Search

A Mhnathan a' Ghlinne Seo

Fieldworkers
Date 26 May 1956
Track ID 70433
Part 1

Track Information

Original Track ID

SA1956.54.B2

Original Tape ID

SA1956.054

Summary

A family who escaped the Glencoe Massacre.

On the night before the Massacre of Glencoe, a Campbell soldier tried to warn the MacDonalds of their impending doom. He was a piper, and played a particular tune, in the hope that somebody with the gift of 'a' chluas-chiùil' would hear. Those with this gift could hear the words of a tune, when only the tune was being played. Fortunately, one such girl possessed the gift, and as a result, she and her family managed to escape.

Contributor recites verse.

Item Location

County - Argyllshire

Parish - Lismore and Appin

Village/Place - Glencoe

Language

Gaelic

Genre

Song Story

Collection

SoSS

Transcription

An t-Urramach Tormod Dòmhnallach: Thug mi tarraing air murt Ghleann Comhan anns an sgeulachd a dh'innis mi mu dheireadh, agus mi a' tighinn thairis air a' bhuaidh iongantach a bh' aig na seann daoine anns a' chluas-chiùil. Chan eil guth air a leithid sin an-diugh, ni motha a tha guth air an taibhs fhèin. Ach bha a' chluas-chiùil ann dìreach gu nàdarra aig cuid de dhaoine mar a bha an taibhs gu nàdarra aig cuid eile. 'S e buaidh iongantach a bh' ann da-rìribh.

Co-dhiù no co-dheth, tha fios againn uile mar a thachair ann an Gleann Comhan, agus mar a bha an t-arm, mar a bha iad air aoigheachd anns na dachaighean iomadach oidhche mun do rinneadh am murt.

Ach bha gille òg ann an seo, saighdear, fear Caimbeulach, agus bha taobh mòr aige ris an t-sluagh. Agus bha e anabarrach duilich mar a bha a' dol a thachairt; bha fios aigesan taghte math gu dè bha a' dol a thighinn às. Agus thuirt e ris fhèin gum feuchadh e ri rabhadh no sanais a thoirt seachad nan gabhadh e idir dèanamh.

Agus an oidhche mun do rinneadh am murt - rinneadh am murt anns a' mhadainn tràth - thuirt e ris fhèin gur e an dòigh a ghabhadh e seo gun cluicheadh e a' phìob mhòr, agus cò aige bha fios nach robh cuideigineach anns a' ghleann aig an robh cluas-chiùil.

Agus seo mar a bha. Chan eil fhios a'm an deach e idir a chadal. Tha e a cheart cho coltach nach deach e dhan leabaidh idir. Bha am murt air a dhèanamh sa mhadainn, agus glè thràth co-dhiù nach ann a thòisich e air cluich na pìoba. Agus 's e am port a chluich e:

A mhnathan a' ghlinne seo
A mhnathan a' ghlinne seo
A mhnathan a' ghlinne seo
'S mithich dhuibh èirigh

'S mis' rinn a' mhocheirigh
Sibhse chuir feum air.

Agus tha na h-uiread de cheathrannan eile ann a th' agam. Ach co-dhiù no co-dheth, nuair a bha e a' cluich a' phuirt a bha ann an seo, thachair gu fortanach gun robh nighean òg anns a' ghleann aig an robh cluas-chiùil. 'S nuair a chuala i am port, thog i anns a' mhionaid na briathran, agus dh'fhalbh i na cabhaig 's chuir i an fheadhainn bu dlùithe dhi nam faireachadh. Agus dh'innis i dhaibh gun robh an t-olc an dàn agus gum feumadh iad teicheadh.

Agus 's e seo a rinn iad. Thug iad na buinn às. Agus 's e sin beagan dhen an fheadhainn a fhuair tàrsainn às gu sàbhailte a' mhadainn a bha ann an siud tro bhuaidh na cluas-chiùil.

Source Type

Reel to reel

Audio Quality

Good