Search

Prògram Choinnich

Track Information

Original Tape ID

Program Choinnich 06.03.1997

Summary

How families don't eat a meal together at the table as they used to.

It is agreed that it is important to come together as a family, but people's lifestyles have changed and it is no longer easy for families to sit down for a meal at the table at the same time. Conversation and togetherness are important, as are table manners and etiquette. Joan Anderson says that she can recognise the children in the school where she works who don't sit round the table at home.

Recording Location

County - Ross and Cromarty

Parish - Stornoway

Island - Lewis

Village/Place - Stornoway

Language

Gaelic

Collection

BBC

Transcription

Coinneach MacÌomhair (CM): Bha uair agus 's e an suidheachadh anns a h-uile teaghlach aig àm bìdh an toiseach gun robh an aon àm bìdh aig a h-uile duine anns an teaghlach, agus gun robh iad a' suidhe còmhla timcheall a' bhùird. An-diugh, tha seo gu mòr air falbh ann am mòran dhachaighean. Cha bhi an teaghlach a' suidhe còmhla. Bidh 's dòcha cuid aig a' bhòrd, bidh 's dòcha cuid aig an teilidh, bidh 's dòcha cuid ag ithe leotha fhèin aig àm eile. Sin mar a tha fasan an latha air a dhol. Tha cuid, ge-tà, agus tha iad a' cumail a-mach gur e call mòr a tha seo, agus gum bu chòir a dhol air ais chun an t-seann dòigh. A bheil e a' dèanamh diofar sam bith? Uill, tha Ruairidh MacIllEathain an toiseach, a tha còmhla rium, a' faireachdainn gu bheil. Carson a tha e a' dèanamh diofar, a Ruairidh?

Ruairidh MacIllEathain (RM): Uill, tha mi a' smaoineachadh gu bheil e cudromach gum bi teaghlach, mas urrainn, a bhith a' suidhe còmhla timcheall air bòrd. A bharrachd air a bhith ag ithe 's a' faighinn biadh, tha cothrom ann airson a bhith a' còmhradh agus a' faighinn a-mach dè thachair air feadh an latha, dè tha a' cur dragh air daoine, 's rudan mar sin. Tha thu a' brosnachadh comann 's càirdeas agus gaol timcheall a' bhùird, agus tha mi a' smaoineachadh gu bheil dùthchannan eile a' tuigsinn seo cuideachd. Fhuair mise cothrom bliadhna no dhà air ais a dhol gu biadh Shabbat, no Shabbat meal, ann an taigh ann an Ierusalem. 'S e seo am biadh a bh' aca feasgar... feasgar Dihaoine, aig toiseach na Sàbaid aca, agus bha fìon agus aran air a' bhòrd, a bha creideamh co-cheangailte ris cuideachd, agus bha an duine, an duine 's a bhean ann, an teaghlach, mac 's bean a mhic, agus na h-oghaichean, agus chaidh an duine timcheall a' bhùird agus thug e pòg dhan a h-uile duine. Cha d'fhuair mise pòg, ach fhuair an teaghlach pòg. Agus tha na h-Iùdhaich, tha iad a' cur cuideam air an teaghlach agus a' feuchainn ri grèim a chumail air an teaghlach, agus tha biadh cudromach a thaobh sin, airson a bhith gan cumail còmhla cuideachd.

CM: A bheil thusa a' cumail a-mach, a-rèiste, gu bheil sinne air rud a chall nuair a tha sinn air seo a leigeil mu seach?

RM: Tha mi a' smaoineachadh gu bheil. 'S e deagh chothrom a th' ann airson a bhith a' daingneachadh dàimh 's càirdeas timcheall bùird. Tha fios a'm nach eil e comasach a h-uile turas. 'S dòcha gum bi daoine ag obair, 's a tha iad a' falbh a-mach, 's chan eil cothrom aca a bhith a' suidhe timcheall, ach...

