Search

Prògram Choinnich

Date 03 April 1997
Track ID 7332
Part 1

Track Information

Original Tape ID

Program Choinnich 03.04.1997

Summary

Debate on the morality in the personal lives of politicians.

Iain X. MacIver and Seonag Monk debate morality in the personal lives of politicians. Iain says that personal moral issues have a bearing on the work of politicians, while Seonag says that politicians' personal lives are irrelevant to their work.

Recording Location

County - Ross and Cromarty

Parish - Stornoway

Island - Lewis

Village/Place - Stornoway

Language

Gaelic

Collection

BBC

Transcription

Coinneach MacÌomhair (CM): Tha sinne anns na seachdainean a tha romhainn mun àm sa a' dol a chluinntinn bonn deasbaid. Dithis a tha a' faighinn air adhart glè mhath - sin a tha iad ag ràdh co-dhiù - ach nach urrainn aontachadh mu nì sam bith, a' toirt am beachd air cuspair sònraichte gach seachdain. Càraid an deasbaid, Iain X. MacÌomhair agus Seonag Monk. An cuspair an-diugh, luchd-phoilitigeach, am beatha phearsanta, am bu chòir am beatha phearsanta a bhith a' bualadh air am beatha phoilitigeach. Ciamar a tha an dithis agaibh an toiseach?

Seonag Monk (SM): Och, tha gu dòigheil.

Iain X. MacÌomhair (IM): Tha, an droch thriom.

CM: Ann an droch thriom? 'S dòcha gum bu chòir gliong a bhith agam ann an seo. Seconds out. Iain, dè an taobh a tha thusa a' gabhail dhen an argamaid seo?

IM: Tha mise làidir dhen a' bheachd gu bheil moral-... cùisean moralta agus poilitigs a' dol còmhla.

CM: A Sheonag?

SM: Tha mise a' smaointeachadh nach eil gnothach sam bith aig beatha pearsanta politician ris an obair a tha iad a' dèanamh.

CM: Ann am beagan fhacail, Iain, carson a tha thusa dhen a' bheachd anns a bheil thusa?

IM: Tha a dhà no thrì phuing. Mana h-eil politician sam bith gu bhith onarach mu dheidhinn am beatha pearsanta, is cinnteach gu bheil e ceart teagamh a bhith oirnn mu dheidhinn càil sam bith eile a chanas iad. Sin a' chiad rud. Nuair a tha sinn ri bhòtadh cuideigin gu dreuchd aig a bheil cumhachd 's buaidh air beatha dhaoine eile, is cinnteach gum bu chòir dhaibh a bhith fosgailte mu dheidhinn am beatha fhèin. Tha seo gu h-àraid fìor, tha mi a' smaoineachadh, do phàrtaidhean a tha ag ràdh gu bheil iad airson gnothaichean teaghlach. Agus mu dheireadh, cha bu chòir coire a chur air a' mhedia nuair a chluinneas sinn sgeulachdan mar seo. Gun luchd-naidheachd a bhith a' faighneachd ceistean, agus ri cur feagal am beatha air politicians gun tig an nàrachadh, 's ann bochd a bhiodh an rìoghachd againn, le cash for questions, trash far questions, sleaze, agus man a bha an t-seachdain a chaidh, squeeze.

CM: Sheonag.

SM: Nach tu tha a' sèideadh suas leis na beachdan a tha sin. Tha mise a' smaointeachadh, tha ceithir seachdainean ri dhol chun an taghadh pàrlamaid, agus tha a h-uile coltas gum bi pàipearan-naidheachd loma-làn de sgainneal dhen a h-uile seòrsa. Tha mi a' fàs sgìth mar-thà dheth. An rud a tha mise ag ràdh, nach eil rud sam bith a tha buill-pàrlamaid a' dèanamh nam beatha pearsanta a' bualadh air mo bheatha-sa, no air beatha duine sam bith eile, ann an dòigh sam bith. Fhad 's a tha iad gan giùlan fhèin nan cuid obrach agus a' bruidhinn a-mach ann an Taigh nan Cumantan, 's e sin a tha a dhìth ormsa.

