Search

Prògram Choinnich

Date 08 April 1997
Track ID 7795
Part 1

Track Information

Original Tape ID

Program Choinnich 08.04.1997

Summary

Voluntary organisations are to meet to discuss ways of gaining financial help.

Morag Munro from the Harris Council for Social Services tells how voluntary groups from the Highlands and Islands, along with a number of government bodies, will meet up with the various trusts. They will be discussing how to apply for funding from national trusts and charities. Voluntary groups have more responsibilities now than previously.

Recording Location

County - Ross and Cromarty

Parish - Stornoway

Island - Lewis

Village/Place - Stornoway

Language

Gaelic

Collection

BBC

Transcription

Coinneach MacÌomhair (CM): Tha grunnan bhuidheannan anns an roinn shaor-thoileach air a' Ghàidhealtachd agus na h-Eileanan agus buidheannan riaghaltais air a thighinn còmhla gus seirbheis taic a thoirt do bhuidheannan saor-thoileach ann a bhith a' sireadh airgid bho thaobh a-muigh na Gàidhealtachd. Tha co-labhairt gu bhith ann an Inbhir Nis air a' mhìos a tha romhainn a bhios a' dèiligeadh ris a seo. Tha Mòrag Rothach bho Chomhairle nan Seirbheisean Sòisealta anns na Hearadh air an loidhne gus beagan mìneachaidh a dhèanamh dhuinn an-dràsta. Madainn mhath, a Mhòrag.

Mòrag Rothach (MR): Madainn mhath.

CM: Uill, an toiseach, beagan de dh'eachdraidh [???], mar a th' air a' bhuidheann ùr a tha seo. Cò às a thàinig a h-uile càil a bh' ann?

MR: Uill, chaidh seo... tha dà bhliadhna a-nis o chaidh a chur suas anns a' Ghàidhealtachd, agus chaidh a leudachadh an uair sin gu na h-eileanan a thoirt a-steach cuideachd. Bha co-labhairt aig riaghaltas na Gàidhealtachd o chionn dà bhliadhna, agus 's ann às a sin a dh'èirich an toiseach... a dh'èirich a' bhuidheann an toiseach. Ach ron a sin, bha urrais ann, ann an Sasainn, air ùidh a ghabhail ann an Alba, agus bha iad air ùidh a ghabhail anns na h-Eileanan an Iar cuideachd aig àm BCCI. Bha tòrr dhe na h-urrais sin an uair sin air ùidh a ghabhail anns na h-Eileanan an Iar, car mar a thachair an uair sin, agus bha iad dèidheil air cuideachadh a thoirt seachad do bhuidheannan saor-thoileach anns na h-Eileanan an Iar an uair sin.

CM: Nuair a tha thu a' bruidhinn air buidheannan saor-thoileach anns na h-Eileanan an Iar, agus buidheann riaghaltas agus rud mar sin, ciamar a thachair a h-uile càil a bha seo an-dràsta, ge-tà? An e buidheannan bhon riaghaltas... cò seòrsa buidheannan bhon riaghaltas a bha còmhla ribh a' còmhradh mun a seo?

MR: Uill, 's e riaghaltas na Gàidhealtachd bu mhotha a bh' ann. 'S iadsan, tha mi a' smaoineachadh, saor-thoileach... buidheann saor-thoileach.

CM: 'S e rud a tha sinn a' bruidhinn air ann an seo, ge-tà, comhairlean mar a tha sibh fhèin, seirbheisean sòisealta, buidheannan saor-thoileach, a bhith a' faighinn sealbh air airgead a tha an-dràsta taobh a-muigh na Gàidhealtachd, taobh a-muigh na h-Alba air fad, agus tha mi a' tuigse, gu dearbha, gu bheil sibh, dearbhachd agaibh gu bheil mòran dhe na h-urrais a tha sin ann a tha deònach a bhith a' cur mòran airgead a-steach dhan a' Ghàidhealtachd.

MR: Tha. Agus tha iad air airgead a chur a-steach dhan a' Ghàidhealtachd mar-thà. Tha feadhainn mar... mar an Tudor Trust 's daoine mar sin a th' air airgead... 's Carnegie 's Rowantree, Gulbenkian - tha sinn eòlach air a h-uile gin dhiubh sin mar-thà, agus tha fhios againn gu bheil ùidh aca ann an Alba, agus gu bheil iad air airgead a chur a-steach ann... ann roimhe.

