Search

Mac an uachdarain agus an treabhaiche.

Date 1963
Track ID 77581
Part 1
Part 2

Track Information

Original Track ID

SA1963.56.B9; SA1963.57.A1

Original Tape ID

SA1963.056

Summary

The landowner's son and the ploughman.

A landowner's son fell in love with a ploughman's daughter. The ploughman was told he must leave, but his daughter said she would go instead. She went to Glasgow where she found a ship going to America and she persuaded the Captain to take her. She became a servant to a banker in America. He asked her not to go near a shed and a certain room. One day she found a young girl dead in the shed. She found the room was full of gold and silver. She filled her bag with gold and fled. She made her way to the ship again.

The captain did not know where she could hide but the crew wrapped her in topsail and the banker did not find her. She got back to Glasgow. The Captain would take no money from her but she gave some to the crew. She arrived back home and the landowner's son left home to marry her (she told no one of the money). The landowner's son had to work on the road which he found hard. An estate next to his father's came up for sale and she told him to bid £100 higher than the highest offer. She paid for the estate with the money. When the old landowner died the son inherited his estate too.

Language

Gaelic

Genre

Story

Collection

SoSS

Transcription

Aonghas MacIllFhialain (AM): Uill, 's e uachdaran a bha seo agus bha aon ghille aige, agus bha e a' cumail treabhaiche. Agus bha nighean fuathasach brèagha aig an treabhaiche. Agus 's ann a ghabh an gille a leithid a nòisean dhe nighean an treabhaiche agus bhiodh e ann gun stad a h-uile h-oidhche.

Dhia, fhuaradh an seo a-mach gun robh e... meas mòr aige air nighean an treabhaiche, agus cha b' ann toilichte dheth bha athair 's a mhàthair. Chuir an t-uachdaran fios air an treabhaiche agus thuirt e ris... dh'fhaighneachd e dheth gu dè bha a' toir dha a bhith a' gabhail [?ri] a mhac-san.

"Tha fhios agad glè mhath," ars esan, "nach bu mhaidse e dha do nighean-sa," ars esan.

"Ò uill," ars an treabhaiche, "gu dè an cothrom a th' agamsa air a sin?" ars esan.

"Ò uill, bidh do chothrom agad air, ma-tà, gum bi thu a' clìoradh air falbh à seo. Cha bhi thu an seo nas fhaide."

Chaidh am bodach dhachaigh agus thuirt e ris an nighinn:

"'An-tà gu dearbh," ars esan, "chan eil dad an-asgaidh agamsa," ars esan, "dha do shuirghe-sa agus... thu fhèin 's mac an uachdarain," ars esan. "Chan eil againn a-nist," ars esan, "ach an imprig a dhèanamh ge air bith cà 'm faigh sinn àite."

"An-tà," ars ise, "ma bha e a' tighinn an seo," ars ise, "cha robh mise ag iarraidh air tighinn ann, agus carson nach cumadh e aige e. Ach mas e mise as coireach ris a sin," ars ise, "falbhaidh mise, ma-thà, agus fanadh sibhse far a bheil sibh."

'S e seo a rinn i. Sgioblaich i i fhèin 's cha robh mòran luggage aice ach baga. Fhuair i gu ruige Glaschu 's bha saothach ann a shin a' gabhail cargu a-staigh, 's chaidh i far an robh an sgiobair feuch am faigheadh i a-null gu ruige Ameireaga. Dh'innis i dhan sgiobair gum b' fheudar dhi an taigh fhàgail air sàillibh mic an uachdarain.

"Agus," ars ise, "chan eil... chan eil mòran airgid agam," ars ise. "Tha eagal orm," ars ise, "nach eil agam na phàigheas am faradh," ars ise, "ach bu toigh leam faighinn air falbh co-dhiù," ars ise.

"A leabhra," ars an sgiobair, "ma-thà," ars esan, "bheir mise passage an-asgaidh dhut a-null."

