Search

Coinneach Odhar agus a' chlach.

Date April 1963
Track ID 72241
Part 1

Track Information

Original Track ID

SA1963.21.A1; SA1963.21.A2

Original Tape ID

SA1963.020.021

Summary

Coinneach Odhar and the stone.

Before Coinneach Odhar's birth, his mother met a ghost returning to her grave. This was the ghost of a Viking princess who had been killed on Crowlista Beach. She gave the woman a stone to keep until her son was eighteen years old, after which he would be able to use the stone to foretell the future.

Item Subject/Person

Coinneach Odhar

Recording Location

County - Ross and Cromarty

Island - Lewis

Item Location

County - Ross and Cromarty

Parish - Uig

Island - Lewis

Village/Place - Crowlista

Language

Gaelic

Collection

SoSS

Transcription

Pàdraig Stiùbhart (PS): Chuala thu a h-uile... [???] chuala barrachd na chuala mise mu dheidhinn.

Iain MacAonghuis (IM): Ò cha chuala. Innisibh... innisibh mu dheidhinn... innisibh mu dheidhinn Choinnich Odhair. Mar a rugadh e, 's mar a thogadh e.

PS: Chan eil fhios agamsa a-nis an e banntrach a bh' innte co-dhiù 's ged nach e. Chan urrainn dhomh a bhith cinnteach à sin. Ach bha i a' tighinn far na h-àirigh, am boireannach a bha seo. Bha an cliabh air a druim. Ann an èirigh na grèine rinn i suidhe mu choinneamh Baile na Cille. Bha cladh ann an sin, agus thug i sùil air a' chladh, agus chunnaic i na... na cuirp ag èirigh agus na h-uaighean falamh. Choisich i gu dian chun a' chladh, agus bha aon uaigh ann an sin fosgailte fhathast, ach bha a h-uile h-uaigh air dùnadh suas, agus am feur gorm mun cuairt oirre. Ach bha an aon uaigh seo agus i fosgailte, agus chuir i an cuigeal aice a-null tarsainn air a beul - distaff. Chuir i an cuigeal a-null tarsainn air a beul.

Cha robh i fada mar sin agus an cuigeal air beul na h-uaigheach dar a chunnaic i boireannach na seasamh air a beulaibh.

"Tog sin," ars ise, "bho beulaibh mo leabaidh."

"Togaidh," thuirt am boireannach, "mise sin, bho beulaibh do leabaidh, dar a dh'innseas tusa dhòmhsa gu dè a chùm thusa cho fada a bharrachd air càch. Tha treis bho chaidh iad," thuirt ise, "bho dhùin na h-uaighean orra."

"Uill," thuirt ise, "bha agamsa na b' fhaide ri dhol. Chaidh ar bàthadh a-mach à seo," thuirt ise, "aig Crabhlasta. 'S e sin air tràigh Chrabhlasta a chaidh ar bàthadh a-mach, agus 's ann à Lochlann a thàinig sinn. Bha na b' fhaide agam ri dhol. Agus a-nise," thuirt ise, "fosgail a-nise," thuirt ise, "tog sin bho beul mo leabaidh."

"Togaidh," thuirt ise.

"Seo," thuirt ise. "Tha thu a' giùlan mac gille, agus bheir thu Coinneach mar ainm air. Agus," thuirt ise, "sin dhut clach," thuirt ise, "agus cumaidh tu e... cumaidh tu a' chlach sin, agus bheir thu dhan a' ghille e," thuirt ise, "dar a bhios e aois ochd bliadhna deug. Dar a bhios e an aois sin," ars ise, "gheibh e a-mach fios air a h-uile càil a bhios roimhe."

'S ann mar seo a bha. Dar a bha an gille an aois, thug i a' chlach dha Coinneach. 'S bha toll innte - bha toll na meadhan. Agus fhuair Coinneach mar sin fiosachd air a h-uile càil a bha roimhe.

Cha b' e bana-bhuidse a bh' innte. 'S ann a fhuair i a' chlach anns an robh an fhiosachd bho spiorad a' bhoireannaich a thàinig. Cha b' e fiosachd a bh' aig... a bh' aig a' bhanntrach idir. 'S ann a bha Coinneach a' toir a h-uile càil às a' chlach. 'S leig e fhaicinn sin dhan a' bhaintighearna a bh' air, [?am Brahan Seer], dar a dh'fhaighnich i dhe Coinneach... Nise, dar a fhuair iad fios mu dheidhinn Coinneach Odhar fiosaiche, na tighearnan a bh' air tìr-mòr, bha iad ga thoir leis gu Geàrrloch, Inbhir Nis, gu a h-uile h-àite, 's bha iad a' cur sìos an eachdraidh aig Coinneach Odhar.

