Search

Dealan-dè

Date
Track ID 74300
Part 1

Track Information

Original Tape ID

DealanDe 1989.01.27

Summary

Teaching in Rhenigadale School, Harris.

Rachel Campbell discusses the days she spent teaching in Rhenigadale School in Harris. She mentions what the place was like at that time, the work that people did, the school, how she walked from Bowglass at the start of the week, and how she feels now that Rhenigadale is getting a road.

Item Location

County - Inverness-shire

Parish - Harris

Island - Harris

Village/Place - Rhenigidale

Language

Gaelic

Collection

BBC

Transcription

Coinneach MacÌomhair (CM): Raonaid, cuin a chaidh sibh a theagasg a Rèinigeadal an toiseach? Dè a' bhliadhna a bh' ann?

Raonaid Chaimbeul (RC): Nineteen forty-four.

CM: Cia mheud duine a bh' anns an sgoil aig an àm a bha sin?

RC: Tha mi a' smaoineachadh gur e naoinear a bh' ann. Bha dà theaghlach ann às a' bhaile, 's bha evacuees à Glaschu ann. Bha an cogadh a' dol aig an àm.

CM: Dè seòrsa àite a bh' ann an Rèinigeadal aig an àm a bha sin?

RC: Uill bha beagan a bharrachd a dhaoine ann na th' ann an-diugh. Bha a h-uile gin dhe na taighean, bha cuideigin anns a h-uile gin dhe na taighean a bh' ann an uair sin, gu 'n ruigeas an fheadhainn a bh' air a' cheann a-muigh, Gearraidh Mhurchaidh, 's Nostair, bha duine ann na aonar. Bhiodh e a' tighinn chun a' bhaile a chèilidh a h-uile h-oidhche. Bha e glè èibhinn. Bodach èibhinn a bh' ann.

CM: Càit an robh esan a' fuireach?

RC: Nostair.

CM: Cà 'il sin a-nis?

RC: Tha sin far a bheil am fish farm an-diugh.

CM: 'S an robh esan a' fuireach leis fhèin ann an sin?

RC: Bha. Taigh beag aige. Bha e glè dhòigheil cuideachd.

CM: 'S dè an obair a bha iad a' dèanamh? An robh obair ann?

RC: Ò cha robh. Bha iad ag iasgach, 's bha caoraich aca, 's bha iad ag àiteach, bha iad a' dèanamh tòrr àiteach. Dh'fheumadh iad. Cha robh e furasta stuthan fhaighinn a-steach dhan a' bhaile ann.

CM: An robh sibhse a' fuireach ann an Rèinigeadal aig an àm a bha sin?

RC: Bha mi a' fuireach anns an taigh-sgoile. Bha rùm-còmhnaidh anns an taigh-sgoile agus an rùm-sgoile. Cha robh an còrr ann.

CM: An robh sibh mar thè de mhuinntir an àite fhèin? No an robhas gur cur ann an suidheachadh eadar-dhealaichte seach gun robh sibh nur bean-teagaisg?

RC: Uill, tha mi a' creidsinn gun robh beagan, ach cha robh mòran. Chaidh mi ann às a' cholaiste, 's dh'fhairich mi glè neònach ann an toiseach, ach dh'fhàs mi glè eòlach orra mu dheireadh, 's bha mi mar duine aca fhèin.

CM: Dè an cànan a bhiodh agaibh? An e a' Ghàidhlig no an e a' Bheurla?

RC: 'S e a' Ghàidhlig. 'S e a' Ghàidhlig a bh' ann. Cha robh Beurla aca. Bha Beurla aca nan tigeadh orra... nam biodh feum aca oirre, ach cha robh Beurla aca ga bruidhinn eatorra fhèin idir.

CM: 'S dè mu dheidhinn an sgoil? Dè an cànan a bh' agaibh anns an sgoil?