"Ò ma-thà, glè mhath," ars ise, "chan urrainn a bhith nas fheàrr."

Dh'fhalbh i 's an sgiobair 's sheòl iad a-null. 'S nuair a ràinig iad an seo thall thuirt an sgiobair rithe:

"Ò uill," ars esan, "cha ruig thusa leas a dhol an tìr an-dràsta," ars esan. "Thèid mi fhìn a-mach," ars esan. "Tha mi a' smaointinn gum bu chòir do dh'oifis a bhith an seo airson luchd-seirbhis," ars esan, "agus fan thusa," ars esan, "far a bheil thu," ars esan.

Chaidh an sgiobair a-mach, 's bha e a' dol tron bhaile 's cha robh e a' faicinn coltas oifis. Thachair an seo marcaiche ris, agus bhruidhinn e ris. Aithnichidh a h-uile duine fear-mara. Agus dh'fhaighneachd e dheth:

"A bheil fad o thàinig thu a-staigh dhan phort?" ars esan.

"Chan eil gu dearbh," ars an sgiobair. "Cha do rinn mi ach tighinn a-staigh a-raoir ann," ars esan.

"An robh pasaindearan agad a' tighinn a-nall?" ars esan.

"Ò cha robh," ars an sgiobair, "ach aon nighean," ars esan, "a bha a' tighinn airson cosnadh."

"Ò nach bochd fhèin," ars esan, "nach robh mi beagan na bu tràithe," ars esan. "'S ann a' coimhead airson searbhanta a tha mise, ma-thà," ars esan. "Agus," ars esan, "'s e bancair
a th' annam," ars esan, "agus an t-searbhanta a bh' agam," ars esan, "phòs i," ars esan, "agus chan eil duine agam a-nist," ars esan.

"Ah uill," ars an sgiobair, ars esan, "tha i agamsa air bòrd fhathast," ars esan, "ma chòrdas sibh fhèin," ars esan.

"God bless you, ma-thà," ars esan, "chan eil fhios a'm nach eil mi lucky fhathast," ars esan.

"Uill, thèid mise a-staigh," ars an sgiobair, "'s canaidh mi rithe," ars esan, "i thighinn a-mach," ars esan. "Nì sibh fhèin bargain."

Chaidh an sgiobair a-staigh 's:

"Chan fhaca mise," ars esan, "coltas oifis an seo," ars esan, "ach chunna mi," ars esan, "fear an siud," ars esan, "e ag iarraidh searbhanta," ars esan, "agus ma thogras... dheònaicheas tu a dhol ann," ars esan, "tha e ag ràdh rium gur e bancair a th' ann," ars esan, "'s nach eil e an taing," ars esan, "tuarastal a thoirt do shearbhanta," ars esan. "An t-searbhanta a bh' aige gun robh i aige o chionn ùine mhòr agus gun do phòs i 's gun robh e a-nis gun searbhanta idir."

Ò bha ise coma ach àite air choreigin fhaighinn. Thàinig i a-mach. Ò chuir esan fàilte oirre 's dh'fhaighneachd e dhith am biodh i deònach fastadh a ghabhail. Thuirt i gum bitheadh.

"Uill, ma-thà," ars esan, "'S e bancair a th' annamsa," ars esan, "agus cha bhi mi a-staigh ach aig oidhche," ars esan. "Bidh mi a' falbh sa mhadainn," ars esan. "Bidh mi a' toir leam mo dhinnearach, agus cha bhi sìon agad ri dhèanamh," ars esan, "ach an taigh a chumail air dòigh 's a chumail glan," ars esan, "agus mo bhracaist-sa anns a' mhadainn agus mo shuipear a bhith deiseil agad aig oidhche," ars esan. "Cha bhi sìon agad ri dhèanamh ach sin," ars esan. "Agus dè," ars esan, "an tuarastal a bhios tu ag iarraidh?"

Dh'innis ise.