CM: Ach, a Sheonag, a bheil e cho sìmplidh ri sin, ge-tà?

SM: Tha mi a' smaointeachadh ma tha iad a' dèanamh an obair aca dòigheil, 's ma tha iad math air, rud sam bith a nì iad nuair a thig iad dhachaigh, chan eil mise airson fhaighinn a-mach mu dheidhinn. Co-dhiù, anns na pàipearan-naidheachd gu bheil thu a' faighinn a-mach ach blaighean de stòiridh. Chan fhaigh thu an fhìrinn uair sam bith. Chan fhaigh thu ach pìos an siud 's pìos an seo. Dè tha fios dè... fhios a'd, cò aig a tha fios dè tha a' tachairt ann an taigh duine sam bith 's dè tha a' tachairt eadar fear 's bean.

CM: Ach mas e 's ma tha Iain ag ràdh gu bheil iad ag ràdh ris a' mhòr-shluagh againn, tha còir agaibh ur beatha a bhith air a ghiùlan... a bhith gur giùlan fhèin mar seo, 's tha iad fhèin a' dol dhachaigh agus a' dèanamh rudeigin eile, nach eil sin a' togail a' cheist a tha seo mu dheidhinn creidse?

SM: Tha aon [???] nas motha na an fheadhainn eile, tha mi a' smaointeachadh. Chan eil iad uile aig... leis an aon bheachd idir. Tha mi a' smaointeachadh, can, bha seo riamh a' dol, politicians a' falbh le boireannaich, no le tè. Bha e riamh ann. Seall fhèin air Kennedy. Ach cha robh fhios againn aig... air an àm. Cha robh dad a dh'fhios againn air dad mu dheidhinn. 'S e fìor dheagh phresident a bh' ann. Tha an eachdraidh ag innse sin dhuinn. Bha fhios aig na daoine a bha mu timcheall air gun robh e ris an obair a bha seo, ach cha robh dad a dh'fhios againne air. Nist, tha fhios againn a-nist air, ach nam b' e an-diugh an-dè, dè bhiodh a' tachairt? 'S dòcha gum biodh iad air a chur às, agus 's e fìor chall a bhiodh sin, saoil nach e?

CM: Puingean glè mhath ann an siud aig Seonag, nach eil, Iain? Dè a' ghnothaich a th' aige... dè a' ghnothaich a th' aig dè tha duine a' dèanamh nuair a thèid e dhachaigh ri dè tha e a' dèanamh dhutsa 's dhòmhsa?

IM: Uill, tha mi a' smaoineachadh gur e an trioblaid a th' ann, chan e idir dè tha iad a' dèanamh aig an taigh, ach dè nuair a tha... dè tha iad a' dèanamh air an t-slighe dhachaigh, agus nuair a dh'fhàgas iad an taigh. Tha mi a' smaoineachadh, nuair a tha politician ag ràdh, air làr Taigh nan Cumantan, gu bheil esan airson an teaghlach agus còraichean an teaghlaich, agus am pàrtaidh aige ag ràdh gur e sin an seòrsa pàrtaidh a th' annta, nuair a tha an dearbh neach a tha sin an uair sin a' diogladh chat show hostess no às bith dè bh' innte, Soho, ann an Hyde Park, allegedly - dè a' Ghàidhlig air allegedly? - chan eil càil sam bith aige sin ri dhèanamh ri teaghlach, agus tha sin a' sealltainn nach eil ann ach breugadair.

CM: Breugadair. Agus an e sin... an e gur e gu bheil e ag innse nam breugan as motha a tha a' dèanamh dragh dhutsa? No an e gu bheil e a' dèanamh rud sam bith a tha ceàrr?