Ach a-nise, a' bhaintighearna a bha seo, dh'fhalbh an duine aice fhèin air chuairt dhan Fhraing, thoradh bhiodh iad a' cogadh. Tha mise a' creidsinn gur e Stuart MacKenzie a bh' ann, aig an àm, ach co-dhiù:

"Càit," ars ise, "innis dhòmhsa," ars ise, "tha," thuirt ise, "sia mìosan bho dh'fhàg an duine mise," ars ise. "Tha rudeigin ceàrr," ars ise.

"Ò chan eil," thuirt Coinneach, 's e a' toir sùil air a' chlach. "Tha," ars esan, "an duine agad ceart gu leòr. Chan eil càil ceàrr air."

"Innis dhòmhsa," ars ise, "dè tha e a' dèanamh air a' mhionaid."

Uill, chuir i thuige Coinneach air dòigh agus gun tuirt e.

"Uill," thuirt ise [sic], "tha e ann an seòmar mhòr," thuirt ise, "agus tha boireannach air a ghlùin."

A cheart cho luath 's a chuala i sin, bhuail an tàmailt i, airson gun canadh Coinneach Odhar na h-uiread seo mu dheidhinn an tighearna a bh' aice. Agus fhuair i... fhuair i òrdugh airson Coinneach a thoir gu bàs, agus cantainn gur e buisneachd a bh' aige.

Chaidh an latha a shuidheachadh air a shon. Chaidh an latha a shuidheachadh airson Coinneach. Agus an dearbh latha a chaidh a shuidheachadh air a shon, thàinig an tighearna aice an latha sin, le saothach, 's dar a thàinig e dhachaigh, cha robh duine roimhe ach na searbhantan, 's dar a thàinig e, dh'fhaighnich e càit an robh an sluagh. Dh'innis na searbhantan gun robh... gun robh a' bhaintighearna airson Coinneach Odhar fiosaiche a chur gu bàs, gun robh e... gun robh e gu bhith air a losgadh.

"Cha do rinn e nì air talamh. Carson?"

Dh'innis iad.

"Airson na breugan a bha e a' cur ortsa."

Nuair a chuala esan na breugan, leum e air muin an làir a b' fheàrr a bh' aige 's ghabh e air falbh, agus thuit i marbh air beulaibh a' chiad taigh-òsta, agus ghabh e... ghabh e beothach eile ann a shin, gus am beireadh e an uair, mus biodh e dà uair dheug. 'S thuit an ath bheothach marbh fodha, agus chunnaic Coinneach... chunnaic... chunnaic an tighearna, chunnaic e an ceò a' dol an-àirde, 's a dh'aindeoin dè na rinn e, bha Coinneach Odhar air a losgadh. Ach thuirt esan rithe:

"Bios tu ann an ifrinn," thuirt ise, "mus fuaraich do dhà shàil."

"Uill," thuirt esan, "ma tha sin fìor, an rud a tha thusa ag ràdh, gum bi mise ann an ifrinn," ars esan, "mum fuaraich mo dhà shàil-sa, bidh seo mar chomharra dhut."

'S rug e air a' chlach 's thug e a-mach às a... thug e a-mach na làimh i, 's sheall e innte.

"Seo an comharra dhut," thuirt esan. "Air a dh'fhuaraicheas mi mo ghuala-sa," thuirt esan, "ma laigheas dà chalman," ars esan, "a thig bhon àird an ear air mo ghuala-sa," ars esan, "bidh mise air mo theàrnadh," thuirt esan, "agus thusa ann an ifrinn, ma laigheas dà fhitheach ortsa a thig bhon àird an ear."

'S e an dà fhitheach a laigh.

IM: Cò... air a...

PS: Air a' ghuala.

IM: Aicese? Aigesan?

PS: Air a' ghuala aige. Chaidh esan a losgadh, a bheil thu a' tuigsinn. Uill thuirt e:

"Ma laigheas dà chalman air a' ghuala agamsa," ars esan, "bidh tusa ann an ifrinn, agus mise air mo theàrnadh. Ach ma laigheas dà fhitheach air, bios tusa ceart," ars esan. "Bios tusa ceart," ars esan, "ma laigheas dà fhitheach air, bios tusa ceart."

IM: Agus 's e sin a thachair?

PS: Chan e ach... "Ma laigheas dà chalman," ars esan, "bios tusa ceàrr agus mise ceart. Ach ma laigheas dà fhitheach air," thuirt esan, "bios tusa ann an ifrinn, agus mise air mo theàrnadh."

'S e dà rud... 's e dà fhitheach a laigh... 's e dà chalman a laigh.

IM: Dà chalman a laigh. Seadh, seadh.

Source Type

Reel to reel

Audio Quality

Good