Search

Prògram Choinnich

Date 08 April 1997
Track ID 7774
Part 1

Track Information

Original Tape ID

Program Choinnich 08.04.1997

Summary

An opportunity to buy a tweed-related company has emerged in Harris.

Donald John Morrison from the Harris Development Company tells how they have set up a small company called Harris Patterns Ltd. This company already has £4,000-£5,000 worth of stock, consisting of Harris Tweed-patterned paper products. They are looking for a suitable person to take over the company.

Recording Location

County - Ross and Cromarty

Parish - Stornoway

Island - Lewis

Village/Place - Stornoway

Item Location

County - Inverness-shire

Parish - Harris

Island - Harris

Language

Gaelic

Collection

BBC

Transcription

Coinneach MacÌomhair (CM): Tha cothrom a' dol anns na Hearadh an-dràsta do chuideigin a tha a' faicinn gu bheil dòigh ann gnìomhachas beag a dhèanamh de nithean co-cheangailte ris a' chlò mhòr. Ìomhaigh a' chlò air pàipear. Tha stoc ann mar-thà, agus tha Companaidh Leasachaidh na Hearadh Earranta a' sireadh thagraidhean bho dhaoine a tha a' smaoineachadh gum b' urrainn dhaibh cosnadh a dhèanamh às a leithid a chur air a' mhargaid. 'S e Dòmhnall Iain Moireasdan an t-oifigeach leasachaidh aca. Tha e air an loidhne còmhla rium an-dràsta. Madainn mhath, a Dhòmhnaill Iain.

Dòmhnall Iain Moireasdan (DM): Madainn mhath, a Choinnich.

CM: Uill, an toiseach, dè tha seo a tha sibh an dòchas a thoirt gu margaid? Dè stuth a tha sibh gu bhith a' feuchainn ri reic?

DM: Uill, an latha anns a bheil sinn beò an-diugh, nuair a dh'fhosglas tu am pàipear-naidheachd agus nuair a bhios tu a' cluinntinn nan naidheachdan a tha a' dol, tha uiread a chompanies anns an latha anns a bheil sinn beò a' dol... a' dol fodha, 's tha àireamh eile agus iad suas gu an amhaichean ann am fiachan, ach chan ann mar sin a bha... a tha idir a-bhos anns na Hearadh. Tha companaidh... tha companaidh beag againn air a chruthachadh a-bhos an seo, agus an stuth a tha aig a' chompanaidh, tha e a-nise deiseil airson cuideigineach a thighinn a-staigh agus a chreic ris a... ris a' mhargaidh, air feadh an rìoghachd, tha sinn a' creidsinn, air feadh Bhreatainn co-dhiù.

CM: Uill, innis dhomh beagan. Dè an stuth a tha a' chompanaidh a tha seo gu bhith a' reic?

DM: Uill, anns a' chiad àite, thàinig an stuth ann a... ann an làmhan a' chompanaidh air sgàth boireannach a chleachd a bhith a' tighinn dha na Hearadh air saor-làithean, 's bha uiread aice mu dheidhinn na Hearadh agus gun robh i airson rudeigineach a thoirt do mhuinntir na Hearadh, mar gum b' eadh, air ais, agus chleachd i Companaidh Leasachaidh na Hearadh airson seo a dhèanamh, agus thug i fiach, tha mi a' creidsinn gu bheil de fiach eadar ceithir agus còig mìle not de stuth ann air fad, agus tha e co-cheangailte, an stuth a tha sin, 's e book markers, mar a chanas sinn, wrapping paper agus folders, A four size folders, agus tha e air fad, tha e air fad air a chruthachadh gu ìre rudeigineach àrd, ach chan e sin a-mhàin ach tha e air a dhèanamh ann an ìomhaigh a' chlò Hearach fhèin.

CM: An e an aon seòrsa pàtran a th' air? No a bheil diofar phàtranan ann?

DM: 'S e, chun an ìre sa, 's e an aon phàtran a th' ann, fhios agad, ach dhan an duine, 's dòcha, a bheir os làimh e, dh'fhaodadh iad sin a leudachadh, agus cruthan eadar-dhealaichte a thoirt air.

CM: Uill, gus an tuigsinn seo ceart, bha am boireannach a tha seo, ùidh aice anns na Hearadh, chuir i an stuth a tha seo cruinn còmhla i fhèin, thabhainn i dhuibhse e aig Comann Leasachaidh na Hearadh, tha sibhse a-nis air companaidh... a bheil sibh air companaidh a chur air dòigh? No an ann ga thabhachd do chompanaidh eile a tha sibh?

DM: Tha. Tha sinn air companaidh a chur air dòigh, Harris Patterns Limited. Tha an dòigh anns a bheil Companaidh Leasachaidh na Hearadh fhèin air a cruthachadh, chan urrainn dhuinn mar gum b' eadh companaidh eile a ghabhail os làimh ann, agus tha a-nise tha sinn air an ìre a ruighinn, chaidh an companaidh a chruthachadh dìreach o chionn grunnan mhìosan air ais, agus tha e stèidhichte ann an Dùn Èideann, agus 's e mar gum b' eadh an registered office, 's ann on an Tairbeart fhèin, an old hostel air an Tairbeart, agus tha sinn a' sireadh an-dràsta cuideigineach, neach air choreigineach a bheir air adhart e. An neach a tha sinn a' lorg, tha sinn a' sùileachadh air 's dòcha plana gnìomhachas a chur ri chèile, business plan mar a chanas iad, airson dearbhadh dhuinn fhèin 's dòcha gu bheil comas aig an duine sin an companaidh a ghabhail os làimh agus 's dòcha an stuth... an stuth a chreic ris a' mhargaidh.