"Ò uill, ceart gu leòr," ars esan, "ma-thà, gheibh thu sin. Agus tha mi duilich," ars esan, "nach robh fios a'm gun tachradh an gnothach cho math rium," ars esan. "Nam bitheadh," ars esan, "bhiodh conveyance agam," ars esan, "na b' fheàrr na am pònaidh," ars esan. "Ach co-dhiù," ars esan, "an rud a th' ann," ars esan, "'s e a dh'fheumas tu a ghabhail," ars esan. "Ma tha luggage agad," ars esan, "cuiridh sinn ann an àite am bi e sàbhailte gu leòr gu 'n tèid mi fhìn ga h-iarraidh," ars esan.

Ò cha robh luggage aice ach am baga.

"Ò uill, mura eil ann ach sin," ars esan, "bheir mi leam air mo bheulaibh e."

Chuir an sgiobair air a chùlaibh air muin a' phònaidh i 's dh'fhalbh iad. Chaidh iad a-mach pìos mòr às a' bhaile. Thàinig e seo gu taigh. Bha i air dorchnachadh, an oidhche.

"Uill, seo agad an t-àite," ars esan, "agus thig a-nist [???]," ars esan. "Uill, seas ann a shin mionaid bheag," ars esan, "gus an cuir mise a-staigh am pònaidh."

Dh'fhalbh e 's chuir e a-staigh am pònaidh 's thàinig e 's dh'fhosgail e an doras 's chaidh e a-staigh.

"Seo, dèan thusa suidhe a-nist," ars esan. "Nì mi fhìn an gnothach a-nochd. Tha mi cinnteach gur e mi as eòlaiche air fheadh an taighe," ars esan, "agus bidh thu fhèin a' dèanamh a' chuid as fheàrr a ghabhas dèanamh sa mhadainn," ars esan.

Thòisich e sin air dèanamh... cur air dòigh suipear agus ghabh iad an suipear.

"Trobhad a-nist," ars esan, "'s gum faiceadh tu do rùm-cadail."

Thug e sìos i.

"Sin do rùm-cadail a-nist," ars esan. "Cha bhi agad ach an doras a ghlasadh," ars esan, "'s cha bhi sìon a' cur dragh ort ann a shin, 's èiridh tu sa mhadainn," ars esan. "Tha a h-uile sìon ann a shiud," ars esan, "'s rud sam bith a bhios a dhìth ort cha bhi agad ach innse dhòmhsa," ars esan, "'s gheibh mise dhut e," ars esan.

"Ò cha b' urrainn a bhith na b' fheàrr," ars ise.

Agus anns a' mhadainn dh'èirich ise 's rinn i bracaist. Dh'fhalbh esan. Cha tàinig e gus an robh i dorcha.

Cha robh i a' faicinn duine. Bha i a' faireachdainn na h-ùine uabhasach fada. Bha i trì latha ann a shin 's gun i a' faicinn... chan fhaca i duine riamh, air ais no air aghaidh. Dh'fhalbh i seo a-mach pìos.

Bha seada an taobh shìos an taighe, agus dh'iarr e oirre gun a dhol na chomhair, gura h-e olachan a bh' aige ann, agus rùm eile a bh' aige a-staigh gur e pàipearan leis a' bhanca a bh' ann, agus gun a... gun i a dhol na chomhair-san cuideachd. Thuirt ise nach rachadh.

Bha i a' dol seachad air an t-seada a bha seo agus, a Dhia, bha i a' faireachdainn a leithid a dhroch fhàileadh. Dh'fhalbh i chun an dorais, 's cha robh ris ach seann doras, agus dh'fhalbh i 's thug i putadh dhan doras. Thuit a' chòmhla 's na h-ursainnean mu a [?ceann]. Sheall i 's bha nighean òg ann a shin 's a gruag slaodte rithe, marbh.

