Search

Dealan-dè

Date
Track ID 77955
Part 1

Track Information

Original Tape ID

DealanDe 1989.07.25

Summary

How Gaelic teaching has changed over the years.

Donald John MacIver, who has been teaching Gaelic for seventeen years, discusses how teaching methods have changed during this time. He also talks about how the interest in Gaelic has changed.

Item Location

County - Ross and Cromarty

Island - Lewis

Recording Location

County - Ross and Cromarty

Island - Lewis

Language

Gaelic

Collection

BBC

Transcription

Dòmhnall Iain MacÌomhair (DM): Bha i gu math eadar-dhealaichte bhon sgoil a th' ann an-diugh, ann an caochladh dhòighean. Mar a tha fios againn uile, tha atharrachaidhean mòra air a thighinn air foghlam, agus rè mo linn-sa mar fhear-teagaisg tha mi air gu sònraichte na cùrsaichean Gàidhlig fhaicinn ag atharrachadh, chan e aon turas ach a dhà, bho thòisich mi, agus chan e a-mhàin gu bheil na cùrsaichean fhèin air atharrachadh, ach cuideachd tha dòighean teagaisg air atharrachadh nan lùib. Agus a bharrachd air a sin, bha atharrachaidhean eile ann, ann am foghlam anns an fharsaingeachd, a bha a' buadhachadh air dè bha daoine a' dèanamh.

Coinneach MacÌomhair (CM): Taobh na Gàidhlig fhèin, an tàinig na h-atharrachaidhean a tha sin air sgàth gun robh nas lugha de dhaoine ann a b' urrainn dèiligeadh ris na seann dòighean?

DM: Uill, cha chreid mi gur e sin bu choireach idir. Tha mi a' smaoineachadh gur e bu choireach gun robh Gàidhlig, mar gach cànan agus gach cuspair eile, a' leudachadh agus a' leasachadh, agus bha sinne mar luchd-teagaisg a' faicinn seo, agus bha bòrd nan deuchainn ga fhaicinn cuideachd, agus bha e ceart ma bha cùrsaichean ùra a bha a' beantainn ris an fhicheadamh linn, mar gun canadh tu, ri tighinn a-steach ann an cuspairean eile, gun tachradh sin ann an Gàidhlig cuideachd. Agus 's math gun do thachair. Agus mi a' smaoineachadh an-diugh, le na cùrsaichean mu dheireadh a thàinig, gu bheil a' Ghàidhlig, gu bheil seasamh aice a cheart cho freagarrach ri cuspair sam bith eile a thaobh cho beantainneach 's a tha i ri beatha na cloinne.

CM: Uill, dhan an fheadhainn againne nach do rinn Gàidhlig anns an sgoil bho chionn ùine mhath a-nis - chan ainmich sinn cia mheud bliadhna - am b' urrainn dhut innse dhuinn dè an t-atharrachadh a th' ann? Tha sinn air falbh bho bhith... againn ri ionnsachadh rannan fada de Dhonnchadh Bàn 's Mac Mhaighstir Alasdair 's rudan dhen t-seòrsa sin, a bheil?

DM: Tha sin ceart, tha. Tha barrachd cuideim a-nise ga chur air sgilean cànain 's dòcha nach robh cuideam sam bith orra anns na làithean a dh'fhalbh. 'S e sin sgilean cànain a leithid èisteachd 's a leithid còmhraidh. Tha sgrìobhadh ann fhathast, agus tha leughadh ann cuideachd. Ach mar a tha thu ag ràdh, chan eil an aon chuideam ga chur air a bhith ag ionnsachadh rannan bàrdachd air do theanga. Agus 's e tha fa-near dha na cùrsaichean ùra a tha a' tighinn am follais ann an Gàidhlig, gum bi comasan aig cloinn, agus cuideachd nuair a dh'fhàsas iad suas, gu Gàidhlig a chleachdadh cha mhòr ann an suidheachadh sam bith, agus gu sònraichte ann an suidheachadh a bhios a' beantainn ri am beatha fhèin anns a' choimhearsnachd anns am bi iad a' fuireach.

CM: Gu ìre, tha thu air an cuspair fhaicinn a' stiùireadh air falbh bho chuspair litreachais gu ìre gu bhith na chuspair làitheil an latha an-diugh?

