Search

Thugadh a chreidsinn air tàillear Sgitheanach gun robh e anns an Droch Àite.

Date 1977
Track ID 69921
Part 1

Track Information

Original Track ID

SA1977.068.A1

Original Tape ID

SA1977.068

Summary

A tailor from Skye was tricked into believing that he was in Hell.

Long ago there was a tailor in Skye called Fearchar, who was doing very well for himself. He had never been off the island and he took a trip to Glasgow. He got drunk and fell asleep close to Maryhill, where there were coal mines. The miners took him down with them. When he awoke they told him he was in Hell. He believed them and was horrified, but they said it was not so bad at all; that it depended on how he conducted himself. They kept him in food and Fearchar spent his time mending their clothes. After a week they praised his work and gave him a bottle of whisky. Fearchar was soon fast asleep. They lifted him and put him back where they had found him. When Fearchar awoke he made for the boat and home. He said nothing of what had happened, until one day he was listening to a sermon about Hell, and how it was full of pain and suffering. Fearchar stood and said he had spent a week there, and that it was not that bad; that it depended on how you conducted yourself.

Recording Location

County - Inverness-shire

Parish - Barra

Island - Barra

Language

Gaelic

Genre

Story

Collection

SoSS

Classification

AT835A

Transcription

Mòrag NicLeòid (MN): A bheil cuimhne agaibh air an sgeul a dh'innis sibh anns an sgoil ann a sheo? Bha Fionnlagh MacNèill ag innse dhomh gun do... gun do dh'innis sibh sgeul dha na sgoilearan aige, aig a' festival.

Niall Aonghas MacDhòmhnaill (NAM): Ò seadh, tha deannan bhliadhnachan on uair sin.

MN: Tha.

NAM: Agus 's e... ò, seann sgeulachd a chuala mi aig m' athair, b' e sin Ruairidh Nìll Sheumais a chanadh iad ris, à Eilean Bharraigh. Uill, 's ann o m' athair a thog mi a' phìobaireachd an toiseach. Agus bha naidheachdan gu leòr aige. Ach bha aon naidheachd aige mu dheidhinn tàilleir a bha... a bha san Eilean Sgitheanach, o chionn... can a-nis... bidh ceud bliadhna no mar sin air n-ais.

Agus aig an àm a bh' ann a shin, bhiodh na tàillearan a' falbh bho thaigh gu taigh agus a' tàillearachd. Agus bha iad a' fuireach anns an taigh gus am biodh an deise no an gùn no gu dè a bhiodh ann deiseil. Agus bha iad an uair sin a' togail orra gu nàbachd eile.

Agus bha an tàillear a bha seo, bha e a' dèanamh gu math. 'S ann a bha deagh... tagan math aige sa mhogan. Agus bha e a' coimhead thuige 's bhuaithe, 's bha e a' cluinntinn daoine a' falbh 's a' tighinn, 's naidheachdan aca mu dheidhinn tìr-mòr. Agus cha do dh'fhàg esan riamh an t-eilean. Agus 's ann a thuirt e ris fhèin an latha a bh' ann a sheo gun robh e a' dèanamh glè mhath, agus gun robh an t-àm aige beagan dhen t-saoghal fhaicinn, agus gun rachadh aige air bruidhinn mar a bha feadhainn eile, bruidhinn air seallaidhean neònach a bha iad a' faicinn.

Agus 's e an t-seann Hebridean a bh' ann an uair sin. Agus thadhail i ann an Dùn Bheagain, tha mi a' smaointinn gur ann a bha i, agus chaidh e air bòrd. Agus chuartaich iad na h-eileanan, a' tadhal aig gach àite gu 'n do ràinig iad Abhainn Chluaidh. Agus chaidh... chaidh am bàta a cheangal aig a' Bhroomielaw, mar a chanadh iad, na bodaich, am Broomielaw. Agus chaidh e air tìr.

Ach gu dè a' chiad rud a thog a shùil ach taigh-seinnse. Och, 's ann a dh'fheumadh e a dhol a-staigh 's dràm a ghabhail. 'S chaidh an dràm gu dramannan. Agus 's dòcha nach robh Fearchar còir cho eòlach air an dràm, agus cha b' fhada gus an deach e na cheann. Agus thriall e a-mach às an taigh-sheinnse 's cha robh fios aige air an t-saoghal cò air an toireadh e aghaidh. Ach chùm e air a' coiseachd 's a' coiseachd gus mu dheireadh gun do dh'fhàs e sgìth. Cha do rinn e ach laighe sìos far an robh e.

Ach càit an do thachair dha bualadh ach ann am Maryhill, beagan a-mach à Maryhill. Agus bha mèinnean-guail ann an sin. Agus anns a' mhadainn a bha seo, bha na mèinnearan a' dol gu 'n obair tràth sa mhadainn, 's chunnaic iad... fhuair iad... fhuair iad àileadh na mònadh, agus 's dòcha àileadh an uisge-bheatha cuideachd. Agus cò bha seo ach Fearchar 's e na shlaod 's na shuain.

"Ud," ars iadsan, "nach ann as fheàrr dhuinn a thoirt sìos dhan mhèinn-ghuail?"