CM: Ach a Dhòmhnaill Iain, chan eil stuth gu leòr ann an seo. Chan eil gu leòr ann an seo a chumadh cosnadh ri duine, a chiallaicheadh gum b' fhiach dha duine companaidh a ghabhail thairis, a bheil?

DM: Stuth sam bith a chaidh a chruthachadh ann an ìomhaigh a' chlò Hearach, mar a chanas iad, the sky's the limit a thaobh 's na ghabhas a chreic dheth. Tha an t-uabhas... tha an t-uabhas stuth againn an-dràsta, ged is dòcha... ged nach saoil duine gu bheil mòran stuth eadar fiach... eadar ceithir agus còig mìle not, cha chreid thu e. Tha an t-uabhas stuth ann. In fact, cha b' urrainn dhan oifis againne air an Tairbeart a ghabhail, agus tha tòrr dheth an-dràsta ann an oifis eile shìos ann am Peairt. Ach nan deigheadh dhan an duine a tha sin gu math, uill, tha e comasach dha, fhios agad, uiread eile, mar gum b' eadh, a phriontadh a-rithist agus a chreic ris a...

CM: Ach cò tha sibh a' smaoineachadh a cheannaicheadh seo? An e daoine a thigeadh dha na Hearadh fhèin? No an fheumadh sibh bhith an dòchas gun deigheadh seo na b' fhaide?

DM: Uill, tha sinn a' smaoineachadh gun deigheadh e na b' fhaide. Nuair a thèid daoine dha na bùithtean... uill, tha mi a' ràdh seo le urram, 's dòcha, a Leòdhas no dha na Hearadh a dh'iarraidh wrapping paper, tha thu ann a shin a' coinneachadh ri stuth donn 's chan eil e uabhasach, 's dòcha... chan eil e a' seasamh a-mach, ach tha seo a' seasamh a-mach ann an ìre 's gun ceannaicheadh 's dòcha luchd-turais e. Tha iad an-còmhnaidh às dèidh rudan annasach dhen t-seòrsa sa, agus bidh iad gu tric a' ràdh nach eil rudan dhen t-seòrsa sa ri fhaighinn, agus tha a-nise fosgladh annta do chuideigineach, you know, coinneachadh ri na h-iarrtasan a th' aca.

CM: Tha sibhse a' toirt cothrom an-dràsta do chuideigin a thighinn air adhart le plana airson seo a thoirt chun a' mhargaid. A bheil sibh a' coimhead airson duine a bhiodh a' dèanamh seo na aonar, gu làn-aimsireachd? No a bheil sibh ga fhaicinn mar 's dòcha rud a dhèanadh cuideigin a tha an sàs ann a bhith ri obair reic mar-thà?

DM: Ò uill, tha mi a' smaoineachadh gur e sin 's dòcha an cothrom as fheàrr do chuideigineach a tha an sàs ann an rudeigineach dhen t-seòrsa sa mar-thà. Tha mi a' creidsinn, air a chluinneas daoine plana gnìomhachas, gu bheil sin a' cur dheth iomadach duine, ach chan eil plana gnìomhachas aig amannan, chan eil... chan eil co-cheangailte ris ach 's dòcha grunnan dhuilleagan a chur ri chèile ag innse mu dheidhinn an duine sin, 's dòcha na th' aca fhèin anns an amharc, 's dòcha, airson rud dhen t-seòrsa sa obrachadh, agus mar sin cha leigeadh a leas e mar gum b' eadh eagal a chur air daoine.

CM: Cuin a tha sibh ag iarraidh air daoine fios a chur thugaibh ma tha iad deònach feuchainn air a seo?

DM: Tha sinn air pìos... tha sinn air fiosrachadh a chur dhan a' phàipear bheag a-bhos an seo anns na Hearadh, agus tha an cuireadh air a thoirt do dhaoine, gu sònraichte feadhainn 's dòcha ris... feadhainn a tha co-cheangailte ri na Hearadh fhèin, iad a thighinn a-staigh, a bheil fhios agad, agus bheir sinne cluas èisteachd dhaibh agus bheir sinn às a sin e.

CM: Uill, coltas clò Hearach a-rèiste air a' phàipear a tha seo, ach chan e clò Hearach a bhios ann idir, a' toirt ìomhaigh na Hearadh ann an dòigh, 's dòcha, a tha ùr agus annasach. Mo thaing dhutsa, a Dhòmhnaill Iain, airson innse dhuinne dìreach dè tha gu bhith ga reic ann an sin, agus mar a tha sibh a' lorg cuideigin a reiceas dhaibh e. Dòmhnall Iain Moireasdan ann an siud, oifigeach leasachaidh bho Bhuidheann Leasachaidh na Hearadh.

Source Type

Dat

Audio Quality

Good