DM: Tha. Chan eil sin a' ciallachadh gu bheil litreachas air falbh gu tur idir. Tha litreachas ga chruthachadh an-diugh fhèin, eadhon ann an Gàidhlig, agus tha e cudromach gum bi mothachadh aig daoine a tha a' gabhail cùrsaichean Gàidhlig air an litreachas sin. Agus cuideachd feumaidh mi fhìn a ràdh nach bithinn air a bhith uabhasach riaraichte mura bitheadh beagan eòlais agam air Donnchadh Bàn 's Alasdair mac Mhaighstir Alasdair agus na bàird eile a bha sin, agus tha cuibhreann dhen a sin ga ghleidheadh agus tha mi a' smaoineachadh gur e rud feumail a tha sin, gu bheil farsaingeachd mhòr a-nis sa chùrsa 's dòcha nach robh ann uaireigin.

CM: Ann an Sgoil MhicNeacail fhèin thairis air na bliadhnaichean a tha thu fhèin air a bhith air ceann Roinn na Gàidhlig, a bheil thu air atharrachadh fhaicinn a' tighinn air an seòrsa duine a tha a' gabhail an cuspair nuair a tha taghadh aca a ghabhail?

DM: Tha againn a-nise rud nach robh nuair a bha mise nam sgoilear anns an sgoil, 's e sin cùrsa do luchd-ionnsachaidh, agus tha sin a' leudachadh gu mòr na cothroman a tha ann do dhaoine airson... airson Gàidhlig a ghabhail. Thòisich mise a' teagasg anns an sgoil ann an naoi ceud deug trì fichead 's a h-ochd agus sin a' bhliadhna anns do thòisich a h-uile duine air a' chiad bhliadhna a' dèanamh Gàidhlig, agus bha buaidh mhòr aige seo air na h-àireamhan na b' fhaide shuas anns an sgoil anns na bliadhnaichean an dèidh sin air a leithid a dhòigh agus gun robh mòran a bharrachd ga gabhail na bha air a bhith ga gabhail às aonais na riaghailt a bha sin.

Tha sin air leantainn air adhart agus tha e ri dol fhathast, agus tha mi an dòchas gum mair e cuideachd. 'S dòcha duilgheadasan beaga ann a-nise a thaobh poileasaidhean riaghaltais a thaobh cànanan, gu sònraichte an ceangal ris an Roinn Eòrpa agus ceithir fichead 's a dhà-dheug, ach tha sinn an dòchas gum bi cothrom aig cloinn air Gàidhlig a ghabhail, agus nuair a sheallas tu ris an dèidh gach cùise, nach e cànan Eòrpach a tha anns a' Ghàidhlig cuideachd?

CM: Nuair a chaidh thusa a-steach gu bhith nad fhear-teagaisg Gàidhlig, cha robh na tha sin de dh'obraichean ann do dhaoine aig an robh na sgilean a bha sin. Cha b' ann mar sin a tha an suidheachadh an-diugh idir ge-tà, an ann?

DM: Chan ann. Tha mòran obraichean ann an-diugh. 'S dòcha gu bheil e fìor a ràdh gu ìre gum faod gainne luchd-teagaisg a bhith ann air sgàth 's na th' ann de dh'obraichean eile. Tha obraichean ann ann an craobh-sgaoileadh, tha obraichean ann anns na meadhanan, tha obraichean ann ann an riaghaltas ionadail, agus mar sin air adhart. Tòrr a bharrachd cothroman ann an-diugh do dhaoine òga a tha a' tighinn a-mach à oilthigh no a' tighinn a-mach à colaiste a thaobh dè an dreuchd anns an tèid iad an sàs na bh' ann na mo latha-sa. Mas e, na mo latha-sa, 's gun robh ùidh agad ann an Gàidhlig, mar a bha aig dhà no thrì againn, cha mhòr gun robh càil fosgailte dhut ach a-mhàin a dhol a theagasg. Chan eil aithreachas sam bith orm, feumaidh mi ràdh, gun deach mi a theagasg, a chionn bha sin a' toirt dhomh cothrom cuideachd air a bhith an sàs ann an rudan eile anns an fharsaingeachd co-cheangailte ri foghlam.