"Dhia," thuirt i rithe fhèin, "'S e seo an tè a phòs, agus cinnteach gu leòr, 's e am pòsadh a bhios agamsa cuideachd."

Dh'fheuch i ris an doras a thogail 's bha an doras cho trom 's cha deargadh i air a thogail. A h-uile turas a bhiodh e gus a bhith shuas aice bha an doras a' tuiteam oirre. Mu dheireadh dh'fhàg i bhuaipe e. Dh'fhalbh i 's rinn i gum b' fheàrr dhi teicheadh, fhad 's a b' urrainn dhi. Chruinnich i na bh' aice a dh'aodach, 's Dhia, smaointich i seo gun sealladh i anns an rùm eile. Ma rinn i an dàrna cuid gum faodadh i an rud eile a dhèanamh. Dh'fhosgail i an rùm eile a bha e ag iarraidh oirre a sheachnadh, 's cha robh sìon an sin ach òr 's airgead. Dh'fhalbh i agus thug i an t-aodach às a' bhaga agus lìon i am baga leis an òr, agus chàirich i air a muin e, agus tharraing i.

Dhorchnaich an seo an oidhche rithe. Bha ise a' dèanamh mar pheilear a beatha. Bha i a' smaointinn gun dèanadh i rathad chun a' bhaile co-dhiù. Ach thug i seo an aire do sholais a' bhaile. Rinn i leithid a thoileachadh ris. Nuair a chaidh i a-staigh dhan bhaile chùm i sìos chun a' chidhe. Bha an saothach air an deach i a-null aig taobh a' chidhe agus i a' gabhail cargu. Ghabh i a-staigh far an robh an sgiobair.

"Ò bheil thu air... air am fastadh a thoir dhachaigh mar-thà?" ars an sgiobair.

"Ò tha," ars ise, "ach airson Nì Math riutsa," ars ise, "feuch an dèan thu fàbhar riumsa," ars ise, "am faigh thu àiteigin dhòmhsa," ars ise, "agus sìon sam bith dhe na bheil agamsa," ars ise, "gu dearbh 's leatsa an dàrna leth dheth," ars ise.

"Ò dè th' agad?" ars esan.

Dh'innis ise mar a rinn i 's mar a chunnaic i.

"Ò chan urrainn mise sìon a dhèanamh riut," ars esan, "[???]," ars esan. "Nam biodh tu," ars esan, "gun turas a ghabhail ris an òr," ars esan, "sheallainn-sa an dèidh an òganaich," ars esan. "Ach chan urrainn mi sìon a dhèanamh riut," ars esan.

Ò Dhia, nuair a chuala i seo cha robh fhios aice dè a dhèanadh i.

"Ò uill," ars esan, "ge air bith cà 'n cuir mise thu," ars esan, "gheibh iad thu," ars esan.

Uill, bha cho math leatha an uair sin leum a ghearradh a-mach air a' mhuir.

"Ò uill, fuirich ort," ars esan. "Bheir sinn a-nuas na gillean," ars esan. "'S minig a bha plan math aig fear acasan," ars esan.

Thug e suas an criutha 's dh'innis e dhaibh gun robh...

"An leadaidh a tha seo a thug sinn a-nall," ars esan, "tha mi a' tuigsinn," ars esan, "nach do chòrd an t-àite rithe," ars esan, "gum b' fheudar dhi," ars esan, "fhàgail," ars esan, "agus tha mi cinnteach nach eil fada gus am bi an tòir oirre," ars esan. "Dè an t-àite a tha sibh a' smaointinn an cuireadh sibh i," ars esan, "nach fhaiceadh i?"

Dh'fhan a h-uile duine riamh sàmhach. Thionndaidh an seo fear aca.

"Uill," ars esan, "cuiridh mise i ann an àite nach faigh iad i," ars esan, "ma dheònaicheas i a dhol ann."

Dheònaicheadh ise a dhol a dh'àite sam bith.

[Stad sa chlàradh an seo.]