IM: 'S e gu bheil e ag innse nam breugan, gu bheil e ag ràdh aona rud agus a' dèanamh a cheart aghaidh sin. Sin an rud a tha ceàrr, agus...

CM: Mar sin, chan e... chan e...

IM: 'S e sin an rud a bu chòir fhios a bhith aig daoine.

CM: Mar sin, chan e an gnìomh a tha thu ag ràdh a tha ceàrr idir. 'S e dìreach nach eil e onarach mu dheidhinn a' ghnìomh a tha e a' dèanamh?

IM: 'S e. Chan eil mise ag ràdh... chan eil mise a' dol a chantainn gu bheil mise no duine sam bith eile nas fheàrr na duine eile, agus nach do rinn mi càil ceàrr a-riamh, ach 's e tha mi ag ràdh, daoine a th' air a bhòtadh a-steach do dhreuchdan far a bheil buaidh aca air daoine eile, ma tha iad ag ràdh aona rud agus a' dèanamh rud eile, tha sin ceàrr agus bu chòir sin a bhith air a shealltainn dhan t-sluaigh.

CM: Ach mar a tha Seonag ag ràdh, nach robh politicians a' dèanamh seo a-riamh?

IM: 'S e an rud, tà, ann an deamocrasaidh sam bith, bu chòir fhios a bhith againn air. Bhathar ga fhalach cus, ris na bliadhnaichean ron a seo, agus...

SM: A bheil thusa ag ràdh...

IM: Fan an-dràsta ort. Bhon tha media nas fheàrr againn agus a' dol nas dàna na b' àbhaist dhaibh a bhith, airson b' àbhaist dhaibh a bhith fo smachd politicians agus feagal a' bheatha orra, bhon a tha iad a' dol nas dàna a-nis, 's ann a tha sinn a' cluinntinn barrachd mu dheidhinn, agus 's e rud fallain a tha sin.

SM: A bheil thu a' smaointeachadh... a bheil thusa ag ràdh riumsa gum feum buill-pàrlamaid a bhith cho geal ri geal?

IM: Chan eil. Ach 's e tha mise ag ràdh nach bu chòir dhaibh a bhith ag ràdh aona rud agus a' dèanamh a cheart aghaidh sin. Sin an rud a tha mi ag ràdh. Chan eil mise ag ràdh gu bheil beatha duine sam bith...

SM: Ach nach e... 's e gnothach moraltachd a tha seothach, ge-tà. Chan ann a' bristeadh an lagh a tha iad idir, an ann? Nam biodh sinn ag iarraidh... nam biodh sinn a' dol a dh'iarraidh rud a tha thusa ag ràdh, chan fhaigheadh sinn pearsa-eaglais no easbaig, gun luaidh air politician a bhiodh cho geal ris a sin.

IM: Uill, chan eil mise ag ràdh sin idir. 'S e tha mi ag ràdh, cho fad 's a tha na daoine a tha sin ag ràdh gur ann mar seo a bu chòir dhuinne a bhith a' caitheamh ar beatha, 's gu bheil iadsan a' dèanamh rud a cheart aghaidh sin, tha sin ceàrr. Bu chòir fhios a bhith againn air, agus 's e rud fallain a th' ann gu bheil daoine a' sealltainn sin, ged a b' ann air Rèidio nan Gàidheal no air beulaibh an Sun. Chan eil càil a dhiofar.

SM: Nach e an fhìrinn, ge-tà, nach eil duine a' buannachd a-mach às a seothach ach muinntir nam pàipear-naidheachd. Sin an fheadhainn a tha a' falbh 's a' dèanamh [???] a' falbh gu banca ris na tha iad a' cosnadh às, a' dèanamh sgainneal ann am pàipearan a' sgrìobhadh mu dheidhinn. 'S e an fheadhainn a tha ag iarraidh...

IM: Chan e. Na daoine a tha a' buannachadh às, 's e mise agus thusa, airson tha sinn a' faicinn a-mach an connspaid a tha a' dol air adhart, agus tha... na droch phearsaichean a tha sinn a' smaoineachadh bu chòir a riaghladh.