RC: Ò 's e Beurla a bh' againn anns an sgoil, ach of course, bha a' chlann, 's e a' Ghàidhlig a bh' aig a' chloinn gu 'n tigeadh iad dhan an sgoil, ach cha bhiodh iad fada anns an sgoil nuair a bha iad a' dèanamh a' ghnothaich. Bha iad... sgoilearan math ann.

CM: Nise, cha b' ann à Rèinigeadal a bha sibh fhèin idir, ach à Bogha Glas, nach ann?

RC: 'S ann, 's ann. Far a' Bhogha Ghlais, 's ann.

CM: Agus dè cho tric 's bhiodh sibh a' faighinn dhachaigh?

RC: Anns a' gheamhradh chan fhaighinn dhachaigh cho tric. Ach as t-samhradh bha mi a' tighinn dhachaigh a h-uile weekend, a h-uile Dihaoine.

CM: Bha pìos math coiseachd an sin?

RC: Ò bha. Bha... uill, Dihaoine bha bus aig Màraig. Gheibhinn am bus aig Màraig. Ach feasgar na Sàbaid bha mi a' coiseachd fad an t-siubhail on a... às a seo gun a... gu Rèinigeadal.

CM: Dè an t-slighe a bhiodh sibh a' gabhail?

RC: Uill, bhithinn a' gabhail seann... an seann rathad. Cha robh mi a' gabhail an rathad a tha na càraichean a' gabhail an-diugh idir, ach bha mi a' gabhail seann rathad a bha a' dol a-mach eadar seo 's Màraig, 's bha e timcheall air mìle na bu ghiorra na 'n rathad a bha na càraichean a' gabhail.

CM: 'S dè an ùine a bheireadh sibh a' coiseachd à seo gu Rèinigeadal a-rèiste?

RC: Och bheirinn deagh threis. Bheirinn, tha mi a' creidsinn, trì uairean a thìde, tha mi a' creidsinn, ach bhithinn a' tadhal. Bhithinn a' tadhal anns na taighean a bha ann am Màraig 's air an Eilean Anabaich.

CM: Cà 'il sin?

RC: An t-Eilean Anabaich. Sin taobh eile Loch Mhàraig. Far a... bheir sibh rathad Rèinigeadal an-diugh, tha e a' dol tron an Eilean Anabaich.

CM: 'S a bheil duine a' fuireach an sin an-diugh?

RC: Uill chan eil duine anns na taighean a tha thall. Tha aon taigh ann, ach chan eil an duine aig an taigh uabhasach tric. Ach tha na taighean eile falamh an-diugh.

CM: Ach aon uair agus gum fàgadh tu sin, bha pìos math coiseachd agad mus ruighneadh tu Rèinigeadal ge-tà?

RC: Bha. Bha an dìreadh eagallach duilich gun am biodh duine a-staigh anns a' bhealach. Ach aon uair 's gun robh sibh anns a' bhealach bha e... bha an còmhnard a-steach, 's bha cromadh an uair sin dhan a' bhaile.

CM: Cò ris a bha sin coltach? An e cuairt mhath a bh' ann air feasgar Sàbaid samhraidh?

RC: Ò uill, 's e. Ach tha mi a' smaoineachadh gun robh an t-sìde na b' fheàrr an uair ud na tha i an-diugh.

CM: Sibh fhèin beagan na b' òige cuideachd.

RC: Aidh. Mo chasan na b' fheàrr.

CM: Cia mheud bliadhna a thug sibh a' teagasg ann an Rèinigeadal?

RC: Còig. Bha mi ann còig bliadhna.

CM: 'S an do dh'atharraich àireamh na cloinne anns an ùine a bha sin?

RC: Uill, dh'atharraich. Dh'fhalbh na h-evacuees. Bha iad seachad air aois sgoile, 's thàinig am màthair 's dh'fhalbh iad air ais a Ghlaschu, 's dh'fhàs a' chlann eile a bha... dh'fhàs iad suas.

CM: 'S ciamar a fhuair an fheadhainn sin a chaidh an cur a Rèinigeadal aig àm a' chogaidh, ciamar a fhuair iad air adhart ann an Rèinigeadal, a bha cho tur eadar-dhealaichte?