Dòmhnall Eairdsidh Dòmhnallach (DE): Seadh. 'S cha robh fhios aca co-dhiù cà 'n cuireadh iad i.

AM: "Cuiridh mise i," arsa fear dhe na gillean, "ann an àite nach fhaigh iad i," ars esan.

"Cà 'n cuir thu i?" ars an sgiobair.

"Lower-idh sinn an topsail," ars esan, "agus paisgidh sinn ann i," ars esan. "Ged a rannsaicheadh iad an saothach," ars esan, "cha rannsaich iad na siùil."

Cha robh ach... Bha siud ceart gu leòr. Lower-adh a-nuas an topsail 's chuireadh i fhèin 's am baga 's biadh anns an topsail 's phaisgeadh suas... chrochadh am mullach a' chruinn i.

Ach ann an liathadh an latha cò dh'fhaireadhadh a' tighinn ach esan, 's ghabh e a-staigh far an robh an sgiobair.

"Càit," ars esan, "a bheil an leadaidh chòir a thug thu thugamsa," ars esan. "Càit a bheil i agad," ars esan, "a robaig mi," ars esan.

"Chan eil i agamsa," ars an sgiobair.

"Tha i agadsa," ars esan, "agus lìbhrig seachad i."

"Chan eil i agamsa," ars an sgiobair. "Chan fhaca mise i on a thug mi dhut fhèin i. Ma tha i an seo," ars esan, "faigh i."

Thàinig e fhèin 's poileasman 's thòisich rannsachadh 's cha d' fhuaradh shìos no shuas i 's cha do dh'fhàg iad àite gun siubhal. Bha iad anns an stokehole fhèin feuch an deach i... an robh i ann, 's cha robh.

"An-tà gu dearbh," ars an sgiobair, "'s olc mo bharail ort," ars esan.

"Tha e furasta gu leòr dhut a ràdh," ars esan, "gun do robaigeadh tu," ars esan. "Ach mura tionndaidh an nighean suas," ars esan, "seallaidh mise às do dhèidh," ars esan.

"Ò robaig i mi ceart gu leòr," ars esan.

"Ò tha sin furasta gu leòr dhut a chantail," ars esan, an sgiobair, "ach feumaidh gun tionndaidh an nighean suas," ars esan.

An Dia, 's ann a chuir e an comhair a' chùil, ach dh'fhalbh e 's cha do dh'fhosgail e a bheul.

Bha ise ann a shin gus [?an robh] an saothach deiseil airson falbh. 'S nuair a bha, a' lower-adh a-nuas i.

Thàinig e a-nall gu ruige Sasainn... gu ruige Glaschu. Bha i deònach roinn dhen òr a thoir dhan sgiobair 's cha ghabhadh e sgillinn. Cha ghabhadh an sgiobair sgillinn.

"Ach faodaidh tu," ars esan, "ma thogras tu," ars esan, "rud a thoir dha na gillean," ars esan. "'S iad a shàbhail do bheatha dhut 's cha b' e mise," ars esan.

Thug i còig sòbharain dhan a h-uile gin dhe na gillean.

Thàinig i dhachaigh 's chuir i a baga ann an cistidh. Nuair a chuala mac an uachdarain gun tàinig i cha robh i milis riamh gu seo. Bha e ann an ath-oidhch'. Cha robh ach gum feumadh e i phòsadh.

"Dè math dhut," ars ise, "a dhol gam phòsadh-sa, gun sìon an t-saoghail?"

Cha robh e gu diofar leis-san. Phòs e fhèin 's nighean an treabhaiche. Cha robh a chridhe aige an uair sin a dhol am fianais athar.

"Thalla a-nist, ma-thà, 's fan còmhla rithe."

Cha robh e an uair sin ach a' fuireach ann an taigh an treabhaiche fhèin.