CM: Uill, sin a bha mi a' dol a ràdh. Tha dòigh-beatha air atharrachadh gu mòr. Far an robh, can, ann an seo an-dràsta a h-uile duine a' suidhe aig an aon àm agus bha, fhios a'd, bha an latha air a stèidheachadh air dhòigh agus gun robh fhios aig daoine cuin a bha iad... cuin a bha iad a' suidhe 's mar sin.

RM: Chan eil ar beathannan air òrdachadh mar sin a-niste. 'S dòcha gu bheil Latha an Tighearna, 's dòcha gu bheil fhathast sin ann, far a bheil daoine a' suidhe còmhla 's an Sunday dinner a' dol, agus càirdean a' tighinn còmhla. Tha daoine a' faicinn gu bheil sin cudromach, gum bi sinn a' coinneachadh agus a' bruidhinn ri chèile mar sin. 'S e a bhith a' bruidhinn ri chèile an rud as cudromaiche, tha mi a' smaoineachadh, a tha co-cheangailte ri bhith ag ithe biadh còmhla.

CM: Nise, tha Ruairidh a' faireachdainn gu bheil seo gu math cudromach, ach còmhla rium cuideachd, Seonag Siosalach. Tha clann agadsa, nach eil, a Sheonag?

Seonag Shiosalach (SS): Tha.

CM: Uill, tha 's aig Ruairidh... nach eil sgaradh... chan eil mi a' dèanamh sgaradh sam bith anns an t-seagh sin. Dè cho furasta 's a tha e an rud a tha Ruairidh ag iarraidh a dhèanamh a dhèanamh? 'S e sin, biadh ullachadh 's a h-uile duine a' suidhe timcheall?

SS: Uill, bha sin tòrr nas fhasa dhuinn a dhèanamh nuair a bha a' chlann òg. Bha sinn a' dèanamh sin. Ach a-nise, bhon a tha iad... bhon a tha iad nas... bhon a tha iad an-àirde a-nis ann am bliadhnaichean, chan eil e cho furasta sin a dhèanamh idir. Tha a h-uile duine a' dèanamh na rudan aca fhèin. Tha iad a' dol gu youth club no tha rudan eile aca ri dhèanamh, agus tha mi fhìn ag obair cuideachd, 's chan eil e cho furasta dhuinn a bhith còmhla aig biadh a-nis idir.

CM: 'S a bheil thu a' smaoineachadh gu bheil sibh a' call a-mach ri linn sin? A bheil thu ag aontachadh le Ruairidh ann an dòigh?

SS: Uill, tha, tha, bhon tha... mar sin, bha sinn eòlach air a bhith a' dèanamh sin, 's nuair a bha mi fhìn cuideachd ag èirigh an-àirde anns an teaghlach againn fhìn, bha sinn eòlach air a sin. Ach tha sinn a' faighinn... saoilidh mi gu bheil sinn a' faighinn cothrom gu leòr cuideachd a bhith a' bruidhinn còmhla aig amannan eile cuideachd. So 's dòcha nach eil sinn a' call cus às mar sin idir.

CM: 'S dòcha anns na làithean a dh'fhalbh, a-rèiste, gun robh... gun robh daoine a' suidhe sìos aig a' bhòrd aig àm bìdh, ach 's dòcha nach robh iad a' dèanamh uiread de chòmhradh aig amannan eile. An e sin a tha thu ag ràdh?

SS: Ò, tha sin ceart gu leòr. Tha cuimhn' a'm nuair a bha sinne beag, chan fhaodadh sinn a bhith a' bruidhinn aig a' bhòrd. Nuair a bhiodh sinne aig... a' gabhail ar biadh, bha sinn... bha e air innse dhuinn gun robh sinn... gun robh e gu math mì-mhodhail dhuinn a bhith... a bhith a bruidhinn aig a' bhòrd, uaireannan.

CM: Ruairidh.

