Search

Chunnaic bodach manaidhean anns a' Bhaile Shear.

Date 1972
Track ID 72222
Part 1

Track Information

Original Track ID

SA1972.244.B6

Original Tape ID

SA1972.244

Summary

An old man saw apparitions in Baleshare.

An old man lived alone by the shore when Baleshare was an island. He started seeing people walking through his house and other strange things. The causeway was built shortly after his death and it went over the spot where his house had stood.

Recording Location

County - Midlothian

Parish - Edinburgh

Village/Place - Edinburgh

Item Location

County - Inverness-shire

Parish - North Uist

Island - Baleshare

Language

Gaelic

Collection

SoSS

Transcription

An t-Urramach Tormod Dòmhnallach (TD): Seo sgeulachd mu mhanadh eile, ach 's ann ann an Uibhist a Tuath a thachair e, far an robh mise na mo mhinistear airson na h-uiread de bhliadhnaichean. Agus mar a tha fios agaibh, tha an-diugh drochaidean, no cabhsairean, thairis air na fadhlaichean, a' ceangal nan eileanan ri tìr-mòr Uibhist. Ach mus deach an cabhsair a dhèanamh, no an drochaid, bha am Baile Sear na eilean. Agus nam biodh sibh a' dol ann no às, dh'fheumadh sibh a bhith am freastal an t-seòl-mhara, 's a bhith a' feitheamh gus am biodh e sàbhailte a dhol thairis air an fhadhail.

Co-dhiù no co-dheth, fada, fada mun do rinneadh an cabhsair, no an drochaid, bha seann duine còir a' fuireach leis fhèin, glè fhaisg air a' chladach anns a' Bhaile Shear. Glè fhaisg air a' chladach. Agus cha robh duine cuide ris. Agus chuir an ceistear còir a bh' anns an àite, anns a' Bhaile Sear, chuir e uibhreachd nach fhaca e o chionn greiseag e agus 's ann a chuir e roimhe gun tadhladh air an duine feuch am faiceadh e ciamar a bha e a' cumail.

Rinn e seo, 's nuair a ràinig e an taigh, fhuair e an doras dùinte druidte, agus 's ann a bhuail na inntinn dòcha nach robh an duine gu math, gun robh e anns an leabaidh, agus bhuail e anns an doras, ach cha robh e a' faotainn freagairt. 'S bhuail e a-rithist, 's mu dheireadh thall chuala e cuideigineach a' tighinn, agus ò, bha... bha obair mhòr air cùl an dorais, an taobh a-staigh dhen an doras. An duine a' toirt air falbh uabhas de ghnothaichean a bha a' cumail an doras dùinte. Agus mu dheireadh thall, nuair a bha an rud mu dheireadh, an cuideam mu dheireadh, air a thoirt air falbh bhon an doras, dh'fhosgail e an doras agus thug... chuir e fàilte air a' cheistear, 's chaidh an ceistear a-staigh. Agus:

"Ò," ars esan ris, "nach mi a ghabh an t-iongnadh a bha sibh cho fada a' fosgladh an dorais."

"Ò," ars an duine, "bha. Bha mise fada a' fosgladh an dorais," ars esan. "Cha robh nì trom anns an taigh, no cabar no eile, nach b' èiginn dhomh a chur air cùl an dorais. Thoradh tha daoine," ars esan, "a' tighinn a-staigh air an doras a th' ann an sin, agus faicibh an ceann shuas a th' ann an sin," ars esan, "tha iad a' gabhail a-mach air a' cheann sin."

Nise, cha robh doras ann an sin idir.

"A' gabhail a-mach air a' cheann sin?"

Ò, thug an ceistear còir sùil air, agus 's ann a bhuail na inntinn gun robh an duine air a dhol anns an treas cèill, no ceàrr na inntinn.

"Ò," ars esan, "tha siud ceart. Tha siud ceart," ars esan, "agus chan urrainn mise," ars esan, "leis na a tha a' tighinn a-staigh a dhaoine, an doras a th' ann an seo fhàgail," ars esan, "fosgailte. Feumaidh e chan e a-mhàin a bhith dùinte ach feumaidh e a bhith air a dhruideadh, agus rudan a bhith air a chùl," ars esan, "ga chumail airson nach fhaigh duine beò a-staigh air. Nach eil thu a' faicinn a-nis," ars esan, "na tha a' dol a-mach air a' cheann a th' ann an sin?"