"Ah uill," ars ise, "cho math 's gu bheil e bhith gam choimhead-sa," ars ise, "cha chùm sin sinn. Feumaidh tu a-nist a dhol a dh'obair," ars ise.

Cha robh obair ann ach rathad mòr a bha a' dol air aghaidh 's dh'fhalbh e chun an rathaid. Bha e sin a' cuibhleadh chlachan le bara-làimhe. Thàinig e dhachaigh 's gun cheum aige. Bha e air toir fairis.

"Seadh," ars ise. "Dè mar a chòrd an obair riut an-diugh?" ars ise.

"An-tà, cha do chòrd ach meadhanach," ars esan. "Cha robh fhios agamsa," ars esan, "gu dè rud a bh' ann an obair," ars esan, "gus an-diugh."

"Seadh," ars ise. "Nam biodh àite agad fhèin a-nist," ars ise, "[???] dùil nach biodh tu math dhan luchd-obrach."

"Ò cha robh fhios agamsa," ars esan, "gu dè rud a bh' ann an obair," ars esan.

Bha i ga chumail a-mach a h-uile mac latha. Dh'èireadh ise tràth sa mhadainn 's dhèanadh i a bhracaist.

"Bi a-nist a' falbh."

Mu dheireadh rùisg e na casan aige. Cha robh i siud a' dol a thoir mercy dha. Agus... ach dè seo a bha ach oighreachd bheag ri taobh na h-oighreachd aig athair agus bha i gus a bhith a-mach air thairgseachadh leis a b' àirde a gheibheadh i.

Dh'èirich ise a' mhadainn a bh' ann a sheo agus thuirt i ris:

"Èirich a-nist," ars ise, "agus cuir umad," ars ise, "agus thalla còmhla ris na h-uaislean eile," ars ise, "gu sale na h-oighreachd a tha siud," ars esan [sic]. "'S tha fios a'm," ars esan [sic], "gum bi d' athair air a son," ars esan... ars ise, "on tha i ri thaobh fhèin," ars ise. "Ach ge air bith," ars ise, "gu dè an tairgse a thèid innte," ars ise, "theirig thusa ceud os an cionn."

"Dhia m' anam," ars esan, "a bheil thu airson mo chur dhan phrìosan?" ars esan.

"Cha tèid thu dhan phrìosan idir, ach gabh thusa mo chomhairle-sa," ars ise.

"Ò leabhra, ma-thà, gabhaidh mise do chomhairle," ars esan, "ged a rachainn dhan phrìosan fhèin."

"Uill, thalla ma-thà," ars ise.

Nuair a thòisich an sale 's e athair a b' àirde tairgse innte. Chuir esan ceud os a chionn. Thionndaidh athair.

"A bheil sibh a' dol a ghabhail tairgse an duine ud?" ars esan, 's e a' tionndadh ris na trustees.

"Ah uill, 's e an tairgse as àirde a dh'fheumas sinn a ghabhail," ars iadsan.

Chaidh e far an robh e.

"Bheil thu fit airson an oighreachd a phàigheadh?"

"Tha," ars an gille.

"Ò ceart gu leòr," ars athair. "Chan eil fhios am faigheadh sibh an tairgse cheunda a-rithist oirre," ars esan.

Agus:

"Uill, ma-thà," ars iadsan, "feumaidh tu a pàigheadh," ars esan. "Gheibh thu trì latha a dhàil."

Uill, bha athair a' faighinn bliadhna a dhàil. Cha tuirt esan guth 's thàinig e dhachaigh.

"Seadh," ars ise. "Dè mar a chaidh dhut? A bheil an oighreachd agad?"

"Tha i fhathast agam," ars esan. "Tha mi cinnteach nach bi i fada agam."

Agus:

"An robh d' athair air a son?"

"Ò bha," ars esan. "'S ann aige bha an t-... an tairgse a b' àirde innte," ars esan, "ach chaidh mise ceud os a chionn," ars esan.