RM: Uill, 's e puing a tha sin. Tha mi a' tuigsinn gur e sin a bh' ann. Tha thu dìreach a' cur na mo chuimhne cuideachd, b' àbhaist taighean-cèilidh a bhith ann [???] san Eilean Sgitheanach, bha iad a' dol gu taigh 's bha craic 's còmhradh a' dol cuideachd, a bharrachd air a bhith ag ithe biadh. Tha sin a' dol a-mach à bith cuideachd. Chan eil... 's dòcha nach eil sinn a' còmhradh 's a' bruidhinn uiread 's a bha, agus tha dìreach aon ghuth san rùm a-niste, guth an telebhisein.

CM: Ach cuideachd, tha dòighean-beatha air atharrachadh. Can, Seonag ann an siud ag ràdh, tha ise... tha ise ag obair, tha an duine aice ag obair air falbh, tha a' chlann... tha a' chlann ann an sin agus chan eil e furasta. Dìreach, feumaidh tu oidhirp mhòr, mhòr a dhèanamh airson daoine toirt orra suidhe còmhla nuair a tha uiread de rudan aca, mar a tha i ag ràdh, youth club 's buidheannan mar sin.

RM: Feumaidh. Tha mi ag aontachadh ri sin. Tha dòigh-beatha... tha dithis 's dòcha ag obair a-niste far am b' àbhaist bliadhnaichean air ais dìreach aon duine a bhith a' dol a-mach ag obair, agus 's dòcha nach eil tìde ann a-niste a bhith ag ullachadh uiread 's a bha airson biadh 's mar sin.

CM: A bheil e gu diofar, a Sheonag, a bheil thu a' smaoineachadh?

SS: Ò, chan eil. Uill, tha e gu diofar. Tha. I mean, saoilidh mi gu bheil... 's e rud math... bu chaomh... deagh bu chaomh leamsa a h-uile duine a bhith timcheall air a' bhòrd... air a' bhòrd, 's tha e glè mhath a bhith a' smaoineachadh air a sin. Ach 's e rud eile cuideachd, ma tha mise a' dol an-dràsta, a' dol a thighinn dhachaigh 's a' dol a thòiseachadh a' seatadh bòrd 's an uair sin a' dol a thoirt tìde a' clìoraigeadh bòrd, tha sin a' toirt tìde bhuam fhìn. Nise, bidh sin furasta... 's dòcha gum bi cuideigin a' suidhe thall aig a' bhòrd, 's bidh cuideigin eile a' suidhe thall aig a' bhreakfast bar a' coimhead an telebhisein, bidh cuideigin eile... bidh sinn anns an aon rùm ach cha bhi sinn còmhla timcheall. Ach 's ann a tha mi a' dol a dhèanamh obair dhomh fhìn, ma tha mi gu bhith a' seatadh bòrd, 's a' dol a bhith a' clìoraigeadh bòrd. Tha a h-uile duine a-nis ag èirigh 's tha iad a' cur nan soithichean aca dhan an dishwasher 's chan eil e a' dèanamh leth obair dhòmhsa 's a b' àbhaist.

CM: Tha còmhla rinn cuideachd Seonag NicAnndrais. Tha ise ag obair ann an taigh-bìdh ann am fear de sgoiltean Inbhir Nis. Madainn mhath, a Sheonag.

Seonag NicAnndrais (SN): Madainn Mhath, a Choinnich.

CM: An cuir thusa umhail sam bith eadar an fheadhainn a tha a' suidhe còmhla aig bòrd agus an fheadhainn nach eil? An aithnicheadh tusa an diofar an-dràsta eadar clann Ruairidh agus clann Sheonaig?

SN: Uill, a rèir mar a tha an dithis aca a' bruidhinn, tha iad a' suidhe aig bòrd am badeigin, ach chan eil e, mar a tha Seonag, chan eil a' chlann aice 's dòcha a' suidhe còmhla. Ach anns an sgoil, faithnichidh tu air clann nach eil an cleachdadh suidhe aig bòrd uair sam bith. Chan eil... chan eil dìreach... chan eil... chan eil for aca air ciamar, a bheil fhios agad, ciamar a shuidheas iad aig bòrd, agus faithnichidh tu gu mòr orra...