'S e community education as motha a tha an sàs ann, agus tha cuideachd, tha Iomairt na Gàidhealtachd - sin na buidheannan riaghaltais ann an roinn na Gàidhealtachd a tha an sàs ann, còmhla ris na buidheannan saor-thoileach.

CM: Agus an t-amas a th' agaibh, a bhith a' faighinn airgead a-mach às na h-urrasan nàiseanta a tha seo dhan a' Ghàidhealtachd 's na h-Eileanan, nach e?

MR: B' àill leibh?

CM: An t-amas a th' agaibh a bhith a' faighinn airgead bho na h-urrasan nàiseanta a tha sin dhan a' Ghàidhealtachd agus dha na h-Eileanan. 'S e sin a tha sibh an dòchas a bhith a' dèanamh, nach e?

MR: Uill, 's e, 's e. 'S e sin a tha sinn an dòchas.

CM: 'S a bheil sinn a' bruidhinn air tòrr airgead a th' aig na h-urrasan a tha sin, na h-urrasan mòra?

MR: Uill, tha sinn a' tuigsinn gu bheil ceud millean aca ga thoirt seachad. Co-dhiù bheireadh iad sin seachad ann an Alba gus na toireadh. Tha deich trust fichead ann, agus tha iad air iad fhèin a thoirt còmhla nan Association of Charitable Foundations, agus uile-gu-lèir tha ceud millean not aca airson a thoirt seachad. Nise, co-dhiù thig sin air fad dhan a' Ghàidhealtachd... dhan a... a dh'Alba gus nach tig, tha an uimhir sin a dh'airgead aca.

CM: Chan fhaigh duine an t-airgead a tha seo, ge-tà, gun a bhith a' dèanamh argamaid gu math làidir air a shon.

MR: Ò, chan fhaigh. Agus cuideachd, fhios a'd, gach trust, tha an dòighean fhèin aca, agus 's ann airson rudan fa leth. 'S dòcha gum bi feadhainn aca, gur ann airson rud calpa a bhios e. 'S dòcha feadhainn eile, gur ann airson cùram seann daoine. Agus feumaidh sibh slot-adh a-steach dhan a... ge brith dè an t-amas a th' aca fhèin, aig na h-urrasan uile. Agus tha urrasan fa leth aig a h-uile gin aca.

CM: Agus 's e a dh'fheumas sibhse a bhith a' dèanamh, a bhith a' rannsachadh dè tha iad a' dèanamh, dè na h-amasan a th' aca, dè tha iadsan deònach a bhith a' dèanamh leis an airgead aca, agus feuchainn ri oisinn bheag dhen a sin fhaighinn airson na h-adhbharan agaibh fhèin, an e?

MR: 'S e sin... 's e sin dìreach an t-adhbhar a th' air a' cho-labhairt a tha seo. Tha e a' dol a thoirt cothrom seachad dha na buidheannan saor-thoileach coinneachadh riutha, faighinn a-mach dè na h-amasan a th' aca, agus dè na dh'fheumas sinn a dhèanamh airson gum faigh sinn an t-airgead a tha sin, 's toir dhuinn eòlas air mar a tha iad ag iarraidh na h-iarrtasan tighinn thuca, agus dè na fiosrachaidhean a dh'fheumas iad. Agus tha e cuideachd, ge-tà, air an làimh eile, a' dol a thoirt cothrom dha na h-urrais a tha sin, agus dha na buidheannan carthannais a bhios ann, eòlas a chur oirnne, agus eòlas a chur air a' Ghàidhealtachd 's air na h-Eileanan, eòlas air na duilgheadasan agus air na feuman a th' air na... air a' Ghàidhealtachd 's air na h-Eileanan a bharrachd air àiteachan eile. So tha an dà ghnothaich ann. Tha sinn a' cur eòlas orrasan 's tha sinn an dòchas gun cuir iadsan eòlas oirnne.

CM: Cho fad agus as aithne dhut, an e seo a' chiad turas a thachair an seòrsa rud a tha a' dol a thachairt air a' mhìos a tha romhainn a-riamh, far a bheil na buidheannan saor-thoileach a' tighinn cruinn còmhla, far a bheil na h-urrais a' tighinn cruinn còmhla, agus a h-uile duine agaibh a' faighinn cothrom coinneachadh ri chèile?

