Search

Sheòl Mo Rùn ò haoi hiù

Date January 1956
Track ID 73138
Part 1

Track Information

Original Track ID

SA1956.28.B4

Original Tape ID

SA1956.028

Summary

A woman's song of unrequited love. She tells that her beloved, a sailor whom she had loved since her youth, has sailed away and left her.

Item Notes

Seven verses.

Language

Gaelic

Genre

Song

Collection

SoSS

Transcription

Sheòl mo rùn, o haghaidh hiù,
'S beag mo shunnd ris a' Challainn;
Sheòl mo rùn, o haghaidh hiù.

'S ann air long nan crannag àrd
Sheòl an t-àrmann on chala;
'S ged a cheilinn siud air càch,
'S tu mo ghràdh far na dh'fhan ann.
Sheòl mo rùn, o haghaidh hiù

'S math thu measg nan crannag shuas,
Nan croinn fhuar' air bheag fasgaidh;
Feadh nan seòl, 's iad reòite cruaidh,
'S tu le duanaig gam pasgadh
Sheòl mo rùn, o haghaidh hiù

'S nuair a thilleadh tu thar bhòids',
Ged nach poitear taigh-leann' thu,
Bhiodh do bhotal air a' bhòrd
Càch ga òl 's tu ga cheannach.
Sheòl mo rùn, o haghaidh hiù

Tha mo chàirdean rium an diomb
Chionn mi luaidh thoirt don mharaich';
"Bidh e tric sna taighean-ciùil,
Leannan ùr anns gach cal' aig'."
Sheòl mo rùn, o haghaidh hiù

'S òg a thug mi dhut mo rùn;
'S e bhith dlùth riut bu mhath leam;
'S ged a thug thu nis rium cùl,
Cha fear ùr bhios air m' aire.
Sheòl mo rùn, o haghaidh hiù

Is dh'fhàg thu mi mar eun air crann,
A nead lom air a chreachadh:
Bhuair thu mi le brìodal beòil –
Bòidean teann rinn mo mhealladh.
Sheòl mo rùn, o haghaidh hiù

Nist tha Challainn tigh'nn oirnn dlùth;
Thig bliadhn' ùr, is thig earrach;
Ach bidh mise 'n seo gun sunnd:
'S trom an driùchd th' air mo shealladh.
Sheòl mo rùn, o haghaidh iù.

Source Type

Reel to reel

Audio Quality

Good