CM: Dè tha thu a' ciallachadh mar sin? Dè seòrsa rudan a bhios iad a' dèanamh?

SN: Uill, can, a leithid, chan urrainn dhaibh suidhe air sèithear ceart, fhios agad. Cha bhi iad ach, mar gum b' eadh, pìos dhem màs air agus na casan aca suas, agus 's dòcha an glùinean suas, fhios agad, ris a' bhòrd 's na truinnsearan aca nan uchd, an àite dhaibh suidhe 's an sèithear a shlaodadh a-staigh agus an truinnsear a chur air a' bhòrd agus forc 's sgian a chleachdadh, mar nam biodh tu a' suidhe aig bòrd dòigheil, agus thu ga chleachdadh a h-uile latha, no co-dhiù a' chuid as motha dhen ùine.

CM:'S a bheil e a' toirt obair dhuibhse, a-rèiste, a tha a' feuchainn ri biadh a thoirt do mhòran dhaoine, a-rèiste, nuair a tha cuid agus tha fhios aca dè man a làimhsicheas iad fhèin, agus feadhainn eile nach eil fhios aca?

SN: Uill, tha, ach an dòigh anns a bheil sinne ag obair a-nist, tha e air atharrachadh gu mòr seach mar a bha e o chionn fichead bliadhna. O chionn fichead bliadhna, bha thu a' cur a-mach forc 's sgian 's spàin dhan a h-uile duine anns an sgoil, agus bha e ann a shin dhaibh airson... airson a ghabhail. Mar a tha e an-diugh, tha a h-uile duine a' tighinn a-staigh 's tha iad a' toir leotha treidhe. Fiù 's aig amannan, cha toir feadhainn aca leotha treidhe, agus tha iad a' faighinn am biadh 's tha iad a' dol ga phàigheadh, 's tha iad a' togail leotha forc 's sgian. Uill, tha còir aca forc 's sgian 's spàin a thogail leotha, ach tòrr aca chan eil iad a' bodraigeadh sin a dhèanamh. Chan eil iad ach ga ithe le an corragan. Leithid chips 's burgers 's iomadach rud, bidh iad ga ithe le an corragan, no 's dòcha fiù 's bheir iad leotha forc, 's dòcha, ma tha a leithid, 's dòcha, spaghetti no rud, cha toir iad leotha sgian ann. Dìreach cho beag 's as urrainn dhaibh. 'S e dìreach cleachdadh, nach eil modh air a... 's dòcha gu bheil e air ionnsachadh dhaibh, ach chan eil iad ga chleachdadh anns na dachannan

CM: Ò, uill, 's ann a tha thu ga mo thoirt ann an sin gu fìor làithean m' òige. Cha mhòr gun robh sinn a' cleachdadh greimirean no sgian no dad eile. Buntàta agus sgadan, buntàta 's feòil, cha robh agad ach chrògan co-dhiù. Ach chan eil mi a' smaoineachadh gum biodh iad uabhasach math leis an spaghetti idir.

SN: Ò, uill, cha bhi. Ach seo mar a tha... fhios agad, seo mar a tha a' chuid as motha den chlann. Chanainn co-dhiù trì chairteal dhen chlann a tha a' dol dhan sgoil san latha an-diugh.

CM: Uill, bidh mise ga fhaicinn aig an taigh againn fhìn. Bidh mi a' cantainn riutha, suidhibh sìos ann an sin, 's chì thu sèithear air oir, cha bhi ach dà chas... dà chas a' chathair air an làr, 's bidh casan 's casan suas. Canaidh mi, sìos ann an sin sibh, 's tionndaidhidh tu 's bidh na casan an-àirde a-rithist 's bidh...

SN: Bidh. Tha sin a' tachairt...

CM: Dè tha sinn a' dol a dhèanamh mu dheidhinn seo, a Ruairidh?

