Search

Ochòin a Rìgh Bu Mhi Brònag

Date c. November 1963
Track ID 78909
Part 1

Track Information

Original Track ID

SA1963.60.A3

Original Tape ID

SA1963.060

Summary

In this waulking song, a girl complains that she is being forced to marry a man she does not like. Among other things he is deaf and dun-coloured, and his head is bigger than a peatstack. The second section of the song makes it clear that she loves a man from Lochaber and would like to be with him.

Item Notes

21 lines plus choruses.

See:
'Òrain Luaidh Màiri Nighean Alasdair' (K. C. Craig ed., 1949) p. 42
'Hebridean Folksongs' vol. 2 (John L. Campbell & F. Collinson eds., 1977) pp. 72-76

Language

Gaelic

Genre

Song

Collection

SoSS

Transcription

Falbhan ó hóireann o ho
Ochòin a Rìgh bu mhi brònag
Falbhan ó hóireann o ho
'S mi màireach a' dol a phòsadh
Falbhan ó hóireann o ho
Ri fear odhar, bodhar, brònach
Falbhan ó hóireann o ho
Chan fhaicear an cùirt fir òg thu
Falbhan ó hóireann o ho
'S ann a bhios tu 'n cùil na mònadh
Falbhan ó hóireann o ho
Coin is gillean riut a' còmhstri
Falbhan ó hóireann o ho
'S motha do cheann na chruach mhònadh
Falbhan ó hóireann o ho
Thèid seic' an eich mhòir nad bhrògan
Falbhan ó hóireann o ho
'S cha dèan dà shlat deug dhut còta
Falbhan ó hóireann o ho
'S thèid bolla nad bhonnach còmhla
Falbhan ó hóireann o ho
Falbhan ó hóireann o ho
Falbhan ó hóireann o ho

Mhic Iain Duibh o thaobh Loch Abar
Falbhan ó hóireann o ho
'S truagh a Rìgh nach mi bha agad
Falbhan ó hóireann o ho
Ge b' e àit' am biodh do leaba
Falbhan ó hóireann o ho
'M bàrr nan tonn no 'n grunn nam baidein
Falbhan ó hóireann o ho
No air morghan gorm an aigeil
Falbhan ó hóireann o ho
'S ged tha mis' 'am uiseig riabhaich
Falbhan ó hóireann o ho
Tha mi 'n dùil gun tig gam iarraidh
Falbhan ó hóireann o ho
Teachdaire bho mhac an iarla
Aig a bheil coin mhòr air iallan
Falbhan ó hóireann o ho
'S gearrain a' treabhadh an fhiadhair
Falbhan ó hóireann o ho
Falbhan ó hóireann o ho
Falbhan ó hóireann o ho

Source Type

Reel to reel

Audio Quality

Good