CM: Tha sinn cuideachd anns na bliadhnaichean a th' air a dhol seachad air faicinn cuspairean ùr co-cheangailte ris a' Ghàidhlig a' tighinn a-steach, ach gu ìre nach eil air an teagasg tro mheadhan na Gàidhlig, nach eil?

DM: Tha, tha sin ceart. Tha cuspairean a leithid eachdraidh agus cruinn-eòlas, mar eisimpleir. Nise, tha e nas fhasa sin a dhèanamh anns na sgoiltean beaga, ged as e àrd-sgoiltean a th' annta, far a bheil luchd-teagaisg ann 's dòcha a tha an urra ri dhà no thrì cuspairean. Ach ann an sgoil a leithid Sgoil MhicNeacail, tha thu an urra ri do chuspair fhèin gu ìre mhòr, agus le cho mòr 's a tha an àireamh cloinne ann an sgoil dhen t-seòrsa sin, tha e uabhasach doirbh. 'S e aon chuspair, 's dòcha, agus tha seo fìor a thaobh Sgoil MhicNeacail cuideachd, a bhatar a' teagasg tro mheadhan na Gàidhlig a bharrachd air Gàidhlig fhèin mar chànan, 's e sin Eòlas Ceilteach, far am b' urrainn dhut eachdraidh agus rudan eile an co-cheangal ri na Ceiltich 's ri na Gàidheil a thoirt dhan chloinn, ach bha sin a' tighinn a-steach fo bhrat Roinn na Gàidhlig a-mhàin.

CM: A bheil thu a' faicinn gu bheil barrachd no nas lugha de dh'ùidh aig muinntir baile Steòrnabhaigh, a tha thu a' faicinn a' dol tron an sgoil, ann an Gàidhlig an-diugh na bh' aca?

DM: Uill tha mòran a bharrachd ùidh aca an-diugh innte na bh' aca na mo latha-sa anns an sgoil. 'S dòcha gur e an t-adhbhar airson sin gu bheil cùrsa ann do luchd-ionnsachaidh. Mar a tha fios againn uile, chan eil a' Ghàidhlig mar chànan glè làidir am measg na h-òigridh ann an Steòrnabhagh. Ach an fheadhainn aca a tha ga gabhail, agus tha iad uile ga gabhail anns a' chiad bhliadhna, agus ma nì iad gu math innte, agus ma tha ùidh aca innte, tha cothrom aca leantainn orra. Agus feumaidh mi ràdh gu bheil taosgan math à baile Steòrnabhaigh a' leantainn orra le Gàidhlig suas gu ìre na còigeamh bliadhna agus a' faighinn teisteanas na h-ìre àirde airson luchd-ionnsachaidh innte.

CM: Tha thu a-nise a' dol a leigeil seachad obair an teagaisg ann an Sgoil MhicNeacail. Ciamar a tha e a' dol a chòrdadh riut nach bi uiread a làithean-saora agad?

DM: Uill, ged a tha mòran làithean-saora an ainm a bhith aig luchd-teagaisg, chan eil fhios a'm dè cho saor 's a tha iad. 'S e beachd gu math ceàrr a th' ann, tha mi a' smaoineachadh, a bhith a' cumail a-mach gu bheil luchd-teagaisg mar gum bitheadh, can, a' sgur aig ceithir uairean, agus gu bheil seachd seachdainean fada aca rè an t-samhraidh. Tha cuid ann a dh'fheumas a bhith ag obair 's ag ullachadh stuth 's mar sin air adhart, agus bha seo gu sònraichte fìor ann an Gàidhlig far a bheil an cuspair, ma thogras tu, cho beag, agus far an robh againne, mar luchd-teagaisg, gu sònraichte fa chomhair cùrsaichean ùra nuair a thigeadh iad a-steach, stuth ullachadh, a chionn agus tha eagal orm gu bheil suidheachadh an airgid a' deachdadh nach gabh cus de dh'fhoillsichearan, mar gum bitheadh, os làimh stuth a chur a-mach airson luchd na Gàidhlig. Chan eil fhios a'm an ionndrainn mi na làithean-saora cho mòr idir, ach bidh rudan ann a dh'ionndrainneas mi ceart gu leòr.

Source Type

Reel to reel

Audio Quality

Good