Search

Dealan-dè

Date
Track ID 78709
Part 1

Track Information

Original Tape ID

DealanDe 1989.09.15

Summary

Memories of days spent on St Kilda as a youngster.

Rev. Kenneth MacLeod discusses his memories of the three years that he and his family spent on St Kilda when his father was a schoolteacher and a missionary. He talks about the school, the people and their pastimes.

Item Location

County - Inverness-shire

Parish - Harris

Island - Hirta (St Kilda)

Language

Gaelic

Collection

BBC

Transcription

Coinneach MacLeòid (CM): Cha dhìochuimhnich mi gu bràth an latha a chaidh sinn air tìr ann an Hiort. Chaidh sinn a-mach air an t-seann stìomair, an Dunara. Thog iad sinn anns an t-Òb, agus chaidh sinn a-mach a Hiort. 'S air a ràinig sinn, chaidh sinn air tìr, agus thàinig dithis bhoireannach, thugamsa co-dhiù, 's thog iad mi, uill, tè air gach taobh dhìom, agus bha iad gam thoirt suas chun a' mhansa. Cha robh am mansa ach dìreach os cinn a' chidhe. Agus air a fhuair mi suas gu faisg air mullach a' chidhe ann a shiud, chunnaic mi sealladh uabhasach - seann bhodach agus feusag ghrànda dhubh air, 's chuir e eagal mo mhionaich orm, 's thòisich mi air sgiamhail 's air rànaich, agus thog an dithis bhoireannach a bha seo mi 's thug iad a-staigh dhan a' mhansa mi. 'S e am bodach a bha sin, 's e Fionnlagh MacCuithein a bh' air. 'S e sealladh anabarrach gruamach a bh' ann air a chunnaic mi e an toiseach, 's chuir e eagal orm. Ach fhuair sinn a-mach a-rithist nach robh e cho dona 's a bha e a' coimhead.

Cha deachaidh mo phiuthar a-mach a Hiort idir. Dh'fhan ise am Beàrnaraigh còmhla ri piuthar mo sheanmhar. Ach chaidh mi fhèin 's Ailig a-mach, 's bha sinne ann an Hiort airson trì bliadhna. 'S e m' athair a bha na mhaighstir-sgoile.

Mairead NicIllFhinnein (MN): An robh sin doirbh aig amannan?

CM: Uill cha chreid mi gun robh. Cha chreid mi gun robh, dhòmhsa co-dhiù. Bha... bha eagal gu leòr againn roimhe 's bhiomaid modhail fhad 's a bhiomaid anns an sgoil co-dhiù. Bha eagal againn roimhe 's cha chuireamaid corrag ceàrr fhad 's a bha esan os ar cinn. Ach fhuair sinn air adhart glè mhath leis. Agus feumaidh gun do dh'ionnsaich sinn rudeigin bhuaithe.

MN: An e aon rùm-sgoile a bhiodh ann?

CM: 'S e, dìreach aon rùm, 's aon fhear-teagaisg. Tha leabhar air a thoirt a-mach, 's fhada o chaidh a thoirt a-mach, mu dheidhinn Hiort, agus tha dealbhannan ann, 's tha dealbh ann dhen an sgoil ann an Hiort, na sgoilearan 's m' athair, nuair a bha e na mhaighstir-sgoil ann, agus tha mi fhèin 's Ailig anns an dealbh. Tha mi a' smaoineachadh gur e... gum biodh mu suas ri dusan anns an sgoil uile-gu-lèir. Bha an sgoil agus an eaglais ceangailte ri chèile, agus tha mi cinnteach gum biodh m' athair a' cleachdadh na sgoile mar... mar gun canadh tu, vestry, airson a dhol a-staigh dhan eaglais Latha na Sàbaid.

MN: Bha ur n-athair na mhaighstir-sgoile agus bha e cuideachd a' teagasg ann an Hiort. An robh sin air iarraidh air mus deachaidh e ann?