'S cha robh an ceistear còir a' faicinn sìon. Ach ò, bha e duilich, a bheil fhios agaibh, an ceistear, 's cha robh sìon a dhùil aige nach robh an duine, a bheil fhios agaibh, air a bhuadhan a chall. Agus:

"Ò," ars esan, "chan e sin a-mhàin," ars esan, "ach bha mi," ars esan, "a-muigh," ars esan, "o chionn lathaichean, agus chunna mi bìdeag air falbh," ars esan, "duine ann an sin, agus bha duine eile cuide ris agus bha trì chasan air an duine eile. Agus bha an duine a bha ann an seo," ars esan, "chan fhaca tusa leithid a ghob a-riamh," ars esan. "An dàrna mionaid bhiodh e na sheasamh 's cha bu luaithe a bha e na sheasamh na bhiodh e na shuidhe," ars esan, "air a chorra-cnàmh. Agus an uair sin dh'èireadh e, 's an uair sin bha e na shuidhe air a chorra-cnàmh, agus," ars esan, "ged a bhiodh an duine cho làidir ris a' chreig a tha a-muigh ann an sin anns a' chuan," ars esan, "'s gann gun seasadh a chorp ris an obair a bh' ann an seo."

Ò bha an ceistear, bha e cinnteach, a bheil fhios agaibh, gun robh an duine air a dhol dìreach neònach.

Co-dhiù, chuir e seachad an sgeulachd a bh' ann an sin 's thàinig iad gu gnothaichean eile, 's nuair a thàinig iad gu gnothaichean eile, bha e a' faicinn gun robh an duine na bhuadhan cho math 's a bha e roimhe.

Agus 's ann mar a seo a bha co-dhiù. Ach ò, an ceann tìde chaochail an duine. Dh'fhalbh e. 'S cha robh e ro fhada air falbh nuair a thòisich iad air ullachadh airson drochaid dhèanamh, no an cabhsair. Agus gu dè thachair ach dìreach gun robh... gu bheil ceann na drochaid a tha ann an sin, gun robh i a' dol tron an tobhtaidh anns an robh an seann duine a' fuireach. Agus bha de luchd-tadhail ann an sin, mar a thuirt an duine, daoine nach fhaca esan riamh 's innealan eile a' dol... bha e gam faicinn a' dol tron taigh, rud a tha iad an-diugh. Tha an t-slighe a tha an-diugh a' dol gu ruige am Baile Sear, gu ruige a h-uile baile dhen a' Bhaile Sear, a' dol tron an tobhtaidh a bha ann an seo.

Agus, a-nise, a thaobh sgeulachd nan dithis a chunnaic e, 's an duine air an robh na trì chasan, dè a bha ann an seo ach fear-ealain, no mar a their sinn sa Bheurla, engineer. 'S gu dè a bh' anns an duine air an robh na trì chasan ach an t-inneal a bhios aca air a bheil trì chasan agus rud ann airson, a bheil fhios agaibh, glainne-àirc a bhios aca, airson a bhith a' dèanamh dìreach gu dè... gu dè... ciamar a bhios an rathad air a chàradh. Agus sin agaibh uile-mìneachadh a' ghnothaich a bha ann an sin, agus abraibh gun robh... gun robh manadh ann an sin cho fìor chothromach agus cho fìor shoilleir agus a chuala mise riamh.

Iain Peatarsan (IP): Glè mhath. Nise, tha sibh a' ràdh gur ann an Uibhist a chuala sibh an sgeulachd.

TD: 'S ann. 'S ann, ann an Uibhist. Anns an sgìre a bh' agam ann an Uibhist. Agus nach bithinn fhèin a-null 's a-nall air an drochaid a bha ann an siud, glè thric a' coiseachd nuair a bhithinn a' tadhal air... air na h-àiteachan anns a' Bhaile Shear.

Source Type

Reel to reel

Audio Quality

Good