Search

Nuair a dh'Fhàsas Suas Mo Leanabh

Fieldworkers
Date June 1956
Track ID 71077
Part 1

Track Information

Original Track ID

SA1956.57.B1

Original Tape ID

SA1956.057

Summary

In this lullaby, the composer lists what the child will get when he/she grows up.

Item Notes

The text was composed by the contributor and set to a traditional air.

Language

Gaelic

Genre

Song

Collection

SoSS

Transcription

An t-Urr. Tormod Dòmhnallach: Tha dà thàladh agam ann an seo. Cha chuala mise riamh ach a' chaoin, ach thaitinn a' chaoin rium cho mòr agus gun do rinn mi fhìn mu chòig no sia de cheathrannan airson gum biodh a' chaoin air a cumail air chuimhne 's air a gleidheadh.


Nuair a dh'fhàsas suas mo leanabh
Gheibh mo leanabh-sa bò bhlàr
Bò bhlàr am faigh mo leanabh
Gheibh mo leanabh fhìn a dhà.

Nuair a dh'fhàsas suas mo leanabh
Gheibh mo leanabh-sa làir bhàn.
Làir bhàn am faigh mo leanabh
Gheibh mo leanabh fhìn a dhà.

Nuair a dh'fhàsas suas mo leanabh
Gheibh mo leanabh fearann slàn.
Fearann slàn am faigh mo leanabh
Gheibh e baile saor bho mhàl.

Caoraich mhaola gheibh mo leanabh
Caoraich dhuibh-cheannach mas feàrr.
'S bidh uain òga dhubh is gheal' ac'
Feadh nan gleannan anns a' Mhàrt.

Nuair a dh'fhàsas suas mo leanabh
Bidh an long air lear a' bhàigh
'S iomadh port don tèid e leatha
Eadar Èirisgeigh 's an Spàinn.

Source Type

Reel to reel

Audio Quality

Good