RM: Dìreach, feumaidh sinn a bhith a' cumail oirnn dìreach ag ràdh riutha carson a bu chòir dhaibh a bhith a' suidhe. Tha mi tha mi a' smaoineachadh gu... tha puing ann a shin gu bheil... tha thu ag ionnsachadh bheusan, modh, aig a' bhòrd cuideachd. Tha sinn a' faicinn, san t-saoghal a th' ann an-diugh, tha a h-uile rud ann an dòigh a' briseadh sìos. Tha a h-uile rud neo-fhoirmeil, mar a tha pàrantan agus clann a-niste. Tha e eadar-dhealaichte bhon a bha mise òg. Tha iad a' bruidhinn rinn ann an dòigh eadar-dhealaichte, agus tha mi a' smaoineachadh gur e sin buaidh a th' aig an t-saoghal oirnn, agus chan urrainn dhuinn sin atharrachadh ro mhòr. Tha tòrr a' tachairt a tha air atharrachadh, agus tha tòrr rudan air falbh bhon a bha sinn na b' òige.

CM: Ach 's e a chanas cuid a phàrantan an-dràsta, tha mi cinnteach, tha mi air fhaicinn. Canaidh mi, suidh ann an sin 's gabh do bhiadh, 's canaidh... canaidh an uair sin cuideigin eile, och uill, ma dh'itheas iad rudeigin. Fhios agad, airson tha uiread... tha a-nis rud ann, ò, chan eil mise ag iarraidh siud, chan eil mise ag iarraidh seo. Nuair a bha sinne beag, bha am biadh ga chur air ar beulaibh, bha thu a' suidhe aig a' bhòrd, mar a thuirt Seonag, suidh sìos, dùin do bheul, ith do bhiadh. Tha sin seachad. Tha e seachad, nach eil, a Sheonag?

SS: Tha, tha. Ach cuideachd, tha... saoilidh mi... tha e cudromach a bhith ag ionnsachadh modh dhan a' chlann nuair a tha iad òg, 's ma dh'ionnsaicheas tu sin dhaibh nuair a tha iad òg, uill, saoilidh mi gun lean sin riutha. Leanaidh sin riutha, 's cha leig thu leas a bhith... a bhith, uill, cus... ma thèid iad gu taigh dhaoine eile a ghabhail am biadh, fhios a'd, bidh fios agad gu bheil iad gu bhith modhail ann.

RM: An t-ionnsachadh òg.

CM: A Sheonag, a bheil thu ag aontachadh leotha a-nis? A bheil a h-uile duine againn ag aontachadh, a-rèiste? Bha dùil agamsa gun robh sinn... gur ann a bha sinn gu bhith a' trod ann an seo.

SN: Uill, tha. Tha mise ag aontachadh leis a sin. Tha mi a' smaoineachadh, tha e doirbh, bho chionn bhliadhnaichean cuideachd, bha thu dìreach mar a tha thu fhèin a' ràdh, a' dèanamh aon bhiadh. Ach cha ruig mise a leas a dhol nas fhaide na an taigh agam airson sin, thoradh tha nighean agam nach ith feòil idir.

CM: Tè agamsa cuideachd.

SN: Tha. Agus tha e gu math, gu math doirbh ma nach ith iad e. Feumaidh tu rudeigin a dhèanamh dhaibh. Ach feumaidh mi cuideachd a ràdh gu bheil clann ann 's bheiridh tu dhaibh aon rud, gu h-àraid 's dòcha aig àm breakfast, bheiridh tu dhaibh rud 's chan ith iad e. Uill, bheir... iarraidh iad rudeigin eile agus gheibh iad e 's chan ith iad sin cuideachd, agus chan eil mi ag aontachadh leis a sin.

CM: Uill, 's e ceist dhuilich a th' ann co-dhiù, agus ceist nach eil e furasta do phàrant sam bith anns an latha a th' ann a freagairt. Ach 's dòcha gur e rud a dh'fhaodadh sinn a bhith a' toirt an tuilleadh sùil air. Mo thaing do Ruairidh MacIllEathain, do Sheonag Siosalach agus do Sheonag Anderson.

Source Type

Dat

Audio Quality

Good