Agus seo mar a rinn iad. Thug iad sìos leotha e, agus dh'fhàg iad ann a shin e ann an oisinn.

Ach co-dhiù, bha a thuar 's a thuigsinn a' tighinn air n-ais gu Fearchar ùidh air n-ùidh, agus bha e a' faicinn na solais bheaga a bha seo a' dol air n-ais 's air n-aghaidh, ach cha robh fhios aige air an t-saoghal mhòr càit an robh e. Agus thàinig an uair sin fear far an robh e 's dh'fhaighneachd Fearchar - bha smodal Beurla aige - càit an robh e.

"Tha," ars am... ars am mèinnear a bha seo, "tha thu anns an Droch Àite."

"Ò Dhia na creachan," ars esan, "bha fios a'm," ars esan, "gun do rinn mi mearachd 's gun robh mi a' cealgaireachd uair no dhà mu dheidhinn clò 's snàth, ach cha robh fios a'm gun tigeadh e a dh'ionnsaigh a leithid seo."

"Ò uill, seo mar a tha thu."

Ò, leig Fearchar na creachan gu dè...

"Ò," ars esan, am mèinnear, "cha ruig thu leas," ars esan. "Chan eil e cho dona 's tha thu a' smaointinn. Tha e dìreach a rèir mar a ghiùlaineas tu thu fhèin fhad 's a bhios tu ann an seo. Gu dè an dreuchd a bh' agad air a bha thu thall anns an t-saoghal?"

"Bha mi a' tàillearachd."

"Och," ars esan, "tha obair gu leòr againn dhut, obair gu leòr an seo."

Agus dh'fhàg e mar sin e. 'S choinnich e na mèinnearan eile 's... 's ann a rinn iad suas gun toireadh iad a h-uile seann aodach a bha feumach air càradh a dh'ionnsaigh an tàilleir. 'S bha e ann a shin, 's bha e a' faighinn beagan bìdh - cha robh mòran - dìreach a chumadh beò e.

Agus bha esan gu... 's esan a bha trang leis an t-snàthaid. Agus thugadh dha solas cuideachd oir 's gum faiceadh e gu dè a bha e a' dèanamh. Agus bha e ann an sin, agus chùm iad fad seachdain e. 'S cha robh teagamh sam bith aig... aig Fearchar nach robh e anns an droch àite.

Ach cha robh e a' faicinn an Àbharsair fhèin idir, ach co-dhiù 's dòcha gun robh am fear sin trang aig gnothaichean eile ann. Agus mu dheireadh, thuirt iad:

"Ò, tha mi a' smaointinn gun do chùm sinn fada gu leòr e. Ach gu dè mar air an t-saoghal a bheir sinn air n-ais e, gun fios... gun fiosrachadh a bhith aige mu dheidhinn a' ghnothaich?"

Ach co-dhiù, rinn iad suas gun toireadh iad dha dràm. Agus thàinig iad agus mhol iad an obair aige agus thuirt iad:

"A-nist, leis cho math 's tha thu a' dèanamh, tha thu gu math toillteanach air deagh dhràm."

Agus dh'fhàg iad am botal aige.

Agus bha Fearchar an uair sin, 's e a rinn an [?fhògag] ris a' bhotal, agus cha b' fhada gus an robh e anns an aon staid anns an d' fhuaras e. 'S bha e ann a shin. Agus ghabh iad cothrom air a' ghnothach agus thog iad leotha suas e agus dh'fhàg iad e dìreach air a' chnoc cheudna anns an d' fhuaras e.

Bha Fearchar an sin agus bha e sin sa mhadainn agus dh'fhosgail e a shùilean, agus chunnaic e na speuran, 's chunnaic e an t-adhar, 's a-mach gun do ghabh e cho luath 's a rinn e riamh, 's rinn e air a' Bhroomielaw 's air Abhainn Chluaidh airson bàta fhaighinn a bheireadh dhachaigh dhan Eilean Sgitheanach e. Fhuair e a leòr.

Agus bha e mar sin 's fhuair e dhachaigh dhan Eilean Sgitheanach. 'S cha tuirt e mòran mu dheidhinn a' ghnothaich; bha e car eagalach gum biodh na nàbaidhean glè amharasach air nan innseadh e dhaibh càit an robh e.

Ach co-dhiù, bha e anns a... anns an t-searmon Didòmhnaich. Agus ma bha e san t-searmon, bha am pearsa-eaglais a' cur dheth 's ag innse mun Droch Àite, cho cianail 's bha e, 's am pian a bh' ann, agus na bha iad a' fulang, 's nach robh dòchas aca air faighinn às.

Uill bha an gnothach a' ruith Fearchar gu mòr. Mu dheireadh, cha b' urrainn dha cumail air na b' fhaide. Agus am mheadhan an t-searmoin, dh'èirich e na sheasamh:

"Gabhaibh mo leisgeil," ars esan, "chan ann mar sin a tha e idir. Bha mise seachdain ann," ars esan, "agus tha e dìreach a rèir mar a ghiùlaineas tu thu fhèin."

Sin mar a chuala mise an sgeulachd ma-thà.

Source Type

Reel to reel

Audio Quality

Good