Search

Calum mac Eòghainn ag innse dha bhean gun robh an t-iasg ro...

Date c. July 1953
Track ID 7248
Part 1

Track Information

Original Track ID

SA1953.171.5

Original Tape ID

SA1953.171

Summary

How Calum mac Eòghainn would tell tales about fish that were too big to catch.

When Calum mac Eòghainn came home empty handed he would tell his wife tales about fish he had seen that were too big to catch on a hook. When out fishing one week, he claimed he saw an eel so big that its head went by on Monday and its tail went by the following Saturday.

Item Subject/Person

Calum mac Eòghainn

Language

Gaelic

Genre

Story

Collection

SoSS

Transcription

Iain MacAonghuis (IM): A bheil an còrr agad de stòiridhean Chaluim mhic Eòghainn?

Seumas MacIllÌosa (SM): Ah tha... bidh pìosan agam dhe feadhainn an siud 's an seo. Bha e gu math dèidheil air a dhol a dh'iasgach, agus thigeadh e an-còmhnaidh dhachaigh oidhcheannan 's nach fhaigheadh e dad. Chan fhaigheadh e beothach 's chanadh e ris a bhean, Màiri:

"Ò chunnaic mi liùgh mhòr a-nochd, a Mhàiri. 'S ann ag òl a' mhaoraich a bha i."

'S e maorach a bhiodh aige na bhiathadh air an dubhan. Mar sin, cha robh an dubhan a' dol an grèim idir leis cho mòr 's a bha i. 'S ann ga òl a bha i sìos 's bha e a' tighinn a-mach às a beul a-rithist.

Dh'fhalbh e an oidhche seo. Thàinig e dhachaigh 's... oidhche Luain, 's shìn e air innse gum faca e easgann a' dol seachad air an rubha air an robh e ag iasgach. Bha e a' dol a dh'iasgach a h-uile h-oidhche dhen t-seachdain an sin gus an tàinig Disathairne, 's chunnaic e an t-earball aice a' dol seachad. Thàinig e dhachaigh 's dh'innis e mu dheidhinn na h-easgann.

"Chaidh an ceann aice seachad Diluain," ars esan, "'s tha an t-earball aice seachad a-nochd."

Bha sin ann an Eilean Fladaigh shìos. Eilean a th' aig taobh Ratharsair.

"Càit am bi an ceann aice an-dràsta?" arsa cuideigin ris.

"Ah bithidh aig Àird nam Murchan, a rèir 's mar a bha i a' dol seachad."

Source Type

Reel to reel

Audio Quality

Good