"Ò rinn thu taghta," ars ise. "'S dè an dàil a bha esan a' faighinn?"

"Bha e a' faighinn bliadhna a dhàil"

"Dè an dàil a fhuair thu fhèin air?"

"Cha d' fhuair ach trì latha," ars esan.

"Aidh, aidh," ars ise. "'S gheibheadh d' athair bliadhna 's chan fhaigheadh tusa ach trì latha. Uill, cha do ruith na trì latha fhèin fhathast," ars ise.

Anns a' mhadainn an làrna-mhàireach cò thàinig ach na trustees, gum feumadh e a shealltainn dhaibhsan ma bha e fit airson an oighreachd a phàigheadh, no gun robh i... gum biodh i aig athair. Ò thionndaidh ise riutha.

"Gabhaibh a-mach às a seo," ars ise, "a chealgairean," ars ise. "Dè an dragh a tha sibh a' dol a chur ormsa no air mo chompanach," ars ise. "Cha do ruith na trì latha fhèin fhathast," ars ise. "Gheibheadh athair bliadhna 's chan fhaigheadh esan ach trì latha. Nuair a ruitheas sin," ars ise, "faodaidh sibh tighinn."

"Ò uill," arsa fear aca, "tha i ceart gu leòr an sin," ars esan.

Dh'fhalbh iad 's tharraing iad air falbh. Ach an ceann an treas latha dh'èirich ise anns a' mhadainn agus chuir i uimpe.

"Èirich a-nist," ars ise, "agus cuir umad," ars ise, "agus gum bitheamaid a' falbh a phàigheadh na h-oighreachd," ars ise.

Dh'fhosgail i a' chiste agus chàirich i am baga air a muin. Agus nuair a ràinig i bha iad dìreach gam feitheamh, agus athair an dèidh tighinn. Bha athair gus an oighreachd fhaighinn. Thionndaidh i ris... ris a' ghille:

"Seo," ars ise, "beir air seo far mo mhuin," ars ise.

Rug an gille air a' bhaga 's leig e às air bòrd a bh' ann.

"Trobhadaibh a-nis," ars ise, "'s cunntaibh ur cuid fhèin a-mach às a sin."

Nach fhaodadh mo [?leadaidh bheag] oighreachd eile a ghabhail.

Cha robh fhios aig athair o Dhia càit an d' fhuair e an t-airgead, no cò às a thàinig e. Agus nuair a phàigh i an oighreachd dhaibh thionndaidh i riutha.

"Thallaibh a-nist," ars ise. "'S e m' àite-sa a tha seo," ars ise, "'s gabhaidh an doras," ars ise riutha.

Thòisich iad air iarraidh mathanas.

"An-tà, mathanas," ars ise, "'s e a bu chòir a thoir dhuibh."

Cha robh ann na b' fheàrr na... aig athair na e an uair sin. Bhiodh an dàrna h-aon a' dol air chèilidh air an aon eile aca. Nuair a bhàsaich am bodach bha an dà oighreachd aige an uair sin aice fhèin 's aig nighean an treabhaiche.

Agus sin agad mar a dh'fhàg mise iad.

DE: Ò uill, a Shìorraidh tha i sin math gu dearbh, agus 's e sgeulachd fhada a tha sin cuideachd.

AM: Dè?

DE: Tha i fada.

AM: Tha i sin.

DE: Tha i math. Agus cò aig a chuala sibh i sin?

AM: Aig fear Dòmhnallach, Ailean Mòr mac Iain 'ic Ailein, a bh' ann am Peighinn nan Aoireann.

DE: Seadh. 'S an robh esan math air na naidheachdan?

AM: Bha. Dearbh, bha e sin.

DE: Cha robh i siud aig Alasdair Mòr idir?

AM: Cha robh. Cha chuala mi i siud aig Alasdair Mòr idir.

DE: Ò tha i math, ma-thà. Tha i math fhèin.

Source Type

Reel to reel

Audio Quality

Good