MR: Uill, tha mi a' smaoineachadh cho mòr seo, gur e. Bhitheadh... bidh co-labhairtean mar seo bho àm gu àm, ach glè thric 's e dìreach urras no dhà a bhios ann. Ach tha mi a' smaoineachadh nach robh e a-riamh cho mòr seo, no cho farsaing, 's a bha e an triop seo.

CM: Dè an diofar a tha e a' dèanamh, can an-dràsta, do bhuidheann mar am buidheann agaibh fhèin ann an sin, anns na Hearadh, gu bheil a-nise grunn bhuidheannan air a thighinn cruinn còmhla, agus fiosrachadh aca, dhan urrainn dhuibh a dhol, dè... a bheil sin a' dèanamh a' chùis nas fhasa dhuibh?

MR: Tha. Bha e glè dhoirbh a dhol a lorg àite far am faigh thu airgead. Chan eil fhios a'm am faca tu fhèin riamh na leabhraichean a tha siud, na trust books mòra a chì thu ann a shin, 's ma thèid thu romhpa bidh dìreach... bheir thu lathaichean mun tèid thu romhpa. Nise, ma tha duine ann a dh'innseas dhut dè seòrsa urras dhan an còir dhut a dhol agus dè seòrsa urras a tha freagarrach dhutsa, tha e a' dol a... a' dol a shàbhaladh an t-uabhas tìde dhut. Agus a bharrachd air a sin, nuair a tha thu gan coinneachadh, tha mi a' smaoineachadh gu bheil sin a' toir dhaibhsan eòlas pearsanta, agus tha mi a' smaoineachadh gu bheil sin a' dèanamh an t-iarrtas agad nas fhasa.

CM: Air an làimh eile, ge-tà, mar a tha fhios agaibhse orra, tha fhios aig a h-uile duine eile orra, agus mar sin, bidh a cheart uiread a chothrom aig daoine eile orra 's a bhios agaibhse, agus bidh barrachd agaibh, 's dòcha, às dèidh an aon airgead.

MR: Bidh, ach bidh barrachd eòlas againne an dèidh an coinneachadh mar seo. Agus cuideachd, nuair a tha iad fhèin a' cantainn gu bheil ùidh aca anns an àite, agus gu bheil iad fhèin deònach air cuideachadh a thoirt seachad anns an àite, tha mi a' smaoineachadh gu bheil sin a' toir cothrom a bharrachd dhuinne.

CM: A bheil barrachd agus barrachd uallach ga chur air daoine dhe ur seòrsa fhèin, a th' anns an roinn shaor-thoileach, a bhith a' toirt seachad seirbheisean, a bhith a' toirt seachd taicean, a bha aig aon àm an riaghaltas a' toirt seachad, agus sibhse a' dèanamh sin tòrr nas saoire na b' urrainn dhaibh sin a dhèanamh?

MR: Uill, tha mi a' smaoineachadh gu bheil sin a' tachairt. Mar as motha a tha seirbheisean air an toir air falbh bho na... bho na riaghaltasan agus gan cur dhan an roinn phrìobhaideach no dhan an roinn saor-thoileach, tha sin a' cur tuilleadh uallach air buidheannan saor-thoileach, agus tha buidheannan saor-thoileach air atharrachadh gu mòr o mar a bha iad.

CM: Uill, 's dòcha cuspair a tha sin gu 'm faod sin tilleadh air ais latha air choreigin eile. An co-cruinneachadh a tha sin co-dhiù ann an ath-mhìos, anns a' Chèitean, ann an Inbhir Nis.

MR: Fichead latha... on a' fichead latha dhen a' Chèitean, ann an Inbhir Nis. Agus an aon rud a chanainn, 's e duine sam bith a tha ag iarraidh fiosrachadh mu dheidhinn, iad fòn a chur gu Daibhidh Màrtainn ann an Inbhir Nis. Am faod mi an number a thoirt seachad?

CM: Faodaidh.

MR: O one four six three, two three five, six double three.

CM: Agus mura d' fhuair sibh siud, cuiribh fòn thugainn aig Rèidio nan Gàidheal 's tha mi cinnteach gum bi e comasach dhuinn an àireamh a thoirt dhuibh. Tapadh leatsa gu dearbha. Mòrag Rothach ann an sin bho Bhuidheann Sòisealta na Hearadh.

Source Type

Dat

Audio Quality

Good