SM: Tha mi a' smaointinn gu bheil thu ro chruaidh orra, ge-tà. Chan e...

IM: Chan eil mi ro chruaidh.

SM: [???] moraltachd a th' ann, nach e.

CM: Uill, seo a' cheist a th' agam. An rud a tha thusa ag ràdh ann an sin, Iain, nach fhaodamaid a ràdh mu dheidhinn rud sam bith? Chan e gu bheil iad mì-mhoralta a tha a' dèanamh dragh dhut idir, a-rèiste. Tha thu a' smaoineachadh gu bheil iad ceart gu leòr a bhith mì-... a bhith mì-moralta, fhad 's a bhios fhios againn gu bheil iad mì-mhoralta. A bheil thu ag ràdh, a-rèiste, gum bu chòir dha tagraiche a bhith ag ràdh, och, tha mise a' dol a dh'fhalbh leis an tè ud, no tha mi a' dol a dh'fhalbh leis an... no tha mise a' dol a dh'fhalbh leis an fhear ud, no a' dol a dh'fhalbh leis an fhear ud?

IM: Chan eil, chan eil. Air do shocair. 'S ann a tha mise ag ràdh gu bheil e nas cudromaiche gu bheil iad... gu bheil dà aghaidh orra, fhios agad. Sin an rud a tha mi ag ràdh. Tha sin nas cudromaiche. Chan eil mise ag ràdh gu bheil iad ceart, an rud... a' dol a-mach a th' aca, bho thaobh mhoralta, ach chan eil mise ag ràdh aig a' cheart àm nach eil... gum feum iad a bhith nas glaine na duine sam bith eile. Tha rudan mar seo air a bhith a' dol a-riamh.

SM: Carson a dh'fheumas sinn fhaighinn a-mach mun deidhinn, ge-tà? Chan eil gnothach sam bith againne ris. Carson a dh'fheumas fios a bhith againn?

IM: Carson a tha thu a' dèanamh leisgeulan airson daoine aig a bheil cumhachd mhòr air ar beatha-ne? Seo na daoine a tha a' dèanamh nan riaghailtean, mas fhìor.

SM: Tha mi a' smaointeachadh gur e call a th' ann ma tha... ma tha politicians air am milleadh air sàillibh sgainneal a bhith air a togail ann am pàipear-naidheachd mun deidhinn.

IM: B' fheàrr leatsa a h-uile càil a bhith air a chur fon an ruga. An e sin a tha thu ag ràdh?

CM: Uill, chan e gum biodh e air a chur fon an ruga, Iain, ach a Sheonag, nach e... nach e a' cheist, mana biodh iad ris anns a' chiad àite, airson ged a tha thu ag ràdh siud mu dheidhinn am President Kennedy 's mar sin an-dràsta, tha sinn air gluasad air adhart bhon a sin, nach eil?

SM: Tha, ach seall, ge-tà, can mar a bha Papandreou sa Ghrèig...

CM: Chan e gu bheil mise a' toirt taic dha Iain - chan eil feum aige air - ach tha thusa a' cur uiread de cheistean airsan gu bheil mise ag iarraidh ceist a chur ortsa.

SM: Can am fear sin, ma-thà. Papandreou sa Ghrèig, a thug a dhaoine gu saorsa bho buaidh dictatorship, 's na sheann aois dh'fhalbh e le boireannach òg. A bheil sinn a-nis a' dol a thòiseachadh air a chàineadh 's a' dol a dhìochuimhneachadh a h-uile rud a rinn e, air sàillibh gun do dh'fhalbh e còmhla ri boireannach òg? Cò tha coma ged a dh'fhalbhadh e còmhla ri boireannach. [???] gu diofar. Fhad 's a tha iad a' dèanamh an obair aca ann an dòigh dhòigheil...

IM: Nach tu a th' air fàs mì-mhoralta, na do sheann aois.