RC: Ò fhuair glè mhath. Bha iad a' cleachdadh a bhith a' tighinn ann aig holidays. Bha piuthar am màthar 's bràthair am màthar, bha iad a' fuireach ann, 's bha iad còmhla riutha sin, 's bha iad glè thoilichte.

CM: Dè mu dheidhinn a-nis biadh 's mar sin? Am biodh biadh ga ullachadh anns an sgoil? No am biodh iad a' dol dhachaigh gu na taighean?

RC: Ò bha iad a' dol dhachaigh. Bha na taighean cho faisg. Bha. Bha iad a' dol dhachaigh an-còmhnaidh.

CM: Tha mi cinnteach a-nise, ma bha sibh ceithir no còig a bhliadhnaichean ann an àite mar Rèinigeadal, gur iomadach rud annasach a thachair fhad 's a bha sibh ann?

RC: Bha sneachd uaireigin eagallach dona ann. Chan fhaigheadh duine a-mach às idir, ach latha a bhiodh gu math gheibheadh iad a-mach le eathar.

CM: Cha robh dealan no càil ann an uair sin?

RC: Ò cha robh. Cha robh. Cha robh ann ach na lampaichean 's na Tilleys.

CM: Ciamar a gheibheadh sibh naidheachd chun an t-saoghail?

RC: Uill bha na radios, wireless aig a' chuid bu mhotha. Bha.

CM: Na daoine a tha sinne eòlach orra an-diugh a tha a' ruith chùisean ann an Rèinigeadal, tha mi a' creidsinn gun robh iadsan agaibhse anns an sgoil?

RC: Ò bha gu dearbh. Bha. Coinneach, bha e anns an sgoil, 's a h-uile duine dhen teaghlach aige. Feadhainn eile chan eil iad beò an-diugh dhe na bh' agamsa anns an sgoil.

CM: Gu ìre, 's e Coinneach a th' air mòran dhen an t-slighe a dhèanamh airson an rathad ùr a tha seo a-nis, a tha a' dol a chiallachadh gu bheil Rèinigeadal a' ceangal a-steach ris a' chòrr dhen an eilean. Cò ris a bha e coltach nuair a bha e anns an sgoil?

RC: Ò bha e glè laghach. Bha e laghach dha-rìribh nuair a bha e anns an sgoil, 's bha e... chan eil mi a' smaoineachadh gun robh mòran ùidh aige anns an sgoil idir. Bha an fheadhainn eile dhen teaghlach tòrr na bu dèidheile air an sgoil na bha Coinneach.

CM: Ciamar a tha sibh fhèin a' faireachdainn a-nis mu Rèinigeadal agus às dèidh na tha seo de bhliadhnaichean, strì 's daoine ag iarraidh rathad, an rathad a-nis gu bhith ann?

RC: Uill, cha mhòr gun gabh e creidsinn. Chaidh mi a-mach aon latha, agus cha mhòr gun gabhadh e creidsinn. Ach tha mi glè thaingeil gun d' fhuair iad an rathad, 's tha mi an dòchas gun dèan e feum dhaibh, gum bi iad toilichte leis. B' fheàrr leam gun robh e air a bhith ann o chionn fhada. Bha e air feum a dhèanamh do bharrachd dhaoine nam biodh e air a dhol ann o chionn grunn bhliadhnaichean.

CM: Bha e air ur beatha-sa a dhèanamh na b' fhasa dhuibh nuair a bha sibh a' teagasg co-dhiù.

RC: Och bha. Ach och uill, bha mise cho òg an uair sin. Cha robh càil cho duilich 's a tha e an-diugh.

CM: A bheil e duilich dhuibh a bhith a' faicinn gur iongantach mana bi an sgoil a' dùnadh?

RC: Ò tha, tha. Ach 's dòcha nach dùin i ach ùine ghoirid. 'S dòcha gum fosgail i fhathast. Ma thig daoine air ais 's dòcha gum fosgail i fhathast.

Source Type

Reel to reel

Audio Quality

Good