AM: Ò, a' tiormachadh [???] dar a bhiodh an ùine seo... dar a bhiodh an ùine seo san t-Samhain, fhios a'd, bha iad ga shailleadh shuas [???]. Dar a bhiodh an ùine seo san t-Samhain bha iad ga thogail an uair sin. A' dèanadh [???] dheth. Dar a bhiodh sìde mhath ann, bha iad ga sgaoileadh air na creagan, gus am biodh e tioram ceart. Agus bhiodh iad ga chur air falbh sin don mhargadh, a bheil thu a' faicinn, dar a bhiodh meall aca dheth. Bhitheadh.

CM: 'S am biodh iad a' cur an sgadain air falbh uaireannan cuideachd, dar a gheibheadh iad luchd mhòr?

AM: Uill, bhiodh iad... bhiodh iad car ga reic air fheadh seo 's taobh thall Mhùideirt an sin, 's mar sin bha iad a' dèanamh air an sgadan. Ò bha an t-iasg pailt an uair ud.

CM: Bha, bha.

AM: Bha, air fheadh seo.

CM: Bha.

AM: Bha.

CM: Bha, dìreach.

Source Type

Reel to reel

Audio Quality

Good