Search

Dh'iarr an Sgiobair Dhol Dhan Chrann

Contributors
Date 1963
Track ID 77729
Part 1

Track Information

Original Track ID

SA1963.54.A8

Original Tape ID

SA1963.054

Summary

In this sailor's song the bard describes being asked to climb to the sails. He was unwilling but had to go. He was not good at the job.

Item Notes

Mrs Munro heard this song from her mother.

Language

Gaelic

Genre

Song

Collection

SoSS

Transcription

Ó hirì hill ó bha hó
Ó hirì hill ó bha hó
Siuthadaibh 'illean togaibh fonn
'S mo chridhe trom 's mi seòladh.

Dh'iarr an sgiobair dhol dhan chrann
Thuirt mi ris nach rachainn ann
Thuirt e: "Feumaidh tu dhol ann
'S e nì a gheall thu dhòmhsa."

Chuir iad mi air bòrd san luing
A Rìgh gur goirt a bha mo chridh'
'S dham cheart aindeoin chuir iad mi
Dhan jig nach robh mi eòlach.

'S nuair ràinig mi leth a' chruinn
Shiab a' ghaoth mi null 's a-nall
Cha robh dùil a'm sa cheart àm
Gun robh mo cheann leam dòigheil.

Dh'fhalbh mi sin is chaidh mi suas
Cheangail mi 'n gaff-topsail cruaidh
'S thuirt e nuair thàinig e nuas:
"Chan eil e uamhraidh bòidheach."

Thuirt mi: "Mura dèan e feum,
'S mise fear nach seall na dhèidh
Ged a dh'fhalbhadh e na bhrèidean
Dha na speuran còmhla."

'S gura mise bha nam èis
Cha riofainn 's cha dèanainn feum
H-uile fear na ruith 's na leum
Is Beurl' aig' air gach ròpa.

'S gu bheil an Sasannach cho cruaidh
'S a' Bheurl' aigesan cho luath
'S ged chuireadh e ghob nam chluais
Cha tuiginn fuaim seach ròcais.

'S ma gheibh mi air tìr gu bràth
'S gun ruig mi suas am Broomielaw
Sasannach cha ghlac mo làmh
Ged gheibhinn bàs air corner.

Source Type

Reel to reel

Audio Quality

Good