CM: Ò bha. 'S ann mar mhiseanaraidh a chaidh e a-mach. Ach 's e sin an obair cheart aige, 's na mhaighstir-sgoile a bharrachd air a sin. Rachadh e a ghabhail nan seirbheisean a h-uile Sàbaid. Chan eil cuimhn' a'm a-nis an robh coinneamh ùrnaigh aige. Tha mi cinnteach gum biodh coinneamh ùrnaigh aige tron t-seachdain, ach cha bhiomaid a' dol dhan a' choinneamh ùrnaigh co-dhiù, mas math mo chuimhne. Chan eil fhios a'm an robh. Ach tha cuimhn' a'm aon latha Sàbaid, ò Sàbaid bhrèagha ann, latha Sàbaid bhrèagha samhraidh, agus bha an eaglais rudeigin blàth 's bha an doras, an doras a-muigh fosgailte, 's bha m' athair a' searmonachadh. 'S e bha a' faighinn adhart gu math. Agus dè thàinig a-staigh ach cearc agus suas ri dusan isean, 's thàinig iad a-nuas, suas on an doras suas chun na cùbaid, 's sheall iad mun cuairt 's chaidh iad a-mach a-rithist. A h-uile duine riamh anns an eaglais a' gàireachdaich. Chan eil fhios a'm an cuala iad facal a thuirt m' athair fhad 's a bha seo a' tachairt. Tha cuimhn' a'm air a sin uabhasach math, airson chòrd e rium fhèin.

MN: A bheil cuimhn' agaibh air na daoine, a bharrachd air... dh'ainmich sibh mar-thà Fionnlagh MacCuithein?

CM: Ò bha, bha na daoine... 's e daoine laghach, coibhneil a bh' annta. Am beagan a bh' aca, bha iad ga roinn rinne mar a b' fheàrr a b' urrainn dhaibh. Bhiodh iad a' cur am beatha ann an cunnart uaireannan, a' dol sìos a mharbhadh, fhios agaibh, air na... air na creagan, às dèidh uighean eòin agus às dèidh na h-eòin fhèin cuideachd. Bha iad gam marbhadh, 's bhiodh iad a' toirt thugainne cuid dhe na h-eòin a bhiodh iad a' marbhadh. Sin a chùm beò sinn fhad 's a bha sinn ann an Hiort. Cha robh mòran eile aca.

Bhiodh sgiobairean nam bàtaichean-iasgaich, na tràlairean, bhiodh iad a' tighinn a-staigh dhan a' bhàgh, 's bha iad gu math fialaidh ris na Hiortaich. Bhiodh iad a' toirt dhaibh gual, bhiodh iad a' toirt dhaibh biadh, 's a-rithist bhiodh iad a' toirt leotha litrichean airson am postadh air tìr-mòr.

MN: A bheil cuimhn' agaibh air a bhith a' faireachdainn uabhasach aonranach air an eilean, cho fada a-muigh?

CM: Uill cha robh mise. Cha robh. Fhios a'd, bha sinn... bha sinn ro òg airson... fhad 's a bha an dachaigh againn ann an siud, bha sinn toilichte gu leòr 's tèarainte gu leòr. Ach 's e rud neònach, bha mo mhuime, cha robh mòran tlachd aice anns na h-Eileanan an Iar idir, ged a phòs i duine às na h-Eileanan an Iar, ach cha robh tlachd sam bith aice anns na h-Eileanan an Iar, ach bha an cianalas oirre a' fàgail Hiort. Chòrd Hiort rithe uabhasach math, ged a bha i glaiste ann a shiud airson bliadhna. Ach bha ise uabhasach toilichte ann an Hiort fhad 's a bha i ann. 'S e ban-Sasannach a bh' innte. Tha mi a' smaoineachadh gum biodh mo mhuime, bhiodh ise a' falbh sìos a Shasainn gu a cuideachd fhèin, ach bhiodh m' athair 's sinn fhèin a' dol a Bheàrnaraigh airson mìos. Ach bha ar dachaigh ann an Hiort, agus bha sinn a' faireachadh tèarainte gu leòr ann, 's toilichte gu leòr. Cha chreid mi gun robh mòran cianalais oirnn idir.

MN: Dè na cur-seachadan a bhiodh agaibh às dèidh na sgoile, còmhla ri ur comhaisean?

