Search

Fiosrachadh mu dheidhinn luadhadh.

Date 1977
Track ID 73036
Part 1
Part 2

Track Information

Original Track ID

SA1977.182.A5

Original Tape ID

SA1977.182

Summary

Information about waulking.

The contributors were present at waulkings in their house. They also went to other local waulkings. There was a dance afterwards, with songs and piping. The old men would gather at waulkings to listen to the women singing. Information about the waulking process.

Recording Location

County - Inverness-shire

Parish - Harris

Island - Harris

Item Location

County - Inverness-shire

Parish - Harris

Island - Harris

Language

Gaelic

Genre

Information

Collection

SoSS

Transcription

Mòrag NicLeòid (MN): Tha, 's bhiodh ur màthair... am biodh luadhadh a' dol a-staigh agaibh?

Cairistìona Sheaghach (CS) agus Peigi Mhoireasdan (PM): Bhitheadh.

PM: Gu dearbh, bhitheadh

MN: Agus nuair a bhiodh luadhadh a' dol, am biodh sibhse ann? Nuair bha sibh beag, beag.

CS agus PM: Bhitheadh. Gu dearbh fhèin e.

PM: 'S a' falbh a' luadhadh feadh a' bhaile cuideachd. Bhitheadh. 'S dòcha gum biodh dà luadhadh...

CS: Chan e a-mhàin an luadhadh, ach nuair a bhiodh an luadhadh seachad, bhiodh dannsa ann, 's bhiodh òrain ann às a dhèidh.

PM: Agus pìobaire.

CS: Pìobaire. Seòras leis a' phìob, Seòras Fìdhleir. Agus bodaich a' bhaile a' cruinneachadh. Bha triùir no cheathrar a bhiodh a-staigh co-dhiù, co-dhiù. Cuimhn' agad Coinneach Alasdair 's Ruairidh Dhòmhnaill 'ic Ruairidh?

PM: Ò tha, tha.

CS: 'S Dòmhnall Beag? Agus m' athair. Bhiodh an taigh làn bhodach, agus sinne a' gabhail nan òran, na mnathan-luadhaidh mar a bha iad. 'S bha 's mo mhàthair, bha i cho keen air na rudan sin cuideachd. Bha i fhèin math air seinn.

MN: Dè a-nis an aois a bha sibh nuair a chaidh sibh chun a' chiad luadhadh? Nuair a chaidh sibh a luadhadh ceart?

CS: Uill, a' chiad luadhadh air an robh mise, tha fhios a'm gun robh e dà bhliadhna mun do dh'fhàg mi an sgoil. Bha mi aig dusan bliadhna a' luadhadh ann an taigh Dhòmhnaill Thormoid, agus thug iad ann mi airson gun gabhainn na h-òrain dhaibh, agus bha mi cho beag agus cha ruiginn air a dhol a-mach a mheadhan na clèithe idir, tha cuimhne a'm. 'S chuir iad far na clèithe mi agus thug iad orm suidhe aig ceann na clèithe agus sin far an robh mi a' gabhail nan òran aca, agus iad fhèin a' togail an fhuinn. Cha robh mi ach dusan bliadhna. Dè a-nis an aois a bha thusa?

PM: Uill, tha mise a' smaoineachadh gun robh mise mu cheithir-deug no còig-deug mun do thòisich mi a' luadhadh.

CS: Seadh.

PM: Ach a-mach on a sin tuilleadh cha robh luadhadh a bha timcheall nach bithinn ann. Agus bhiodh iad... sinn a' dol a-null thucasan agus sin mar a bha sinn, eil fhios agad?

CS: Pàigheadh a chèile.

PM: Pàigheadh a chèile. Cha robh leithid a rud agus tuarastal aig duine... airgead aig duine ga fhaighinn an uair ud. Cha robh e ann co-dhiù, bha e cho gann.

MN: Agus, tha, bhiodh luadhadh a-staigh agaibh fhèin agus bhiodh sibhse a' luadhadh ann a shin?

CS: Ò, bhitheadh.

MN: 'S bhiodh daoine... cia mheud duine an-dràsta bhiodh a' suidhe aig a' chlèith?

CS: Mar bu trice, bhiodh ochdnar oirre, rud bu lugha, 's bhiodh uaireannan deichnear ann, còignear air gach taobh.

PM: Bhitheadh, 's ann bu luaithe a gheibheadh...

CS: 'S nuair a gheibheadh iad gu sùrd garbh, tha cuimhn' a'm 's mi glè òg, le na h-òrain, bhiodh mo mhàthair ag èigheach: "Thoiribh an aire nach mill sibh an clò ormsa."

PM: Nach cuireadh iad... nach dèanadh iad ro chaol e.

CS: Seadh, nach dèanadh iad ro chaol e. Dh'èigheadh na bodaich a bh' air a' bheinge: "Gabhaidh e cuairt mhath eile a Mhòr!" Eil cuimhn' agad?

PM: Tha.

CS: Bha iad cho keen air a bhith a' cluinntinn nan òran aig na mnathan-luadhaidh, 's bha nigheanan a' bhaile cho math air seinn co-dhiù. Mòrag Mhurchaidh Fhìdhleir, 's Anna Dhòmhnaill Thormoid, 's Curstag Alasdair, a h-uile gin a bh' ann, bhiodh iad a' seinn, 's sinn fhèin cuideachd.

PM: Bha, 's nuair a bhiodh iad a' tomhais a' chlò, 's ann leis a' chromadh mar seo a bhiodh mo mhàthair ga... [Tha an clàradh a stad gu h-obann an seo.]

MN: Dè a-nis a bha sibh a' ràdh mun an tomhais?

PM: Ò aidh...

CS: Mura biodh e caol gu leòr.

PM: Uill, mura biodh e caol gu leòr, bhiodh mo mhàthair a' ràdh, bhiodh i ga thomhais leis a' chromadh, a' tomhais a' chlò leis a' chromadh. Agus bha fhios aice cia mheud òirleach a bha sin, agus chanadh i riutha:

"Ò, aon òran beag eile, no dhà, cuiridh e a-staigh e."

Source Type

Reel to reel

Audio Quality

Good