SM: Chan eil. Nach eil an t-àm againn gluasad anns an dòigh a tha muinntir na Roinn Eòrpa a' dèanamh? Chan fhaic thu sgainneal dhen t-seòrsa seo anns na pàipearan acasan idir. Tha mi a' smaointeachadh, ma tha cealgaireachd a' dol a thaobh gnothach airgid, bu chòir dhaibh an uair sin an dreuchd a leigeil dhiubh, 's bu chòir muinntir nam pàipear-naidheachd barrachd row a dhèanamh mu dheidhinn sin seach boireannaich. Cò tha coma ged a dh'fhalbhadh iad le boireannaich.

IM: Uill, tha dà thaobh air an sleaze a tha sinn a' cluinntinn mu dheidhinn.

CM: Fàgaidh sinn an t-airgead gu latha air choreigin eile. Fàgaidh... fuirichidh sinn aig a' mhoraltachd an-diugh.

IM: Uill, tha mi a' smaoineachadh gu bheil an rud a' tighinn sìos gu gnothaichean moralta cuideachd. Chan e idir cò còmhla ris a tha iad anns an leabaidh, a Choinnich. Feumaidh tu cluinntinn mu dheidhinn, fhios agad, standards, fhios agad. Tha an dà thaobh ann, agus chan eil mi a' smaoineachadh gun urrainn dhut sgaradh a dhèanamh eadar na dhà idir. Chan eil sin ceart, agus chan eil moralta a dhèanamh.

SM: Tha mi a' smaointeachadh ma tha thu gan iarraidh a bhith cho geal 's a tha thusa gan iarraidh, chan fhaigh thu politicians ann.

IM: Chan eil mise...

SM: Ma tha thu a' dol a tòiseachadh air cladhach ann am beatha a h-uile politician a th' ann, gheibh thu rudeigin air cuideigin. Fhios agad, chan eil ceann gun pheacadh fon ghrèin.

IM: Tha thu a' dèanamh leisgeulan airson daoine a tha ri faighinn... uill, tha iad tha iad a' faighinn tlachd... làn... làmh-an-uachdair air daoine bhon a tha iad air an cur ann an dreuchdan far a bheil cumhachd aca, far a bheil cothroman aca tòrr de rudan a dhèanamh agus a chumail air falach, agus tha thusa a' dèanamh leisgeulan air an son, agus 's e rud mì-fhallain a th' ann dhan rìoghachd, dha deamocrasaidh, agus dhan an t-saoghal, daoine a bhith a' smaoineachadh...

SM: Tha thu ceàrr. Tha mise a' smaointeachadh...

IM: Agus far a bheil sin a' tachairt, tha na rìoghachdan sin, 's ann gu math bochd a tha iad.

CM: Haoi, cha leig thu leas a bhith ag èigheach. Rèidio a tha seo. Cluinnidh iad thu gun èigheach.

IM: Uill, 's e an fhìrinn a th' agad. Sin man a bhios rìoghachdan agus riaghaltasan a' tuiteam às a chèile.

SM: Tha mise a' smaointeachadh, nan leughainn a-màireach gun do ghabh Iain Major smùid 's gun do dh'fhalbh e oidhche còmhla ri Spice Girl, bhithinn na bu bhuailtiche bhòt a thoirt dha.

CM: Ò, chan eil an fhreagairt ann airson siud. Chan eil freagairt idir airson siud. Puing an deasbaid...

IM: [???] am biodh i pòsta.

CM: Tha siud a' puing an deasbaid an t-seachdain sa. Deasbad, dèanaibh fhèin an-àird ur n-inntinn. Chan eil mise a' dol a thoirt breith idir. Iain X. MacÌomhair, Seonag monk. Bidh iad air ais ann an seo ag argamaid 's ag osnaich man a tha Iain a' dèanamh an-dràsta aig an aon àm an t-seachdain sa tighinn.

Source Type

Dat

Audio Quality

Good