CM: Cha robh sinne a' cluich còmhla ris na Hiortaich... balaich Hiortaich idir. Bha mi fhèin 's Ailig an-còmhnaidh a' cluich còmhla, mo bhràthair, a' dèanamh a h-uile seòrsa spòrs a b' urrainn dhuinn a dhèanamh, a' toirt a chreidsinn oirnn fhèin gun robh sinn air, chan eil fhios a'm dè, iomadach rud. Bha na clèitean, man tuirt iad, fhios a'd, na taighean beaga a bha lìonmhor ann an Hiort, bha mòran dhiubh sin timcheall 's bhiomaid a' cluich annta sin. Taighean beaga anns am biodh iad a' tiormachadh feur 's rudan dhen t-seòrsa sin. 'S bhithinn... bhithinn fhèin 's e fhèin a' cluich anns na taighean sin. 'S tha cuimhn' a'm aon uair a bha sinn... bha esan na chìobair 's mise an cù, tha cuimhn' a'm air a siud, 's bha crodh anns a' phàirc a bha seo an taobh a-muigh dhen a' mhansa, 's bha mise a' dol timcheall mar an cù a' comhartaich, a' ruagadh a' chruidh. Ò bha mi toilichte gu leòr gus an do thionndaidh tè dhiubh orm, 's thòisich mi air ruith air... ò, chuir i eagal mo mhionaich orm. Bha mi a' ruith sìos a' sgiamhail 's a' bhò às mo dhèidh, 's Ailig a' sracadh a' gàireachdaich.

MN: Cha robh sibh cho treun an uair sin.

CM: Cha robh mi cho treun an uair sin. Ach an dèidh sin cha do ruig a' bhò orm.

MN: Carson a-nist nach bitheadh sibh a' cluich còmhla ri na... a' chlann Hiortach?

CM: Chan eil fhios a'm gu dearbh. 'S e... 's ann glè ainneamh a bhiomaid a' cluich còmhla riutha. Bhiomaid a' cluich nuair a bha sinn san sgoil, ceart gu leòr. Nuair a gheibheamaid a-mach airson àm cluich no mar sin, bhiomaid a' cluich còmhla riutha, ceart gu leòr. Ach chan eil fhios a'm a-nist carson nach bitheadh. Chan eil... chan eil cuimhn' agam idir air a bhith a' cluich còmhla riutha.

MN: An robh iad a' coimhead air, 's dòcha air a' mhiseanaraidh 's air a theaghlach mar dhaoine fa leth?

CM: Tha mi a' smaoineachadh gun robh. Bha... uill, bha iad nan daoine gu leth. Tha mi a' smaoineachadh gur e... 's dòcha gur e sin a bu choireach, ceart gu leòr. Ach a bharrachd air sin, tha mi cinnteach gum biodh obair aig a' chloinn ri dhèanamh anns na dachaighean cuideachd. 'S dòcha nach robh ùine aca airson mòran cluich a dhèanamh.

MN: Às dèidh dhuibhse fàgail, dè cho fad 's a bha daoine air Hiort às dèidh sin?

CM: Nuair a dh'fhàg sinne, nineteen twenty-eight. 'S ann ann an nineteen thirty a chaidh... a chaidh am poball a thoirt às. Dìreach mu bhliadhna gu leth a bhiodh e, an dèidh dhuinne falbh. Tha mi a' creidsinn nach do chuir... nach tug mise for air gun robh... gun robh seo a' tachairt. Ach an dèidh sin, bha... cha robh mòran aca, 's cha robh... cha robh beòshlaint ri chosnadh an siud idir, 's cha robh an còrr ann a b' urrainn dhaibh a dhèanamh ach an t-eilean fhàgail. Cha robh sìon ann dhaibh.

MN: An deach sibh riamh air ais ann?

CM: Cha deachaidh mise. Cha d' fhuair mise air ais riamh ann. Bu ghlè thoigh leam a dhol air ais a Hiort. Chunnaic mi dealbhannan dheth o chionn ghoirid, agus... och, chan e an aon àite a bhiodh ann a-nis, le togalaichean an airm ann. Tha e air atharrachadh gu mòr. Ach cha do... Chùm iad suas am mansa 's an eaglais 's an sgoil. Tha iad sin air an cumail suas fhathast.

Source Type

Reel to reel

Audio Quality

Good