Search

Mar a chuir Nighean Dualachain seun air Niall Mabach gus a d...

Date 23 September 1953
Track ID 7583
Part 1
Part 2

Track Information

Original Track ID

SA1953.183.2

Original Tape ID

SA1953.183

Summary

How Nighean Dualachain put a protection charm on Niall Mabach to protect him in battle.

A woman in Strath, Nighean Dualachain, gave Niall Mabach, Niall MacAonghais, a protection charm before he went to war in France during the Napoleonic War. He did not get hurt at all. The British camp was once short of food, and so Niall stole a side of beef from the French camp. He was fired on all the way back to his own camp. He reached safely, but nothing was left of the meat except the bone. He remained in the army for many years and came to no harm.

Item Subject/Person

Niall Mabach

Item Location

County - Inverness-shire

Parish - Strath

Island - Skye

Language

Gaelic

Genre

Story

Collection

SoSS

Transcription

Niall MacFhionghain: Bho chionn còrr agus ceud gu leth bliadhna, bha boireannach ainmeil ann an sgìre an t-Sratha ris an canadh iad Nighean Dualachain, agus tha e coltach gun robh buadhan iongantach aice air an dàrna dòigh. B' urrainn dhi seun a chur air duine gus nach... nach tachradh nì sam bith dha, ach a rèir cùrsa nàdair gum feumadh e falbh co-dhiù.

B' ann anns... ann an Àird an t-Sratha, gille òg ris an canadh iad Niall Mabach - Niall MacAonghais - agus ghabh e anns an arm ge b' oil le... le athair 's le mhàthair, agus cha robh e fada gus an robh e mu choinneamh nam Frangach, 's e ann an Cogadh Bhonaparte.

Tha e air innse, agus iad... mar a chanas iad an-diugh anns na trainnseachan, gun tigeadh... a h-uile h-uair a thigeadh làdach bho na Frangaich agus a thilgeadh i srad anns an talamh timcheall air Niall agus a leagail sìos an fheadhainn a bh' air gacha taobh dheth, gur ann a chanadh esan: "Mo bheannachd ort fhèin, Nighean Dualachain."

Agus latha sònraichte, bha na Breatannaich air dhroch dhòigh a thaobh biadh, agus mun coinneamh bha campa nam Frangach a' deasachadh biadh agus a choltas orra gun robh am pailteas aca. Leum Niall Mabach a-mach às an trainnse leis fhèin, agus an gunna air a ghualann. Ghabh e a-null dìreach far an robh na Frangaich, agus bha iad ann a shin a' ròsladh ceathramh mairt air an teine. Stob e a bheugaileid anns an fheòil agus thilg e air a ghualann i, agus thòisich e air coiseachd air ais gun a' champa aca fhèin. Ach ma thòisich, thòisich na Frangaich air losgadh air, agus dh'fhalbhadh caob dhen fheòil an siud 's an seo, ach cha robh a leithid a' bualadh ann an Niall.

Ràinig e gu sàbhailte an t-àite a dh'fhàg e, ach ma ràinig, cha mhòr a bh' aige air a shon. Cha robh mòran aige ach an cnàimh mòr dhen a... dhen a' cheathramh a chuir e air a ghualann aig campa nam Frangach.

Chuir Niall seachad iomadh bliadhna anns an arm an dèidh sin, fad cogadh Bhonaparte uile-gu-lèir, agus cha d' fhuair e dochann sam bith. Thàinig e dhachaigh sàbhailte na... a dh'Àird an t-Sratha, far an do... an t-àite a dh'fhàg e, agus tha e uile-gu-lèir a' toirt an cliù airson sin do Nighean Dualachain agus an t-seun a chuir i air mus do dh'fhalbh e an toiseach.

Source Type

Reel to reel

Audio Quality

Good