Search

Luadhadh an Ìle.

Date 24 August 1953
Track ID 7820
Part 1

Track Information

Original Track ID

SA1953.137.A5

Original Tape ID

SA1953.137

Summary

The contributor was at many waulkings. The women waulked with their feet and sang songs.

Item Location

County - Argyllshire

Island - Islay

Recording Location

County - Argyllshire

Island - Islay

Language

Gaelic

Genre

Information

Collection

SoSS

Transcription

Calum MacIllEathain (CM): Am faca sibhse luadh?

John MacCormick (JM): Och bha mi ann ioma uair.

CM: An robh?

JM: Bha. Bha mi aig na luaidh ioma uair agus bhiodh sè cailean air an taobh thall, sè air an taobh a-bhos agus na plangaidean clòimh air meadhan a'... còmhla an dorais, agus an aodach a-suas 's tè d' an casan ris air fad. An tè seo ga chur mar seo 's an fheadhainn thall ga chur mar seo.

CM: Len casan?

JM: Ga luadhadh. Bhitheadh, a' crathadh air.

CM: 'S am biodh iad a' gabhail òrain?

JM: Bhitheadh, bhitheadh.

CM: 'S a bheil sìon a chuimhn' agaibh air dè seòrsa òrain a bhiodh iad a' gabhail?

JM: Tha, tha.

CM: 'S am b' urrainn dhuibh cuid dhiubh a bhruidhinn?

JM: Feuchaidh mi e.

CM: Gun an seinn idir.

JM: Feuchaidh mi e.

Source Type

Reel to reel

Audio Quality

Good